SINE.
A CHARAID, MO RUN,
Tha mise so a rìs ma tha ’n a mo shuidhe gu seasgair ri taobh an teallaich an deidh a bhi buain a’ choirce fad an latha. Chan’eil mi faighinn mo mheoirean ro shubailte airson a’ phinn an deidh na buana, ach ’s mor am faoth-
Bha sibh ag iarraidh orm beagan innse dhuibh mu Shine, bean an tighe agam. Ma tha, bheil fhios agaibh nach ’eil dad agam mu cheann na h-
Thug iad fad an latha sin agus na h-oidhche seoladh suas timchioll a’ Chairbh agus troimh ’n Chaol Arcach. Chaidil i ’n oidhche sin ’s an oisean cheudna agus an uair a dhuisg i an glasachadh an latha nach ann a bha duil aice gu robh i ann an leabaidh an seomar briagha le paipeirean gorma ceithir thimchioll a’ bhalla, ach cha b’ fhada gus an d’ fhuair i a mach nach robh sin ach aon de na caistealan gun bhunait anns a bheil sinn a’ cur ar n-uidh gu minic eadar ar cadal agas ar duisg. Thadhail iad an toiseach aig Stronsaidh, agus air maduinn bhriagha ghrianach sheol iad a steach gu bàgh Lerwick, agus tha sinn a’ creidsinn gu feumadh Sine bhochd a dhol an sin a’ bhliadhna sin airson coinneachadh ri Alasdair Mor. Nach iongantach Freasdal fhein, mar a thuirt Aonghas Chaluim an Taillear againn fhein:
“Freasdal caomh an ti tha riaghladh.
Chum gu miorbhuilleach troimh ghras sinn:
Bheir E reir a ruintean siorruidh,
H-uile ni gu crioch mar ’s aill leis.”
Mise, gu suairce,
ALASDAIR MOR.
title | Sine |
internal date | 1932.0 |
display date | 1917-32 |
publication date | 1932 |
level | |
reference template | Litrichean Alasdair Mhoir %p |
parent text | Litrichean Alasdair Mhoir |