[86]

UAIR AN TIGHEARNA.

FHIR IONMHUINN,

Fhuair sinn na h-orduighean seachad a nise agus tha e mar sin nas fhasa dhomh uine fhaighinn airson sgriobag bheag a chur thugaibh. Bhon a bha Sine aig orduighean Steornabhaighs ann orm-sa thainig an crann airson a dhol a dhUige. Eadar spreidh agus foghar agus tarruing na mònadh, chan urrainn sinn breacan a baile dheanamh comhla agus mar sin bha Sine roinn na creiche aig an tigh air an t-seachduin ud. Chaidh mi null Di-haoine agus thainig mi air ais Di-luain. Bha coimhthionalan mora againn mars abhaist ged a bha sinn ag ionndrain nam balach oga tha air falbh acathachadh air ar son. Bha mi oidhchen Croulistadh comhla ri Aonghas Neill, aguss mor is fheairrde mo chorp agus manam sin. Tha Aonghas lan den t-soisgeul agus ro eudmhor air taobh an aobhair. Co bha aig an ordugh ach an t-Urr. Calum Mac Leoid a Ceann Loch GilipCalum Dhomhnuill Ruaidhministear tapaidh foghainteach a laimhsicheas an Fhirinn gu h-ordail an Gaidhlig agus am Beurla. Bha e fadas an Fhraingn a mhinistear aig na saighdeirean, agus leugh sinn uile le tlachd a chunntas Gaidhlig air a thurus anns anFhianuis Ghaidhealach.”


[87]

Than t-seann uair bheannaichte toiseachadh an diugh aguss mi-fhein a tha deanamh gairdeachais airson sin. Cha datharraich misen t-uaireadair agam am bliadhna, agus cha mho tha duil agam corradh sam bith a chur air na spogan aice ged bhithinn air choinneamh bliadhna eile. ’S docha gur h-ann annam fhein a tha an neonachas ach tha mi den bheachd nach do chuir an t-uaireadair agam car ceart dheth bhon dhatharraich iad an uair as t-earrach, agus tha fhios agaibh fhein nach ann sgodach a tha an t-uaireadair agam-sa. Tha uaireadair gasda aig Sine cuideachd a cheannaich i an uair a bha i aig achutadh an Loustie, achs ann a chuir isen a tamh buileach i an uair a thoisich an uair ur, agus tha i gu tosdach samhach bhon uair sin air a suainneadh ann an cotans achiste, ach chunnaic mi i fiachainn ri beatha churn a cnamhan an diugh an uair a chualis an eaglais an de gum biodh uair an Tighearna air a cumail an deidh so. Tha iad ag radh ruinn gur h-ann airson gual agus solus a chaomhnadh a dhatharraich iad an uair, ’g a cur uair a thide air toiseach airson gu rachadh daoine laighe na bu traithe agus gun eireadh iad uair roimhn am abhuisteach. Tha mi creidsinn gun drinn an t-atharrachadh feum anns na bailtean mora far a bheil moran cosguis air gual agus air solus, achs e beagan feuma rinn an uair ur dhuinne. Tha sinn ag eirighs alaighe aig an am abhuisteach, agus atoiseachadh air ar n-obair


[88] laitheil direach mar a bha mi-fhein an uair a bha mi og am Bostadh. Tha sinn adol don eaglais latha na Sabaid aig an t-seann uair, agus nacheil sin acheart cho math dhuinne. Gun teagamh feumaidh mo charaid, Tormod Taillear, an uair ur a chumail airson aphosta, agus ma bhitheas sinn adol do Steornabhagh le bata-oladh Dhonnchaidh Challanis chaneil againn ach falbh bhon tigh uair athide roimhe uair na greine agus bithidh sinn ceart gu leor.

Sin agabh-se, ma tha, mar a tha sinne cur seachad ar saoghail ann an eilean ar graidh, agus nach iomadh neach a bheireadh òr agus airgiod gun chunntas airson a chrannchur a bhi aige an eilean far a bheil sith agus sonas agus gach neachn a uachdaran air fhein.

Mise agaibh gu suairce,

ALASDAIR MOR.

titleUair an Tighearna
internal date1932.0
display date1917-32
publication date1932
level
reference template

Litrichean Alasdair Mhoir %p

parent textLitrichean Alasdair Mhoir
<< please select a word
<< please select a page