[89]

GOG AGUS MAGOG.

FHIR MO CHRIDHE,

Tha fuachd agheamhraidh air tighinn cheana agus is sinne chuireas an umhail air sin, achs math ged a tha caochladh air iomadh ni anns an lathas a bheil sinn beo, gu bheil foghar agus geamhradh, earrach, agus samhradh, adion-ruith a cheile a reir agheallaidh. Bha mi-fhein agus Calum Sheorais a muigh leis na lin-sgadanach troimhn t-seachduin achs e beag a bhagainn airson sin. Shrachdadh na linn an criathar toll, agus cumaidh sin sinne ri buileg an càradh mar a gheibh sinn fath. ’S e obair anrach neo-chinnteach a tha an iasgach an sgadain mar a fhuair mise mach le geur fhiosrachadh iomadh latha.

Nach mise bhag orduchadh sibh a bhi measg nan ceileach a bha an so an raoir. Co thigeadh an rathad ach mo charaid, Scottie, agus e an deidh na cleibh-ghiomach a churs an loch. Cha robh stigh ach mi-fheins achailleach agus smuid aice-se air deanamh clo-mor. Chunnaic i ann ampaipear an druggistgu bheil iad atoirt ceithir agus sia sgillinn an t-slat air an Glaschu, aguss fhada leatha gus a faigh i crioch a chur air. An deidh dhuinn a bhi comhradh a null agus a nall mu na cuisean abhuisteach, ’s ann a thuirt Scottie rium fhein, “Alasdair, bhon a tha do leirsinn cho


[90] geur a nise, nach toir thu suil air an fhicheadamh caibidil de Leabhar an Taisbeanaidh far a bheil iomradh againn air Gog agus Magog.” Rinn mi sin agus direach an uair a bha mi am meadhon nam briathran co nochdadhs an dorus ach Mairi Mhurchaidh agus i leigeadh seachad na froise. Bha duil aice gur h-ann agabhail nan leabhraichean a bha sinn ach chuir sinn gnothuichean air doigh dhith ann an tiota. “Mhairi,” arsa Scottie, “ ’s ann tha sinne meorachadh air firinnean domhain Leabhar an Taisbeanaidh, agus tha Gog agus Magog for comhair an drasda agus gu dearbh fheines math leam fhein gun dthainig sibh an rathad airsonur beachd a thoirt dhuinn air achuis.” “Ma tha gu dearbh,” arsa Mairi, “ ’s ann agaibh fhein a tha rudg a chagnadh. Cha chuir Gog agus Magog moran sult air an anam agaibh ged bhiodh sibh arannsachadh uime gu Samhuinn.” “Tha sin gle cheart,” arsa Scottie, “ach, a Mhairi, nacheil e air iarraidh oirnn a bhi rannsachadh nan Sgriobtuirean gun dibreadh.” “Ma tha,” arsa Mairi, “cha mhor rannsachaidh a ni h-aon agaibh-se air Leabhar an Taisbeanaidh. Thuirt Mgr. Mac Artair a bhan Uige rium fhein am fianuis Dhomhnuill Moraidh diadhaidh nach maireann, nach robh foghlumaiche air an t-saoghal a bha comasach air ruigheachd air doimhneachd Leabhar an Taisbeanaidh, aguss ceart cho math dhuibh-se sgur dheth latha sam bith. Cha dhearg sibh air.” “Tha mi-fhein,”
[91] arsa Scottie, “den bheachd gu bheil suil aig Leabhar an Taisbeanaidh ris na nithean mora tha tachairt ann ar latha fein, aguss e mo bheachd gu faod Gog agus Magog a bhi ciallachadh aChaesair agus na bruidean a tha e riaghladh anns aGhearmailt. Chaneil teagamh sam bith air nach deachaidh e macha mhealladh nan cinneach a tha ann an ceithir chearnan na talmhuinn,” agusnacheil a shluagh ann an aireamh mar ghainneamh na fairge,” achged do chuartaich iad camp nan naomh agus am baile ionmhuinn,” mar a tha anSgriobtur ag radh, “thainig teine nuas bho Dhia a neamh agus chuir e as dhoibh,” agus a cheart cho cinnteach agus a thachair sin ann an linn an Taisbeanaidh tachraidh an ni ceudna do na Gearmailtich, oirged dhiathadh lamh mu laimh cha teid an t-aingidh as gun pheanas.” Anns achomhradh a bhann co thigeadh a steach ach Eilidh le paipear an t-siucair airson gun deanainn suas dhith e.

Sinn a rinn an surd rithe, agus gun dail chuir Scottie fa comhair acheisd, “Co tha Gog agus Magog aciallachadh?” Bha i greis mhathn a tamh agus an sin thuirt i air a socair, “An uair a bha Muire dripeil adeasachadh, agus i lan dragha mu thimchioll mhoran nithean, ’s e thuirt Iosa rithe, “ach tha aon ni feumail,” agus cha dthuirt in corr mun chuis. Chuir an sin Sine a teangas an deasbud, agus bu mhor mionghnadh fhein cho fada agus a bha i cumailn a tosd.


[92]

Nach e dheanadh an gairdeachas Rainy coir,” arsise, “nam bu bheo e, na faiceadh e an uibhir so de na deisciobuil aige cruinn.” “A,” arsa mi-fhein, “nach tu tha gorm, a Shine, cha thuigeadh e facal de na tha dol, cha robh Gaidhlig aig Rainy ann.”

Chuir cupan den tea crioch air an deasbud, agus ròst Sine na crubagan a thug Scottie dhuinn, agus abradh sibh-se gu robh feisd againn. ’S iomadh duines abhaile mhor a bhiodh taingeil airson a bhi cho faisg air stuth na traghad agus a tha sinne. ’S iad nach ruigeadh a leas a bhi gun annlann fhads a bhiodh maorach agus crubagan agus bairnich aca, cho pailt agus a tha iad againne.

Soirbheachadh leibh agus roimhibh.

Mise, le speis,

ALASDAIR MOR.

titleGog agus Magog
internal date1932.0
display date1917-32
publication date1932
level
reference template

Litrichean Alasdair Mhoir %p

parent textLitrichean Alasdair Mhoir
<< please select a word
<< please select a page