[93]

AN NOLLAIG.

A CHARAID CHOIR,

Seachduin bhon diugh, direach an latha bhios an ath Ghazette ann an lamhan nan leughadairean, bithidh latha Nollaige eile air tighinn mun cuairt ann an lanachd na h-aimsir agus do bhrigh sin bu mhiann leam am bliadhna rithist, Nollaig chridheil chairdeil a ghuidhe gu durachdach do gach neach leis an toil a bhi leughadh na litreach so bho sheachduin gu seachduin. Chaneil ni is motha bheir de thoileachasg am ionnsuidh-sa na bhi cluinntinn bho iomadh cearnaidh gu bheil iarmad ann de luchd na Gaidhlig a tha faighinn toil-inntinn agus sugraidh ann a bhi leughadh mu chuspairean de gach seorsa anns an litir so, aguss e mo dhochas gum bi mi comasach iomadh seachduin fhathast air mo pheann a ghleusadhs an aon oidhirp ged a dhfhaodadh iomadh uair gur h-ann tioram bochd a bhiodh mo sgiala. Chaneil neach air an talamh is fiosraiche na mi-fhein air anmhuinneachd na h-oidhirp litreachais so aig iomadh uair, ach tha fhios agam gun gabh mo leughadairean mo leth-sgial. “ ’S fhearr cuilean beo na leoghann mharbh,” mar a thuirt an sean-fhacal, agus creididh mi gur h-iomadh Gaidheal agus bana-Ghaidheal choir, gu h-araidh an tir choimhich, a ni gairdeachas ris abheagan de Ghaidhlig a chi iad anns aGhazette, biodh an litreachas sin suspainneach-


[94] no bochd. Bha mi cho toilichte chluinntinn bho mo charaid, Ruairidh Mac Leoid, Inbhir-nis, a tha air ur-theachd a nall a Canada gun do thachair ris air a chuairt an sin moran a tha leughadhlitir Alasdair Mhoirle deagh thoil. Tha moran diubh sin is aithne dhomh fhein gu pearsanta, cairdean agus companaich moige, agus tha mi ruith thairis orra uilen am inntinn aig an am so, agus aguidhe dhoibh gach beannachd bho na h-ardaibh. Achuid de mo leughadairean a tha air an sgapadh anns gach cearnaidh fon ghrein, agus nach aithne dhomhs an fheoil, gu robh buaidh orra uile agus gu ma fada beo iad gu bhi cumail suas cliu nan Gaidheal ri aghaidh nan coimheach, “Dian a thoiseach,” gu robh aca uile mar shuaicheantas spioradailn an iomairts an t-saoghal so, agus tre chreideamh bidh iad comasach air cathachadh gu buadhmhors an deagh chomhrag, agus fàileadh cubhraidh an deagh chaithe-beatha fhagail as an deidh. Gu robh sin fior mur deidhinn uile.

S e an Nollaig am na sithe agus na deagh ghean, a chionn an uair a dhfhoillsicheadhs an fheoil an Slanuighear beannaichte air achiad oidhche Nollaige ud, gun dthug e leis don t-saoghal so teachdaireachd na beatha agus na reite ris an drinn neamh agus talamh gairdeachas, agus tha an t-aoibhneas sin ag iomairt air feadh an t-saoghail so fhathast agus a fas gach latha nas gloirmhoire


[95] gus an cluinn iomall crich gach tire an caithream. An ionghnadh mar sin ged dheanamaid gairdeachas aig an am so a ris agus ged chuireamaidn ar cuimhne as ur gun drugadh dhuinne Slanuighear ann am baile Dhaibhidh neach is a Criosda an Tighearna. Bidh sinn acuimhneachadh air a cheile le tiodhlacan mar onair air an tiodhlac is motha thainig riamh a dhionnsuidh an t-saoghail so, an leanamh Iosa, agus bithidh ar bàidh agus ar carthannas adol a mach do gach treubh agus cinneach fo shileadh nan speur, oir tha cuibhrionn againn uile an ullachadh slighe na slainte, agus tha sin mar bhann diomhair aceangal ri cheile gach neach de shliochd Adhaimh fon domhain. ’S e mo ghuidhe mar sin gum bi an Nollaig so dhuinn uilen a am urachaidh agus neartachaidh agusn a mheadhon eifeachdaich ann a bhi cur surd ri ar n-anam gu bhi dol an sas ri obair bliadhna eileg ar coisrigeadh fhein as ur gu bhi dioghlum gu dichiollach anns an achadhs am faod ar crannchur a bhi air a shuidheachadh. Dia an deireadh na bliadhna so agus Dia an toiseach na bliadhna so agus Dia an toiseach na h-ath te.

Leis na beannachdan agus gach deagh dhurachd do gach neach bhon ghrein leis an caomh aGhaidhlig.

Mise agaibh, le muirn,

ALASDAIR MOR.

titleAn Nollaig
internal date1932.0
display date1917-32
publication date1932
level
reference template

Litrichean Alasdair Mhoir %p

parent textLitrichean Alasdair Mhoir
<< please select a word
<< please select a page