[102]

BODACH BHARRAIDHI.

FHIR MO CHRIDHE,

’S a’ mhaduinn an de an deidh dhomh mo lite ghabhail gu socair, thog mi mo chliabh orm gu dhol a mach do na Sitheanan a dhiarraidh cliamh mònadh. Taing don t-sealbh ged a tha iomadh aite air feadh na Gaidhealtachd agearan air cho donas a tha an connadh am bliadhna, tha an deagh mhòine againne muigh anns na Sitheanan, aguss mor an trocair sin fhein anns agheamhradh ghortach a tha so. Choinnich bean Bhill rium aig Ceann aMhorghain agus i trang adeanamh dath guirmean anns an amar dhatha, agus bha greis de chomhradh againn mu naidheachdan abhaile, agus air dhuinn a bhi bruidheann a null agus a nall, bha bean Bhill den bheachd nach biodh moran bhainnseans an eilean


[103] am bliadhna leis cho bochd agus a bha am buntata. Ghabh mi mach air mo shocair agus air dhomh bhi ceum no dha seachad air an eaglais Mhoderate, chunnaic mi braisiche de bhodach sunndach sgiobalta atighinnn am choinneamh. Bha e mu mheudachd Mhurchaidh Knocs, ach dhaithnich mi nach be an cumadh aig mo nabuidh a bhair achoisiche idir. Mar bu thinne bha e tighinn orms ann is motha bha e dol as maithne, agus rinn mi suas minntinn gur h-e coigreach a bha ann— ’s docha fear as an Taobh-siar atighinn gu bean Bhill airson ballan a chur air. Chomhlaich sinn an sin agus chuir an duine latha math orm le fiamh gairen a ghnuis. “Tha sin ann,” arsa mise, “co as a thug sibh fhein achoiseachd?” Bi sinnen comhnuidh adeanamh beagan ceasnachaidh mar sud air coigreach a choinnicheas ruinn, ach chan ann le cion amhodha tha sinng a dheanamh idir, ach tre choibhneas agus deagh-run, agus le deidh air eolas a chur air gach duine aig a bheil aGhaidhlig. “Ma ta, Mhoire,” arsesan, “thainig mise a Bagh aChaisteil am Barraidh. Chaill mi mo dheagh bhàta-iasgaich troimhn gheamhradhchaidh i air na creagan orm, agus tha in a mile clàr. Bithidh mi leughadh litir Alasdair Mhoir anns aGazettepaipear Leodhais mar a chanas sinn, agus chunnaic mi gu bheil birlinn thapaidh aig fear ris an can iad Calum Sheoraiss an eilean so agus thainig mi dhaon sgriob airson a ceannach uaithe ma ni airgiod e.” “Dhuine chridhe,” arsa mise, “nach iongantach
[104] mar a thachras na daoine— ’s mise Alasdair Mor ma tha a tha bruidheann ruibh.” “Cuir a sud i, laochain,” arsam Barrach,” ’s e toirt an crathadh laimhe suigeartach sin dhomh; nach mise tha toilichte tachairt ort. Mhoire, ’s iomadh oidhche bhios mi-fhein agus Barabal, mo bhean, aleughadh do litreach, agus a bheil fhios agad gu saoil mi gum bu choir dhomh thu fhein agus Sine agus Bill agus a bhean, Scottie agus Mairi Mhurchaidh agus Tormod Og aithneachadh, leis cho tric agus a bhios tu toirt luaidh orra anns an litir.” “Cha bhin corr mu dheidhinn,” arsa mise, “tillidh mi comhla riut agus theid sinn sios a dhionnsuidh an tighe agam agus tha chuid is motha de na daoine dhainmich sibh air urlar abhaile againn fhein agus gheibh sibh eolas orra gu leir mu falbh sibh.” Thill mi air mo shàil comhla ris abhodach, agus thoisich sinn air seanachas. “ ’S cinnteach gu robh sibh aig an iasgach,” arsa mi-fhein. “Moire, bha,” arsesan, “ceithir seusanan fichead, eadar Obair-Dheathain, ’s aBhruaich, ’s Finaty, Loustie agus Yarmus agus bha mi da sheusan aig fior iasgach bochd an Steornabhagh.” “Bha mi-fhein anns gach baile dhainmich sibh,” arsa fhein, “agus gu dearbhs ann comhla rium bha am fior dhuine gasda, fear Ioseph Mac Ghille Fhaolain a Bagh aChaisteil, abhliadhna mu dheireadh a bha mis aBhruaich. Bheil fhios a bheil e beo?” “Tha,” arsesan, “ ’s e nabuidh dhomh-sa tha sin, bodach gasda reidh ach tha e air fas gle lapach a nise. Tha
[105] teaghlach mor ghillean aige, agus tha dithis dhiubhs an Spainn an drasda atoirt a mach driachd na sagartachd.” “ ’S mi tha toilichte sgiala fhaighinn air,” arsa mise, “agus tha fhios agam gum bi esan toilichte naidheachd fhaighinn orm-sa.” Thoisich sinn an sin air bruidheann air maighstirean de iomadh seorsa a bha oirnn aig an iasgach, cuid dhiubh carachs cuid dhiubh onarach, direach mar a thachras ris gach neach a bhios afalbh leis aphoca bhàn. “Cha robh mi-fhein riamh cho sunndach,” arsam Barrach, “bhon sguir mi dhol a dhionnsuidh an iasgaich. Dhuine, ged a bha an obair cruaidh anrach, caithriseach, agus an t-allaban mor seach mar a tha tachairt ri iasgairean an lathan diugh, nach biodh e, Alasdair, gasda bhi smaoineachadh air tighinn gu port oidhche Shathurna, agus do dheise Shabaid agus do cholair geal a chur ort, agus sgriob a thoirt sios an t-sraid le do phiobn a do phluic agus do lamhann ad phocaid mar gum biodh smior an duinuasail ann. Chan aithnicheadh duine oirnn air an t-sraid gu robh sinn cho dubh ris an tearr fad na seachduineach. Cho tric, a dhuine, ’s a bhiodh na caileagan fhein asealltuinn as ar deidh, agus adeanamh casad grinn bhon anail fiach an tionndaimid riu, ach cha do leig mi-fhein orm riamh gu faicinn iad.”

Cha do leig no mi,” arsa mise, “ach gu dearbhs ann aig an iasgach a chuir mi-fhein seachad na bliadhnaichean bu shona bha agam riamh. Bha mi


[106] og laidir an uair sin agus cha robh uallaichean an t-saoghail acur dragha sam bith orm, aguss mi bha suirghe air achaileig ghasda an uair sin, ach dhfhalbh i le fear eile aguss ann anrach a bha cuairt.” Fois shiorruidh gu robh aig a h-anam,” arsam Barrach, “ ’s ann mar sin a bhios. ’S ann aig an iasgach a thachair mi-fhein agus Barabal ri cheile an toiseach, agus bu ghrinn i an uair sin ged a tha i faighinn aphension bho chionn deich bliadhna.” “Bha mi-fhein agus Sine aig an iasgach comhladh cuideachd,” arsa mi-fhein, “ach bha an t-suirghe againn air clach an turramain an uair sinachs e boirionnach lamhchar glic a bhinnte riamh. Cha robh ginn a latha chumadh achoinneal rithe ann an cutadh, agus ann an càradh an sgadain fhuair i an t-urram anns gach port-iasgaichs an robh i.”

Bidh mi bruidheann mu fhailte Sine air aBharrachs an ath litir.

Mise agaibh,

ALASDAIR MOR.

titleI
internal date1932.0
display date1917-32
publication date1932
level
reference template

Litrichean Alasdair Mhoir %p

parent textBhodach Bharraidh
<< please select a word
<< please select a page