[141]

BODACH BHARRAIDHX.

FHIR IONMHUINN,

Chan’eil cuimse idir air cho math agus a chord an latha ud an Circebost ri Mac Neill. Tha mi creidsinn nach do sguir e bhruidheann fhathast air a choinneamh ri Scottie, agus gu dearbh tha mi-fhein cho toilichte gun do thaitinn achuis ris cho gasda a chionn gur h-annn am luib fhein a bha e. Tha mi den bheachd gu robh beagan de dheagal air an uair a thainig e don eilean againn, gum biodh feadhainn acur teagaimh ann a chionn gur h-ann de dheaglais na Roimhe bha e, ach mo lamh-sa, nach do thachair ni den spiorad sin ris an so idir. ’N uair a rainig sinn dhachaidh am feasgar ud bha am bodach bochd sgith, agus cha robh ionghnadh ann. Thairg Scottie tighinn timchioll leis an eathair aige fhein leinn, ach bhon a bha aghaothn ar n-aghaidh, cha robh sinn airson dragh a chur air, agus ghabh sinn achas dha, agus rainig sinn Breacleit bial ri bials an oidhche. Dhfhairich sinn an luinneag fhonnmhor sin air oran an uair a bha sinn suas slios na bruthaich a dhionnsuidh an tighe, agus chuir sud surd iongantach air aBharrach. “Cha do chuir creideamh Knocs glas-ghuib air orain Ghaidhligs an tigh agad-sa co dhiu, Alasdair,” arsesan. “Tha min dochas nach tig an latha orm-sa anns nach gabh mi ceathramh orain an am riatanach,” arsa mise:


[142]an dileab is fhearr a thagam, ceol mo shinnsir, nach bu bhochd gun cuirinn cul ris.” “Leora fheine, bu bochd, Alasdair,” arsa Mac Neill, ‘ach nach bochd nach sealladh na Gaidheil uile air a ghnothuch anns an t-sealladh sin.” ’N uair a nochd sinn a stigh co bha romhainn ach Aonghas Sheorais, agus Sine gu trang ag ionnsachadh oran Mhic Neill, “Birlinn Chiosamuil,” dha. Bham bocsa aig Sine agus ig a chluich agusg a sheinn aig an aon am agus Aonghasg a leantuinn. Thog sinn an t-seirm comhla agus abair thusa gu robh ceol gasda an tigh Alasdair Mhoir am feasgar ud. Bha neapaicir-pòca an laimh an urra aig Sine agus am Barrach agus bha sinn uile cumail tide ris gach crathadh a bheireadh Mac Neill as. Thoisich an sin am Barrach air seinn seann orain a dhionnsaich e fhein an uair a bha e og, agus cha mhor nach robh Sine agus Aonghas Sheorais air mhire leis cho math agus a bha achuis acordadh riutha. Ghabh eTaladh Chriosda”; “Na Reubairean”; “Oran Maistridh,” agusGur milis Morag,” agus gu dearbh tha mi-fhein duilich nacheil mi math air togail fhonn; nam biodh cha bu chion nach bfhiach an fheadhainn ud an ionnsachadh. Thoisich Sine ri naidheachd ar turuis a ghabhail agus rinn i fhein agus Aonghas Sheorais gairdeachas morn uair a dhinnis Mac Neill dhoibh gun do gheall Scottie dha eathair calma thogail air leth-chiad not. “Bidh Calum mo bhrathair gle thoilichte gun deachaidh leibh,
[143] a Mhic Neill,” arsAonghas; “tha mi creidsinn gun dinnis e dhuibh an t-aobhar airson nach burrainn e fhein dealachadh ris abhirlinn.” “Leora, dhinnis,” arsam Barrach, “agus gu robh comhnadh Chriosda agus Mhuire leiss an ni a tha duil aca thoirt air aghaidh.” “Ma tha, Mhic Neill,” arsa mi-fhein, “bhon a tha sibh fheinn ar bodach cho gasda agus sibh a nise air beagan eolais a chur oirnn, ’s fhearr dhuibh fuireach comhla ruinn fhein gus am bi Scottie deiseil den eathair agaibh. Cha mhor an t-atharrachadh dhuibh e, aguss e lan dìthur beatha.” “Leora,” arsam Barrach, “cha be ruith ach leum, ach de ni Barabal bhochd leatha fhein. Chan e ceum cion an airgid a thoirre, ach cha cheannaich or air an talamh searbhanta am Barraidh an diughtha gach nighean og mar a dhfhagas an sgoil atoirt Ghlaschu oirre, agus ged a tha sin fortanach do chuid, tha iarmad dhiubh a tha toirt aiceid am bàis as. Tapadh leibh-se, Alasdair, airsonur fiathachaidh; cha chreid mi gun do thachair daoine riamh rium cho gasda ri muinntir an eilein so. Tha mi direach mar gum bithinn aig an tigh, agus tha min dochas gun teid sibh fhein agus Sine air chuairt do Bharraidh comhla rium an uair a bheir mi bhirlinn ur aig Scottie dhachaidh.” “Ciatach gasda,” arsa mi-fhein agus Sine a bial a cheile; “chaneil dad a dhfhios nach tachair sin.” “Bha mise cho fada ri Beinn-na-faoghla bho chionn suas ri fichead bliadhna,” arsa mi-fhein ri Mac Neill, “agus na
[144] faiceadh sibh-se am beo suigeartach a thainig anns abhodach an uair a chual e so. “Bha, ma tha,” arsa mi-fhein; “chaidh mi ann comhla ri caraid còir dhomh am Breascleit ris an can iad Domhnull Mhurchaidh Piobaire. Bha e ceannach eathair am Beinn-na-faoghla agus chaidh mise air an sgriob ud comhla ris direach airson beagan de na h-Eileanan an Iar fhaicinn. ’S e sgriob mhor a bhann gun teagamh. Chaidh sinn a Steornabhagh gu Caol Loch-aills, bho Chaol Loch-aills gu Port-righ far an do dhfhuirich sinn oidhche, agus air an ath mhaduinn sheol sinn gu math trath a Port-righ, atadhal aig Tairbeart na h-Earadh agus Rodal, agus chaidh sinn air tir ann aLoch-nam-madadh. Cha robh sinn riamh roimhe air an astar agus bha sinn mar sin tur aineolach air an t-slighe. Ach thachair oirnn an Loch-nam-madadh creutair leis achruith-fhear, Alasdair Mac Fhearguis, a Lochephort, agus thug e sinnn a charbad fhein a dhionnsuidh an tighe aige agus sinne fhuair gabhail ruinn gu cairdeil an oidhche sin. Lar na mhaireach, thug e sinnn ar dithis gu Cairinis agus a sin a null air an fhaoghail mhoir astar choig mile. ’S e sealladh miorbhuilleach a thas an fhaoghail ud an uair a tha muir-traigh ann. Bha lochan domhain an sud agus an so anns aghainmhich, agus bha an t-eachs an carbad air uairibh cha mhor aseoladh cruinn cothrom annta. ’N uair a rainig sinn Gramasdal,
[145] sheol ar caraid sinn gu Mgr. Iain Mac Ghille Mhaoil, Mgr. Iain, mar a chanas iad rissagart Bheinn-na-faoghlale cinnt gun cuireadh esan ceart sinn a thaobh na slighe. Cha bu lugha dad an aoidheachd a fhuair sinn bho Mhgr. Iain ged a bha sinnn ar tur choigreach dha. Be fhein am fior Ghaidheal gu bhrogan agus gu dearbhs e mo ghuidh fhein gun teid leis gu math air cheann nan eil-thirich a tha dol a thuineachadh an drasda an Aird-Mhoire an Alberta. ’S ann air oidhche Shathuirne rainig sinn Mgr. Iain, agus chaidh mi-fhein agus Domhnull gu Aifrionn (Mass) maduinn Di-domhnaich, agus chuala sinn searmon soisgeulach an deagh Ghaidhlig bho Mghr Iain, a cheart cho soisgeulach agus a chluinninns an Eaglais Dheirg, ach direach gu robh altair agus coinnlean agus deilbh mu mo choinneamh.” “Mo bheannachd aig do sgiala, Alasdair,” arsa Mac Neill, “ ’s ann a gheibh thu fhein agus Sine an searmon math ’n uair theid sibh do Bharraidh ’s an eathair ur agam-sa.

Mise, le meas,

ALASDAIR MOR.

titleX
internal date1932.0
display date1917-32
publication date1932
level
reference template

Litrichean Alasdair Mhoir %p

parent textBhodach Bharraidh
<< please select a word
<< please select a page