BODACH BHARRAIDH—XII.
FHIR IONMHUINN,
An uair a dh’ fhalbh Tormod Hyder an deidh dha fhein agus Mac Neill a bhi socrachadh cuisean nan eaglaisean eatorra, thog mi-fhein agus mo charaid oirnn suas a dh’ amharc air bean Bhill. Bha mi duilich gu robh e car fada ’s an fheasgar mu’n d’ rainig sinn, ach theab nach sguireadh am Barrach agus Tormod de’n deasbud a bha aca, ach gu dearbh ’s mise bha toilichte gu’n do thachair iad. Rinn Mac Neill moladh mor air an ionaltradh a bha aig inntinn Thormoid, agus ’s an dealachadh thuirt e ris gu’m biodh esan ag urnuigh air a shon co dhiu bhiodh e beo no marbh. Chord an coibhneas sin gle mhath ri Tormod agus thuirt e ris gu’m bu mhath leis-san Criosduidh treibh-dhireach de eaglais sam bith a bhiodh a’ deanamh guidhe airson anaim. An uair a rainig sinn tigh Bhill thainig am boirionnach coir ’n ar coinneimh do’n dorus agus chuir i failte agus furan oirnn. “Ma tha, bhean Bhill,” ars’ am Barrach, “ ’s mise tha toilichte ’ur faicinn aig ’ur teinntein fhein. Mar a dh’innis mi dhuibh cheana an uair a thachair sibh rium an tigh Chaluim Sheorais, ’s iomadh bliadhna bho na chuala mi iomradh oirbh an toiseach, agus is tric a bha mi ’g urnuigh gu’m biodh sibh air ’ur caomhnadh fada gu bhi deanamh cobhair air luchd
“Dhé, beannaich an tigh,
Bho steidh gu staidh,
Bho chrann gu fraigh,
Bho cheann gu saidh,
Bho dhronn gu traigh,
Bho sgonn gu sgaith,
Eadar bhonn agus bhraighe,
Bhonn agus bhraighe.”
“Nach’eil an rann sin ciatach a nise, Mhic Neill,” arsa bean Bhill: “ ’s iomadh ministear agus ceistear agus eildear a thainig a steach air an starsaich so bho chionn iomadh bliadhna ach cha chuala mi duine riamh a’ beannachadh m’ fhardaich gus an d’ thainig Papanach a Barraidh a dh’ amharc orm, agus tha lan fhios agam gur h-ann bho dhurachd cridhe tha sibh-se cur suas an achanaich sin air ar son, agus cha mhisde sinn idir e.”
“Bha na seann daoine do ’m bu dual a bhi gabhail nan rainn ud ’n an daoine diadhaidh durachdach,” arsa Mac Neill; “sud an t-am anns nach robh ach an aon eaglais againn agus an t-aon doigh aoraidh, agus sin far an robh na laithean sona.” “Tha sibh ceart, a Mhic Neill,” arsa Bill, “ ’s e roinnean nan eaglaisean againn a rinn a’ chreach mhor oirnn uile.” “Agus a nise, bhean an tighe,” ars’ am Barrach, “ciamar a fhuair sibh fhein eolas air a’ bhallan air a bheil sibh cho
“Tha sin ceart,” arsa bean Bhill: “chanadh na seann daoine gu robh bad beag de thalamh am Bearnaraidh Bheag anns an robh de luibhean na leighiseadh gach galair an Leodhas, ach chaidh na cuisean sin air di-chuimhn air sluagh an latha ’n diugh.”
Am measg a’ chomhraidh a bha ann, bha bean Bhill gu trang a’ deanamh tea agus mu’n d’ falbh sinn chaidh suipear ghrinn air ar bialamh. Na’m biodh cuimhne agam-sa air gach cuspair air an d’ thug sinn lamh an oidhche ud, ’s iomadh litir a dheanadh e suas, ach ged nach urrainn mi aithris a dheanamh air conaltradh a’ cheilidh ud gu leir, ’s iomadh latha bhios cuimhne agam fhein air carthannas na cuideachd—agus gu dearbh cha bhi cuideachd sam bith far am bi Mac Neill Bharraidh ’s a’ chathair, gun deagh chur seachad oidhche aca. Leugh e cupa bean Bhill an deidh do ’n tea a bhi seachad agus cha bu chion nach robh fortan a’ feitheamh oirre anns na laithean ri teachd. Sheinn e fear no dha de na seann orain air a bheil e fhein cho fileanta, agus le sin sgaoil taghadh a’ chomhlain an oidhche ud.
Mise agaibh,
ALASDAIR MOR.
title | XII |
internal date | 1932.0 |
display date | 1917-32 |
publication date | 1932 |
level | |
reference template | Litrichean Alasdair Mhoir %p |
parent text | Bhodach Bharraidh |