[159]

BODACH BHARRAIDHXIV.

FHIR MO CHRIDHE,

Thainig an nis an t-am anns am feumadh Mac Neill còir Bearnaraidh fhagail, agus gu dearbh ged nach robh e comhla ruinn ach coig latha feumaidh mi-fhein agus Sine aideachadh gur fhada an uine bho nach do chuir sinn eolas air Gaidheal cho còir agus air duine anns a bheil inntinn shuspainneach thabhachdach. Bha fhios agam bhon a bha mig an coinneachadh aig an iasgach gur h-e bodaich fhior ghasda bham Barraidh, ach gu cinnteach cha chreid mi nach tug Mac Neill barr air gach aon diubh. Fhuair mi litir bho Pheigi, mo nighean, a Glaschu an uair a bha am bodach còir air aoidheachd oirnn, agus de thagaibh air, nach robh ig radh gu robh moran de msheann chairdean an Glaschu fo mhor ionghnadh gun toireamaid fasgadh do Chaitliceach am Bearnaraidh. Gun teagamh thuirt Peigi nach robh leth uibhir de ionghnadh orra de mthaobh-sa chionn gu robh mi eolach air moran as an eaglais ud aig an iasgach fad iomadh bliadhna, “ach airson mo mhathar dheth,” arsa Peigi, “te tha dol don eaglais a bheil i dol, agus i sin cho fada sios air creideamh aPhapa, chaneil fhios aca de their iad— ’s ann a tha eagal orra gum bi i bho chionn ghoirid ag aomadh a null gu iodhal-aoraidh mar a tha iad fhein.” ’N uair a leugh Sine an litirs i trang alionadh cliabh-innearach


[160] aig an am, cha dthuirt i facal ach rinn i lasgan mor gaires thog misen cliabh oirre agus dhfhalbh i gu sunndachs smuid aice air seinnSteornabhagh.” Ach a dhuine chòir, chan urrainn mise faighinn thairis air aineolas dhaoine eadhon anns alinn shoilleir a tha so, an uair a tha iad asmaoineachadh gur h-ann air an guaillinn fhein a tha trom eallach na diadhachd gu leir, agus nach urrainn maith spioradail no aimsireil a bhi air fhaighinn an taobh a muigh de chriochan na buidhinn am measg a bheil iad fhein ag aoradh. Ged nach biodh ann ach sin fhein, gu dearbhs iomadh ni dhfhoghlum mi feadh nan coig latha ud le bhi cur mo chomhairle ris aBharrach, aguss ann an uair a ni sinn min-rannsachadh oirnn fhein a chi sinn cho fior bheag agus a than ar cridhe de spiorad Chriosda a dhfhag eisempleir cho simplidh againn, ach an uair a bhios sinne atomhas ar maithis ruinn fhein agus ri ar coimhearsnaich chan urrainn sinn ach a bhi fada fada cearr.

Bha oidhche ghasda chaidreach againns an tigh agam am feasgar mun dfhag am Barrach. Chuir sinn fios air Bill agus a bhean, Calum Sheorais agus a bhean, Mairi Mhurchaidh agus Barabal, Tormod Og, agus saor na birlinn, Scottie. Ghabh gach neach ris achuireadh agus bha cupa den tea againn ann an toiseach na cuise. Chuir mi-fhein failte agus furan air achomhlan agus dhaithris mi mun toileachas a thug ceilidh


[161] goirid Mhic Neill dhuinn uile, agus gu robh sinn an dochas nach di-chuimhnicheadh e sinn ged a bha e dol air ais do eilean fhein. Dheirich an sin Tormod Og air a shocair fhein agus labhair e mar so:— “Alasdair Mhoir agus a Shine, ’s ann ruinn a chord an tea thug sibh dhuinn a nochd, agus gu dearbhs mi-fhein a tha fior thoilichte bhi measg achomhlain inntinnich so a chruinnich airson soraidh a ghabhail le Mac Neill Bharraidh an deidh a chuairt bhign ar measg. Tha morang a radh mu aonadh nan eaglaisean an diugh, agus des fhearr na aonadh fhads a tha e air bonn ceart sgriobtuireil, ach tha sinne an so a nochd acuideachadh le spiorad an aonaidh sin an uair a tha sinn cruinn as gach buidheann timchioll air an tea agus sith agus toilinntinn ariaghladhn ar measg. Bha lathan ar tir anns nach bu toil le aon den Eaglais Shaoir a bhi eadhon atighinn as amhòine comhla ri Moderate, mun cuireadh e fuachd spioradail air inntinn, ach nach fhada uaithe sin a tha sinne nochd. Bha mi-fhein ann an comhradh Mhic Neill uair no dha bhon thainig e do Bhearnaraidh, agus an uair a bha e fosgladh suas dhomh puingean air an robh minntinn dorcha, ’s en Sgriobtur a thainig a dhionnsuidh minntinn so. “Thigeamaid a nis agus tagramaid ri cheile,” aguss e mo bheachd nam biodh am barrachd den spiorad sinn ar measg an diugh gun luathaicheadh en latha tha air a ghealltuinn anns am bi aon treud ann agus aon bhuachaille.”


[162]

Thug am Barrach taing don chuideachd mar so: “A chairdean gradhach, ’s ann gle shona bha mise gach mionaid bho na chuir mi mo chas air fearann Bhearnaraidh an toiseach. Thainig mi mar a tha fhios agaibh air tòir birlinn, agus ged nacheil mi dol dachaidh leatha mar a bha duil agam, tha a togail anns na deagh lamhan aguss cinnteach mise nach bi oir oirre an uair a bhios i deiseil. Chuir briathran Thormoid gairdeachas air manam, agus cha bann an diugh non de a thoisich esan air dioghlums an achadh spioradail anns a bheil eg iomairt. Cha di-chuimhnich mise cairdeas agus bàidh muinntir Bhearnaraidh am feasda aguss e mo ghuidhe gum bi beannachd Dhen ar bascaid agusn ar stor, agus sonas agus àdh oirbh gu deò.”

Mise agaibh,

ALASDAIR MOR.

titleXIV
internal date1932.0
display date1917-32
publication date1932
level
reference template

Litrichean Alasdair Mhoir %p

parent textBhodach Bharraidh
<< please select a word
<< please select a page