[107]

BODACH BHARRAIDHII.

FHIR IONMHUINN,

’N uair a bha mi-fhein agus am Barrach suas an lonaig adeanamh direach air an tigh, agus sinn fhathast a bras-sheanachas mun iasgach, chunnaic mi Sinen a seasamh anns an dorus agus a lamh eadar is aghrian— ’s e sin fasan a bha aice riamh co dhiu bhiodh dearrsadh greine ann gus nach biodhaguss math a dhaithnich mi gu robh i gabhail du-fhadachd nach robh mi ruigheachd leis achliabh-mhònadh, agus gun fàd aice chuireadh i air an teine ach pluitean abhugha ghlais nach dean dad leotha fhein ach ceo tuchanach. Bha mi deimhinn nach robh ig am aithneachadh gu h-araidhn uair a bha an cliabh falamh air mo ghualainn, agus mar bu mhotha bha sinn adol as a h-aire thoisich i air sgioblachadh an aparain phoca a bhoirre agus bha earbaill den dosan liathg an grad-shliobadh bho sgòd achurraic. “ ’S mise thann, a Shine,” arsa mi-fhein, aird mo chlaiginn, “agus tha Barrach coir agam comhla rium an so agus sparr an coire air cho luaths a rinn thu oidhche do reitich.” “Bucach,” arsise, “de feum dhuit Bucach a thoirt an so agus gun Bheurla agam-sa dha.” Thug osna laidir den ghaoithn iar-dheas mo theachdaireachdg a h-ionnsuidh am mearachd


[108] ach cha bfhada gus an drainig sinn an dorus agus thug mi dhith eolas air Mac Neill a Barraidh, a thachair orm ann an doigh cho iongantach air amhaduinn ud. Rinn Sine surd nach robh gann ris abhodach.” “ ’S iomadh latha agus bhliadhna,” arsise, “bha nach fhaca mise Barrachchan fhaca bho na bhliadhna mu dheireadh a bha mi aig achutadh, agus eudail fheine, ’s iomadh ceann a chaidh an currac bhon uair sin. Gu dearbhs e fior dheagh eolas a bha agam-sa air muinntir Bharraidh aig an iasgach, agus tha sibh-se gle dhi-beathta fo na cabaran so fhads a bhios sibh anns an eilean.” Bha Sine ann ameadhon dheanamh mharagann uair a rainig sinn, agus bhan droch mhoine a bha aiceg a fagail car goirid anns an nadur, ach an uair a chuir i eolas air aBharrach cheanalta bha gach cuis gu reidh socrach, agus cha bfhada gus an do chuir i rian air an deagh thea agus ar leor de mharagan faladh air an deanamh ann am maodal mhor na caorach, agus dhitheadh sibhur meoirean as an deidh leis cho blasda cailmhor agus a bha iad. ’S e rud a bfhearr den chuis uile am moladh iongantach deas-bhriathrach a rinn am Barrach fhein air an t-seoighn a bha againn, aguss math a thuig mi-fhein nach robh ni air an talamh a chordadh cho math ri Sine ri a cocaireachd a mholadh. Thachair gu robh mu leth botuil den uisge-bheatha chuir Peigi dhachaidh airson cuirm na Nollaige an lathair, agus thug mi-fhein drama math don Bharrach agus fios agam gu robh e
[109] sgith airtneulach an deidh coiseachd bhon Tairbeart Hearach gu Steornabhagh. Ghabh Sine loma-lan na gloinne agus bha fhios agam fein gum biodh ceann labhairt aicen deidh sin, ach gu den taobh air am buaileadh a teanga be sin achuis. Ann ameadhon na tea nach ann a thug am Barrach botul bodaich lan uisge-bheatha mach a maileid aodaich shnasail a bha aige, agus cha robh air no dheth ach gu feumaidh mi-fhein agus Sine drama an laimh an urra ghabhail bho na choigreach. Thoisich Sine air diultadh ach cha robh math.

Feumaidh sibh ma shlainte ol,” arsesan; “chan ann na h-uile latha choinnicheas cairdean cho coibhneil rium, agus chaneil an so ach boinneag a cheannaich mi air an Tairbeart airson drama thoirt do Chalum Sheorais an uair a bhitheamaid adeanamh cordaidh timchioll air reic na birlinn.” ’N uair a dhol Sine an dara gloinne chaidh in a ceann ball gach a direach, agus cha robh smiach aice. “Sud direach,” arsam Barrach, “mar a bhios Barabal, a bhean agam fhein, an uair a bhlaiseas i air boinnebithidh in a dubh-thamh an toiseach, agus an sin teannaidh i greis ri rànaich agus greise eile ri lachanaichs ri gaireachdraich agus togaidh i a lamhan suas a cheart cho grinn ri sagart aig aifrinn. “Oich, oich,” arsa Sine, “ ’s mairg tha gabhail uidh anns an stuth bhuaireasach tha so.” “Oladh sibh-se cupa de thea gun siucar,” arsam Barrach,” agus


[110] bheir e rian air an eanchuinn agaibh,” agus rinn Sine sin, achs ann luaineach gu leor a bha an t-suil aice agus an t-aodann cho ruiteach cruinn ri gealach an abachaidh. Dhiarr mi-fhein air aBharrach buidheachas a thoirt airson nan trocairean a bha againn agus rinn esan sin ann am briathran simplidh sgriobtuireil agus chuir e comharradh na croise air aig ceann na cuise. Thainig am beo sin ann aSinen uair a chunnaic i achroisg a h-iomairt agus bha dearg eagal orm gu lasadh i air abhodach choir ann an aimhreit mu chreideamh. “Ochan, ochan,” arsa Sine, “ ’s iomadh rud ur a chunnaic mi am Bearnaraidhn a mo latha. Tha mi creidsinn nach do chuireadh crois airson aPhapa riamh air aodann am Bearnaraidh thuige so. Chan urrainn mise radha tuilleadh mar bu mhath leam, ‘Bearnaraidh bheannaichte againn fhein, cha dthainig Papanach riamh air tir ann.” “Eisd,” arsa mise, “de mu dheidhinn Ceit Bharraidh, nach e Papanach a bhinnte-se.” “Chan e.” arsa Sine, “chuir i cul ris na sagartan mun dthainig in taobh so, ’s e bhinnte fior Mhoderate.” Bhan t-am agam an comhradh atharrachadh, aguss ann an sin a dhinnis mi do Shine an turus a chuir Mac Neill do Bhearnaraidh. “O ma tha,” arsa Sine, “cha chreid mi gu bheil e beo an duine ris an reiceadh Calum Sheorais abhirlinn ur aige, ach chi sibh co dhiu, agus ge be caitem bi sibh troimhn latha, Mhic Neill Bharraidh, cuimhnichibh gu bheil
[111] leabaidh agaibh an soagus ghabh Mac Neill ris achuireadh, agus air ar socair fhein thog sinn oirnn suas gu tigh Chaluim Sheorais airson rian a chur air ceannach na birlinn.

Mise, le muirn,

ALASDAIR MOR.

titleII
internal date1932.0
display date1917-32
publication date1932
level
reference template

Litrichean Alasdair Mhoir %p

parent textBhodach Bharraidh
<< please select a word
<< please select a page