[111]

BODACH BHARRAIDHIII.

A CHARAID RUNAICH,

An uair a ghabh mi-fhein agus am Barrach toit ghasda den phiob an deidh nam maragan fala, thog sinn oirnn suas gu tigh Chaluim Sheorais. Bha Sine air fas ceart gu leor a nise, agus cha robh duine dhaithnicheadh air a h-anail gun do dhol i boinne de shughadh an eorna riamh. Thainig Peigi Chirstag a Tobson a steach direach an uair a bha mi-fhein agus an coigreach air an starsaich adol a mach, agus bha mi cho toilichte nach biodh Sine leatha fhein an deidh na thachair, agus mar a thuirt mi ris aBharrach, adol suas an lonaig, ge be co bhiodh air cul na còmhla, gur h-e chluinneadh an ur-sgial aig Sine an latha ud. ’S e thann a Mac Neill duine aig am bheil inntinn fharsuing sgriobtuireil mu chrois aPhapa, agus thuirt a bhial rium an latha


[112] ud nach robh esan acur coire air an talamh air neach sam bith de leithid Sine airson a bhi sios air creideamh an t-sagairt, gur h-e bha sin rud a chaidh a theagasg dhoibh bhon oige, direachnach faodadh maith sam bith teachd a mach a Nasaret.” “ ’N uair a bha sinn aig aChnoc-Fhraoich co thachair ruinn ach Aonghas Sheoraiss e fiachainn le gloinne-amhairc ri aireamh bàta-sgriobaidh a bha muigh aig Cragam a thogail. Thug mi-fhein eolas dha air aBharrach, agus bha iad an dàil bras-chomhradh air ball. Tha Aonghas mion-eolach am Bagh aChaisteil, a chionn, coltach rium fhein, bha e iomadh bliadhna aig an sgadans aphort sin, agus chuir e eolas air moran mu thimchioll an robh e gabhail naidheachd bho Mhac Neill. “Bheil Calum aig baile?” arsa mi-fhein ri Aonghas. “Tha,” arsesan, “tha e deanamh bocsa-pioba iongantach an sud airson Phadruig an Circebost. ’S ann air bord mahogany thug an Dotair Padruig dhachaidh a Glaschu tha eg a dheanamh. Fhuair an dotair am bord ann am buth sheann bhathar an Glaschu, agus tha e coltach gu bheil eachdraidh iongantach aigegu robh e aon uairn a phairt de chiste-laighe aon de na Pharaohan a tha air an spiosradhs an Eiphit. Thugadh a nall e gun fhios aig am achogaidh mhoir, agus fhuair fear na butha ud greim air, agus cheannaich an dotair e airson coig puinnd Shasunnach, agus thug e dhachaidh e an uiridh. Bha an dotair airson gun deanadh a athair bord-sgàthain dheth, ach cha leigeadh a mhathair leis,
[113] air eagal gum biodh samhladh Pharaoh atadhal an tighe, agus sinn uair a thoisich Calum ri bocsa-pioba dheanamh dheth.” “Moire,” arsam Barrach, “bfhiach dhomh tighinn a dhaon sgriobh a Bagh aChaisteil gu Bearnaraidh ged nach fhaicinn ach sin fhein,” agus a null ghabh sinn gu taobh aghàraidh far an robh Calum gu trang asaoirsneachd pairt de chiste-laighe Pharaoh. Bha Bill agus Tormod Og comhla ris agus iad adeasbud mu ainm an Pharaoh air a faodadh am bord ud a bhin a chiste. Dhinnis mi-fhein dhoibh mum charaid, agus chuir iad failte chridheil chairdeil air Mac Neill Bharraidh. Chuir esan afuran ceudna orra-san, agus mar a thuirt e rium fhein roimhe, bha e eolach gu leor air a bhi leughadh mu na daoine coir ud an litir Bhearnaraidh.” Agus bha am bord so air corp Pharaohs an Eiphit,” arsam Barrach. “Sin an eachdraidh a fhuair sinne air co dhiu,” arsa Calum, “achs e fior fhiodh luachmhor a thann, agus tha e cho cruaidh ris na clachan.” “Nach en Eiphit a thann a tha iongantach,” arsa Bill, “ ’n uair a tha iad afaotainn ciste-laighe seann righ an drasda, fear a chaochail bho chionn corr agus tri mile bliadhna, agus tha iad adeanamh a machn uair a dhfhosglas iad achiste gum bi an corp cho dreachmhors a bha e an latha chuir iad ann e. Deur beachd fhein air achuis, a Mhic Neill?” “Mhoire, chaneil beachd sam bith, a charaid, ach tha mi smaoineachadh nach
[114] ’eil còir air an talamh aca air corradh sam bith a chur air corp a bha air adhlacadh bho chionn tri mile bliadhna.” “Ceart, a Bharraich, ceart,” arsa Tormod Og, “sin mo bheachd fhein cuideachd.” “Bha Padruig mo mhac ag radh rium,” arsa Calum, “gu robh na seann Eiphitich den bheachd gun tigeadh an t-anam air ais don chorp an deidh dha bhi siubhal troimh shaoghal nan spiorad iomadh linn, agus mur a biodh an corp slan fallain mar a bha e an uair a dhfhag an t-anam e, bha iad den beachd nach gabhadh an t-anam aige ris, agus is ann air an aobhar sin a bha iad cho curamach ann a bhi spiosradh nan corp ann an doigh cho fior iongantach. “ ’S iomadh beachd grod a bha anns an latha sin, a Mhic Neill,” arsa Bill; “nach mor an solus a fhuair sinn fhein bho na thainig an soisgeul, agus a dhfhalbh na nosan mearachdach sin.” “Tha sibh ceart,” arsam Barrach, “ach a bheil sinn acur na nithean is cuidthromaiche air thoiseach, sin acheisd dhuinn: mar adean sinn sin bi cunnart ann gun toirear na sochairean a tha againn uainn, agus gun tuit sinn gu dorchadas is doille a ris. “Ceart, a Mhic Neill, ceart,” arsa Tormod Og, “ ’s ann agaibh a tha na beachdan soilleirfeumaidh sibh a dhol air cheilidh air Tormod Taillear mu falbh sibh airson gun toir sibh lamh air teasgasg an taghaidh. Tha Tormod iongantach sgriobtuireil air an teasgasg ud, agus tha mi deimhinn gun cord sibh ged is ann de chreideamh
[115] an t-sagairt a tha sibh.” “Mhoire, sinn a chordas,” arsam Barrach, “bi sinn uiles an aon neamh air tailleamh na h-aon iobairt.”

Mise, le muirn,

ALASDAIR MOR.

titleIII
internal date1932.0
display date1917-32
publication date1932
level
reference template

Litrichean Alasdair Mhoir %p

parent textBhodach Bharraidh
<< please select a word
<< please select a page