[115]

BODACH BHARRAIDHIV.

A CHARAID CHOIR,

Mar a bha mig radh ruibh ma thas an litir mu dheireadh, fhuair mi-fhein agus Mac Neill Bharraidh sealladh a nasgaidh air mir de chiste-laighe Pharaoh mar a thuirt an eachdraidh a fhuair Calum Sheorais air abhord iongantach ud air an robh e deanamh bocsa-pioba do Phadruig a Circebost. Thug Calum cuireadh cridheil dhuinn gu dhol a steach agus rinn sinn sin. Chuir bean Chaluim failte chairdeil air aBharrach agus air na bha comhla ris agus thoisich sinn air comhradh. ‘Cha bionghnadh,’ arsam Barrach, “ach an aithris uamhasach a tha aca air gorta agus teanntachd an Leodhasgu dearbh chan fhaca mi moran dheth bhon thainig min aite. ’N uair a chaidh mi steach do thigh Alasdair Mhoir shuas, bha Sine an teis-meadhon deanamh mharagan geala, agus gu dearbhs e mo ghuidhe-sa gum bi


[116] gach tigh don teid mis an eilean agaibh a sior-mheudachadh am bascaid agus an stor.” “Tapadh leibh-se, Mhic Neill,” arsa bean Chaluim; “Taing do Dhia cha dthainig gorta don bhaile so fhathast achs cinnteach gu bheil iomadh tigh an Leodhas air bheagan storais am bliadhna airson sin.” “ ’S a Mhoire mhathair, gleidh mi,” arsam Barrach, “nacheil mi faicinn an duine coir agaibh asaoirsneachd buird a thainig a ciste-laighe Pharaoh. Nach mise thug an turus a Bagh aChaisteil ged nach fhaicinn ach sud fheins an eilean so.” “Cha mhor achùirt sud,” arsa bean Chaluim, “ach gu dearbh cha bhiodh gnothuch agam fhein ri cuid an duine mhairbh co dhius e firinn no briag a thann gur h-e pairt de chiste-laighe Pharaoh a thann.” “Mhoire, tha sibh ceart, a bhean,” arsam Barrach. “Chanadh na seann daoine nan cuirte corradh air rud a bhiodh timchioll air amharbh gun tigeadh an spiorad aigeg a iarraidh, agus innsidh mi sgiala beag dhuibh air aphuing sin. Bho chionn iomadh bliadhna bha balach og am Bagh aChaisteil a bha aon latha siubhal nan cladaichean ag iarraidh mhuragan an deidh stoirme mhoir. Cha dfhuair e fiu sprodag fhiodha fhein ach da chnaimh mhor a bha measg tiurra feamann, agus sparr e bho achlais iad agus thug e dhachaidh iad. Cha drinn e dad ach an tilgeadhs achuil-mhònadh agus cha robhn corr mu dheidhinn na cuise. Ghabh an teaghlach mu thamh an oidhche ud mar babhaist, ach mu mheadhon oidhche
[117] thainig gnogadh cruaidh cabhagach don dorus. Dhuisg am bodach agus dheirich es lan dhuil aige gu robh Mairi liath an ath dhorus air fas na bu mhiosas gu robh cuideigin ag iarraidh abhalaich aige airson a dhol air toir Mghr Domhnull, an sagart, airson an ola-bhais a chur oirre— ’s e sin te mu dheireadh de na seachd Sacramaidean againn. Dhfhosgail am bodach an dorus, agus ma dhfhosgail de bha mu choinneamh an sin ach duine mor cho ards gu robh e toirt an athair dheth, air a chomhdach an deise ghil bho mhullach gu bhonn. Bha inntinn cho laidir ris an darach aig abhodach agus dearbh bfheumail sin dha an oidhche ud. “De tha bhuat,” arsam bodach, mun am mhi-ghnathaichte so den oidhche?” “ ’S mise,” arsan spiorad, “an seoladair Frangach a chaidh a bhathadh air cul Eirisgeidh bho chionn fichead bliadhna. Thug do mhac a dha de na cnamhan agam leis bho Charraigh nam Faochag an diugh agus tha iad anns achuil-mhònadh agad. Cuir air ais iad moch a maireach air neo cha leig mi laic chadail leat fhads a bhios tu beo.” Thainig fuar fhallus air abhodach, rud nach do dhfhairich e riamh roimhe, agus gheall agus bhoidich e na cnamhan a chur air ais, ach arsesan ris an spiorad, “Caitan do dhionnsuich thu Ghaidhligs tug radh gur h-e seoladair Frangach a bhannad?” “An uair a theid gach neach gu Tir nan Og,” arsam Frangach,
[118]cha bhi facal ach Gaidhlig an sin.” “Mo leireadh,” arsa bean Chaluim, “ ’s math leam nach ann am Breacleit a bhios am bocsa-pioba tha Calum adeanamh.” “ ’S math a bhean gun teagamh,” arsam Barrach, “Dias Muire eadar mis a bhi faicinn spioradan nan daoine dhfhalbh, ach riamh bhon uair ud, tha moran am Barraidh den bheachd gur h-e Gaidhlig a bhios sinn abruidheann an neamh.”

S achomhradh a bhann co nochd a steach ach bean Bhills ig iarraidh punnd de shiabunnSolus-na-greineaig Lever. Thug sinn eolas don Bharrach oirre aguss e rinn an surd rithe. “Ma tha, bhean, ’s mise tha toilichte tachairt ruibh. ’S iomadh uair a leubh mi mur deidhinns mu na trocairean a rinn sibh air moran leis abhallan. Gu dearbh tha Murchadh Ruadh, mo nabuidh, uamhasach dona leis an t-siataig an drasda aguss tric eg orduchadh a bhi faisg air bean Bhill airson ballan a chur air. Chaneil duine againn tha eolach air abhallan bho chaochail Peigi Mhor a bhas aBhagh aTuath— ’s gu robh fois shiorruidh aig a h-anamach, a bhean Bhill, ma reiceas Calum Sheorais an tighe so abhirlinn rium-sa, feumaidh sibh a dhol comhla rium innte gu Bagh aChaisteil, agus cuiridh sibh am ballan air bodaich leonte Bharraidh.” “Tapadh leibh-se, Mhic Neill,” arsa bean Bhill, “cha do dhiult mise ballan a chur air duine riamh aguss iomadh neach air an drinn e cobhair, agus


[119] an uair a theid sibh-se air ais canaibh ri luchd na siataig am Barraidh gum bi bean Bhill gle thoilichte air am ballan a chur orra uile ma thig iad air chuairt do Bhreacleit.” “Gu robh Dia leibh-se, bhean,” arsa Mac Neill, “ ’s bochd nach robhur leithid ni bu lionmhoireluchd an fhein-àicheadh.” Chuir bean Chaluim Sheorais tea air uidheam, agus bha comhradh agus conaltradh ro ghasda againn, agus bithidh mi bruidheann air acheann sins an ath litir.”

Is miseur caraid,

ALASDAIR MOR.

titleIV
internal date1932.0
display date1917-32
publication date1932
level
reference template

Litrichean Alasdair Mhoir %p

parent textBhodach Bharraidh
<< please select a word
<< please select a page