BODACH BHARRAIDH—V.
A CHARAID CHOIR,
An deidh do bhean Chaluim Sheorais an deagh thea thoirt dhomh fhein agus do Mhac Neill ann an cuideachd luchd an tighe, thainig am Barrach gu fior cheann a thuruis do Bhearnaraidh— ’s e sin cumhnant a dheanamh ri Calum Sheorais airson a’ bhirlinn ur aige cheannach. Thog mi-fhein orm gu eirigh a mach airson gu’n deanadh e fhein agus Calum baragan ’n an aonar—b’ e sin a’ modh dhomh-sa, mar tha fhios agaibh, —ach cha leigeadh Calum leam carachadh a larach nam
“ ’S e call dhuibh a th’ ann, a Mhic Neill,” arsa Calum, “Bearnaraidh fhagail gun eathair fhaighinn agus ma ghabhas sibh mo chomhairle-sa, theid sibh far a bheil Scottie agus togaidh e eathair dhuibh cho math ri duine ’s an duthaich.” “Tha sibh direach aige, Chaluim,” arsa mi-fhein; “theid mi-fhein agus Mac Neill do Chircebost am maireach agus tha mi deimhinn gu’n cord Scottie ri mo charaid—bheir e dha nithean nuadha agus sean.” “Tapadh leibh-se airson ’ur coibhneis,” arsa Mac Neill; “ni mise ni sam bith a dh’ iarras mo chairdean còire orm.”
Mise, le meas,
ALASDAIR MOR.
title | V |
internal date | 1932.0 |
display date | 1917-32 |
publication date | 1932 |
level | |
reference template | Litrichean Alasdair Mhoir %p |
parent text | Bhodach Bharraidh |