[123]

BODACH BHARRAIDHVI.

FHIR MO CHRIDHE,

Ged a bha am Barrach duilich air doigh gur h-e siubhal gun siucar a bha aige do Bhearnaraidh a thaobh ceannach eathair Chaluim Sheorais, bha e sasuichte gu leor an uair a chual’


[124] e bho bhial Chaluim fhein an t-aobhar a bha air achuis a bhi mar a bha e. Tha en a bhodach cho tuigseach agus a thachair rium fhein riamhn a mo chuairt, agus e cho toigheach gun deanadh gach neach achuid is fhearr den fhortan a chuir am freasdaln a rathad anns an t-saoghal so. Chaidh sinn dhachaidh, ma tha, a tigh Chaluim Sheorais, agus an uair a rainig sinn Sine, bha Barabal Mhurchaidh a stigh comhla rithe, agus an dithis gu dripeil acur aird air deanamh an corr de na maragan. Chan fhaca Sine riamh duine air cheilidh nach fheumadh i car obrach air choreigin a thoirt as, agus gu dearbh, bronag, tha i fhein gu math easgaidh air cuideachadh dhaoine eile. Thug mi eolas do Bharabal air aBharrach agus rinn i surd mor ris. “Gu dearbh,” arsise, “Mhic Neill, ’s mi tha toilichte tachairt ruibh. Bha mi-fhein greiseag de mshaoghal ann an Loch-sciport, agus bu ghasda na daoine bhannagus bha na Papanaich ann a cheart cho cairdeil rium ris na Prostanaich.” “Moire, nach ann doibh bu chòir,” arsa Mac Neill, “ ’s e ciad sheula na Criosdalachd cairdeas agus teo-chridheachd, agus cia mar a shoillsicheadh iad am maighstir mur biodh iad laghach ri eolaich agus ain-eolaich.” “ ’S na cheannaich sibh an t-eathair bho Chalum?” arsa Sine. “Uill, cha do cheannaich,” arsa Mac Neill, “ach tha deagh aobhar aige airson nach dealaich e rithe agus chaneil diumb sam bith agam-sa ris an duine chòir airson sin. Ach chomhairlich e fhein agus Alasdair an so dhomh dhol gu
[125] Scotties abhail ud thall, agus cordadh ris-san airson culaidh mhath a thogail dhomh.” “Ro-mhath,” arsa Sine, “ ’s iomadh deagh eathair a thog Scottie còir agus cha do chuir e tarrag riamh an sas nach drinn feumtha na h-eithrichean aige ainmeil feadh Leodhais air fad.” “Tha mi-fheins e fhein afalbh do Chircebost gu math trath am maireach,” arsa mise, ‘agus bheir mi Mac Neill a dhamharc air an t-seann eaglais a tha shios aig achladach.” “Bidh mi ro-thoilichte,” arsa Mac Neill; “robh i ann roimh am an Ath-leasachaidh?” “Chaneil mi smaoineachadh gu robh,” arsa mi-fhein, “ach tha i gu math sean. Cha robh eaglaisean cho pailt an Leodhas an uair sin air chors gur h-ann air Sabaidean araidh a bhiodh ministear asearmonachadh innte. An uair a sgaoileadh an searmon, bhiodh fear a muigh aig ceann na h-eaglais le pigie uisge-bheathag a reic, agus diulach eile le rola tombaca, agus thoisicheadh na bodaich ri òls ri ceothadhs ri seanachas aguss en oidhche dhubh a bheireadh achuid bu mhotha dhiubh dhachaidh agus iad gu math suigeartach fonnmhor. Tha e air aithris cuideachd gu robh ministear air choreigin asearmonachadh innte aon latha. Bha uinneag bheag air chul na cubaid ag amharc am mach air amhuir agus ann am meadhon an t-searmoin nach fhaca am ministear muc-mhara mhor adeanamh air achladach direach bhon eaglais. “Eiribh a mach air ball gach mac mathar agaibh agus marbhaibh i. Gheibh sibh searmon uair sam bith a thoilicheas
[126] sibh, ach chan ann na h-uile latha gheibh sibh muc-mhara.” Chuir sin fhein crioch air an t-searmon an latha ud agus thoisich na fir air marbhadh na muice. “Mhoire, cha robh an soisgeul adol ro dhomhain sios an latha bha sin,” arsam Barrach, “ach chaneil aite don teid neach nacheil seann togalaichean air am bheil inneasan araidh mar sin. Tha seann Chaisteal Chiosamuil againn fhein am mach beagan bho Bhagh aChaisteil, aguss ann air a tha am baile beag againn air ainmeachadh. Be an daingneach laidir a bha aig Clann Mhic Neill Bharraidh an uair a bha ughdarras aca air an eilean againn. ’S e daoine moralach treun a bha anns na cinn-chinnidh aca, agus bha smachd mor aca air an iochdarain gu leir. Bha fear ris an canadh iad gocaman aig Mac Neill anns achaisteal, agus be obair a dhol suas gu tùr achaisteil aig uair araidh gach feasgar agus eibheach aird a chlaiginn tri uairean, “Ghabh Mac Neill Bharraidh a dhinneir, agus faodaidh an saoghal uile an dinneir a ghabhail a nise.” Cha robh chridhe aig duine de na h-iochdarain blasad air biadh gus an gabhadh Mac Neill a dhinneir an toiseach. Dhfhalbh an latha sin agus tha an caisteal mor ud gun teine gun tuar, clann Mhic Neill Bharraidh air an sgapadh thall agus a bhos agus an ceann-cinnidh air ain-eol thall an America.” An uair a thuirt am bodach so chunnaic mi gun dthainig beagan de thioma air mar gum biodh sprochd air ann a bhi cuimhneachadh
[127] air na laithean a dhaom, ach mun do tharr e sgur nach ann a thoisich e ri seinnBirlinn Chiosamuilaguss ann aige fhein a tha an guth grinn ciuin. Cha chuala mi-fhein no Sine an t-oran riamh roimhe ach abradh sibh-se gun do ghabh ise annas mor dheth, agus mun robhn oidhche seachad bha e aice eadar fhaclan agus fhonn agus chan e mhain sin ach chluicheadh i e gu doigheil air abhocsa-chiuil. “Be Mac Neill an àidh sibh athighinn an rathad,” arsise, “ged nach biodh ann ach an t-oran ud fhein” —an taobh a theid Sine theid i ann.

Mise, le speis,

ALASDAIR MOR.

titleVI
internal date1932.0
display date1917-32
publication date1932
level
reference template

Litrichean Alasdair Mhoir %p

parent textBhodach Bharraidh
<< please select a word
<< please select a page