[127]

BODACH BHARRAIDHVII.

FHIR IONMHUINN,

Thog mi-fhein agus am Barrach oirnn gu Circebost gu math traths amhaduinn airson eolais a chur air Scottie, comhla ri baragan a dheanamh airson eathair a thogail. ’S e maduinn aluinn a bhann agus fhuair mo charaid rogha an t-seallaidh air an eilean againn, agus bha eg radh rium gu robh Bearnaraidh ann an iomadh ni gle choltach ri Barraidh aige fhein.


[128]

Bha mig innse dha mu na tighean mar a bha sinn adol seachad orra agus adeanamh beagan seanachais air na daoine bha chomhnuidh annta. Bha birlinn Chaluim direach atogail na siuil anns an Loch-bheag an uair a bha sinn adol a fianuis na h-acarsaid, agus dhaidich am Barrach nach dthuirt mi facal breige an latha roimhe sud an uair a rinn mi inneas cho fior mhor oirre—“ ’s math is dfhiach i moladh sam bith a nithear oirre,” arsesan; “ma gheibh mise a leithid, chan aithreach leam an latha thainig mi air chuairt don eilean agaibh.” “Uill, a Mhic Neill,” arsa mi-fhein, “tha sinn adol a chur ar comhairle ri fior shaor eithrichean agus cha bhi cearb air an eathair a thogas Scottie ma thig sibh gu cordadh mun chuismo lamh dhuibh air sin.” ’N uair a rainig sinnClach an Ultaich,” seann ait’ -analach air an rathad gu Circebost, thuirt mi ri Mac Neill gum be sud aite far am biodh daoine faicinn bhòcain agus thaibhsean air an oidhche. “Gle choltach direach ri aite mar sin,” arsa Mac Neill, “tha moran aitean againn fhein am Barraidh a bhios na bòcain atathaich. Faca sibh aon diubh riamh Alasdair?” “Dhia, gleidh mi,” arsa mise, “chan fhaca, agus gu ma fada uam iad gu brath.” “Ma tha, chunnaic mise,” arsa Mac Neill. “Greis an deidh Murchadh Ruadh, seann nabuidh a bha agam, a bhi air a bhàthadh, bha mi dol dachaidh gu math anmoch aon oidhche, agus an uair a thainig mi gu Lag nam Meirleach de bhan a sheasamh direach air meadhon an rathaid ach


[129] duine le botuinean mora agus cota iasgaich. Dhuine, cha do shaoil mi-fhein dad den chuis gus na bhruidhinn e agus ged nach robh e idir air innse dhomh gum be Murchadh Ruadh a bhann, ’s math a dhaithnich mi e air a chruth agus a bhruidheann.” “Neill,” arsesan, “na gabh eagal romham; dhfhag mi cunntas beag gun phaigheadh am buth Iain Ruairidh, agus innis thusa do Mhairi, mo bhean, gu bheil deich tasdain fhichead de airgiod geal ann an crogan eadar an dresair agus achiste-mhine, agus paigheadh i an cunntas le sin agus bithidh sith air mo spiorad,” agus rinn mise mar a dhiarr Murchadh orm, agus mar a thuirt bfhiar, bha an dearbh sgillinn a thuirt es achrogan ghealagus cha do chuir Murchadh dragh air aon againn tuilleadh.” Bha sinn a nise sios gu tigh Scottie, agus sheall mi do Mhac Neill far an robh an t-seann eaglais air an robh sinn abruidheann. Thug am bodach còir a bhoineid dheth agus sheas e car mionaid ag amharc a null. “Alasdair,” arsesan, “chan urrainn mi gun urram a shealltuinn do thogail sam bith far an drinneadh aoradh do Dhia neimh le treibhdhireas ge be den mhiar den chreidimh Chriosduidh, agus bfhearr leam gu robhn corr dheths an eilean so; nam biodh, bhiodh barrachd de mhaise na naomhachd oirnn.” Chaidh sinn a steach agus bha mo charaid Scottie agus a bhean air ball acur furain agus failte oirnn, agus cha bfhada gus an robh am Barrachg a dheanamh
[130] fhein aig an tigh. Air dhuinn a bhi bruidheann a null agus a nall mun iasgach, an rud anns an robh ar n-uidh, nach drinn Scottie a mach gu robh e fhein agus Mac Neill da sheusan aig an aon mhaighstir aig iasgach Lerwick, agus ma bha an doigh anns an do choinnich mi-fhein agus Mac Neill iongantach, cha be an ath eolas so air Scottie dad bu neonaiche. “Tha cuimhne agaibh, a Mhic Neill,” arsa Scottie, “na h-argumaidean a bhiodh againn mun Sgriobtur abhliadhna ud an uair a bhitheamaid air cheann nan lion. Chaneil ni is docha leam na bhi leigeadh minntinn ri duine aig a bheil breithneachadh mar tha sibh-se Bharraich, agus smuaintean mora agaibh mun Fhirinn nach deachaidh riamh a mhilleadh agus a shluaisneadh le aimhreit eaglaisean, rud a tha an deidh an t-anam a dheoghal asainn anns aGhaidhealtachd an diugh.” “Taing do Dhia,” arsa Mac Neill, “gum buin mi-fhein do eaglais nach do dhatharraich a creud liad an ròinne riamh bhon chaidh atogail air Peadar bho thus, agus mar a thuirt Calum Cille nam beannachd:—

I mo chridhe, I mo ghraidh,
Far an cluinnte guth manaich, bithidh geum ,
Ach mun tig an saoghal gu crich,
Bidh I mar a bha.”

Nise,” Mhic Neill,” arsa Scottie, “con aur beachd fhein a nise bu mhotha de na deisciobuil?” “Mhoire, bha Peadar,” arsam Barrach; “nach dthuirt Criosda risbeathaich mo chaoraich,” ’s


[131]beathaich muain,” agusneartaich na braithrean,” agus mar tha fhios agaibh fhein nach ann air Peadar a thogadh an eaglais againn.” “Bfhearr leam gu robh Tormod Og an so, Mhic Neill,” arsa Scottie, “agus dheanamaid steith-argumaid den phuing sin. ’S e duine cumhachdach eudmhor misneachail a bham Peadar, a Mhic Neill, achs e Eoin còir mo rogha fhein den treud gu leir. ’S e deisciobuil aghraidh, agus nach e gradh aon de na priomh steithean aig aChriosdalachd, agus chaneil duine leughas an soisgeul aige nach fhaic cho mhors a rinn gradh Chriosda greim air. Chuala mi aig ministear uair mu bhial-aithris a dhfhag aon de na seann diadhairean mu Eoin. Bha na deisciobuil eileg a theannachadh airson soisgeul a sgriobhadh agus tha an cunntas ag radh gun daontaich Eoin air chumhna gun deanadh na braithrean uile traisg agus urnuigh, agus air dhoibh sin a dheanamh fhuair e am foillseachadh neamhaidh a thug deachdadh dha gu toiseachadh, “Anns an toiseach bha am focal.”

An corr de’n chomhradh air an ath sheachduin.

Mise, le meas,

ALASDAIR MOR.

titleVII
internal date1932.0
display date1917-32
publication date1932
level
reference template

Litrichean Alasdair Mhoir %p

parent textBhodach Bharraidh
<< please select a word
<< please select a page