[132] BODACH BHARRAIDH—VIII.
A CHARAID CHOIR,
Cha do chuir am Barrach idir an aghaidh Scottie an uair a thuirt e ris gu’m b’e a bheachd-san gur h-e Eoin a bu mhotha de na h-abstoil, ach direach gu’n d’ thuirt e gu robh esan a’ dol a reir teagaisg na h-eaglais aige fhein a tha creidsinn gur h-e Peadar a’ chiad Phàp a bha aig an eaglais. “Nise, Mhic Neill,” arsa Scottie, “de ’ur beachd fhein air an taghadh.” “Mhoire, chan’eil beachd air an talamh,” arsa Mac Neill; “chan’eil a leithid de rud againn idir, agus chan urrainn gu’m biodh, an uair is e Criosda Slanuighear nan uile dhaoine, biodh e dubh no donn no buidhe.” “Mo bheannachd agaibh,” arsa Scottie, “b’ fhearr leam gu robh sibh an comhradh grunnain de na cailleachan againn an Leodhas, agus bheireadh iad a chreidsinn oirbh gur h-iad fhein ’n an aonar a bha giulan uallach na diadhachd gu leir, agus gu robh gach neach ach iad fhein a mach as a’ chomhlaitheachd sin.” “ ’S e teagasg gle chumhag a tha sin, a dhuine,” arsa Mac Neill, “bithidh iad as gach treubh agus fine am measg an t-sluaigh mhoir nach urrainn neach sam bith aireamh, agus, a Mhoire, ’s iomadh neach a gheibh suileagan an latha sin.” “Nise, Mhic Neill,” arsa Scottie, “bhithinn an comhnuidh
[133] ag cluinntinn gu bheil moran de sheann bhial-
aithris ’
n ar measg-
se am Barraidh.
Feumaidh gu’
n do chaill sinne gach ni dhe sin le troimh-
cheile nan eaglaisean againn.” “
Tha sin againn,”
ars’
am Barrach, “ ’
s iomadh ni firinneach a thachair ’
s an t-
saoghal nach ’
eil anns a’
Bhiobull againn fhein,
ged tha seachd leabhraichean ann a bharrachd air a’
chunntas a tha ’
s na Sgriobtuirean mar tha iad agaibh-
se.
So agaibh sgiala boidheach mu bhreith Chriosda an uamha Bhetleheim.
Tha e air a radh gur h-
i Bride,
nighean pharantan bochda,
an t-
searbhanta bha anns an osd-
thigh am Betleheim an uair a rugadh Criosda.
Bha tiormachd mhor agus tart air feadh na duthcha aig an am,
agus dh’
fhalbh an t-
osdair le cairt agus each fiach a faigheadh e lorg air uisge.
Dh’
fhag e faircil (
firkin)
buirn agus breacag arain aig Bride airson a cumail beo gus an tigeadh e air ais,
agus thug e geur aithne dhith gun bhiadh no deoch a thoirt do neach bho ’
n grein,
no fasgadh oidhche thoirt do eolach no do ain-
eolach gus an tigeadh esan air ais,
chionn nach robh aice stigh de bhiadh agus de dheoch ach na dh’
fhoghnadh dhith fhein.
Latha de na laithean thainig dithis choigreach a dh’
ionnsuidh an doruis.
Bha an duine sean le falt liath agus fiasag mhor fhada,
agus bha am boirionnach og agus sgiamhach,
le aodann cruinn,
sron dhireach,
suilean gorma,
bilean dearga,
cluasan beaga agus falt or bhuidhe ’
n a chiabhagan
[134] bachallach sios mu gualainn.
Bha iad sgith agus airt neulach an deidh tighinn air turus fada agus dh’
iarr iad air an t-
searbhanta cuid na h-
oidhche agus biadh agus deoch ’
n a chois.
Cha b’
urrainn Bride sin a thoirt dhoibh an aghaidh ordugh a maighstir,
ach thug i dhoibh roinn de a bonnach fhein agus deoch as an fhaircil bhuirn a bha aice,
agus air do na coigrich taing a thoirt dhith,
ghabh iad air an aghaidh agus sheall Bride gu bronach as an deidh agus dh’
aithnich i gu robh am boirionnach fo thinneas,
agus dh’
fhàisg a cridhe ’
n uair nach robh i comasach air fasgadh bho’
n oidhche reoite thoirt dhith.
An uair a thill Bride air ais do ’
n tigh de’
n t-
ionghnadh a chuir e oirre ’
n uair a chunnaic i gu robh bhreacag aice fhein cho slan agus a bha i riamh agus nach robh traoghadh air an fhaircil bhuirn.
Cha robh fhios aice bho shaoghal nan speur de bu chiall do ’
n ni,
agus cha b’
urrainn dhith gun dol a mach a rìs fiach a faiceadh i de’
n taobh a ghabh na coigrich,
ach cha robh sgiala orra. ’
N uair a thug i an ath shuil,
de chunnaic i ach solus de’
n or dhearrsach os cionn doruis an stabuill,
agus air dhith a thuigsinn nach b’
e dreag a’
bhais a bh’
ann,
chaidh i steach do’
n stabull direach an uair a bha feum oirre,
oir bha i ’
n a meadhon air cobhair a dheanamh air an Oigh Muire,
agus an leanabh Iosa a thogail ’
n a lamhan;
b’
e na coigrich an Naomh Ioseph agus Muire agus b’
e an naoidhean Iosa Criosda,
mac
[135] Dhe air a bhreith an uamha Bhetleheim.
An uair a rugadh an leanabh chuir Bride tri braona burna fuarain fior-
uisge air clàr a bhathais ann an ainm Dhe,
ann an ainm Iosa,
agus an ainm an Spioraid.
An uair a bha an t-
osdair a’
cromadh sios barr na bruthaich os cionn a thighe air a shlighe dhachaidh,
chual’
e ceol neamhaidh agus chunnaic e an solus or-
dhearrsach os cionn doruis an stabuill,
agus thuig e bho na comharraidhean sin gu robh am Messiah air a bhreith,
oir bha e ann an dailgneachd nan daoine gu’
m beirte Iosa Criosda mac Dhe ann am Betleheim baile Dhaibhidh.
Rinn an t-
osdair mor ghairdeachas agus chaidh e le cabhaig a dh’
ionnsuidh an stabuill a dheanamh aoraidh do Shlanuighear na cruinne,
agus is ann a thaobh an sgiala sin a tha “
ban-
chuideachaidh Mhoire”
air Bride,
agus “
Bana-
ghoistidh Mhic Dhe,”
agus Banaghoistidh Iosa Criosda nam bann ’
s nam beannachd.” “
Tapadh leibh-
se,
Bharraich,”
arsa Scottie, “
airson an sgiala ghrinn so; ’
s fhada bho nach cuala mi briathran cho gasda.
Bheil sibh-
se nise smaoineachadh gur h-
e ’
n tul-
fhirinn a tha sin?” “
Biodh sin mar a bhitheas e,”
arsa Mac Neill, “
ach chan urrainn duine dhearbhadh gur h-
e bhriag a tha ann,
agus nach biodh e so-
thuigsinn gu’
n deanadh Tighearna na gloire ullachadh cubhaidh airson teachd aon-
ghin Mhic do shaoghal
[136] so nan deur.
So mar a tha an t-
seann laoidh againn ’
g a chur:—
“Thainig thugam cobhair,
Muire gheal is Bride;
Mar a rug Anna Muire,
Mar a rug Muire Criosda,
Mar a rug Eile Eoin Baistidh
Gun mhar-bhith ’g a dhith,
Cuidich thusa mise ’m asaid,
Cuidich mi, a Bhride.”
Mise, le meas,
ALASDAIR MOR.