[136] BODACH BHARRAIDH—IX.
FHIR MO CHRIDHE,
’N uair a bha mi-fhein agus am Barrach agus Scottie seachd seann sgith ag innse sgialachdan—agus ’s ann do Mhac Neill fhein a thigeadh teannadh riutha—dh’iarr mi-fhein air a’ Bharrach “Birlinn Chiosamuil,” an t-oran de ’n do ghabh Sine a leithid de uidh, a ghabhail do Scottie, agus air ball bha Mac Neill suas leis, agus gu dearbh ’s e fhein a chuir an uchdach ris, agus chord e uamhasach math ri Scottie. “Nise, Mhic Neill,” arsa Scottie, “am biodh an sagart agaibh ruibh na ’n cluinneadh e sibh ag gabhail oran
[137] diomhain mar sin?” “
Moire, ’
s e nach biodh,”
ars’
am Barrach, “ ’
s e fhein am fear a bheir an luinneag bhinn air na h-
orain Ghaidhlig,
agus ’
s iomadh uair a thuirt e rium gu’
m bu chòir dhuinn cuimhne chumail air gach seann oran gasda bhiodh na bodaich bho shean,
seadh agus bodaich an latha ’
n diugh,
a’
seinn ’
n ar measg. ’
S e a bheachd gu bheil an saoghal so deurach truagh gu leor ged do bhiodh gathain sonais agus solais air an toirt ann an drasda agus a ris le fonn ait nan oran Gaidhlig.” “
Direach sin,”
arsa Scottie; “
nach iongantach a nise,
Mhic Neill,
nach robh na seann mhinisteirean againne de’
n bheachd sin idir. ’
S e bha iadsan a’
smaoineachadh gur h-
e diomhanas mor a bha ann do dhaoine bhi seinn orain dhiomhain no bhi ’
g innse sheann sgialachdan no bhi baoth-
shugradh air doigh sam bith.
Cha robh dad aca mu dhaoine bhiodh ri piobaireachd no ri fidhleireachd no ceol sam bith de’
n t-
seorsa sin.” “
Tha mi tuigsinn nach robh,”
arsa Mac Neill, “
agus ’
s e a’
ghlas-
ghuib a chuir iad air na cleachdaidhean gasda sin am measg nan Gaidheal a dh’
fhag cuisean cho bochd agus a tha iad an diugh. ’
S ann gann a tha na piobairean agus na fidhleirean,
agus bhithinn a’
cluinntinn gu’
m biodh cuid de na ministeirean a’
cumail a’
bhaistidh bho luchd-
ciuil mar sud.
Chan e mhain sin ach ruithidh tu air moran thighean an diugh mu faigh thu neach a chuireas tri cheathrannan orain an deidh a cheile,
agus nach maslach sin do
[138] shiol nam fiuran a chuir air blar a’
bhardachd iongantach ud anns am bheil uaill gach fior Ghaidheal.” “
Chan’
eil guth breige agaibh,
a Mhic Neill,”
arsa Scottie, “
agus ’
s e mo bheachd fhein nach’
eil daoine an diugh dad na ’
s spioradaile ’
s an inntinn ged a sguir iad de na h-
orain agus de’
n cheol.” “
Chan’
eil e iomchuidh gu’
m biodh daoine do’
n tug Dia ciall a’
falbh le aodainn fhada agus drein mhugach an Phariseich an comhnuidh,
nithean a tha gintinn foill agus mealltaireachd far am bu chòir caomhalachd agus carthannas a’
ghraidh a bhi dearrsadh an comhnuidh.
Ma theid thu air cheilidh am measg an leithid sin de dhaoine,
de’
n cur seachad is urrainn a bhi agad.
Cha teid sgiala air Oisein no Deirdire timchioll a’
chagailt,
agus chan’
eil neach ’
s a’
chuideachd a thogas fonn air oran:
chan’
eil air a’
chuis ach teannadh ri sluaisneadh do nabuidh agus ma theid cuisean neach sam bith a’
sgrudadh gu ro fhada gheibhear ni-
eigin nach bi ro chailmhor mu thimchioll.” “
Ach,
a charaid,
ma theid sibh-
se gu tigh am Barraidh chan ann mar sin a gheibh sibh cuisean,”
arsa Mac Neill. “
Cluinnidh sibh sgiala agus oran agus cluichear dhuibh port air a’
phiob-
mhoir gun eagal roimh shagart no cleir,
agus ma thig e gu dannsa,
bidh bodach an tri fichead ’
s an ruidhle comhla ri a ogha a tha dol do ’
n sgoil—
agus gu ma fada bhios Barraidh mar sin.
Gun teagamh tha aimsirean de’
n bhliadhna mar a tha
[139] an Carghus agus an Aidbhein anns am bi sinn ’
g ar fein-
aicheadh agus ’
g ar n-
ullachadh fhein airson aimsir na Nollag agus na Càsg,
ach a mach bho na h-
aimsirean sin,
chan’
eil neach againn nach còir a bhi cho aigeannach agus a leigeas fortan leis aig an am.” “
Direach ceart,
a Mhic Neill,”
arsa Scottie, “
tha mi nise cho toilichte ’
ur beachd a chluinntinn mu na cuisean sin:
bithidh mi ’
g an innse do na bodaich againn fhein an uair a theid mi null gu orduighean Uige.”
Thainig a’ chuis a nise gu baragan a dheanamh airson togail na h-eathair agus thog mi-fhein orm a mach. Bha agam ri dhol a dh’ amharc air Murchadh Scottie co dhiu airson iasad de thri chleibh-ghiomach fhaighinn uaithe. Bha moran chleibh agam fhein an achlais na creige air chul an tighe oidhche na stoirme moire, agus ghlan a’ mhuir air falbh iad agus tha mi cinnteach gu bheil iad air cladach Hiort roimh ’n am so. Cha do tharr mi eibhleag a chur ’s a’ phiob an uair a bha am Barrach air mo shàil agus an fhaoilt sin air. “Rinn mi a’ chuis,” arsa Mac Neill, “agus cha chreid mi gu’n d’ fhuair mi baragan riamh cho saor—eithear dha-fhichead troigh, ur nodha, air leth-chiad not, ach chan fhaic mise an duine còir air sin.”
Bha bean Mhurchaidh a’ bleoghan a’ mhairt am muigh aig ceann an tighe, agus an uair a fhuair e mach gur h-e beathach solt a bh’ innte ’s ann a
[140] chaidh e fhein foidhpe,
agus thoisich e ri a bleoghan agus aig an aon am a’
gabhail oran bleoghain dhith mar so:—
“Il a bhólagain, il bho m’ aghan,
Il a bhólagain, il bho m’ aghan,
Il a bhólagain, il bho m’ aghan
Mo chrodh-laoigh air gach taobh an abhainn.
Buarach siomain air crodh na t-eile,
Buarach sioda air m’ aghan fhein o,
Buarach sùgain air crodh na duthcha,
Buarach ur air mo bhuaileig ghaoil-sa.”
B’ fhurasda aithneachadh cho math agus a bha a’ chuis a’ cordadh ris a’ bhoin, agus gu dearbh cha robh ionghnadh ann, ’n uair a dh’ eisdeadh neach ri guth grinn fonnmhor a’ Bharraich, agus ged nach d’ thuirt mi dad aig an am, cha b’ urrainn dhomh gun a bhi smaoineachadh air cho mi-nadurra ’s a bha cuid de ’n chinne-daonna a bha ’n aghaidh ceol, ’n uair a bha an t-oran bleoghan ud a’ cordadh cho math ri bó Mhurchaidh Scottie. ’N uair a dh’ eirich am Barrach chuir e comharradh na croise air fhein, agus air a’ bhoin ag radh aig an aon am, “cha laigh mo shuil ort. Sud, tha mise creidsinn, a’ chiad bhó am Bearnaraidh air an deachaidh a’ chrois, agus mar a thuirt e fhein,” mur a dean e math dhith gu cinnteach cha dean e dolaidh dhith.
Mise, ’ur caraid,
ALASDAIR MOR.