DRIP AN EARRAICH.
FHIR IONMHUINN,
Mar a tha mi-fhein agus Sine ag ionndrainn Mhic Neill chòir ged nach robh e comhla ruinn ach an tacan beag ud. Mar a thuirt mi ruibh iomadach uair cheana mu Shine, an taobh a
Tha sinn an teas an àitich a nise agus chan e sin an sugradh, ach tha dh’ aona mhaitheas air a’ chuis gu bheil Sine saor agus an t-siataig am bliadhna, agus chan’eil an t-inneireadh a’ cur ite
Nach’eil Calum Sheorais ag radh rium gu bheil Mod Gaidhlig gu bhi air a chumail an Steornabhagh am bliadhna. Gu dearbh tha mi-fhein agus Sine ro-thoileach airson sin a chluinntinn, agus ma ni am fortan dhuinn idir e bithidh sinn ann aig an am. ’S fhada bho bha lionn-dubh orm fhein ann a bhi smaoineachadh cho beag agus a tha de Ghaidhlig am measg oigridh Steornabhaigh agus pailteas Gaidhlig aig a’ mhor-chuid de na parantan. Tha ni-eigin cearr air na Gaidheil an diugh an uair nach’eil iad a’ deanamh saoithreach sam bith airson na dileab a fhuair iad-fhein a nasgaidh, an canain, aiseag do’n gineal, ach ’s e ceist mhor a tha ’s a’ chuis, agus bithidh mi labhairt oirre anns an ath litir, ma leigeas drip an earraich dhomh.
Mise, le meas mor,
ALASDAIR MOR.
title | Drip an Earraich |
internal date | 1932.0 |
display date | 1917-32 |
publication date | 1932 |
level | |
reference template | Litrichean Alasdair Mhoir %p |
parent text | Litrichean Alasdair Mhoir |