[166]

MOD STEORNABHAIGHI.

FHIR MO CHRIDHE,

Mar a thuirt mi ruibh anns an litir mu dheireadh, chaneil cuimse air cho toilichte agus a bha mi-fhein agus Sine an uair a chunnaic sinn anns aphaipear ghasda agaibh fhein gu robh Mod Gaidhlig airson na cloinne gu bhi air a chumail an Steornabhagh troimh an fhoghar so tighinn, agus direach an diugh fhein nach fhaca mi anns a’ “Ghazettea thug am posta nuas gu bheil miar den Chomunn Ghaidhealach air a chur air chois ann an ceanna-bhaile ar n-eilean. Tha mi creidsinn gun cuir gach neach leis am bu mhath buaidh agus piseach a bhi air cor na Gaidhlig amen ris aghluasad riatanach a tha so, agus gu dearbhs e mo ghuidhe fhein gum bi buaidh agus piseach an cois saoithreach na muinntir a chuir an comunn so air chois. Faodaidh e bhi gun can moran gur h-e beairt gun fheum a tha ann gum biodh Mod Gaidhlig an Steornabhagh, an Leodhas, eilean a tha cho lan den Ghaidhlig agus a tha an t-ubh den bhiadh, agus nach dthuirt Murchadh aCheisteirs an oran gum biodh aGhaidhlig ann gus an traigheadh an Cuan-Siar, ni nach tachair ann ar latha-ne co dhiu. Ged a tha pailteas Gaidhlig an Leodhas, agus ged a tha sinn acreidsinn gum bi iomadh linn fhathast mum fas a guthfanns an eilean, cha chum sinn a aonar a beatha sultmhor feumail. Feadh an leth-


[167] chiad bliadhna chaidh thairis, ’s ann a bha dimeas agus taire air a dheanamh air canain ar tire. Cha robh guth oirre anns an sgoil a chionn gu robh tighearnan mora an fhoghluim an Lunnainn den bheachd gur h-ann a bha in a cnapstarra agusn a culaidh eis do chloinn na Gaidhealtachd ann a bhig ionnsachadh na Beurla Shasunnaich, agus le sin mar bu luaithe rachadh glas-ghuib oirre gu brath gur h-ann a bfhearr a bhiodh foghlum clann nan Gaidhealn an suilean-san. Bu chionta mhor e don chloinn a bhi labhairt na Gaidhlig am fochar an tigh-sgoile, agus is tric a dhioghail cuid aca le bhi deanamh di-chuimhne air an lagh ana-ceart sin. Air an aobhar sin an uair a bha achlann afas suas agus afagail achlachains an dfhuair iad an arach, cha robh feum air an talamh air a dheanamh den Ghaidhlig. Dhionnsaich iad bloighean de chaochladh chuspaireans an sgoil gun teagamh, agus bha moran aca gle acfhuinneach ann a bhi togail an eolais fhuadain sin, ach an deidhs gu leir cha robh e ach mar gum biodh tu dortadh làdach uisge air druim na tunnaig, direach a chionn agus nach robh an t-eolas sin air a dhaingneachadhn an inntinn anns aGhaidhlig, an canain air an robh iad eolach.

Taing don t-sealbh air son sin, tha car eile an adharc an daimh a nise. Tha foghlum na Gaidhlig ann ar sgoilean Gaidhealach, agus thall agus a bhos tha oidean-foghluim a tha dileas air a taobh agus dealasach fileanta ann a teagasg, agus


[168] ma bhios foighidinn againn chan fhada gus am faic sinn thall agus a bhos toradh an saoithreach fhein-aicheil. A dhaindeoin an adhartais sin tha moran obrach ri dheanamhn ar measg fhathast, mum bi cor ar canain ann an staid sheasmhachn ar tir, agus is ann an laimh miaran aChomuinn bu choir don obair sin a bhi gu mor aco-sheasamh.

Cha bhi adhartas ceart air aGhaidhlig a feasda gus am bi na parantan aig a bheil i ag gabhail beachd cubhaidh air achuis. Mar a thuirt mi cheana, bha iad anns an t-seann aimsir air an teagasg gu bhi sealltuinn sios air an canain mar ni nach bfhiu, anns nach robh feum air an talamh ach airson suirghe agus conaltradh na ceilidh, agus nacheil moran den spiorad sin eadhon an Steornabhagh fhein. Carson nacheil parantan Leodhais gu leir ateagasg an canain fhein don chloinn? Carson a gheibh sinn ciadan de oigridh Steornabhaigh an diugh, le cainnt nach Beurla gun teagamh ach cuthaigeadh de fhaclan Sasunnach air an togail air steidh na Gaidhlig gun a dhol riamh troimh shiolachan na fior Bheurla Shasunnaich? ’S e an t-aobhar, thoir leam, nach fhaca na parantan sin riamh an luach eideachail a than an canain fhein, a chionn agus nach deachaidh oidhirp riamh a dheanamh air suilean an inntinn fhosgladh gu na buadhan mora a tha fuaighte suasn an canain fhein fhaicinn. So achiad ni a dhfheumas miar aChomuinn Ghaidhealaich a


[169] ghabhail os laimh an Steornabhagh, spiorad uaill agus muirn a thaobh na Gaidhlig a ghintinn anns na parantan air chor agus gun tuig iad gur mor an dolaidh a tha iad adeanamh air an cloinn an uair a tha iad aglasadh orran an oige iuchair an eolais iongantaich agus bhuannachdail a tha litreachas agus ceol na Gaidhlig afoillseachadh dhoibh-san a tha comasach air dioghlums an achadh sin. An uair a ni na parantan an dleasdanas fhein anns achuis so, ginidh sin bàidh agus speis a thaobh na Gaidhlign an gineal, agus ni iad-san cuideachd an dichioll ann a bhi cumail suas bratach na Gaidhlig.

Tha moran de fhior Ghaidheil aig a bheil deagh dhurachd don canain a tha fuireach air falbh bho bhi cuideachadh le miaran aChomuinn a chionns gu bheil iad den bheachd gur h-e coinneamhan airson ceol agus dannsa agus aighear a tha annta, agus mar a tha fhios agaibh fhein, tha moran fhathastn ar tir a tha an aghaidh dannsa agus cridhealas den t-seorsa sin, aguss e duine gun cheill a dhfhiachadh rin iompachadh as abheachd sin, ach creidibh mise, chaneil cuid no gnothuch air an talamh aig aChomunn Ghaidhealach ri dannsa. ’S ann a chuireadh an Comunn air chois airson adhartas a thoirt air litreachas, eachdraidh, agus ceol na Gaidhlig le bhi cumail choinneamhan aig am bi oraidean agus deasboireachd agus conaltradh mu chuisean a bhuineas do na Gaidheil agus an tir, agus cha dfhiach miar


[170] sam bith den Chomunn ho-ro ghealladh mur h-eil anns na coinneamhan aige ach ball-dannsachaneil e dileas air chor sam bith don aobhar airson an do chuireadh e air iomairt. Tha mi creidsinn gu robh cus dannsa aig moran de Mhiaran aChomuinn an iomadh aite aguss e sin a chuir giorra shaoghail air cuid aca, ach mar is fhearr a chumas gach miar ris na riaghailtean bhon do thogadh e, ’s ann is dilse bhios an obair airson na Gaidhlig, agus ri tide bheir e buaidh.

Mise, le meas,

ALASDAIR MOR.

titleI
internal date1932.0
display date1917-32
publication date1932
level
reference template

Litrichean Alasdair Mhoir %p

parent textMod Steornabhaigh
<< please select a word
<< please select a page