MOD STEORNABHAIGH—III.
A CHARAID CHOIR,
Thuirt mi an toiseach mo chunntais air iomairt a’ Chomuinn Ghaidhealaich gur h-e a’ chiad ni bu chòir a bhi aig gach ball de’n Chomunn anns an amharc, a bhi fiachainn ri spiorad muirn agus tlachd a thaobh na Gaidhlig a ghintinn anns na Gaidheil. Chan’eil mi smaoineachadh gu bheil moran feuma ann a bhi slachdadaich ris na seann daoine. ’S fhada bho rinn moran aca-san suas an inntinn nach robh ann ach diomhanas agus mealladh a bhi gabhail tlachd ann am bardachd agus ceol ar teanga. Na broin bhochda, ’s mise nach’eil a’ cur coire air an talamh orra. De th’ ann ach rud a chaidh a theagasg dhoibh anns na cubaidean Gaidhealach bho chionn leth-chiad bliadhna na corr, agus cha robh barrachd muinighin riamh aig Caitliceach ann am Pàp na Roimhe na bha aca-san anns na daoine theagaisg sin dhoibh—ach nach’eil a bhuil. ’S ann mar sin ri oigridh ar Gaidhealtachd a dh’ fheumas ar suil a bhi anns a’ chuis so. Cha chuala iad-san na teagasgan groda sin riamh, agus taing do’n fhreasdal nach cuala, agus do bhrigh sin, ma theid an stiuireadh gu ceart am feadh agus a tha iad og, agus ma sheallar dhoibh gu bheil luach agus brigh an canain an athraichean, chan’eil eagal sam bith nach eirich iad sin suas le spiorad agus cridhe nam
Tha greis bhliadhnachan bho’n fhuaradh a mach a nise nach’eil meadhon idir ann a tha cho eifeachdach airson leas na Gaidhlig, ris na Moid bheaga sgireachdail, agus gu h-araidh Moid na Cloinne, agus gu dearbh ’s math a’ bheairt a tha Comunn Gaidhealach Steornabhaigh a’ deanamh an uair a tha iad a’ cur Moid mar so air luim ’s an fhoghar so tighinn, agus tha Steornabhagh freagarrach deiseil anns gach doigh airson gu’n cruinnicheadh clann as gach sgoil an Leodhas, agus as an h-Earadh cuideachd, ann aig an am ud. Tha mi-fhein a’ smaoineachadh gu’m bu chòir do gach sgoil ’s an eilean cothrom air a’ chothrom a ghabhail airson cuid de’n chloinn co dhiu ullachadh airson pairt a ghabhail ann an co-fharpaisean a’ Mhoid ud. Gun teagamh bi beagan saoithreach, a’ bharrachd ri ghabhail riu ach ’s fhiach an t-aobhar sin, agus cuiridh a’ chlann luach air gach oilean mar sin an uair a dh’ fhasas iad suas, agus a chi iad cho feumail agus a tha e dhoibh gu bheil eolas litreachail aca araon air Gaidhlig agus Beurla. Agus nach’eil moran de’n ullachadh fheumail aig a’ mhor-chuid de’n chloinn mar tha. Tha rogha na Gaidhlig ’n an ceann; tha moran aca comasach air Gaidhlig a leughadh cheana agus beagan diubh comasach air a sgriobhadh, agus creididh mi nach’eil sgoil ann an Leodhas anns nach’eil beagan
Mar is trice tha co-fharpaisean Moid na Cloinne ’n an da earrainn, ’s e sin co-fharpaisean litreachail airson na cloinne aig a bheil beagan eolais air litreachadh agus sgriobhadh na Gaidhlig, agus ’n a mo bheachd fhein ’s iad is luachmhoire a thaobh leas na Gaidhlig na na co-fharpaisean ciuil. Chan’eil taobh a theid thu, tuath no deas, ’s an Roinn-Eorpa agus an duthchannan cein, nach fhaigh thu gu leor a sheinneas oran Gaidhlig, ged a b’ ann coltach ri pitheid a bhiodh an oidhirp. Tha leithid de thaladh ann an ceol na Gaidhlig ’s nach’eil eagal idir orm gu’n teid e gu cul gu brath fhad ’s a bhios daoine ann aig a bheil cluas-chiuil, ach ’s e ar cuid-ne ar n-aghaidh a chur air cobhair agus misneach a thoirt dhoibh san a tha comasach air ar canain a sgriobhadh; sin an fheadhainn a chuireas airde agus maise oirre agus a chumas a ceann air uachdar an uair nach bi sgiala oirnn-ne ’s an t-saoghal so. Tha iomadh seorsa co-fharpais litreachail a bhithear a’ suidheachadh airson Moid na Cloinne, mar a tha sgriobhadh litreach air cuspair Gaidhealach, mar a tha “feasgar ag iasgach no a’ creagach”; “buain na mònadh”; “an airigh”; “buachailleachd a’ chruidh”; “cleasan a bhios clann Leodhais a’ cluich”; ‘mo chiad chuairt do Steornabhagh,’ agus
Mise agaibh,
ALASDAIR MOR.
title | III |
internal date | 1932.0 |
display date | 1917-32 |
publication date | 1932 |
level | |
reference template | Litrichean Alasdair Mhoir %p |
parent text | Mod Steornabhaigh |