[179]

MOD STEORNABHAIGHIV.

FHIR MO CHRIDHE,

’S ann a bha Sine ag radh rium an diugh gum biodh miar aChomuinn Ghaidhealaich an Steornabhagh agabhail diombaidh rium airson a bhi cur, mar gum beadh, an dleasdanas rompa, an litir Bhearnaraidh, ach ged is e sin am beachd aice-se, tha fhios agam nach ann mar sin idir a ghabhas buill aChomuinn ud ris na beachdan a bha mi cur mun coinneamh. Cha mhisde


[180] sinn idir a bhi bruidheann agus asgriobhadh agus adeasbud mu leas ar canain am measg muinntir Steornabhaigh a chionn gun deachaidh amhor-chuid aca àrach air aGhaidhlig, agus an uair a chuidich sin le tur agus suspainn an inntinn ann an gabhail ri ionnsachadh na Beurla, thug e dhoibh an comas deas-labhairt a tha aca. ’S fhada bho rinneadh dearbhta dhuinn le luchd an fhoghluim nacheil Gaidheal air an talamh cho dealasach air labhairt na Beurla ri neach a thogadh air aGhaidhlig bho thus, agus ciamar mar sin a ghabhas daoine orra radh gu bheil aGhaidhlig acumail air ais muinntir a tha airson faighinn air adhart anns an t-saoghal. Mullach an aineolais, a charaid, agus na creid facal dheth air do bheatha. Co chreideadh rud a chanadh duine aineolach co dhiu.

Tha mi mar sin ro thoilichte thuigsinn gu bheil fiughair aig Comunn Gaidhealach Steornabhaigh ri coinneamhan a bhi aca troimhn gheamhradh. So an ni a chuireas surd air luchd na Gaidhlig, agus cuiridh mise geall mum bi aon gheamhradh seachad, gum bi oraidean Gaidhlig ro dhealasach agus fior bhlasda ri an cluinntinn aig na coinneamhan sin. De an seorsa choinneamhan a bhios, na bu chòir a bhi, aig miaran aChomuinn Ghaidhealaich? Thuirt mi cheana nach dean ball-dannsa no oran thall agus a bhos am measg na cuideachd, moran feuma airson cuis na Gaidhlig, agus leughaidh am fear a ruitheas sin. ’S e a ni


[181] feum oraidean a bhi air an leughadh mu chuisean Gaidhealach le daoine tuigseach agus sin uile an Gaidhlig. Chaneil creideamh sam bith agam fhein anns na h-oraidean ud mu nithean Gaidhealach air an labhairt an canain choimhich. Gun teagamh canaidh feadhainn ma bhios paipearan Beurla air an leughadh aig coinneamhan aChomuinn gun talaidh sin muinntir aig a bheil tlachd de nithean Gaidhealach ach nach tuig aGhaidhlig. Chaneil mi cho cinnteach, agus air achuid is fhearr, chaneil an sin achan t-ainm gun an tairbh,” mar a thuirt an sean-fhacal, agus am baile cho lan Gaidhlig ri Steornabhagh, chaneil aobhar sam bith air a leithid. Tha gu leorn ar measg de Ghaidheil leth Ghallda leis an toigh a bhi cur suas an fheilidh agus asuidhe anns na cathraichean is airde aig coinneamhan Gaidhlig, ach mur a teid iad gu barrachd de chosguis na sin airson greim fhaighinn air achanain air an son fhein, cha dfhiach iad am foighneachd air an rathad mhor, a chionn agus nach do sheall iad iad fhein airidh air a bhig an iasgach air doigh sam bith. Cha toir an saoghal geill dhuinn gu bràth ann ar stri airson na Gaidhlig gus an cum sinn fhein air uachdar i le bhig a labhairt ri càch a cheiles ri ar teaghlaichean agus aig gach coinneamh agus Mod a tha a chum leas ar canain. ’S iomadh neach a chaidh gu Mod bliadhnail aChomuinn Ghaidhealaich an duil ri Gaidhlig agus Gaidhlign a h-aonar a chluinntinn bhon luchd-labhairt, ach thainig iad dhachaidh
[182] le mealladh-duile agus sprochd agus chan ann aig aon duine chuala mi an ealain sin. Chan e cion idir nacheil gu leor de luchd Gaidhlig deas bhriathrach am measg luchd driachd aChomuinn, ach direach gur fearr leotha Bheurla. ’S e mo bheachd nach bi e idir doirbh luchd-oraid Ghaidhlig fhaighinn eadar Steornabhagh agus sgirean eile an eilein. Chaneil air obair sam bith ach toiseach toiseachaidh a dheanamhn a thrath. Tha raon mor againn airson chuspairean labhairt am measg bardachd, litreachas, bial aithris, agus eachdraidh na Gaidhlig, agus chaneil ni is fhearr a dhfhosglas suas inntinnean nan Gaidheal na bhi meorachadh air nithean a bhuineas don tir agus don teanga, agus tha moran de fheum nan coinneamhan ud aco-sheasamh ann an deasboireachd a bhios aleantuinn leughaidh aphaipeir— ’s e sin a tha toirt dealais do dhaoine ann a bhi bruidheann na Gaidhlig gu follaiseach. ’S annn uair a dheireas neach aig coinneamh mar sin agus a thoisicheas e air labhairts aGhaidhlig a chi e cho duilichs a bhios e dha gun fhacal Beurla an drasdas a ris a chur am meadhon achanain fhein, leis an droch cleachdadh a rinn Gaidheil an lathan diugh dhoibh fhein ann a bhi sealltuinn gu bheil pronnasg luideach de Bheurla Shasuinn aca. Chaidh nighean og as aGhaidhealtachd uair a bha sud do Ghlaschu airson leth bhliadhna agus an uair a thainig i dhachaidh aig Feill Ghlaschu, so mar a chuir i failt air a seanamhair bhochd a bhag a coinneachadh, “Tha mo cho unanimously glad
[183] gu bheil sibh acumail cho fresh, grannie.” Mar a thuirt an sean-fhacal, “an uair a bhios sinn ri maorach, biodh sinn ri maorach.”

Mise, le meas,

ALASDAIR MOR.

titleIV
internal date1932.0
display date1917-32
publication date1932
level
reference template

Litrichean Alasdair Mhoir %p

parent textMod Steornabhaigh
<< please select a word
<< please select a page