MOD STEORNABHAIGH—V.
MO CHARAID IONMHUINN,
Tha mi smaoineachadh gu’n do dhearbh mi anns na litrichean a chaidh air thoiseach air an te so, cho feumail agus a tha e gu’n cuireadh gach duine an Leodhas leis an ionmhuinn a chanain, aghaidh air taice agus misneach a thoirt do mhiar a’ Chomuinn Ghaidhealaich an Steornabhagh. An uair a smaoinicheas neach air gach oidhirp dhurachdach airson leas na Gaidhlig a tha air an cleachdadh am measg chloinne na mor-thir aig nach’eil Gaidhlig idir, cuiridh a’ chuis sin duine gu mor smaoin. Tha e soirbh gu leor ri tide oran no dha Gaidhlig ionnsachadh do chlann sam bith co dhiu tha Gaidhlig aca gus nach’eil, ach an deidh ’s gu leir, a bheil moran feuma anns an t-saothair sin. Nach e gle bheag de’n chloinn sin a theid gu dichioll sam bith airson comas fhaotainn air a’ Ghaidhlig a labhairt gu fileanta. Tha
Bha mi-fhein agus Sine a’ leughadh le tlachd mor an oraid a thug an t-Urr. Coinneach Camshron, a Steornabhagh, aig fosgladh Ard-Sheanaidh na h-Eaglaise Saoire, an Dun-eideann. Bha e tighinn air agartasan an latha ’s a bheil sinn beo, mar a tha’n saoghal mar gu’m b’ eadh air clach an turramain, gun fhios aig an latha ’n diugh gu de bheir am maireach mu’n cuairt. Ach ged a chuir e an dealbh aognaidh sin air thoiseach, bha gathan soluis agus misnich ’n a oraid ann a bhi togail aire a luchd eisdeachd ri Slanuighear an t-saoghail a tha faicinn gach beud an aoraibh chlann nan daoine, agus a bheir a reir a ruintean
Mise, le muirn,
ALASDAIR MOR.
title | V |
internal date | 1932.0 |
display date | 1917-32 |
publication date | 1932 |
level | |
reference template | Litrichean Alasdair Mhoir %p |
parent text | Mod Steornabhaigh |