[191]

CALUM CILLEII.

FHIR MO CHRIDHE,

Bha Calum Cille mar sin air a chur air leth airson na h-eaglais, agus an deidh dha Cruithneachan an sagart fhagail, chaidh e gu Dun-Phadruig do sgoil shagartachd a chuireadh air chois leis an Naomh Fionnan an 540 A.D. , agus an sin rinneadh deacon dheth. An deidh sin bha e ag ionnsachadh aig casan Ghemman, aosdana na Laighean, agus is ann an uair a bha e fo churam an oide-fhoghluim ud a chuir e mor-uidh ann an seann bhardachd agus bial aithris na h-Eireann, agus tha cunntas na seann eachdraidh aige afoillseachadh nach do dhealaich a mhiann air bardachd a dhuthcha ris fhadas bu bheo e. ’S ann an uair a bha es an sgoil so a bha e deanamh mion-chnuasachadh air bardachd na h-Eireann, agus tha na h-uile coltas air gum bu bhard mor e fhein, agus gu robh en a latha air aireamh am measg nan Ollamh. Tha cunntas air gun do chuir e ri cheile co dhiu tri laoidhean Laidinn le roimh-radh an Gaidhlig, agus an Laidionn air thoiseach gach aon diubh. A bharrachd orra sin tha moran de laoidhean an Gaidhlig Eirionnach fo a ainm. Tha an Dr Reeves atoirt cunntais air ceithir dhiubh: “Comhradh eadar Calum Cille agus Cormac an eilean I”; “Dan Chaluim Chille an uair a thainig Cormac a shealltuinn air as a


[192] dhuthaich fhein”; “Oran Chaluim Chille,” aig an ams an dfhag e Doire airson na h-uair mu dheireadh. Bhon oide Gemman chaidh Calum Cille gu sgoil nam manach an Cluanard, sgoil a chuireadh air chois leis an Abba Fionnan. Air achiad latha thainig Calum don sgoil so, dhfhoighneachd e don Abba cait an cuireadh e suas a phailliun. “Aig dorus na h-eaglais,” arsa Fionnan. Thog Calum a phailliunn beagan shlatan air falbh bhon eaglais. “Cha drinn thu mar dhiarr mi ort,” arsa Fionnan. “Cha drinn gun teagamh,” arsa Calum Cille, “ach an deidh so sud far am bi an dorus.” Mar a thuirt an naomh bfhior: an uair a dhfhas an tigh-mhanach ud mor agus a chuireadh iomadh leasachadh ris an togail, sud direach far an robh an dorus. ’S ann an uair a bha Calum Cille an Cluanard a phosadh e ri driachd na sagartachd leis an Easbuig Etchen, agus an deidh sin chaidh e fhein agus triuir de chompanaich gu Glasnibhein faisg air Baile-Cliath, far an do chuir an Naomh Mobhi sgoil-mhanach air chois. Bha an sgoil aig an am ud duinte chionn gu robh plaigh mharbhtachs an aite, agus le sin chaidh Calum Cille agus a chompanaich air ais gu Ullaidh aguidhe gun tigeadh stad air aphlaigh. Ann a 545 A.D. chuir Calum Cille suas tigh-mhanach an Doire, no Doire Calgaich, mar a tha ainm an aite ud air fhoillseachadh ann an seann sgriobhaidhean. Thug a dhilsean còir dha air an daingneach air an do thogadh amhanistear, agus an sin thog Calum a
[193] chiad eaglais, mu astar latha bho bheanntan oige, agus sealladh boidheach bho a dorus air amhuir ud air an robh e an dan dha an deidh laimhe seoladh airson soisgeil na reite sheirm an eilean I. Fad linntinn be Doire Chaluim Chille an t-ainm a thugadh air an aite ud mar chuimhneachan air an naomh ud. Chaidh am baile chiosnachadh le Sasuinns abhliadhna 1689, agus bhon uair sin than t-ainm Sasunnach, Londonderry, air, agus tha mi creidsinn gur h-e sin an t-ainm air an eolaiche moran againn. Am feadh a bha an Naomh Calum an Doire, bha e togarrach air cuairt a thoirt don Roimh agus do Ierusalem, agus tha cunntas an Gaidhlig Eirionnach ag radh gun deachaidh e gu Tor-innis (Tours) an Naomh Martuinns an Fhraing, agus gun tug e leis as a sin leth-bhreac de na Sgriobtuireaan Naomha bhan a laighe airson ciad bliadhna air broilleach na ciste bhair an Naomh ud, agus gun dfhag e an leabhar sin an Doire.

Eadar 547 agus 562 A.D. bhonntaich Calum Cille corr agus ciad eaglais agus sgoil-mhanach. Be eaglais Doire Magh an aon a bainmeile chuir e air chois, agus tha seann eachdraidh acur an ceill gur h-e a sgriobhleabhar Doire Maghan uair a bha en a mhanachs an eaglais. Anns an leabhar so tha na soisgeulan air an sgriobhadh an Laidionn, agus chithear an leabhar an diugh ann an Colaiste na Trianaid am Baile-Cliath. ’S e Calum Cille a chuir air chois mainistear nan Ceallan am Midhe cuideachd, aguss ann air


[194] an togail sin a tha an leabhar lamh-sgriobhte (M.S. S.) ro ainmeil ris an canarLeabhar nan Ceallanair ainmeachadh. ’S e obair sgriobhaidh iongantach a tha air an leabhar so bho thoiseach gu dheireadh. Tha dealbhadh iongantach air na litrichean, cuid dhiubh a tha cho beag agus gu feumar gloinne chumhachdach a chur riutha mun deanar a mach iad. Tha e sealltuinn dhuinn na saothrach iongantaich a bha na manaich ud agabhail ri ni sam bith ris an cuireadh iad an lamh, agus mar a bha iad cho deidheil air gum biodh obair fhein-aicheil air fhagail as an deidh mar chuimhneachan orra.

Ach an deidhs gu leir cha bann am measg a shluaigh fhein a bha e an dan do Chalum Cille mor shaothair a bheatha fhoillseachadh, ach am measg dhaoine coirbte a bhan an suidhe fo bhraighdeanas nan draoidhean a chuartaich iad le saobh-chreideamh air gach taobh. Be an sluagh so Cruithnich Albann aig an robh an comhnuidh tuath air na Garbh-chriochan, ’s aphairt de Albann ris an canar gu coitchionn aGhaidhealtachd an diugh. Chaneil e idir soirbh an diugh cinnt fhaighinn air an fhior aobhar airson an dfhag an Naomh Calum Eireann, a dhuthaich fhein ris an robh e riamh cho ceangailte le bannan graidh air gach taobh, agus shaoileadh neachs dochas an dol seachad gum bfhearr leis fuireach am measg nan eolach agus na h-eaglaisean a chuir e suas a neartachadh bho am gu am le a lathaireachd


[195] agus a chomhairle thoirt dhoibh. Ach nach cinnteach nach briagnaichear an sean fhacal a thag radh, nacheil urram aig faidhn a thir fhein, ach ged bu naomh Calum Cille, ’s cinnteach gu robh e air uairibh afaireachadh nach burrainn dha moran de oibribh mora dheanamh anns na cearnaidhean sin de a dhuthaich do bhrigh ascreideamh an t-sluaigh.

Mise le muirn,

ALASDAIR MOR.

titleII
internal date1932.0
display date1917-32
publication date1932
level
reference template

Litrichean Alasdair Mhoir %p

parent textCalum Cille
<< please select a word
<< please select a page