CALUM CILLE—III.
A CHARAID,
Tha seann aithrisean a’ toirt dhuinn beagan cunntais air na h-aobharan a thug air an Naomh Calum Cille Eireann fhagail agus aghaidh a chur air Albainn. Tha e coltach gu robh easaonachd eadar e fhein agus Diarmad mu dhluth charaid do ’n Naomh Calum do’m ainm am Prionnsa Curnan. Dh’iarr am prionnsa so fasgadh air Diarmad agus e ruith bho’n luchd-torachd an deidh dha companach araidh a mharbhadh le aimlisg aig gleachd-chluich a bha an Teamhair, agus an aite cobhair agus tearnadh fhaighinn bho’n righ ud ’s ann a chaidh a mharbhadh. Tha
An uair nach do chord iad mu’n chuis, thugadh an ni air bialamh an righ airson an ceartas a sgoltadh. So a’ bhreith a thug Diarmad a mach, “Mar is le bó a laogh is leis an leabhar a leabhran,” agus chaill an Naomh Calum na claran luachmhor ris an do ghabh e a leithid de shaothair “Is breith ana-ceart so, a Dhiarmid, ach togaidh mise an torachd,” arsa Calum. Tha iad deanamh a mach gu’m b’ e sud an leabhar Shalm ris an canadh iad an “Cathach,” leabhar a bha ro luachmhor aig Clann Domhnuill corr agus mile bliadhna. Bhiodh iad ’g a ghiulan air thoiseach gach catha mar shuaicheantas
’S ann an 563 A.D. a sheol an Naomh Calum Cille agus a dhusan companach bho Dhoire Chalgaich gu Albainn. Chaidh na curraichean craicinn a chur an ordugh airson ràcadh nan tonn gu duthaich an ain-eol. Thainig na manaich dhiadhaidh ’n an lan thrusgan gu cladach airson am faicinn air falbh air an aiseag, agus air do’n Naomh Calum agus a chompanaich soraidh a leigeil leotha, thug an Naomh am bachull aige do Chormac a bha gabhail aite mar Abba Dhoire. Am measg urnuighean durachdach agus deoir a’ chianalais, sheol na manaich a mach an loch agus an uine ghoirid chaidh na curraichean astarach a fianuis, agus bheireadh an sealladh tiamhaidh ud an cuimhne neach an grunnan muladach a bha air cladach Ephesus a’ faicinn an abstoil Phoil do’n luing agus iad uile fo ghruaim agus fios aca nach fhaiceadh iad aghaidh tuilleadh. Tha caochladh chunntasan againn air aiseag nam manach ud gu Albhainn. Tha cuid ag radh gu’n deachaidh iad air tir aig Maoil Chinntire, ach an uair a thog an Naomh Calum a shuilean gu deas gu fac’ e Eireann air taobh thall a’ chuain, agus gu’n do bhuail an cianalas air ball e, agus gu’m b’ fheudar dhoibh seoladh na b’ fhaide gu tuath. Chaidh iad an sin air tir an eilean Cholosa, ach an uair a thog Calum a shuilean gu deas an sin chunnaic e Eireann a
Cha do stad iad gus an d’ rainig iad Eilean I, agus chaidh iad air tir an sin ann am Port nan Currach a tha air ainmeachadh orra gus an latha ’n diugh. An uair a thog an Naomh a shuilean gu deas air mullach a’ chnuic a b’ airde ’s an eilean, cha robh sealladh air Eireann agus dh’ aithnich e gu’m b’e sud an t-aite ’s an robh am fion-lios aige gu bhi air a shuidheachadh. Thugadh “Carn Cùl ri Eirinn” mar ainm air a’ chnoc so, agus loisg na manaich an curraichean airson nach biodh doigh aca air a dhol air ais bho’n obair airson an do ghairmeadh iad.
Mise, le meas,
ALASDAIR MOR.
title | III |
internal date | 1932.0 |
display date | 1917-32 |
publication date | 1932 |
level | |
reference template | Litrichean Alasdair Mhoir %p |
parent text | Calum Cille |