CALUM CILLE—IV.
FHIR IONMHUINN,
’S e eilean I no I Chaluim Chille aon de eileanan nan Innse-Gall. Tha e mu thri mile gu leth air fad agus mile gu leth air liad, agus tha caolais cumhag eadar e agus an Ros Muileach.
Anns an leabhar a sgriobh an t-Abba Adhamhnan mu eachdraidh Chaluim Chille, ’s e Iona an t-ainm a tha air an eilean, agus ann an sgriobhaidhean Bhede gheibhear e fo ’n ainm Hy agus Hii, agus ann an seann sgriobhaidhean Eirionnach, thugadh Hi no I air, agus tha ’n cruth Ia air an ainm cuideachd mar anns na faclan, “muinntir Ia.” Tha cuid a’ deanamh a mach gu ’n d’ rinn seann sgriobhaiche iomrall ann a bhi cur sios an ainm Ioua mar Iona, agus gur h-ann mar sin a thainig an t-ainm Iona gu bhi leantuinn ris an eilean. Air an aon doigh ’s e Hebudae an t-ainm a thug Ptolemy air na h-Innse Gall, agus troimh iomrall sgriobhaidh thugadh “Hebrides,” orra an deidh laimhe. Chan’eil moran eachdraidh air an eilean gus an do sheol freasdal caomh Dhe an Naomh Calum ’g a ionnsuidh ’s a’ bhliadhna 563, gu bhi cur an ceill soisgeul Chriosda do Chruithnich Albann. Bha eilean I aig an am ’s an d’ thainig an Naomh Calum air aiteachadh leis na Cruithnich. ’S ann le Connal righ na h-Eireann a bha an t-eilean. Bha an righ ud ’n a dhluth charaid do’n Naomh Calum, agus thug esan dha còrr air an eilean bho cheann gu ceann airson fheum fhein a dheanamh dheth ann a bhi cur suas eaglais agus mainistir. Bha na Cruithnich aig an am ud fo ughdarras agus bho riaghladh nan Draoidhean aig an robh a’ facal mu dheireadh anns gach cuis riaghlaidh, araon spioradail agus aimsireil. B’ iad ’n an latha fhein na sagartan na baird, agus an luchd-lagha, agus cha robh dhol as aig aon
Fhuair an Naomh Calum iomadh dealas air eilean I airson obair a chur air adhart. Bha e a fradharc Eirinn, air an taobh an ear dheth bha caolas a’ cur fasgaidh air bho ghaothan fuara. Bha e ’n a eilean torrach a bheireadh gu leor de bharr airson duine agus ainmhidh. Tha an t-eilean gun teagamh creagach, le a chnamhan gu tric a’ nochdadh a mach troimh a chraicionn talmhaidh. Ach a dh’ aindeoin sin chunnaic an Naomh Calum gu robh a’ fiar ann math agus torrach, agus faisg air Carn Cùl ri Eireann dhearc e air a’ Mhachair bhoidhich lan de lusan de iomadh gne a bha cur faileadh cubhraidh air sgeith gach osaig fhann a sheideadh thairis oirre. Bha an taobh an ear fasgach le talamh a bha anns gach
Mise, le muirn,
ALASDAIR MOR.
title | IV |
internal date | 1932.0 |
display date | 1917-32 |
publication date | 1932 |
level | |
reference template | Litrichean Alasdair Mhoir %p |
parent text | Calum Cille |