[203]

CALUM CILLEV.

FHIR MO CHRIDHE,

An deidh don Naomh Calum còir mar so fhaighinn air eilean I gu leir fo Chonnal righ Eirinn, faodaidh sinn a thuigsinn nach drinn e moran dàlach ann a bhi deanamh toiseach toiseachaidh leis an obair a ghabh e os laimh. Chuir e fhein agus na manaich cuairt air an eilean ceithir thimchioll, agus fhuair iad dearbhadh air gach bad den eilean a bha freagarrach airson àitich agus fiarach chruidh, comhla ri eolas fhaighinn air na h-aiteachan anns an robh eirigh uisge airson tobraichean a chladhach. Rinn iad roghainn den leathad a thair taobh an ear an eilean mu choinneamh Mhuile airson an eaglais


[204] agus am mainistear a thogail. ’S e togail na h-eaglais achiad ni ris an do chuir iad an lamh; bha iad airson gum biodh tigh Dhe aca deiseil mun cuireadh iad lamh ann am fardaich sam bith a chur suas air an son fhein. Than t-Abba Adhamhnan ag innse dhuinn gur h-e eaglais bheag a bha innte, air a togail de fhiodh agus meanglain chraobhan air an suaineadh mu cheile, agus criadh air a liachdradh air na ballaichean a muigh agus a stigh airson gaoth agus uisge chumail a muigh. Bha an t-urlar de chriadh, agus chaneil cunntas air gu robh aon suidheachan innte. ’S eDuirthechnoDairthecham facal a thas aGhaidhlig Eirionnach air aleithid so de eaglais, agus tha am facal atighinn fodairaciallachadh darach, agusteachaciallachadh tigh, ’s e sin tigh daraich. Faisg air an eaglais bha an erdam, no tigh an t-sagairt, am pronntigh, no an seomar bidhe, an coitcheann, no an citsean. Bha muileann aca airson mileadh aghràin, buaile no bàthach airson achruidh, agus sabhull airson tasgaidh torraidh an eilein. Bha tigh air leth aig an Abba, agus an tigh-aoidheadh faisg air airson fasgaidh a thoirt do luchd-aoidheachd. Bha cill no seomar beag aig gach manach dha fhein far am biodh e sgriobhadh agus ameorachadh, ag urnuigh agus atrasgadh. ’S e urlar cloiche bha anns gach cill, agus air an urlar chruaidh so bha na manaich dhiadhaidh ud acadal gun dad mun cuairt orra ach seiche fodhpa agus os an cionn agus cluasag chruaidh chloiche fo an ceann. Chan ann
[205] airson an fheoil a thoileachadh a thainig an Naomh Calum agus a chuideachd gu eilean I, agus nacheil sinne aig an lathan diugh amealtuinn toraidhean an fhein-aicheidh a rinn iad-san orra fhein air sgath soisgeil Chriosda. Timchioll air na togalaichean so uile dhainmich mi bha daingneach, no balla tiugh ard de chloich agus uir, agus geatachan no catha-chliathan far an robh feum orra. Sin, ma tha, nadur de dhealbh air abhad sin den eilean naomh ud anns an do thoisich Calum Cille agus a chuideachd air cur an ceill an t-soisgeil do Chruithnich Albann.

Cha bann an aon latha idir a chaidh Cruithnich I iompachadh gu gabhail ris achreidimh Chriosduidh. Eadhon anns an latha bha sud, bha ar sinnsir gle fhuaighte ri teagasg nan athraichean, agus bha an teachdaireachd shimplidh aig na manaich cho tur eadar-dhealaichte ris na saobh-chrabhaidhean a bha na Draoidhean ateagasg fad linntean, ’s nach robh e soirbh dhoibh dealachadh riutha, agus eadhon an deidh dhoibh gabhail ri soisgeul Chaluim Chille, bha moran de fhriamhan an t-saobh chrabhaidh Dhruidhnich aleantuinn riu, agus lean sin sios fad iomadh linnn ar tir agus chaneil fhios agam a bheil sinn cuibhteass iad uile fhathast. Bha na manaich mar dhaoine tuigseach afaicinn tre chreidimh gum buadhaicheadh an deagh sgeul ri uine, agus mar sin cha do chaill iad idir am misneach anns an obair a chuir iad rompa, agus fhuair iad mu dheireadh an


[206] luach-saoithreach ann a bhi faicinn an atharrachaidh a thainig air caithe-beatha muinntir I ann an cois searmonachaidh an t-soisgeil. Theagaisg iad, dhearailich iad, agus chum iad dluth ri Dia an urnuigh. Bha iadn an cairdean agusn an luchd-iuil do gach neach, agus ri tide chuir an sluagh borb ud muinghin annta a thaobh an dilseachd dhoibh. Cha robh uair de thamh aca. Bha iad ag àiteachs acur agus abuain agus abuachailleachd nan treudan. Bha uairean araidh den latha air an cur air leth airson urnuigh, meorachaidh agus leughaidh, aguss an latha bha sud an uair nach robh maighstir-sgoile air gach cnoc mar a tha iad an diugh, ’s iadsann an aonar a chum beo lochran an fhoghluim le bhi sgriobhadh le laimh ghleusta na leabhraichean ud a tha an diughn an ionghnadh le foghlumaichean an domhain gu leir airson an snas agus an grinneas a chuir iad air an obair ud. ’S ann aca-san gun teagamh a thoisich am foghlum a than diugh air achraobh-sgaoileadhn ar tir, agus coltach ris gach ni oirdhearc eile tha sinn amealtuinn an diugh, nach ann an luib achreidimh Chriosduidh a thainig iad dor n-ionnsuidh.

Mise, gu dileas,

ALASDAIR MOR.

titleV
internal date1932.0
display date1917-32
publication date1932
level
reference template

Litrichean Alasdair Mhoir %p

parent textCalum Cille
<< please select a word
<< please select a page