[207] CALUM CILLE—VI.
FHIR MO CHRIDHE,
Ged is ann an I a thoisich an Naomh Calum agus na manaich a bha comhla ris air searmonachadh an t-soisgeil, feumaidh sinn a thuigsinn nach b’ e an t-eilean sin idir an ceann-uidhe ann a bhi foillseachadh an deagh sgeil. Thog iad sgothan laidir agus air dhoibh Cruithnich Ia iompachadh, thog iad orra gu sal gu na h-eileanan mu ’n cuairt cho math ri mor-thir Albann. Fhuair an Naomh Calum eilean Thir-iodhe ’n a thiodhlac bho ’n chrun agus faodaidh sinn mar sinn a chreidsinn gu ’n cuala na Tirisdich an soisgeul gle ghoirid an deidh do mhuinntir Ia bhi air gabhail ris a’ chreideamh sin. Bha eilean Thir-iodhe, no Ethica Terra, mar a tha Adhamhnan ’g a ainmeachadh, ’n a eilean torrach eadhon an uair sin, agus ’s ann bho na h-achaidhean sughmhor aige bha na manaich a’ faighinn moran de mhin na bliadhna. Tha Tir-iodhe a’ ciallachadh tir an eorna, “tir mo chridhe, tir an eorna,” mar a their na Tirisdich uime, agus dleasaidh e an t-ainm sin gus an latha ’n diugh. Bha caolas Ia an uair sin ainmeil airson leobagan mora, agus bha na manaich gu tric ’g an iasgach, agus b’ e an t-iasg ur ud roinn de ’m beathachadh gu h-araidh aig am a’ Charghuis an uair a bha feoil air a toirmeasg air laithean trasgaidh. Bha na sgeirean mu’n cuairt air an eilean lan roin, agus ’s e an ola
[208] aca bha na manaich a losgadh anns na cruisgeinean troimh na h-
oidhcheanan fada geamhraidh an uair a bha iad a’
sgriobhadh le dealas na leabhraichean iongantach sin a tha an lathair gus an latha ’
n diugh mar chomharradh air am mor shaothair.
Leis na sgothan laidir aca thug iad iomadh cuairt troimh Ghaidhealtachd na h-Albann. Bha iad ’n am maraichean seolta cruadalach; bha an creideamh ’n an obair cho laidir agus nach robh stoirm no gaoth no fairge bheucach a chumadh iad air ais bho ’n ghniomh air an robh an inntinn socruichte. ’S gann is urrainn sinne an diugh eadhon dealbh fhein a dheanamh air na diachainnean mora a dh’ fhuiling iad a’ siubhal air muir agus tir ann ar Gaidhealtachd fhiadhaich gun chombaiste gun chairt-iuil air bord nan sgothan, agus gun rathad-mor na frith-rathad no goireas air an talamh air tir, a’ siubhal troimh dhuthaich air nach robh iad eolach. Ach chum freasdal cairt-iuil riutha agus dhion agus ghleidh Esan iad troimh gach cruaidh-chas troimh ’n deachaidh iad agus dh’ iomair buaidh dhoibh mu dheireadh. Chan’eil cunntas an diugh air moran de na cuairtean fada rinn iad air feadh na Gaidhealtachd, ach tha aon turus air an deachaidh iad nach fheum sinn a dhith-chuimhneachadh, agus ’s e sin an cuairt gu caisteal Bhrude, righ nan Cruithneach, aig an robh a dhaingneach faisg air baile Inbhir-nis. Chan’eil dearbhadh ro dhaingean air
[209] a’
cheart bhad ’
s an robh an luchairt aig Brude.
Tha cuid a’
deanamh a mach gur h-
ann aig Tor a’
Bheathain a bha i,
agus cuid eile gur h-
ann air a’
chnoc far a bheil Eaglais a’
Chruin,
am baile Inbhir-
nis,
a bha a dhaingneach laidir,
ach chan ’
eil moran deifir mu shocrachadh na larach cho fada agus tha an eachdraidh ghoirid so a’
foillseachadh.
Bha fhios aig an Naomh Calum agus a mhanaich gu robh spiorad daimhe am measg threubhan Albann a’
cheart cho laidir agus a bha e ’
s an duthaich a dh’
fhag e ’
n a deidh.
Bha e cinnteach cuideachd gu feumadh e luchairt righ nan Cruithneach a ruigheachd gu pearsanta agus soisgeul Dhe chur an ceill do ’
n righ fhein mu faigheadh e sar chothrom air na Cruithnich air fad iompachadh gu Criosda. ’
S e inntinn threun agus mhisneachail direach mar a bha aig na manaich ud a dh’
fheumadh gnothuch de ’
n t-
seorsa a ghabhail os laimh.
Bha righ nan Cruithneach buadhmhor air a chuartachadh le dhraoidhean agus le shagartan fhein,
agus ged a bha iad uile air an amladh mu’
n cuairt le saobh-
chreideamh agus le gisreagan de gach seorsa,
cha b’
e an duine miapaidh a chuireadh soisgeul eile an ceill dhoibh. ’
S math a bha fhios aig na manaich air na cuisean sin uile,
ach cha robh faitcheas air bith ’
g an gluasad.
Fhuair iad na sgothan air sal,
agus shonruich Calum Cille gu’
n rachadh an Naomh Coinneach agus an Naomh Comgall comhla ris. ’
S e Cruithnich a bha annta-
san,
agus bhitheadh e na b’
fhasa dhoibh-
san comhradh a dheanamh ri Brude na bha e do ’n
[210] Naomh Calum aig an robh Gaidhlig Eirinn.
Thainig iad a nuas ceum air a’
cheum troimh Ghleann mor Albann,
agus ’
s e beachd ughdaran gu ’
n do rinn iad an rathad faisg air cursa Cladhan-
uisge Chaledonia,
agus eadhon tha bial-
aithris ag radh gu ’
n d’
rinn an Naomh Calum faidheadaireachd gu’
m biodh an cladhan-
uisge ann ri tide.
Fhuair righ Brude sanas gu robh na manaich air an rathad,
agus dh’
orduich e gu’
m biodh geatachan na daingnich gu leir air an druideadh airson nach fhaigheadh iad a steach.
Ach lean na manaich air an aghaidh.
An uair a’
bha iad a’
seoladh suas Loch Nis tha e coltach gu robh storm mhor ann,
agus gu robh na Cruithnich bhorba air gach taobh de ’
n loch,
far a bheil muinntir chòir Strathfharagaig agus sluagh sitheil Urchadain an diugh,
a’
guidhe gu ’
m biodh curraichean nam manach air an cur fodha.
Ach sheas an Naomh Calum ’
n a churrach fhein,
agus labhair e ris a’
ghaoith,
agus bha fiath mor ann.
Rainig iad daingneach righ Brude,
agus fhuair iad na geatachan duinte,
ach sheinn an Naomh Calum agus a chompanaich an t-
siathamh salm thar an da fhichead anns a’
Bhiobull Chaitliceach,
agus dh’
fhosgail na geataichean leotha fhein,
agus chaidh na manaich an lathair an righ leis an deagh sgeula,
agus ghabh Brude ris le gairdeachas.
Mise agaibh,
ALASDAIR MOR.