CALUM CILLE—VII.
A CHARAID CHOIR,
Aon uair agus gu’n deachaidh an righ Brude iompachadh gu na chreideamh a bha an Naomh Calum a’ searmonachadh, bha slighe reidh aig na manaich a dh’ ionnsuidh gach cearnaidh de’n tir agus cha bhiodh bacadh orra aon uair ’s gu robh fabhar an righ aca, agus mar sin fad na aimsir bha an Naomh Calum beo an eilean Ia, cha do lasaich e fhein agus a mhanaich de bhi saoithreachadh air feadh na Gaidhealtachd. Chan e mhain gu’n do chraobh-sgaoil iad an soisgeul anns na h-Innse-Gall, ach chuir iad eaglaisean air chois anns na h-eileanan Arcach agus an Sealtuinn agus eadhon cho fada tuath ri Innis-tile chuir iad an ceill an deagh sgeul agus shoirbhich leotha. Chan e mhain gu robh iad a’ searmonachadh agus a’ comhairleachadh an t-sluaigh ach coltach ris na h-abstoil roimhe, bha iad a’ leigheas gach gne tinneis agus eucail am measg an t-sluaigh. Thall agus a bhos ann ar Gaidhealtachd mar an aitean eile, tha gus an latha ’n diugh eaglaisean agus tobraichean agus lochan air an ainmeachadh air an Naomh Calum agus a chompanaich mar chuimhneachan air na cuairtean a thug iad am measg nan Cruithneach an Albainn. Bha moran de thobraichean air am beannachadh leotha agus bhiodh daoine ciurramach ’g an tadhal airson leighis fhaighinn annta, agus bha e dhoibh a reir an
Tha moran de thaghadh na h-eachdraidh mu Chalum Cille anns a’ chunntas a sgriobh an t-Abba Adhamhnan mu thimchioll. So beagan deth bho eadar-theangachadh an Ollaimh Mac Bhatair an Dun-eideann. “Aon uair bha an Naomh Calum anns an Eilean Sgitheanach, an aite araidh a bha faisg air a’ mhuir. Thug e buille le a bhata, no a bhachull, do’n fhoid air an robh e’n a sheasamh, agus thuirt e ri a mhuinntir. “Ged is ionghnadh a radh, a mhaca ionmhuinn, air an latha ’n diugh thig duine aosda de na cinnich a chum an aite so, a ghleidh a mhaitheas nadurra re fad a bheatha, agus baistear e, agus theid e gu bas air an fhod so, agus anns an ionad so tiodhlaicear e.” Beagan uine ’n a dheidh sin, thainig eathair gu cladach, agus ’n a toiseach seann duine beag lag, a bha ’n a cheannard air feadhainn de an eilean. Thog da oigfhear e as an eathair is leig iad sios e fa chomhair Chaluim Chille. Cha b’ ionnan canain do an seann duin’ uasal agus Calum Cille, is air an aobhair sin b’ fheudar eadar-theangair fhaighinn. Fhuaras sin: labhair Calum Cille briathran Dhe;
Thachair so, maith dh’ fhaoidte, mu thimchioll na bliadhna 570 A.D. agus tha Adhamhnan uasal, a sgriobh an eachdraidh so mu thimchioll na bliadhna 700 A.D. ag radh gu’m faicte r’ a linn fhein an carn an cois na mara, agus a chionn gu’m b’e Artbhranan ainm an fhir a chaidh a bhaisteadh, gu’n d’ thug muinntir an aite “Dobhar Artbhranain” air an allt a bha, agus a tha, a reir coltais, a’ dol seachad gus a’ mhuir an sin. Tha am facal “dobhar” ag ciallachadh “uisge” no “sruthan.” Latha eile bha Calum Cille a’ siubhal le cuid de a mhuinntir air taobh an ear de Dhruim Albann ri taobh Loch Nis. Gu h-obann thug e fainear oibreachadh an spioraid naoimh ’n a inntinn; thionndaidh e r’ a mhuinntir is thuirt e riutha. “Rachamaid gu grad an coinneamh nan ainglean naomha, oir tha iad air an cur a nuas o neamh gu bhi ’n an ceann iuil do anam duine araidh de na cinnich a tha gu bas fhaotainn anns an ionad so, agus tha iad a’ feitheamh oirnne gus an dean sinn a bhaisteadh. Oir ged nach’eil an duine so ’n a Chriosduidh, ghleidh e a mhaitheas nadurra, agus tha e iomchuidh gu’n rachadh a bhaisteadh, agus ghabh e roimhe mar bu luaithe
Mise agaibh,
ALASDAIR MOR.
title | VII |
internal date | 1932.0 |
display date | 1917-32 |
publication date | 1932 |
level | |
reference template | Litrichean Alasdair Mhoir %p |
parent text | Calum Cille |