[7]

AM BIADH AGAINN FHEIN.

A CHARAID, MO RUN,

Bha e gle mhath dhuibh gu dearbh litir thaingealachd a chur do mionnsuidh airson an oidhirp bhig a rinn mi air sgriobag Ghaidhlig a chur thugaibh. Sheall mi an litir don taillear an latha fhuair mi i, agus bha esan ag radh nach burrainn nach e smior an duinuasail a bhair chul aphinn a sgriobh i.

Fhuair sinn naidheachd dhuilichs an eilean so air an t-seachduin so chaidh. Bhathadh dithis ghillean cho sgairteil agus a bha eadar da cheann an eilein anns an luing mhoir ud a chuir na Gearmailtich sios faisg air Eirinn. ’S iomadh cridhe goirt a dhfhag an cogadh ma tha an eilean Leodhais, ach, saorlidh sinne gu bheil na buillean nas truime an uair a tha iad atighinn cho faisg air na teineachan againn fhein, agus agairm as ar measg fiurain thapaidh air an robh sinn cho eolach. Than Sgriobtur ag radh ged dhiathadh lamh mu laimh nach teid an t-aingidh as gun pheanas, agus tha fhios aig Dia agus daoine gur h-e cumhachd Shatain a tha air chul innleachdan iutharnail nan Gearmailteach, ach tha latha feitheamh orra anns a feum iad sleuchdadh agus an iodhalan a thilgeadh uatha gu tur. Nach luathaicheadh E an latha sin.

O nach iomadh rud neonach a thug an cogadh a


[8] thann am follais. Nach e sinne tha faicinn agus acluinntinn nithean ris nach robh duil againn fhads a bhiodh ar mullach air an talamh. Chrom mi sios gu tigh Aonghais Ruaidh an oidhche roimhe, agus an uair a chaidh mi steach bha e leughadh paipear-naidheachd a fhuair e a Steornabhagh an latha sin fhein. Nach ann a bha e aleughadh an sin gun do chuir aPharlamaid againn fear de na Morairean air leth airson biadh na rioghachd a riaghladh air chors nach biodh daoineg ithe cus. Chan fhaod duine barrachd air tri seorsachan a bhi aige air a dhinneir agus chan fheum duine feoil a bhlasad ach aon lathas an t-seachduin co dhiu, direach mar a tha na Caitlicich acleachdadh. Nach ann oirnn a thainig an latha, ’n uair a bfheudar dhuinn a bhi cogadh còrr is da bhliadhna ris na Gearmailtich mun deachaidh a dhearbhadh oirnn gu robh sinn ag ithe agus ag ol barrachd air achòir.

Tha mi-fhein a làn chreidsinn gu bheil sinn uileg ithe cus gun teagamh, agus thuirt mo charaid, Tomas nan Ioc-shlaintean, rium gu robh barrachd mor air am marbhadh an diugh le bhig ithe gu neo-stuama, na bha basachadh leis aghorta. Tha mi-fhein acur coire mhor air an tea dhubh air a bruich agus aran cruithneachd nam buintean, agus gach treamasgal eile gun bhrigh a tha daoineg ithe an diugh. An uair a bha mise og am Bostadh bha sinn uile tighinn beo air fior thoradh


[9] an fhearainn, mar a bha Israeil bho shean, an uair a fhuair iad sealbh air tir agheallaidh. Bhiodh aran eorna agus coirce againn, pailteas bainne is ime; iasg ur agus bonnach-gruthain, agus feoil an uair a burrainn sinn. Cha robh tea dol mur a biodh i an tigh Iain Domhnullaichs aChaolas, agus airson aran cruithneachd nam buintean, bha mi, tha mi creidsinn, corr math agus afichead an uair a chunnaic mi am bonnach mor, geal, tiugh so, mar a bha duil agam-sa, aig Beinn na Drobh, an Steornabhagh. A shaoghail, a shaoghail, ’s iomadh car a chuir thu dhiot bhon latha sin, ach gu dearbh fheine, nan tigeadh am Morair so do Bhearnaraidhs gu faiceadh e na tha mi-fhein ag ol de theas an t-seachduin, chuireadh e suilean air, achs math gu bheil sinn fada bho na Pharlamaid, agus gu faod sinn an car a thoirt asda.

Beannachdan gu bean an tighe, agus gach soirbheachadh leibh fhein.

Mise agaibh,

ALASDAIR MOR.

titleAm Biadh Againn Fhein
internal date1932.0
display date1917-32
publication date1932
level
reference template

Litrichean Alasdair Mhoir %p

parent textLitrichean Alasdair Mhoir
<< please select a word
<< please select a page