EAGLAISEAN NAN ORGAN.
A CHARAID CHOIR,
Chan’eil mi-fhein gu dearbh ann a’ fonn math airson sgriobhaidh a nochd ged a thòisich mi—tha mi gun spiollag thombaca agam, agus leis a sin chan’eil mi ach tursach. Bha duil aig Aonghas Mhurchaidh Chaluim ri rola leis a’ phosda an diugh, ach cha d’ thainig cromadh, agus mar sin ’s e siubhal gun siucar a bha agam-sa gu Ceann an Taib. Nach uamhasach fhein a’ bhuaidh laidir a th’ aig seana chleachdadh air an duine, agus cho doirbh agus a tha e stad a chur air cail nam miannan ris a bheil sinn cho ceangailte agus a tha bhairneach ris an lic. Bha Mgr. Ruairidh a bha an Snidheasort uamhasach fada an aghaidh an tombaca agus bhiodh e an comhnuidh a’ trod ri aon de na h-eildeirean airson a bhi sior cheothadh na pioba. Bha’n t-eildeir so aig a’ choinneimh urnuigh aon oidhche, agus aig deireadh na seirbhis thuirt Mgr. Ruairidh ris, “Seadh, Alasdair, an do sguir sibh fhein de’n tombaca?” “Sguir gu dearbh fheine, ’s mi sguir,” ars’ Alasdair. “Ro mhath, ro mhath,” arsa Mgr. Ruairidh, “agus c’ uin’ a leig sibh dhibh an droch cleachdadh?” “O, direach,” ars’ Alasdair, “mu’n d’ thainig mi steach do’n choinneimh an nochd.”
’N uair a bha mi a’ cromadh na Beinne an diugh
“Dia ’s Muire is Padruig dhuibh,” mar a chanas an t-Eirionnach.
Mise agaibh, le meas,
ALASDAIR MOR.
title | Eaglaisean nan Organ |
internal date | 1932.0 |
display date | 1917-32 |
publication date | 1932 |
level | |
reference template | Litrichean Alasdair Mhoir %p |
parent text | Litrichean Alasdair Mhoir |