[13]

A’ GHAIDHLIG ANNS NA SGOILEAN.

A CHARAID RUNAICH,

Sinne dhionndraineadhpaipear an druggista nise mur a tigeadh e air cheilidh oirnn aig ceann gach seachduin, luchdaichte le naidheachdan Leodhaisbho thigh nan cailleachan-dubha an Uige gu tigh Mhic Dhughaill a Nis.” Saoilidh mi-fhein gun ol mi an tuilleadh tea an oidhche gheibh mi e, agus den t-ionghnadh, an uair a gheibh mi eadar a dha chlar, chan e mhain naidheachdan Leodhais fhein, ach sgiala gasda cuideachd air na balaich agus na caileagan againn fhein ann an Glaschu mhor nan stiopull. Ah, fhearaibh, nach fileantam peann a tha aig an fhear a tha toirt dhuibh naidheachdan Ghlaschu. Nach mise bhiodh proiseil nam burrainn dhomh Beurla Shasunnach a chur an eagaibh a cheile coltach ris, ach de math a bhi bruidheann air sin a nise— “Cha drinn mise maorach fhads a bha an traigh ann.” Nach dthuirt mo charaid, Tomas, rium gur h-ann do Bhearnaraidh a bhuineasGodredso, agus a bheil fhios agaibh gun drinn e feum mor dhomh an uair a chuala mi sin. Chaneil ni is docha leam na bhi cluinntinn gum bi balaich Bhearnaraidh ag eirigh suas gu h-inbhe chliuiteach agus urramach, agus atoirt deagh theiste air an aites


[14] an dfhuair iad an arach. Tha cuid, tha fhios agaibh, den bheachd ma thig neach a eilean iomallach ann an Loch a Rog, nach dean e dad ach iasgach agus cosnadh ghiomach. ’N uair a bha mi-fhein ann an Steornabhagh aceannach lin-mhora air an t-seachduin so chaidh, bha duine an sud agus an so afoighneachd dhiom co bhannAlasdair Mora Bearnaraidh, agus chuireadh iad siosn am amhaich nach robh duine ann a chuireadh an litir so ri cheile. Dhfhuirich mise gu bog balbh mun cheisd, agus chaidh achuis seachad mar sin fhein, ach feumaidh mi sealltuinn dhoibh nacheil Bearnaraidh gu bhi air dheireadh ged a tha e lethoireach air uairibh— ’s beag a shaoileas deagh mharaiche dheth sin.

Chaneil mise cho og agus a bha mi uair-eigin, ach mar is sine tha mi fàs, ’s ann is motha tha mi faicinn an adhartais a thainig air foghlum an Leodhas bhon a bha mi-fheinn a moDhonnchadh Ogmar a bham bodach eileg radh. ’S ann is iongantach gu robh facal sgoile idir an ceann na cloinne bha ann ri mo linn-sa. ’N uair a chaidh sinn don sgoil, cha robh dad ach Beurla Shasunnachg a stailceadhn ar n-amhaich le maide. Cha robh againne ach Gaidhlig, agus bannbho phein abhàisa rachadh durd dhith a labhairt. Tha e gle choltach gu robh luchd an fhoghluim an Lunnainn den bheachd gur h-in doigh a bfhearr air clann Leodhais ionnsachadh, glas-ghuib a chur air aGhaidhlig agus gach nos


[15] agus rian a bhuineadh dhith, agus Sasunnaich a dheanamh den chloinn air ball, oir mur a deante Sasunnaich dhiubh, cha burrainn iad( ’n am beachd-san) faighinn air adhart an uair a rachadh iad don bhaile mhor. ’S ann airson an ullachadh airson abhaile mhoir a bha gach foghlum a bha iad afaighinn. Cha bhiodh e iomchuidh do Leodhasach no do bhan-Leodhasach sam bith fuireach aig an dachaidh ma bha foghlum acadhfheumadh iad brag a thoirt air cabhsair cruaidh na Drochaid an Glaschu mum biodh am foghlum deante agus coimhliontaagus a mhic chridhe, ’s iomadh balach tapaidh agus nighean smiorail a thug am mile mallachd air an latha chunnaic iad am baile mor an toiseach gu galair am bais a churn an cliabh.

Theagaisg an Gearmailteach dubh dhuinn anns na bliadhnaibh so, nach dean an cursa sin feumnach e Sasunnaich a dhfheumas sinn a dheanamh dor gineal ach Gaidheil thàbhachdach, thapaidh, aig am bi eolas mionaideach air Gaidhlig agus Beurla Shasunnach. Feumaidh sinn fhaicinn nach e mhain gum bi eolas cinn aca, ach eolas gniomhach cuideachd, gum bi iad comasach air da dhias coirce spionadh as an fheannaig as nach do spion iad ach aon an uiridh, ’s mar sin gum bi sinn beo mar a bha na daoine coire bha romhainn air biadh na duthcha a chuireas smior agus luthsn ar cnamhan.


[16]

Feumaidh mi sgur, ach gheibh sibh tuilleadh air acheann-teagaisg so uair eigin eile.

Slainte bhi mar ruibh,

ALASDAIR MOR.

titleA’ Ghaidhlig anns na Sgoilean
internal date1932.0
display date1917-32
publication date1932
level
reference template

Litrichean Alasdair Mhoir %p

parent textLitrichean Alasdair Mhoir
<< please select a word
<< please select a page