[16]

CAGAR-ATHAIR.

FHIR IONMHUINN,

Tha sean-fhacal ann a thag radhgur math an naidheachd a bhi gun naidheachd idirach sin direach mar a tha mise nochd. ’S ann agaibh fhein a tha naidheachdan Leodhais gu leir, aguss ann dhuibh is aithne an cur an deagh ordugh, agus gu dearbh bu choir dhuinne bhinur comain airsonur saoithreach. Cha chreid mi nach dinnis mi dhuibh cheana gu bheil mi ann an eithear Chaluim Sheorais bho chionn greise nise. Bha sinns achuan toiseach na seachduineach leis na lin-mhora, ach ma bha, cha mhor a bhagainn airson sin. ’S uamhasach mar a chaidh an t-iasgach an Leodhas air ais bhon thoisich clann na mallachd, na bataichean-sgriobaidh, air saoibhreas na doimhne ghoid uainn. ’S iomadh te dhiubh ghlac Calum Sheorais fheinn a latha asgriobadh ris achlaich


[17] agus bha sasuchadh aige gach uair a rinn e sin gun deachaidh cain throm air gach aon diubh an Steornabhagh, ach de math sin, cha chum sin air falbh iadcha bfhada gus an deanadh iad suas gach call air truisg agus langanan Loch a Rog. Chaneil leithid an eisg sin an cuan air bith eiles an t-saoghal. “Ma bhios sinn beo chi sinn, ’s mur a bi cluinnidh sinn,” mar a thuirt am bodach, ach chaneil da dheanamh air achuis, nach fheum muinntir Leodhais dion nas fhearr a chur air iasgach nan cladaichean an uair a ghairmear sith, agus cha bhi sinn ceart am feasda gus am bi an Cuan-Sgith gu leir air a dhunadhs air a ghlasadh air gach bata-sgriobaidh fon ghrein.

Nach mise bhair mo dhoigh Di-mairt an uair a thainig fios gun tug Seoras Chaluim Sheorais cunntas cho math air ealantachd ann an ionnsachadhcagar athair” —sin aGhaidhlig a thuirt an taillear rium a chunnaic es an Fhoclair airWireless Telegraphy.” Chan e mhain gu bheil againn am BearnaraidhAlasdair Mor,” duine bochd nach dfhuair cothrom air sgoiln a oige, ach buinidh don eilean a nise gille og tapaidh cuiseach a ni comhradhs na neoil ri luingeas-chogaidh miltean de mhiltean air falbh. Nach fhaod sinn uaill a dheanamh a nise as ar n-eilean ged a tha sinn fichead mile mach aSteornabhagh aChaisteil.” Tha e direach asealltuinn dhuibh-se nacheil eilean beag no mor anns aGhaidhealtachd anns nacheil diulaich


[18] acfhuinneach nan robh cothrom na Feinne aca bhon oige. Bha mo charaid, Tomas, adeanamh beagan mineachaidh dhomh air an ni iongantach so a chuir an cruithfhear ann an suilibh dhaoine— “Cagar-athair.” Bha mi-fhein den bheachd nach robh ni air an talamh cho iongantach ri bhi cluinntinn an taillear abruidheann an glan Ghaidhlig ri Donnchadh Challanis agus ri Iain Chaluim Iain Bhain an Carlobhagh, ’s nach fhaiceadh tu dad ach seorsa de phreasa mor anns an robh bocsa beag le clag no dha os a chionn, toll cruinnn a mheadhon agus seorsa de lion thairis air, agus adharc le sreang crochaichte ri taobh na h-uidheam.

So na chitheadh duine gun eolas co dhiu, ach bha na bhanng ar ceangal ri Australias ris an t-saoghal gu leir, agus tha sin fortanach dhuinne aig an am so, ged is iomadh sgial dubhach a thug an adharc ud thugainn bhon thoisich am buaireadh.

Tha na h-orduighean gu bhi againn an Uige bho chionn seachduin, ’s tha mi creidsinn gum bi mi togail orm gu ceann an rathaid Di-haoine. Chuala mi gu robh duil aca ri Mgr. Mac Artair as na Lochan, seann charaid do Bhearnaraidh, agus fior shearmonaiche a bheir as an Fhirinn nithean nuadha agus sean. Tha meas mor aige air Leodhas agus uidh cho mor aig Leodhas air, ’s tha mi-fhein an dochas gu faic sinn e am Bearnaraidh mum fag e an sgire.


[19]

Fiach an leig sibh fios thugam de phris a tham buntata agaibh am Baile-chail. Tha beagan de shiol-cura dhith orm.

Gu robh mile math agaibh.

S mise gun bhriag gun fhiaradh,

ALASDAIR MOR.

titleCagar-athair
internal date1932.0
display date1917-32
publication date1932
level
reference template

Litrichean Alasdair Mhoir %p

parent textLitrichean Alasdair Mhoir
<< please select a word
<< please select a page