[22]

NA SGRIOBTUIREAN.

A CHARAID SHUAIRCE,

Tha mi-fhein ann an inntinn nas fhearr a thaobh achogaidh air an t-seachduin so bhon chuala mi gun deachaidh America mhor an airgid a steach don t-strith. Tha sinn an dochas


[23] gun toir gach ni a tha am Freasdal atoirt mun cuairtn a am math fhein, luathachadh air latha mor na sithe. Bha mo bhan-nabuidh, Mairi, atighinn as amhoine comhla rium an de agus bha ig radh rium gu robh an earrann iongantach so ann an Dan Sholaimh abruidheann rithe bho chionn laithean, “Tha am seinn nan ian air teachd agus cluinnear guth an turtuirn ar tir,” agus bha i deanamh a mach bho sin nach biodh fada gus am biodh na h-eoin againne aseinn oran buadhmhor na sithe agus an t-sonaisn ar duthaich. Cha robh sinn atighinn a reir a cheile ann am mineachadh cuid den earrainn, achs fhiach dhuibh fhein beachdachadh oirre agus rannsachadh a dheanamh air a cho-cheangal a dhfhaodadh a bhi aice ri staid ar rioghachd aig an lathan diugh. Tha fhios againn gun can moran anns alathas a bheil sinn beo nacheil co-cheangal sam bith aig earrannan mar so ri cuisean agus tachartasan ar latha, ach biodh sin mar a bhios e, chaneil staid no cor no eigin anns am faod cinneach no rioghachd no anam sam bith air an talamh a bhi, nach-eil cuibhrionn anns an Fhirinn a tha freagairt gu ceart air an t-suidheachadh a tha ann an sin. Cha chreid an saoghal sin chionn gun do chuir an t-as-creidimh a leithid de sgleo air suilean dhaoines gu bheil iad afaicinn gach nin an solus mùgach fheins chan ann an solus gloirmhor aBhiobuill; ach ciamar a bhitheas eolas air aBhiobull aig daoine
[24] mur bi adg a mhin-rannsachadhsg a leughadh a ris agus a ris, agus adeanamh an cuid fhein dheth mar sin. Tha mi-fhein acreidsinn, ged is mor e ri radh, nacheil eilean anns aGhaidhealtachd anns a bheilear adeanamh a leithid de rannsachadh air na Sgriobtuirean ri eilean Leodhais, agus tha abhuiltha inntinnean spioradail agus tur eagnuidh air nithean naomha aig aireamh ro-mhor den luchd-aiteachaidh. Tha sith agus samhchair aca gun teagamh, agus faodaidh iad a bhi meorachadh air teagasgan domhain Phoil ged a bhiodh iad aruamhar, no buain na mònadh, nog iasgach achudaige air sgeirean na maraagus nach math sin.

Bha mi air cheilidh air mo charaid, Tomas nan Ioc-shlaintean, an oidhche roimhe. ’S math leam fhaicinn aon oidhches an t-seachduin air a chuid is lugha, airson mo chur ceart ann an naidheachdan achogaidh agus gach ni eile tha e toirt as na paipeirean-naidheachd gu doigheil. ’S docha ged a bheirinn-sa na nithean ceudna asda gun togainn cearr iad, agus le bhig an aithris mar sin do na cailleachan troimhn bhaile, cha bhithinn ach adeanamh dorcha comhairle le briathran gun eolas. Bha eg radh rium gu feumamaid barrachd den sgadan shaillte ithe nise, a chionn gu robhn fheoil air fas cho gann agus cho daor, agus bha eg radh gu face cuideachd anns aphaipeir cuideigin acomhairleachadh dhuinn faoileagan agus sgairbh agus gugaichean ithe, ’s rud bu cheol-


[25] mhoire na sin, thuirt cuid-eigins aPharlamaid an latha roimhe nach robh sinn mar shluagh adeanamh feum den sgadan shaillte a chionn nach baithne dhuinn a bhruich ceart. Cuireadh iad-san na daoine mora sin a nall air achaolas againne fad seachduin, agus bheir sinn iomadh leasan dhoibh. ’S beag a tha dhfhios aca gun do thogadh iomadh laoch tapaidhs aGhaidhealtachd air biadh ris an deanadh iad-san snòitean gu leorach tha chuibhle air tionndadh.

Mise, le meas mor,

ALASDAIR MOR.

titleNa Sgriobtuirean
internal date1932.0
display date1917-32
publication date1932
level
reference template

Litrichean Alasdair Mhoir %p

parent textLitrichean Alasdair Mhoir
<< please select a word
<< please select a page