OBAIR AN EARRAICH.
A CHARAID RUNAICH,
Tha mi creidsinn gu’m bi sibh fa mhor ionghnadh an uair nach d’ fhuair sibh sgriobag idir uam bho chionn seachduin no dha, ach a dh’ innse na firinn dhuibh-se, cha mhise is coireach ach obair an earraich. Tha sean-fhacal ann a tha ’g radh“ ’n uair a thigeadh mo chairdean thigeadh iad comhla,” agus sin direach mar a thachair dhomh-sa agus obair an earraich am bliadhna. Lean an
Co chrom sios a dh’ amharc orm latha na Sabaid so chaidh ach mo charaid Scottie. Chan’eil Sabaid a thig e nach bi puing araidh ’s an Sgriobtur aige air am bi sinn a’ meorachadh. Cha do tharr e suidhe air a’ chiste-chaoil an uair a thuirt e rium, “Alasdair, de ’ur beachd co bh’ ann Melchisedec?” “ ’S cruaidh a’ cheisd a chuir sibh,” arsa mise, “tha eagal orm gu feum sibh a dhol gu Mgr. Mac Ghille Naoimh an Ceann Langabhat mu’m faigh sibh moran sàsachaidh air a’ cheisd sin—bheireadh esan a bheachd dhuibh a doimhneachd foghluim.”
Thuirt e rium gu robh an ni cumail meorachaidh ris bho chionn seachduin agus an deidh rannsachadh farsuinn air an Fhirinn nach d’ fhuair e moran soluis air a’ chuspair iongantach a bha sud “a bha gun athair gun mhathair, gun sinnsireachd, gun toiseach laithean gun deireadh beatha aige.” Arsa mise, “Tha’n Sgriobtur fhein ag radh mu Mhelchisedec, gu bheil moran r’a labhairt agus cruaidh r’ am mineachadh timchioll air an duine ud, do bhrigh gu bheil sinne mall ’n ar n-eisdeachd. Bha Mac Rath Mor a’ searmon-
Feumaidh mi sgur. Tha mo mheoirean cho rag leis an àiteach ’s gu bheil eagal orm nach dean sibh dad de’n sgriobhadh so, ach tha iad ag radh gu’n dean fear paipeir a mach leth an leth fhacail.
Mise le dùrachd,
ALASDAIR MOR.
title | Obair an Earraich |
internal date | 1932.0 |
display date | 1917-32 |
publication date | 1932 |
level | |
reference template | Litrichean Alasdair Mhoir %p |
parent text | Litrichean Alasdair Mhoir |