A’ TASGADH ANNS AN UINE ROMHAINN

A’ Cruthachadh Luchd-Obrach Cothromaichte air Ghaidhealtachd is sna h-Eileanan

Leabhran-Treòrachaidh Luchd-Fasdaidh

TREINEADH 2000

CLANN ANN AN ALBA

FORUM NA DUTHCHA

TRAINING (Scotland) Ltd

’S e buidheann-carthannais a th’ ann an TREINEADH 2000 (Alba) Earranta, a tha an urra ri trèineadh airson nam boireannach ann an Alba. ’S e eagrachadh-ballrachd a thann, le buill às gach ceàrnaidh de dhAlba agus à àiteachan eile. Bidh TREINEADH 2000 ag obair còmhla ri luchd-fasdaidh gus aire tharraing agus gus sùil a chumail air mar a tha dol dha na boireannaich ann an trèineadh is leasachaidh.

Ann an 1994 chur TREINEADH 2000 Ròs Màiri NicFhioghain ann an dreuchd mar Oibriche-Leasachaidh airson na Gaidhealtachd, suidhichte ann an Inbhir Nis.

Children IN SCOTLAND

CLANN AN ALBA

working for children and their families

S e Clann na h-Alba an guth a thaig os cionn 300 de dheagrachaidhean is de luchd-dreuchdail a tha ag obair le cloinns le an teaghlaichean air feadh na h-Alba. ’S e buidheann gun cheangal a thann a tha atoirt fios is ullachaidh is a tha an sàs ann an rannsachadh air tomhais farsaing de ghnothaichean polasaidh.

Rural Forum Scotland

S e Forum na Dùcha eagrachadh gun cheangal a tha feuchainn ri gnè dòigh-bheatha a-muigh air an dùthaich ann an Alba a chur am feabhas.

Tha Clann an Alba agus Forum na Dùthcha ag obair còmhla air tionnsgain-leasachaidh ann an cùram-cloinne air an dùthaich. Tha an stiùiridh Sìle NicNèill air a suidheachadh ann an Inbhir Nis.

Faodaidh Buidhnean-Iomairt comhairle a thoirt air luchd-fasaidh mu thrèineadh. Faodaidh buidhnean eile comhairle thoirt air cothrom ionannachd agus cùram-cloinne. Tha cairt a tha pàighte roimh làimh air a cur an cois an leabhrain seo ma tha sibh ag iarraidh tuilleadh fiosrachadh air cuspairean sònaraichte. Tha cuid a seòlaidhean feumail air ainmeachadh air an duilleig-chùil.

Cha chuir sinn feabhas slàn air an eaconamaidh againn mura leig sinn le barrachd bhoireannach èirigh dhan ire as àirde. Tha tàlant is neart aca a tha luachmhor.”

Roy Perman, Scottish Business Insider, An t-Sultain 1994

Chan e obair gun toireadh a thann an cùram-cloinne ach innleachd dhan luchd-obrach a bhios againn sna làithean air thoiseach.”

Business Blueprint for Childcare, Employers for Childcare 1995


[1]

CLAR-INNSE

Am Màrt 1996


[2]

FACAL-TOISEACHAIDH

The e mar amas aig Iomairt na Gaidhealtachd gun tèid aig muinntir na Gaidhealtachds na Eilean air na comas an gu lèir aca thoirt gu buil. Bidh sinn afeuchainn ri ruigsinn air seo ann an trì dòighean:

aleudachadh ghnìomhachasan

ag oideachadh dhaoine

aneartachadh na coimhearsnachdan

Tha e na chùis-thoileachais dhomh gu bheil na trì ceumannan seo adol a rèir nan ceann-crìche a tha air an nochdadh san sgrìobhainn seo. Bha pàirt nach bu bheag aig na boireannaich riamh ann an dòigh-bheatha na Gaidhealtachd. Tha na thagainn de dhfhios mun obair chruaidh a rinn na mnathan ann an teaghlaichean a bha tighinn beò air an iasgachs air croitearachd a leigeil fhaicinn na rinn iad de dhoidhirp, a bharrachd air a bhith atogail cloinne agus a bhith an sàs ann an gnothaichean eile mun dachaigh.

Tha mòran bhoirreanach ag iarraidh gum bi obair-chosnaidh aca, agus feum aca oirrebidh an fheadhainn aig a bheil teaghlaichean ag iarraidh cur ris an teachd a-steach aca agus tha feum air leth aig pàrantan aonair air obair-chosnaidh. Ach e tha e gu math cudthromach gum bi saoghal an teaghlaich, cùram-cloinne agus cùram nan sean adol a rèir saoghal achosnaidh. Faodaidh cion cùram-cloinne a bhith na chnap-starra mòr do phàrantan, agus gu sònraichte do na boireannaich, nuair a tha iad agabhail brath air cothroman ullachaidh is cosnaidh.

Tha Iomairt na Gaidhealtachd gu mòr airson taic a chur ri gnìomhachasan ach an leudaich iad. Faodaidh iad seo a bhith nan gnìomhachasan ùra, agus feadhainn aca atoirt seachad cùram-cloinne a rèir feuman nan coimhearsnachdan, no feadhainn a thann mar-thà.

Anns an t-saoghal mhòr gu farsaing, tha aMhargaid Shingilte Eòrpach, a thàinig gu bith ann an 1992, agus fuasgladh nan dùthchannan ann an taobh an-ear na Roinn-Eòrpa asealltainn an fheum a thann airson luchd-obrach teòma, rud nach urrainear a ruigsinn gun ullachadh is foghalm aig ìre gu math àrd.

Tha farpais air thoirt air cuid a luchd-fasdaidh dòighean às ùr a lorg sam fàs an luchd-obrach aca nas fheàrr. ’S en rud a tha follaiseach, ma tha luchd-fasdaidh ag iarraidh a bhith san fharpais fhathast san ath linn, gum fheum iad an fheadhainn as fheàrr a lorgs a chumail airson na dreuchdan a tha dhìth agus, gun teagamh, bidh seo abualadh air na boireannaich a bharrachd air a bhith bualadh air na fireannaich.

Tha togail agam ri caidreachas a thogail ris an fheadhainn a leughas abhileag seo ach am faod sinn am feum as motha a chur air comas an nan daoine san àitagainn fhìn.

Iain A Robertson

Iain A. MacDhunnchaidh

Ceannard Iomairt na Gaidhealtachd

Iomairt na Gaidhealtachd


[3]

ROI-RADH

Tha na duilgheadasan a thig an lùib a bhithg obair is aig an aon àm a bhith feuchainn ri teaghlach a thogail cudthromach do dhfhireannaich is do bhoireannaich, luchd-fasdaidh is luchd-obrach. Ann an Alba tha barrachd is barrachd de bhoireannaich an sàs ann an obair-chosnaidh; tha an t-atharrachadh a thàinig air cleachdaidhean obrach; an t-àrdachadh de dhàireamh nan obraichean pàirt-ùine agus feum eaconaimigeach air buaidh fhàgail air àite nam ban san ionad-obrach.

Gus am feum as fheàrr a dhèanamh de dhaoine, a tha nas cudthromaiche do luchd-fasdaidh na goireas sam bith eile thaca, feumaidh luchd-fasdaidh boireannaich a thoirt a-steach.Cha leig iad leas tòrr a chosnadh air dòighean sam faodar boireannaich a bhrosnachadh gu obairaig amannan chan eil a dhìth ach atharrachadh beag bìodach ann an dòigh-bheachdachaidh. Le bhith mothachail air na cnapan-starra agus le bhith beachdachadh air dòighean sam faodar faighinn thairis orra, faodaidh luchd-fasdaidh adhartas ann am farpais a dhèanamh.

Sheall aithisg a sgaoil TREANADH 2000 air Cothroman Cosnaidh is Ullachaidh do Bhoireannaich ann an Alba (1992):

Cion cùraim, cùram-cloinne mar bu trice

Bacaidhean airgid, mar thuarasdalan suarach

Beachdan is cleachdaidhean-obrach claonte aig obair agus san t-saoghal air an taobh a-mach

mar na trì cnapan-starra bu mhotha a bhi cur air boireannaich a bhag iarraidh cosnadh fhaotainn.

Chaidh sùil a thoirt air duilgheadasan eile ceangailte ris an t-saoghal a-muigh air an dùthaich air Ghaidhealtachds sna h-Eileanan ann an aithisg a dheasaich Buidheann Foghlaim nan Obraichean air Na Feuman tro Ullachadh a thaig Boireannaich air Ghailealtachd (1993). ’S iad seo:

cosgaisean is dòighean-siubhail

cùram-cloinne

cothroman tearca

Sheall an rannsachadh ionadail a bha seo gun robh boireannaich gu mòr air an gluasad gus a dhol an sàs ann an ullachadh no ann am foghlam gus cosnadh a thoirt a-mach, gu h-àraid nuair a chaidh aghaidh a thoirt air na cnapan-starra.

Tha mòran de luchd-fasdaidh ag atharrachadh na dòighean-obrach aca mar-thà gus na cnapan-starra seo a leagail agus gus feum nas fheàrr a dhèanamh de sgilean nam boireannach. Tha barrachd is barrachd aca air fàs mothachail gu bheil e na bhuannachd do luchd-fasdaidh is luchd-obrach le chèile innlachdan a thoirt a-steach a tha freagairt air feumlachdan an teaghlaich, mar uaireannan sùbailte, roinneadh-obrach agus taic ri cùram-cloinne.

Tha àite gu math cudthromach aig na boireannaich anns an obair seo, rud a bheir soirbheachadh dhan an roinn againn. Cuiridh iad ris an dòigh-leasachaidh againn ma gheibh iad cothroman gus obraichean ceart a dhèanamh agus air tuarasdalan nas àirde. Gus seo a dhèanamh, feumar barrachd trèinidh agus trèineadh nas fheàrr, cùram-cloinne a tha fosgailte dhan a h-uile duine, agus innleachdan a tha mothachail air feumlachdan an teaghlaich.

Tha e mar amas san leabhran seo na cùisean seo a chur air adhart ann an suidheachadh a dhaithnicheas luchd-fasdaidh air Ghaidhealtachdsna h-Eileanan agus eisimpleiran a thoirt seachad de dhinnleachdan leis an do shoirbhich.


[4]

COSNADH

The àrdachadh mòr air tighinn air àireamh nam boireannach a tha ri obair-chosnaidh anns an roinn againn anns na bliadhnaichean mu dheireadh, mar a thachair ann an àiteachan eile san Roinn-Eòrpa, a bharrachd air atharrachaidhean ann an nàdar agus ann an gnè na h-obrach. Ach fhathast gheibhear boireannaich anns an dreuchdantraidiseanta”, gu math tric pàirt-ùineach, sealach agus gun tuarasdal àrd nan cois, agus fhathast gun a bhith air an riochdachadh gu ceart aig an ìre as àirde de rianachd.

Air feadh na dùthcha gu lèir, tha àireamh nam boireannach a tha ri obair-chosnaidh ag èirigh agus cumaidh i oirreg èirigh. Tha còrr is 45% de luchd-obrach na Gaidhealtachds nan Eilean nam boireannaich agus cha mhòr nach eil 25% den fheadhainn san roinn a thag obair air an ceann fhèin nam boireannaich cuideachd. Ged a dhfhuirich àireamh nan daoine ri obair-chosnaidh fad na tìde an ìre mhath aig an aon ìre eadar 1981 agus 1991, thàinig leudachadh uiread cha mhòr air àireamh nan daoine a tha toirt seachad sheirbheisean, far a bheil obair phàirt-ùineach agus shealach bitheanta, air tachairt aig an aon àm ri àrdachadh ann an àireamh nam boireannach a thair a dhol air ais a dhobair.

Tha cuid a luchd-fasdaidh air prògraman co-ionannachd chothroman a thoirt a-steach mar mheadhan agus aghaidh a thoirt air an ana-cheartas a dhfhuiling boireannaich ann an obair-chosnaidh, a bharrachd air a bhith na mheadhan gus aire tharraing air laghan san raon seo. Tha na prògraman seo atoirt leotha sgrùdadh air mar a dhfhasdaichear luchd-obrach is mar a dhèanar an taghadh, na cothroman a thann airson leasachadh luchd-obrach agus bidh iad acur taic ri rudan leithid obair aig uaireannan sùbailte.

Faodar Gnìomhadh Dearbhach fon Achd mu Dhealachadh a-thaobh Gnè (1975), tro ullachadh is bhrosnachadh leis an luchd-fhasdaidh, gus crìoch a chur air abhuaidh a dhfhàg dealachadh roimhe seo. Faodaidh seo èirigh air a bheil boireannaich no fireannaich gun a bhith air an riochdachadh gu ceart, air neo mar thoradh air a bhith a falbh bho obair air sàilleabh gnothaichean an teaghlaich.

Chan eil e ceadaichte fon lagh do luchd-fhasdaidh dealachadh dearbhach a dhèanamh, nuair a tha iad asireadh agus ataghadh luchd-obrach, mar eisimpleir.

Acoimhead air achùis tro shùilean an luchd-fhasdaidh, thoiribh fa-near:

gu bheil na boireannaich air an cumail ri raon cumhang de dhobraichean

gu bheil còrrs leth de luchd-obrach nam boireannach ann an Alba an sàs ann an solar-bidhe, obair chlèireach na obraichean ceangailte

nach eil mòran bhoireannach an sàs ann an eòlas, innleadaireachd, teicneolas no rianachd

gu bheil bruthadh air a chur air luchd-fasdaidh, ach an tig iad beò ann am margaidhean far a bheil barrachd is barrachd farpais, gus an neach as fheàrr a thaghadh airson dreuchd, gun diofar co dhiubhs e boireannach no fireannach a thann

feumaidh luchd-fasdaidh am feum as fheàrr a chur air na goireasan a tha ri fhaotainn dhaibh, nam measg siud an sgilean gun aithneachadh a thaig boireannaich

tha trèineadh is brosnachadh nam boireannach, a bharrachd air fireannaich, na bhuannachd do dheagrachadh sam bith le bhith cur ri misneachd a barrachd air eòlas

Faodaidh luchd-fasdaidh cur ris an eòlas-obrach aca le bhith mothachail gu bheil:

beachdan ùra aig boireannaich a-thaobh mar a iad obair-chosnaidh is obair an teaghlaich còmhla

boireannaich afeitheamh nas fhaide gus am bi clann aca na boireannaich air falbh bho obair airson ùine nas giorra gus clann a thogail

dleasdanasan aig boireannaich aig an taigh gach cuid a-thaobh cùram dhan chloinns do sheann daoine a tha an eisimeil orra

boireannaich agabhail ri obraichean aig ìre a tha fada nas isle na na comas an is an t-eòlas aca, gus am bi an ùine afregairt air dleasdanasan an teaghlaich, agus leis sin gun a bhith ag obair aig ìre nan comas an aca

boireannaich gu math tric ag obair gu pàirt-ùineach bho oirs e seo an aon chothrom a tha ri fhaotainn no seach gu bheil e adol a rèir dleasdanasan an teaghlaich.

Cosnadh air Ghaidhealtachd is san h-Eileanan 1981 gu 1991

Lochd-Obrach

Thòisich mu 14,000 a bharrachd de bhoireannaich air obair eadar na bliadhanaichean seo, aig an aon àm ri lùghdachadh de mu 2,500 ann an àireamh nam fireannach ri cosnadh.


[5]

TREINEADH

S e trèineadh aon dòigh san cuir boireannaich ris an cuid èolais agus san cuir luchd-fasdaidh ris an èifeachdachd aca. Faodaidh trèineadh an comas a thoirt do bhoireannaich cur a-steach airson dreuchdan aig an ìre as àirde no a dhol an sàs ann an obraichean anns nach robh na mnathan bho shean.

Seo cuid a rudan anns an fharsaingeachd a tha ceangailte ri trèineadh nam boireannach:

feumaidh an fheadhainn a thair a bhith gun obair-chosnaidh o chionn ùine cur às ùr ris an eòlas aca

tha atharrachaidhean ann an teicneolas agus iarrtasan bho obraichean ùra afàghail gu bheil feum air trèineadh an còmhnaidh

ann an obair-chosnaidh bidh trèineadh gu tric adol a rèir ìre dreuchd. Seach gu bheil boireannaich nas trice na chaochladh aig an ìre as ìsle chan eil na h-aon chothroman a dhionnsaigh trèinidh, agus tha an trèineadh a gheibh iad buailteach air a bhith nas giorra ann an ùine na an trèineadh a gheibh na fireannaich

tha àireamh nam boireannach ri obair-chosnaidh buailteach air a bhith nas àirde ann an eagrachaidhean beaga nach eil cho buailteach ri eagrachidhean mòra air trèineadh a thoirt dhan luchd-obrach aca

gu tric cha bhithear atabhann nan aon chothroman trèinidh do na boireannaich agus a bhithear do na fireannaich is leis sin cha bhi na h-aon chothroman a-thaobh dhreuchdan aig boireannaich.

Faodaidh cnapan-starra sònraichte a thighinn air boireannaich cuideachd a-thaobh trèinidh is tighinn air adhart ann an dreuchdan. Fear dhe na rudan as bitheanta bhios abualadh air boireannaich, co dhiubh tha iad atilleadh no ag ullachadh gu obair no asireadh adhartais sna dreuchdan aca, ’s e togail misneachd anns an comas a thaca. Tha caochladh dhòighean sam faodar trèineadh seo fhuasgladh, gu tric ann an co-bhoinn ri uallachadh de sheòrsaichean eile.

Chaidh an Springboard Development Programme a chur air bhonn a dhaon ghnothach airson bhoireannaich, mothachail gu bheil cuid a dhuilgheadasan ris an gabh dèiligeadh nas èifeachdaiche mar phàirt de thrèineadh airson nam boireannach a-mhàin. ’S e tionnsgain gu math sùbailte tha seo aig a bheil e mar amas cur ri misneachd nam boireannach agus sgrùdadh a dhèanamh air an h-amansans na comasan a thaca.

Thug BP an tionnsgainn a-steach airson cuid dhen luchd-obrach aca ann an Sealtainn. Ag èirigh à seo tha neach-trèinidh de mhuinntir an àite air a chumail air leis an obair seo ann an Sealtainns ann an Arcaibh, a tha ri fhaotainn gach cuid de bhoireannaich a thag iarraidh dol air ais ag obair agus do luchd-fasdaidh airson an luchd-obrach aca.

Thuirt Fergie Norris bho BP gun robh an companaidh dhen bheachd gun robh Springboard na thionnsgain gu math taiceil agus gun robh i mar phàirt luachmhor dhe na dòighean uallachaidh agus na cothroman co-ionnanachd aca.

Mhìnich Linda Riddell bho Ceann-Ola Sullom Voe, mar a fhuair an t-eagrachadh buannachd bhotogair ris an ghabhadh Springboard; ghabh an dàrna cuid de luchd-obrach nam boireannach pàirt ann.

Tha dùil gun tigbarrachd misneachdmar bhuil às - faodaidh boireannaich a bhith smaoineachadh gun tèid aice air pàirt luachmhor a ghabhail agus bidh i deònach sin a shealltainn.

O chionn beagan bhliadhnaichean thàinig atharrachadh mòr air Sullom Voe. ’S coltach gu bheil leudachadh mòr air tighinn air an fhèin-spèis a tha aig achuid mhòir dhen fheadhainn a ghabh pàirt ann an Springboard.

Tha iad air seo a thoirt gu suidheachadh na h-obrach agus fhuair iad a-mach gun do ghabh iad ris na dùlain ann an dòigh nas fheàrr na bha iads dòcha roimhe seo.”

Thuirt aon neach dhen luchd-obrach ann an Sealtainn mu Springboard gur h-e bhanninnleachd mhath dha-rìribh a bu chòir a bhith ann airson a h-uile boireannach. Bidh e toirt orra iad fhèin a mheas agus amasan a thoirt dhaibh... ’s e chothrom air leth a thann gus smachd a ghabhail air do bheatha fhèin, seach a bhith aleigeil le gnothaichean smachd a ghabhail ort is a bhith air dfhàgail ann an suidheachadh far a bheil thug ràdhBfheàrr leam gun robh me air sin a dhèanamh... ” Bidh an tionnsgain acur ris an spèis a bhios neach agabhail dha fhèin agus fhàgail nas fheàrr san obair aige.”

Tha United Distillers air an tionnsgain a chur an gnìomh cuideachd, airson luchd-obrach air Ghaidhealtachd eadar Eilginn agus an t-Eilean Sgitheanach.

Chunnaic an luchd-pàirteachaidh cuid a chinn-chrìche a tha bualadh air mar a leasaich iad iad fhèin mar dhaoine.

A bharrachd air cinn-chrìche, tha Esther Waters bho United Distillers ag ràdh gun do dhaithnich achuid mhòr dhen luchd-rianachd, agus an luchd-pàirteachaidh air fad, atharrachaidhean a bha nam buannachdan.

Nam measg seo bha:

barrachd fèin-mhisneachd

a bhith nas deònaiche pàirt agus uallach a ghabhail

a bhith nas deònaiche ceist a chur air fiosrachadh

beachdan nas deimhinne


[6]

Ged a tha clann-nighean ann an Alba afàgail na sgoile le barrachd uidheamachaidh mar as trice na na gillean, cha bhi iad adol air adhart gus na comas an aca a chur an sàs anns an ionad-obrach.

Mothachail air an luach a thair brosnachadh aig àm tràth, tha Roinn an Fhoghlaim san h-Eileanan an Iar air cùrsaichean Boireannaich ann an Rianachd a chur air dòigh airson sgoilearan inbheach gus na cothroman a thann a shealltainn dhaibh.

Bidh boireannaich a tha ri rianachd atoirt comhairle air an fheadhainn a bhios afrithealadh orra seo, ’s iad agabhail pàirt ann an leithid obair-sgioba, dealbhachadh-dreuchd agus sgilean-taisbeanaidh.

Bidh seo atoirt achothruim do na sgoilearana bhith faireachdainn nas misneachaile nuair a tha iad acur eòlais air daoines nuair a a tha iad ag obair ann am buidheanagusa bhith tuigsinn barrachd mu rianachd agus na tha dhìth air a son.”

Fhathast chan eil gu leòr de bhoireannaich an sàs ann an rianachd.

Tha Comhairle Roinn na Gaidhealtachd air ceumannan a ghabhail gus seo fhuasgladh ann an Roinn an Fhoghlaim aca le bhith cur sreath de chùrsaichean uallachaidh Boireannaich ann an Rianachd Fhoghlaim air bhonn, le program-gnìomhachaidh dearbhach na chois.

Rinn Ainsley James bho Acadamaidh Inbhir Nàrann frithealadh air cùrsa Boireannaich ann an Rianachd Fhoghlaim agus thuirt i gun robh eair aon dhe na cùrsaichean a bfheàrr agus a bu bhuntaiche a rinn mi riamh. Thug e leis measgachadh rèidh de ghìomhan practaigeach, luchd-labhairt, deasbad agus obair air do cheann fhèin.

Seach nach robh an sàs ann ach boireannaich bha e comasach do na bha làthair a bhith na bfhosgailte na bha iad nan robh fireannaich ann cuideachd. Seach gun do chuir an cùrsa cuideam air na bha comasach dhuinn agus mar a dhèanamaid meas air an eòlas a bhagainn, chuir e ris amhisneachd againns ris an spèis a ghabh sinn dhuinn fhìn a bharrachd air a bhith nas mionaidiche mu na dreuchdan romhainn.”

Faodaidh trèineadh boireannaich a tha tilleadh gu obair a chuideachadh cuideachd le bhith ùrachadh an cuid eòlais acur ris amhisneachd aca nuair a thèid iad alorg obrach. Tha cuid a chùrsaichean soirbheachail air a bhith air an cumail air Ghaidhealtachd is sna h-Eileanan.

Nam measg seo tha tionnsgain air an robh Enterprising Women a chuir Buidheann-Foghlaim nan Obraichean air chois o chionn ghoirid. Bha sia cùrsaichean ann, ann an caochladh àitean, agus iad ag amas air na feumalachdan ullachdain a thaig boireannaich a-muigh air an dùthaich a ruigsinn. Tharraing na cùrsaichean boireannaich gun obair ach aig an robh sgilean agus eòlas.

Chaidh trèineadh ann an gnothaichean practaigeach a thoirt seachad cuideachd taobh a-staigh nan naoi seachdainean a mhair an cùrsa agus seachdain air an deach iad ag obair, rud anns an deach tlachd mhòr a ghabhail.

Mar a thuirt aon , “thug an cùrsa misneachd air ais dhuinn agus chuir e air shùilean dhuinn gun tèid againn air a dhol air ais a dhobair a-rithist”.

Faodaidh a bhith na bhuannachd do luchd-fasdaidh cuideachd ma tha neach-cuideachaidh inbheach aca fad seachdain. Mar athuirt aBhean-phòsda Harris a tha na bean-taighe aig ionad-Ghoireasan Corsee (ionad airson nan sean ann an Inbhir Nàrann), “Chaidh gu math le Julie nuair a chuir i seachad seachdain ag obair còmhla ruin. Chuir i feum a bfheàrr air an ùine ghoirid a bhaice agus rinn i oidhirp mhòr. Bha an luchd-fuirich agus an luchd-obrach duilich nuair a dhfhalbh i.”

Tha dòighean sònraichte sam faodar gnìomhadh dearbhach a ghabhail, cuideachd faodaidh luchd-fasdaidh a bhith:

mothachail gur h-e tasgadh a thann an trèineadh bhoireannach a tha dèanamh leasachaidh air goireas a tha gu tric air a leigeil an dearmad

acur ri àireamh nan cothroman ullachaidh a thann airson nam boireannach

atairgse trèinidh

abrosnachadh luchd-obrach pàirt-ùineach a bharrachd air làn ùineach gus uidheamachadh dreuchdail a thoirt a-mach

adèanamh cinnteach gu bheil na Buidhnean-iomairt mothachail air feumlachdan trèinidh an luchd-obrach

adol an sàs ann an tionnsgainean a sgrùdadh agus a chumas sùil air obair; ’s e dòigh shaor a tha seo a bheir buannachd do bhoireannaich le bhith toirt achothruim dhaibh a chur ri fiorachadh a chèile, eisimplirean a leantail, fios a lorg agus comhairle a chur

acur feum air leasachadh luchd-obrach gus boireannaich san luchd-obrach aca ullachadh agus bhrosnachadh

mothachail air na buannachdan a thig à gairm, taghadh agus oideachadh an neach as fheàrr airson dreuchd shònraichte


[7]

LUCHD-FASDAIDH AGUS CURAM-CLOINNE

Ann an Raon Iomairt na Gaidhealtachds nan Eilean tha còrr is 77,000 cloine eadar 0–15 bliadhna dhaois

Tha còrr is 23,000 dhiubh seo fo aois 5 bliadhna

Roimhe seo, bhiodh pàrantan ag obair air Gaidhealtachd is san h-Eilean an eisimeil air na pàrantan is na caraidean aca gus aire a thoirt dhan cuid cloinne.

Tha an suidheachadh fosgailte seo afàs nas duilghe chur air dòigh oir:

tha atharrachadh a-thaobh àireamh-sluaigh atighinn air coimhearsachdan far a bheil teaghlaichean gun a bhith cho buailteach air a bhith acòmhnaidh faisg air a chèile agus feadhainn eile ag imrich bho taobh a-muigh.

chan eil seann phàrantan afuireach faisg air làimh uimhir agus a chleachd iad a bhith gus cuideachadh le cùram-cloinne. Tha teaghlaichean nas bige na bha iad roimhe seo agus tha àireamh nam pàrantan-aonair ag èirigh.

Tha cleachdaidhean obrach ag atharrachadh cuideachd, le barrachd mhàithrean ag iarraidh obair-chosnaidh air falbh bhon taigh, tro thaghadh no tro fheum. Thig air cuid a dhfhireannaich a bhith ag obair air falbh fad ùineachan fada, afàgail nam boireannach an urra ri gnothaichean an teaghlaich agus obair a tharraing a-mach air an ceann fhèin.

Bidh na rudan seo afàgail dhuilgheadasan aig pàrantan agus iad afeuchainn ri dleasdanasan an teaghalaich agus obair-chonsnaidh a tharraing a-mach aig an aon àm.

Tha caochladh sheòrsaichean de chùram-cloinne ann agus nam measg siud tha:

cùram airson na cloinne roimh aois sgoileàite ann an ionad-altraim (ag amannan san ionad-obrach) no còmhla ri freiceadain-chloinne clàraichte, duine càirdeach no caraid.

Tha cuid a dhionadan-altraim air Ghaidhealtachd is sna h-Eileanan a-nis ach, mar as trice taobh a-mach nam bailtean, ’s e freiceadain-chloinne a than urra ri cùram-cloinne mar as trice.

Tha 780 uairean a thìde de dhiofar eadar bliadhna na sgoile agus abhliadhna-obrach

Cùram airson clann-sgoilecomann far am bi clann afuireach gus a bheil am pàrantan ullamh de dhobair. Mas as trice bidh iad seo air an cumail làithean-saora na sgoile cuideachd, nuair a tha e gu sònraichte doirbh do phàrantan cùram-cloinne a chur air dòigh. Aig amannan bidh ionadan-altraim, luchd-faire cloinne, daoine càirdeach na caraidean atoirt aire dhan chloinn cuideachd.

Tha aon deug de chomainn mach-às-an-sgoil air nochdadh air Ghaidhealtachd is sna h-Eileanan bho 1994 agus thathar acur deich eile dhiubh air dòigh.


[8]

Tha grunnd adhbharan airson luchd-fasdaidh a bhith acuideachadh le cùram-cloinne. Tha cuid nam buannachdan dìreach dhan neach-fhasdaidh agus bheir feadhainn eile buannachdan eile leotha le bhith cur feabhais air cleachdaidhean fasdaidh agus le bhith cur sgioba-obrach èifeachdaiche ri chèile.

Am measg nam buannachdan tha:

aneartachadh na h-ìomhaigh a thaig an eagrachadh ann an sùilean an t-sluaigh

afasdadh à tomhas nas fharsainge de luchd-tagraidh; faodaidh cùram-cloinne a bhith na tharraing mhòir do luchd-obrach

acur ri dìlseachd agus èifeachdadh luchd-obrach, le bhithg aideachadh gu follaiseach gu bheil dleasdanasan teaghlaich aig luchd-obrach agus le bhithg obair còmhla ri chèile gus gnothaichean fhuasgladh

aneartachadh caidreachas luchd-obrach le bhith mothachail air na dleasdanasan a-thaobh an teaghlaich a thaig luchd-obrach

alùghdachadh àireamh nan làithean a chosgas luchd-obrach air falbh bho obair, oir faodaidh luchd-obrach a bhith onorach mu na dleasdanasan a thaca aig an taigh agus tighinn gu rèite ris an luchd-fhasdaidh aca a rèir sin

agleidheadh luchd-obrach às dèidh clann a bhreith, rud a tha caomhnach a-thaobh fasaidh, agus ullachadh luchd-obrach a thig às ùr nan àite.

Tha sgrùdadh air buannachd nan cosgaisean aleigeil fhaicinn an luach a tha ann an gleidheadh luchd-obrach teòma.

Mar eisimpleir, ’s iad na cosgaisean ann am bitheantas a dhèireadh à bhith feuchainn ri cuideigin fhasdadh an àite rianadair a bha cosnadh £15,000 sa bhliadhna:

Cosgaisean fasdaidh £2500

Cosgaisean trèinidh £800

Neach-obrach sealach £300

Cion-teòmachd na neach ùir £3000

COSGAIS SHLAN GUS ABEARN A LIONADH £6600

Tha caochladh dhòighean sam faod luchd-fasdaidh cuideachadh a thoirt dhan luchd-obrach aca le cùram-cloinne. Tha cuid a dhòigheans a mholaidhean air an cur sìos gu h-ìosal, le eisimpleirean bhon aGhaidhealtachds bho na h-Eileanan.

Faodaidh àireamh bhuidhnean no eagrachaidhean tighinn còmhla gus cùram-cloinne a chur air dòigh luchd-obrach, ’s iad aroinneadh nan cosgaisean eatorra fhèin. Tha ionadan-àraich, comainn mach-às-an-sgoil agus buidhnean fhreicheadan-cloinne uile freagarrach san t-seagh seo, na faodaidh luchd-fasdaidh seirbheis a thoirt seachd do luchd-obrach, luchd-còmhnaidh agus luchd-tadhail.

Tha sinn ag iarraidh muinntir an àite fhasdadh

Chaidh ionad-àraich Bhrìghde ann am BailaChaoilais a stèidheachadh ann an 1992 leis abhuidheann thaighean-òsda Saorsa nan Gleann.

An-dràsda tha an t-ionad-àraich ann an taigh am BailaChaolais, ’s e air a chur gu feum le luchd-obrach is luchd-tadhail mar as trice.

Tha àiteachan an asgaidh aig luchd-obrach nan taighean-òsda ann. Bidh an t-ionad-àraich agluasad dhan ionad luchd-tadhail Tir aGheallaidh ann an 1996.

Tha aBhean-phòsda Jessie Young, a tha na striùiriche air buidheann nan taighean-òsda, amìneachadh mar a tha an t-ionad-àraich adol a rèir nan amasan a thaca mar eagrachadh. “The sinn ag iarraidh muinntir an àite fhasdadh ach cha mhòr gun gabh e dhèanamh gun chùram-cloinne. Agus tha sinn acumail an ionaid oir tha sinn dhen bheachd gu bheil uallach sònraichte againn dhan sgìre.”

Ann an car an aon dòigh, tha ionadan-àraich do dhoileanaich agus do luchd-obrach anns na colaisdean ann an Eilginn, Inbhir Nis agus Liùrabhaig.

Faodaidh luchd-fasdaidh àiteachan a cheannach ann an eagrachadh a thann mar-thà, mar ionad-àraich, freiceadan-cloinne no comann às-dèidh-na-sgoile.

Bidh an neach-fasdaidh aceannach no apàigheadh airson àiteachan a bhios an uair sin air an cur a thaobh airson luchd-obrach. Faodaidh ceannachan cunbhalach mar seo a bhith nan cuideachadh mòr do bhuidhnean beaga a-muigh air an dùthaich.

Tasgadh airson na h-ùine romhainn

Nuair a thog Judane Knitwear an togalach ùr aca ann an Liùrabhaig ann an 1994, bha àite airson ionad-àraich mar phàirt dheth. Tha Kinder Kids air a chumail mar ghnìomhachas air leth le Annette Laurenson.

Tha Janice Cook, a tha na stiùiriche air Judane Knitwear, amìneachadh, “ ’S e tasgadh airson na h-ùine romhainn a thann. Bidh sinn atoirt trèinidh do bhoireannaich òga agus chan eil sinn airson an call nuair a bhios clann aca”.

Tha àite air thoiseach air càch aig luchd-obrach Judane ann agus bidh iad apàigheadh air a shon le taic bhon luchd-fhasdaidh aca. Faodaidh pàrantan eile feum a chur air an àite le bhith pàigheadh air a shon aig an ìre shlàn.


[9]

Abrosnachadh nam boireannach gus a bhith neo-eisimeileach

Dhfhosgladh Comann As-Dèidh-Sgoile BhailaChaisteil sa Ghiblean 1995, atoirt seachad seirbheis faisg air Inbhir Theòrsa gach cuid às dèidh àm na sgoile agus tro na làithean-saora.

Tha am buidheann mòr, Norfrost, air taic a chur ris achomann le tabhartas agus cumaidh iad le bhith leigeil le luchd-obrach àiteachan a ghabhail ann le taic-airgid bhuapa.

Tha Stiùiriche-Rianachd Norfrost,Pat Grant, ag ràdh

Chuir mi romham taic a chur ri Comann As-Deidh-Sgoile Bhaila Chaisteil oir tha mi airson boireannaich a bhrosnachadh gus a bhith nas neo-eisimeiliche agus gus barrachd smachd a bhith aca air am beatha fhèin.

Tha e cudthromach cuideachd ged- san t-saoghal anns a bheil sinn beò, far a bheil àireamh nan teaghlaichean le pàrantan-aonair adol am meud, gum bi luchd-fasdaidh mothachail do seo agus gun cuir iad innleachd air dòigh sam faod neach dol air ais a dhobair gus chan e a-mhàin a bheatha fhèin a dhèanamh nas fheàrr ach cuideachd beatha a chloinne.

Tha an tionnsgain seo atoirt achothruim do phàrantan na dreuchdan a chuir iad rompa a leantail san eòlas gu bheil deagh aire air a toirt dhan cuid chloinne ann an àite sàbhailtes tèarainte.”

The èarlaisean cùram-cloinne nam meadhan sùbailte san cuidich luch-obrach le cosgaisean cùram-cloinne. Tha iag ag obair mar èarlaisean-lòin; faodaidh luchd-obrach an iomlaid airson àiteachan sna h-ionadan-àraich, le freiceadain-chloinne no comainn, mas es gu bheil na buidhnean seo air an clàrachadh. Tha dòigh eile ann far am faod luchd-obrach cuibhreann-airgid fhaotainn mar chuid de chosgaisean cùram-cloinne, a ghabhas pàigheadh a rèir tuarasdal an neach-obrachmar as ìsle tha an tuarasdals ann as àirde bhios achuibhreann.

Le bhith tairgse fiosrachaidh de luchd-obrach, tha luchd-fasdaidh asealltainn na tuisge thaca air na nithean seo.

Faodaidh pasgan beag fiosrachaidh no bileag a bhith na chuideachadh do phàrantan nuair a tha iad alorg cùram-cloinne, agus gabhaidh iad seo a chur ri chèile le bhith cur feum air clàran nam freiceadan-cloinne clàraichte a bhios air an cumail le Roinnean Sòisealta.

Tha Seirbheis Fiosrachaidh Cùram-Cloinne ann an Ros is Crombaidh agus thathar air seòladh ionadail mu sheirbheisean a chur ri chèile anns an Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse.

Chan e goireas cùram-cloinne an aon fhusgladh. Tha dòighean eile ann sam faod luchd-fasdaidh pàrantan a chuideachadh gus na dleasdanasan teaghlaich is obrach aca oibreachadh còmhla.

Bidh luchd cùram-cloinne taingeil airson taic dhìreach, agus cuideachadh le toglaichean no uidheam air neo comhairles eòlas. Gu math tric bidh seirbheisean cùram-cloinne air an rianachd le buidhnean-rianachd a bhag obair gun duaiss a chuireas fàilte air taic phractaigeach.


[10]

S es dòcha labhairt a-mach air innleachdan cùram-cloinne an dòigh as saoire thann gus cuideachadh a thoirt seachad ach faodaidh e bhith gu math èifeachdach. Feumar a thoirt a chreidsinn air luchd-taice, leithid comhairlean nan roinnean no nam buidhnean-iomairt ionadail, gum faodadh taic a-thaobh cùram-cloinne a bhith na buannachd dhìreach do eaconomaidh an àite.

S mòr as fhiach litrichean a sgrìobhadh a bheir taic, na labhairt aig coinneamhan gus gnothaichean cùram-cloinne a chuideachadh san sgìre agaibh fhèin.

BOGSA NAN DEIDEAGAN, Geàrrloch

S e thann am Bogsa nan Dèideagan ionad-àraich nach eil afeuchainn ri prothaid a dhèanamh, a thàinig ann am bith ann an 1993, agus a chaidh a chur air chois le boireannaich bhon àite le taic bho ùghdarrasan ionadail agus roinneil mar Bhuidheann-Iomairt Rois is Chrombaidh.

Chuir luchd-fasdaidh an àite taic le bhith asgrìobhadh litrichean agus le bhith frithealadh aig coinneamhan gum fuasgladh Bogsa nan Dèideagan na duilgheadasan a bhaca a-thaobh fasdaidh.

CIS AGUS CURAM-CLOINNE

Faodaidh luchd-fasdaidh lùghdachadh fhaotainn air cìs mu choinneamh nan cosgaisean a dhèireas às a bhith acuideachadh le cùram-cloinne an cuid luchd-obrach.

Gabhaidh cìs a chur air luchd-obrach fhèin, an crochadh air an t-seòrsa cuideachadh a thann is air an tuarsdal aca.

Tha Luchd-Fasdaidh airson Cùram-Cloinne, forum de dheich buidhnean mòra, air aon dhe na h-eagrachaidhean a tha ag agairt airson atharrachaidhean anns an lagh air cìsean.


[11]

INNLEACHDAN A THA MOTHACHAIL AIR TEAGHLAICHEAN

Thig buannachdan mòra às a bhith acur innleachdan a tha mothachail air teaghlaichean agus cleachdaidhean-obrach sùbailte ann an gnìomh. Le bhithg atharrachadh cleachdaidhean na h-obrach gus am freagair iad air feumalachdan sònraichte, faodar cuid dhe na duilgheadasan fhuasgladh a dhèireas à cùram luchd-eisimeile.

Chan eil rudan seo abualadh air aGhaidhealtachd is air na h-Eileanan a-mhàin; air feadh na Roinn-Eòrpa tha dòighean-obrach ùra fo dheasbad agus air an cur ann an gnìomh.

Anns aMhàrt 1992, chaidh ghabhail ri Moladh Eòrpach air cùram-cloinne. Tha seo atoirt aghaidh air an fheum a thann airson tòrr rudan ceangailte ri obair is ris an taigh gus taic a chur ri pàrantan a bhios ag obair.

Chaidh sealltainn air ceithir nithean gu sònraichte:

seirbheisean airson na cloinne

cead do phàrantan an obair aca fhàgail

abhith acur suidheachadh, cruth agus eagrachadh na h-obrach an altaibh a chèile ann an dòigh a tha mothachail air na feumlachdan a thaig luchd-obrach aig a bheil clann

acur air adhart roinneadh nan dleasdanasan airson cloinne eadar boireannaich is fireannaich

Tha an tomhas farsaing de dhleasdanasan an urra ri caidreachas eadar riaghaltasan, ùghdarrasan-ionadail, aonaidhean luchd-obrach agus luchd-fasdaidh. Tha buidhnean mòra adol an sàs anns na h-innleachdan seo agus gu math tric tha na buidhnean beaga gu math comasach air an cleachdaidhean sùbailte chur ann na gnìomh a tha freagairt orra fhèin is air an luchd-obrach aca.

Le bhith mothachail air na rudan seo is le bhith gan cur air adhart mar dheagh chleachdadh, faodaidh buidhnean barrachd luchd-obrach a tharraing agus luchd-obrach luachmhor a ghleidheadh. Aig abhonn dhiubh uile tha am feum a thann gun bithear mothachail air achothrom a thann eadar dleasdanasan an taighe agus na h-obrach do bhoireannaich is do dhfhireannaich.

Bheir atharrachaichean ann an cleachdaidhean na h-obrach fuasgladh air cuid dhe na duilgheadasn ceangailte ri cùram-cloinne. Dhfhaodadh seo a bhith ciallachadh atharrachadh air àm-crìochnachaidh, le bhith gabhail barrachd feairt air làithean-saora nan sgoilteans le bhith toirt achomas do dhaoine a bhith ag obair aig an taigh. Tha roinneadh-obrach aig Comhairle Roinn na Gaidhealtachd ann an cuid a dhreuchdan, rud a bhios agleidheadh luchd-obrach teòma nach eil ag iarraidh ach obair pàirt dhen tide.

Aig Buidheann-Iomairt an Eilean Sgitheanaich is Loch Aillse, tha Barbara Smith, a thag obair ann mar an aon bhoireannach aig a bheil clann bheag, dhen bheachd gu bheil an dòigh sa bheil am buidheann ag obair na h-eisimpleir de dheagh chleachdadh.

Tha Barbara ag obair ann an suidheachadh gu math sùbailte, far am faod i na h-uairean-obrach aice atharrachadh a rèir feuman a cuid cloinne agus faodaidh i bhithg obair aig an taigh nuair a thig feum air.

Gun teagamh, faodaidh uairean-sùbailte a bhith nam buannachd do dhfhireannaich a bharrachd air boireannaich ag obair.

Ann an dreuchd aon neach, faodar measgachadh de chleachaidhean-obrach sùbailte le aon neach-fasdaidh a chur ann an gnìomh.

Thòisich Audrey Parker air obair phàirt-thìdeach a dhèanamh aig an t-Seirbheis-Fhasdaidh ann an 1983 ann an Gallobha, sgìre a dùthchais, agus ghluais i gu dreuchd làn-thìdeach. Aig an aon àms a rinn an duine aice imrich gu Dùn , bha Audrey airidh air fòrladh màthaireil, agus às dèidh sin till i a dhobair agus fhuair i àrdachadh ann an dreuchd.

Chaidh Audrey dhan Eilean Sgitheanach ann an 1993 nuair a fhuair an duine aice obair ann an sin. Thug an t-Seirbheis-Fhasdadh Briseadh-Dreuchd fad còig bliadhna dhi ach chaidh i air ais a dhobair o chionn ghoirid mar neach-comhairle aig an Ionad-Obrach ann am Port Rìgh.

Mar a tha Audrey ag ràdhFhuair mi buannachd mhòr bhon bhriseadh seo, a thug an cothrom dhomh an dreuchd agam a chumail ach cuideachd an teaghlach againn a chumail còmhla agus an t-seasmhachd a bha dhìth a thoirt dhan achloinn againn nuair a bha iad ag imrich gu àite ùr. Tha mi air pàirt a ghabhail ann am buidhnean-coimhearsnachd anns a bheil achlann air a bhith an sàs, tha mi air cuideachadh a thoirt le togail-airgid agus tha mi air tlachd a ghabhail ann a bhith afuireach ann an coimhearsnachd bheag.”

Rinn Audrey feum cuideachd dhen ùine a fhuair i air Briseadh-Dreuchd gus teisteanas rianachd a thoirt a-mach air a chur air dòigh leis aBhuidheann-Iomairt Ionadail.

Tha roinneadh-obrach afas nas bitheanta am measg dhaoine nach urrainn dhaibh a bhith ag obair gu làn-thìdeach. Ged a tha beagan meòrachaidh a dhìth gus roinneadh-obrach a chur air dòigh, seach a bhith ga fhaighinn duilich a thoirt gu buil, bidh luchd-fasdaidh gu tric ag ràdh gu bheil tòrr bhuannachdan na lùib, nam measg siud leudachadh air dèanadas agus èsagaidheachd nan daoine a bhios aroinneadh na h-obrach.

Am measg nan cleachdaidhean-obrach eile air am faod luchd-fasdaidh beachd a ghabhail tha oibreachadh a rèir teirm, a ruigeas air gach cuid feuman luchd-fasdaidh is luchd-obrach agus, leis na thann de dhadhartas ann an teicneolas, a bhithg obair aig an taigh, an dàrna cuid gu pàirt-thìdeach no gu làn-thìdeach ach fhathast acumail nan ceanglaichean ris an ionad-obrach. Leis cho sgapte agus tha an sluagh air Ghaidhealtachd is sna h-Eileanan, tha tòrr acur earbsa ann an teicneolas ann an cosnadh airson na h-ùine ri thighinn.


[12]

GIORRACHADH

Tha còrr is leth de shluagh na Gaidhealtachds nan Eilean nam boireannaich. Tha àireamh nam boireannach a tha ri obair-chosnaidh ag èirigh, ach tha an àireamh dhiubh ìosal ann an cuid a dhobraichean.

– ’S e trèineadh am fuasgladh a thann gus sgilean nam boireannach a leasachadh agus gus brosnachadh a thoirt dhaibh na tàlantan a thaca a thoirt gu ìre.

Tha gnìomhachasan soirbheachail an crochadh air luchd-obrach a tha teòma agus sùbailte. Bu chòir do luchd-obrach am feum as fheàrr a chur air na goireasan a tha ri fhaotainn agus beachd a ghabhail air trèineadh agus cleachdaidhean-obrach a bhios acur ris na comas an a thaig an luchd-obrach a thann mar-thà agus a bhios atarraing luchd-obrach às ùr.

Tha cùram-cloinne a tha freagarrach riatanach ach am faod pàrantan air Ghaidhealtachd is sna h-Eileanangu sònraichte boireannaichtrèinedh a ghabhail agus brath a ghabhail air cothroman-cosnaidh

Tha comhairle mu thrèineadh is mu chùram-chloinne ri fhaotainncuiribh air ais achairt phàigte a tha an cois seo ma tha sibh ag iarraidh tuilleadh fiosrachaidh.


[14]

TREINEADH 2000 AGUS CLANN ANN AN ALBA / FORUM NA DUTHCHA LEABHRAN-TREORACHAIDH LUCHD-FASDAIDH

CLAR NAM BUIDHNEAN-TAIC A CHUIDICH LE FOILLSEACHADH AN LEABHRAIN SEO

Buidheann Fiosrachaidh do Ghnìomhachasan

Caidreachas nan Ughdarrasan-Ionadail ann an Alba

Buidheann-Iomairt Ghallaibh is Chataibh, Earr.

Seirbheisean-Fasdaidh, Sgìre Inbhir Nis is Mhoireibh

Ughdarras nan Cothroman Co-Ionnanachd

Buidheann-Iomairt na Gaidhealtachd is nan Eilean

Comhairle na Gaidhealtachd

Bòrd-Slàinte na Gaidhealtachd

Comhairle Roinn na Gaidhealtachd

Buidheann-Iomairt Inbhir Nis is Inbhir Nàrann, Earr.

Buidheann-Iomairt Loch Abair, Earr.

Buidheann-Iomairt Mhoireibh, Bhàideanach is Shrath Spè, Earr.

Buidheann-Iomairt Rois is Chrombaidh, Earr.

Buidheann-Iomairt an Eilein Sgitheanaich, Earr.

Buidheann-Iomairt Shealtainn, Earr.

Taigh-Grùdaidh Thom Aitinn, Earr.

UKAEA

Unison, Meur Slàinte na Gaidhealtachd

Aran-Cridhe Mhic an Fhùcadair, Earr.

Tha TREINEADH 2000 agus Clann ann an Alba / Forum na Dùthcha gu mòr an comain nan eagraicheadhean agus nan daoine a thug taic gus an leabhran-stiùridh seo a chur ri chèile tro thabhartsan, urrasachd agus chomhairle.

titleA’ Tasgadh anns an Ùine Romhainn
internal date1996.0
display date1996
publication date1996
level
reference templateA’ Tasgadh anns an Ùine Romhainn %p
<< please select a word
<< please select a page