[98]

CAIBIDEIL X.

CAILEAN AIR CHOMHACH.

BHAn Bhan-fhrangach afarchluais taobh am mach an doruis, is chual i h-uile facal den iorghuill a bha eadar Cailean isathair.

Nuair chaidh Cailean Mór a steach don t-seòmar far an robh i, thòisich i air miodal, ’s air brìodal risna dòigh chealgaich, mheallta, bhradaich féin.

Tha thu air do chur mun cuairt, a rùin. Cha dfhuair am peasan a smachdachadh aig glùn, agus chaneil a sheòrsa furasda a smachdachadh aig uilinn.”

Nach smachdaich!” ars esan. “Nach smachdaich! Cha leig mise thairis orm e nas na leigeas mi an giolcam-dòbhram is motha thachair riamh orm.”

Be sud an duine ghleidheadh a suas deagh chliù is fuil uasal rìoghail nan àrmunn meanmnach bhon dthàinig e.”

Ach creinidh e air an sin; agus creinidh e air na beachdan saobh-chreideach a thaobh uachdranais is fìor-uaisle tham Ministear


[99]

Mór misgeach an déidh a stalcadhna cheann gun eanchainn. Fhuair e taobh na locrach den chòmhla agus gleidheadh se e; air-neo cha mhise fear a thann.”

Bha Dùn-àluinn aspaidsearachd air an ùrlars atoirt sad chruaidh da chasan air a h-uile ceum, a dhaingneachadh nam facal.

Cha seilbhich e oighreachd Dhùin-àluinn, ma dhfhaodas mise, agus neachsam bith a ghabhas roimhe, cha tog e smùid air làn sluasaid de ùir a bhuineas dòmhsa.”

Bha a bhean air a h-éibhneachadh thar tomhais. Bhan t-srian aice an ceann abhurraidh agus stiùireadh si e an taobh a thogradh i, ’s a teangadhna pluic amagadh air.

Thachair an bhonn odhar air a chéile, agus bha iad acòrdadh gu math.

Fhuair mise mo dhùrachd a nis, agus, ma dhfhaodas mi, gleidhidh mi i. Cha bhi bana-mhaighstir ann ach mise. Ma bhitheas min déidh mfhirHa-ha-! Mfhir! agus cha bhi oighre ann ach mo shliochd, ma tha sliochd an dàn domhchì mise an oighreachd air a glanadh gus nach bi fiamh no giamh orm gum bi Cailean Og anns an rathad orm. Chì. Chuir mi romham e. Is mise bean Dhùin-àluinn. Ha-.”


[100]

Biad so a smaointean. Be so a dùrachd. Am fad so fhuair i leatha e.

Nuair a dhfhàg Cailean an caisteal, bhon do bhreab, ach gann, ’athair am mach e, thug e air, lom is dìreach, gu Màiri. Bin aon chùl-taic a bhaige nis, bho na chaill e mhàthair. Bann rithe daonnan a leigeadh e chomhairle. Bann bhuaipe daonnan a gheibheadh e comhairle chuireadh misneach ann, anns an daorassan robh e ri linn na h-ùpraids an tionndadh bun os cionn a bhana dhachaidhan dachaidh sin a bha nis air fàs cho fuar chumhann das nach robh àite aigesan oiseann bu lughas a bu shuaraiche dhìth.

Chaneil mi mìr air mo mhealladh. ’S ann a bhithinn air mo mhealladh gu mór nam bèn t-atharrach a thachair,” arsa Màiri. “Is fada bho na thubhairt mi riut gun robh an teinega fhadadh; is cha ghabhadh e cur annad gus am fac thu nis e le do dhà shùil féin. Agus tha mi glé thoilichte. Feumaidh tu an dùthaich a thoirt greis mu dcheann; oir gu cinnteach, a Chailein, tha eagal orm nach bi do bheatha sàbhailte.”

Tha miga fhaicinn sin a nis, cho soilleir ri gréin amheadhon-latha shamhraidh.


[101]

Ciod èsam bith mar a thachair Seumas Weldon bochd amaideach ra bhàs— ’s e sin sam bith a mharbh e— ’s en fhoill a chaidh a chluichchaidh a mhortach dìolaidh an ciontach air a shon lath-eiginn, ciod èsam bith cho fad air falbhs a tha e. Bha esan rathad. Tha misesan rathad, cuideachd; ach ni mi feum den fhaire-mhonaidh a fhuair mi. An nochd féin bithidh mi air ceann an rathaid. Ach ciod è mu ddheighinn-sa; agus mu dheighinn Móir Bhig, gus an till mise a rithis, ma tha e an dàn domh?”

Chaneil am Móir Bhig ach an leanabh. Leanaidh mise rithe fhads a dhfhàgar agam i; ach tha acheud chòir aig a h-athair oirre. Chaneil cùram dhòmhsa nas . Tha mo shean mhàthair agam ri sealltainn as a déidh, agus feumaidh mi bhi faicilleach; agus acheud fhosgladh a gheibh mi, fàgaidh mi so. Tha abhiodag annamsa cho maths a tha i annad féin.”

Chaneil teagamh ann,” arsa Cailean, “ach ciod èsam bith taobh air an toir thu taghaidh, lean ri mo phiuthair.”

Na cuireadh sin cùram ort,” arsa Màiri. “Far am bi mises mo mhàthair, bithidh ise; nos ès gun téid a toirt bhuam le cluip. Cha chuirinn earbsa anns an ud na


[102]

bfhaide na thilginn i. Tha i cunnartachsan dùthaich.”

Air an oidhche ud féin, dhfhàg Cailean tìr a dhùthchais, Shuidh e féin is Màiri taobh an teinidh abruidhinn air a h-uile dòigh a bfhèarr a ghabhadh rathad ùr a réiteachadh troimhn fhàsaich anns an do chuireadh iad le chéile le ìobartan na dreige a thàinig cho tubaisteach anns an t-slighe orra le chéile.

Nuair thòisich an speur air fàs glas os cionn Beinn Bhuidhe, agus amhaduinn air dèanamh gu bòidheach thog Cailean air. Shìn se e féin thar a pheathar, agus srannd aice an cadal sàmhach socrach, neoichiontach de àmhghairean an t-saoghail, agus phòg se i gus an do fhliuch e a falt le dheòir. Dhfhàg e beannachd aig Màiri is aig a màthair, is tharruing se e féin air falbh bhon aon làraich a bu ghoirte air an do sheas e riamh, ach taobh leabaidh-bàis a mhàthar.

Astar beag air aghaidh taobh an rathaid bhan cladh, anns an do thìodhlaiceadh a shìnnsearachd fad iomadh linn. ’Sa cheart ùir so bha mhàthair acnàmh. Chaidh e steach. Sheas esa chomhar-thràth aig ceann na h-uaighe, ’s a bhoineidna dhà làimh. Bha sàmhchair uile mun cuairt comh-réidh ri


[103]

sàmhchair na h-uaighe féin. Shìn Cailean e féin air uaigh a mhàthar, is shil a dheòir air aphloc ghorm. Spìon se e féin air falbh, agus an uair a fhuair e air ceann an rathaid a rithis, dhfhairich e mar gum faigheadh a chridhe goirt aotromachadh. Bha e toilichte gun dfhuair e seachad an rud ud a bha cur eallaich air ri linn e bhi air fhògradh bho dhachaidh, lom, falamh: dealachadh ri Màiri, a leannan, agus ri Móir Bhig, a phiuthar, agus taghalsa chladh a chum sealladh aon uair eile de uaigh a mhàthar.

Chaneil àmsam bith is motha dhrùigheas suidheachadh den t-seòrsa so air neach a bhitheas afàgail a dhachaidhs a dhùthcha, na àm briseadh fàire, nuair than saoghal uile an clos na suain, gun smuairean, gun smaoin air ainneart, no càs, no trioblaidean an fhàsaich so. Dhrùigheadh e air neachsam bith. Dhrùigh e air Cailean Og Dhùin-àluinn. Bu dùth dha gun drùigheadh.

Ach ma dhfhalbh e, bha beannachdna chois. Bha spéis aig an t-sluagh dhà. Bha na dhfhàgadh de thuath air an oighreachd acur earbsa as, agus atighinn beò an dòchas gum faigheadh iad fois is clos nam biodh en dàn da, lath-eiginn, suidhe mar uachdaran an caisteal Dhùin-àluinn. Thuit an duds an


[104]

dad nuair dhfhalbh e, agus cha be falbh ach a chur air falbh, mar a dhéirich do mhóran aca féin.

Bhan oighreachd air dol fàs a chion sluaigh. Bailtean móra farsuinn, ’s gun ra fhaicinn annta ach cìobairean. Mar a chaidh a ràdh cheana, bha na dhfhuirich den t-sluagh air tuineachadh ri cladach, atighinn beò air dhòigh éiginn eadar iasgach is àiteach, air uachdar chreag, is mòrlanachd don uachdaran air seachd sgillinnsan latha, agus clach de mhin Innseanaich oidhche Shathuirne nuair stadadh iad. Ri ùine dhéirich am pàigheadh-latha caigeann sgillinn, is bhiodh na truaghaingan cunntas féin beartach nan tigeadh an lathasam faigheadh iad tasdan. Cha robh feum a bhi gearan. Cha robh e furasda tighinn as eadar bàillidh uaibhreach, dìoghaltach agus uachdaran gun fhathamas, gun seirc, gun iochd, gun tròcair, ach an sluagh a shiogaladh gus an sgillinn a bfhaide mach.

Cha robh ach an aon duinesan sgìreachd a ghabhadh an taobh; agus be sin am Ministear Mór, mar theireadh iad ris: Dòmhnull Stiùbhart, ministear na sgìreachd. Ach bha e féin air cloich an turramain. Bham ministear gun chùram mnatha no


[105]

teaghlaich, agus anns na bliadhnachan mu dheireadh a bha en seilbh na sgìreachd, thug se e féin a suas gu buileach don deoch làidir.

Air uairean be bu cheann-teagaisg dhasa chùbaid an t-asdar a bha eadar a thigh féin agus tigh-òsda achlachain. Air uairean eile is minic a chunnacas e an àite uaigneachsa mhonadh, air a rathad dhachaidh as achlachan, ’s an daorach air, ’s gun air ach abhriogais. Bhiodh am bata air stobadhsa ghrunnds a chòta is ad air, is esan adannsadh mu choinneamh, ’s amaoidheadh, ’s asèarsalachadh a dhòrns ag iarraidh air tighinn air aghaidhs nach fhàgadh e òirleach ann. Air uairean, ’s e Dùn-àluinn a bhiodh ann, ’s air uairean eile, uachdaran air choireiginn eile. Bha e féin fo chomaraich nan uachdaran; ach ged a bhà, cha robh aige orra. Bha e de theaghlach measail, ’na dhuine ionnsaichte, agus duineil; foghainteach, neo-eisimeileach, gun eagal, gun ghiorraig, gun sgàth, ciod èsam bith an taobh a thigeadh e.

Ach bha abhiodag ann. Cha bann air son na deoch a mhàin; ach air son gum biodh de ladarnas anns gun toireadh e achmhasan do na h-uachdarain mheasail, no


[106]

gum faigheadh e coiresam bith dhaibh. Thug e, gu sònruichte, oilbheum do Dhùn-àluinn; is chuir Dùn-àluinn roimhe dìoladh a thoirt am mach. Thug e cùis amhinisteir air beulaibh na cléire; ach, ged a thug, cha do mheataich sud am ministear dad.

Cha robh àite an suidheadh no an seasadh e, nach be -làrachadh na dùthcha bu chuspair da. Leudaicheadh e air còirichean an t-sluaigh air an fhearann, agus an t-seòltachd leis an deach na h-uachdarain an seilbh, ’s mar a fhuair am fear bu mhotha ceilg is seòltachd an roinn bu mhotha den dùthaich, agus mar a rinn iad an sluaghnan tràillean le laghannan a fhreagairt orra féin, ’sgan daingneachadh féin an seilbhs an ùghdarras leis an robh comas aca fòirneart a dheanamh air an ìochdarain.

Rinn iad sin. Rinn Dùn-àluinn achuid bu mhotha dheth, is cha bann bu dual. Cha robh craobh-ghineil an Albainn cho foirfe stoc is geugan ris achraoibh as an do shìolaich e. Is annamh craobh air nach meath geug uair-eiginn. Be Dùn-àluinn laoghan na craoibhe dem buineadh e. Be, cuideachd, an aona gheug a chrìons a sheargs a ghrod, làn mhosgain is fhineag is chnuimh. Cha bionann es na h-àrmuinn eile bha


[107]

roimhesna déidh, aig an robh meas air an t-sluagh a bhanam mèinn, a bha iochdmhor, coibhneil, tlusail riutha, a ghleidheadh daonnan mun cuairt orra iad, agus a chìtheadh ceartas aca an còirs an eucoir.

Cha deach Dùn-àluinn riutha. Dhìnnseadh am Ministear Mór sin cho math ris achòrr, gus an dùraiceadh Dùn-àluinn òl air an uisge a dhaon bhalgam.

Bha fadal air gus an tachradh am ministear air.

titleX. Cailean air Chomhach
internal date1912.0
display date1912
publication date1912
level
reference template

Dùn Àluinn %p

parent textDùn-Àluinn, no an t-Oighre ’na Dhiobarach
<< please select a word
<< please select a page