CAIBIDEIL XIV.
AM MINISTEAR MÓR A’ CUR DHETH.
AM measg na thubhairt am ministear, ars esan:—
“Buinidh am fearann do ’n Stait a mhàin. Tha beò-shlainte a’ chinnidh-dhaonnda uile tighinn as; is cha ’n ’eil e ceart no cothromach gu ’m biodh a leithid de chumhachd ’s a leithid de ùghdaras aig neach ’sam bith ’s gu ’n toireadh e ’n spàin á beul a chomh-chreutair, le thilgeadh am mach á chuid fearainn, is as a dhachaidh, ged a b’ ann am mach air a’ chuan a rachadh e, a dhèanamh àite do fhéidh is do chaoraich.”
“Ho-ré! Suas i, mhinisteir! ghlaodh an sluagh.
“A chàirdean,” ars am ministear a rithis, “ ’s i ceist chudthromach a tha ’n so. Bheir mi dhuibh coimeas. Có thug cumhachd do Dhùn-àluinn thar na bheil aige de fhearann? Có chuir an seilbh cho mór e air an fhonn, agus oirbhse tha ’ga àiteach o chionn linntean a tha cho fada air ais ri Ciaran Cas a’ chuaille chnuacaich bho ’n d’ thàinig e—agus, math
dh’ fhaoidteadh, na ’s fhaide? Có thug a leithid de ùghdaras da thairis oirbhse is gu ’m faod e ur làimhseachadh mar thràillean dubha nan Innsean? Sin agaibh a’ cheist: agus, do bhrìgh gu ’m bheil feadhainn an làthair an so a thàinig a dh’ aon obair a thoirt a’ ghath as na their mise, agus a chur clach an craos an aobhair, freagraidh mi a’ cheist, agus bheir mi na fiaclan sgorrach, puinnseanta, á clab-sgrùdaidh abhagan nan uachdaran mu ’m fosgail iad am beul.”
“Ho-ré! Suas i; suas i! Gasda, mhinisteir! Is sibh tha còrdadh ruinn! Suas i!”
“Nis, gabhaibh beachd,” ars am ministear; “tha còir dhligheach aig gach neach air an fhearann. ’S ann leis an Stait a tha e; agus ’s iad an sluagh an Stait.”
“Sin e! Sin e, dìreach!” ghlaodh aon leth-cheud còmhla.
“A nis, tha còir aig Dùn-àluinn air fearann cho math ri duine eile; ach cha ’n ’eil còir aige ach air uilearachd; is cha ’n ’eil còir idir aige air cuid dhaoine eile.”
“Ceart gu leòir! Ceart gu leòir!” ghlaodh an sluagh.
“Nis, gabhaibh beachd air an so. Anns na seann linntean, nuair a rachadh neart thar ceart, mar tha ’n diugh féin, bha daoine bha
gleusda, treun, geurchuiseach, agus seòlta, air an taghadh a dhol air ceann an t-sluaigh. B’ iad sin na cinn-fheadhna. Nuair thoirteadh am mach fearann le faobhar a’ chlaidheimh, bha h-uile fear a’ faotainn a chuibhrinn féin; is bha còir cho dligheach is cho laghail aige air, ’s a bha aig a’ cheann-fheadhna air a chuid féin, gun mhàl, gun chàin, gun fhiachan, ach seirbheis cogaidh nuair b’ fheudar i. Sin agaibh mar a bha.”
“Ach bha so ann,” ars esan. “Thug an rìgh, no ’n crùn, cinn-bheartas do ’n cheann-fheadhna thairis air fearann a chineil; agus ’s ann bhuaithe sin a dh’ éirich an truaighe air a’ cheann mu dheireadh, le seòltachd is sniadaireachd is feallsachd nan ceann-feadhna is an àrd-riaghlaidh.”
“Anns na seann linntean nuair phòsadh té de ’n cuid nighean, bha aig na cinn-fheadhna ri suim shònruichte de airgead a thoirt do ’n rìgh. Ach cha ’n ann mar sin a tha chùis an diugh. Cha ’n ann. Thàinig iad gu seòlta, bradach, mu ’n cuairt oirbh. Rinn iad laghannan a fhreagairt orra féin, gus an do shruth cìsean mar so, de ’n robh iadsan a mhàin buailteach, bhàrr an dromannan féin, mar a shruthas uisge bhàrr druim a’ gheóidh; agus laigh iad gu maol, marbh, socrach, air ur
dromannan-sa, còmhla ri màl ceithir-fillte na h-eucorach. Sin agaibh a’ chluich a chaidh a dhèanamh oirbh. Sin agaibh ur cinn-fheadhna. Sin agaibh ur n-uachdarain. Sin agaibh samhladh nan sàr do ’n do dhóirt ur n-athraichean am mach fuil an cridheachan, agus leis an do cheannaich iad am fearann ’s am fonn as am bheil sibh an diugh ’gur fògradh mar thràillean.”
“Cùl riutha! Cùl riutha! Ho-ré! Cumaibh oirbh, a mhinisteir. Cumaibh oirbh! Suas i!”
Chluinnteadh an fhuaim astar air falbh, is na bha air taobh am muigh an Achaidh-bhàin a’ freagairt na h-iollaich a bha stigh le gaoir chruaidh sgaiteach.
Ach lean am ministear air aghaidh:—
“Tha sibh a’ tagradh nan Sasunnach. Cha do rinn iad beud oirbh; ach rinn ur cinn-fheadhna shuarach, shniadach féin e le foill is le eucoir. Cha ’n ’eil mi ’g ràdh nach ann á Sasunn a thàinig an galar éitidh a chagainn ’s a shluig ’s a chnàmh sibh; ach b’ iad ur cinn-fheadhna shanntach a thug dhachaidh e. Mu ’n d’ thubhairt Emerson e, an sgrìobhadair mór Ameriocach ud, chaidh an dùthaich so bun os cionn, ’s an sluagh a chreachadh ’s a dhèanamh ’nan tràillean
bho ’n là ud anns a’ bhliadhna 1066, ’san d’ thàinig fichead mìle mèirleach air tìr do Shasunn as an Fhraing. Ciod è a bh’ anns na Normanaich ach daoine borba, aineolach, do nach b’ aithne an aodach a chur orra an coimeas ris na Sasunnaich a cheannsaich iad. Sin an treubh a thruaill ar dùthaich ’s a dh’ atharraich ar cleachdainnean glan, fallan, foirfe. An déidh do na Normanaich bhi faisg air dà cheud bliadhna anns an dùthaich so, ’gan cìreadh ’s ’gan slìobadh féin, thòisich iad air diùcan ’s air barain ’s air ridirean ’s air iarlachan a dhèanamh diubh féin. Chuir iad an sin suas tigh mór nam maithean an Lunnainn, agus bho ’n ionad sin riaghail iad an dùthaich; agus chum iad an casan air amhaichean an t-sluaigh, mar tha iad a’ dèanamh gus an latha ’n diugh.”
“Nuas na maithean!”
“Tha sin ùr dhuinn!”
“Na cealgairean! Na cealgairean!” ghlaodh an sluagh, a bha mean-éisdeachd na h-òraid.
“A chàirdean,” ars am ministear; “their iad ruibh gu ’m bheil saors agaibh; ach tha mise ’g ràdh gur tràillean sibh.”
Thog so ochanaich feadh na cuideachd.
“Tha mi ’g ràdh ruibh, agus dearbhaidh mi e, gu ’m bheil còrr agus dà fhichead muillean tràill taobh a steach còrsan Bhreatuinn. Nis, thugaibh an aire: tha fearann na rìoghachd so an seilbh eadar deich mìle fichead agus dà fhichead mìle uachdaran. Tha, mar an ceudna, mu dhà fhichead muillean de shluagh ’san rìoghachd; agus a-réir lagh shìobhalta na rìoghachd tha comas agus cumhachd aig an deich mìle fichead, no an dà fhichead mìle, uachdaran an gas-sguabaich a chur mu chùl an dà fhichead muillean pearsa so, agus an sguabadh am mach do ’n chuan. Ciod è a tha ’n sin ach staid, agus fìor staid, na tràillealachd?”
Thug am ministear breab d’ a chois air a’ chreig an co-sheirm ris na facail. Dh’ eubh iad, is ràn iad, is chrath iad am boineidean os cionn an cinn gus nach robh ciall stad aca; agus abhagan nan uachdaran air chrith air an casan.
“Sin agaibh na diùcan. Sin agaibh na ridirean rìomhach. Sin agaibh na h-iarlachan, ’s na barain, ’s na h-uachdarain air fad!”
“Ho-ré! Nuas na ridirean! Nuas na h-uachdarain! Nuas na cealgairean! Nuas iad! Nuas iad!” ghlaodh an sluagh.
“Tha sibh ’nur tràillean aca; ach fo ainm dhaoine aig am bheil saorsa agus cead an coise. Coimeasaibh sibh féin ris an tràill, agus chì sibh le ur sùilean dall, doilleir féin, nach e mhàin gu ’m bheil an tràill cas air chalpa ruibh, ach gu ’m bheil ceann garbh a’ bhat’ aige, agus an ceann caol agaibhse, agus cha ghleidh sibh ur greim.”
“Hó, gasda, mhinisteir. Gasda! Gasda!” ghlaodh na bh’ ann a rithis.
“Nuas leth-bhodach eile!” ghlaodh fear de abhagan nan uachdaran.
“Air falbh e! Air falbh e! Air falbh an comhair a chas e!” ghlaodh dà fhichead òganach smearail, is iad a’ sealltainn an rathad as an d’ thàinig an guth a bha toirt sathaidh do ’n mhinistear.
“Air falbh air fad iad! Air falbh na cuileanan!” ghlaodh a’ chuideachd, ’s a h-uile fear a’ cur dheth, ’s am ministear a’ glaodhaich sìth a dhèanamh.
Ach cha dèanadh e feum. Chaidh breith air sgòrnan air an fhear a bhruidhinn, agus chaidh a thogail air falbh gun a chasan a bhuntainn do ’n talamh.
Nuair a shocraich iad, thòisich am ministear a rithis.
“Nis, seallaibh air a’ chùis mar so,” ’s e
mar gu ’m biodh e sgrìobhadh le chorraig air a bhois; “na ’m biodh fear an sin aig am biodh ceud no dà cheud tràill, agus gu ’n cuireadh e dh’ oibreachadh a chuid fearainn iad, bha e ’n geall air na tràillean, ’s air am mnathan, ’s air an cloinn a bheathachadh ’s a chòmhdach. Ach, nuair a chitheadh e gu ’m pàigheadh am fearann na b’ fhèarr le féidh no caoraich a chur air, chuireadh e na tràillean am mach air a’ mhuir.”
“Nis, cha ’n ’eil ur cor-sa na ’s fèarr na sin, mur ’eil e na ’s miosa. Tha cùram ur mnathan ’s ur teaghlaichean oirbhse sibh-féin. Feumaidh sibh, aig an àm cheudna, oibreachadh bho mhoch gu dubh a cheart cho goirt ris na tràillean; agus air a’ cheann mu dheireadh, nuair a chì an t-uachdaran iomchuidh e, éiridh dhuibh dìreach mar a dh’ éireadh do na tràillean; agus dh’ éirich e cheana do mhór-roinn na dùthcha so: ur sguabadh am mach air a’ mhuir. Ciod è a tha sibh na ’s fèarr na tràillean aige sin?”
“Cha ’n ’eil dad. Cha ’n ’eil mìr!” ghlaodh an sluagh.
“Am bheil sin ceart no cothromach?”
“Cha ’n ’eil; cha ’n ’eil!” ghlaodh a’ chuideachd.
“Sin agaibh ur staid, ma tà. Sin agaibh
ur suidheachadh. Cha ’n fhèarr sibh na na tràillean! Fo chuing ’s fo shàil Dhùin-àluinn dhuibh, bhuirb, bhréin, aineolaich!”
“Ho-ré! Suas i! Suas i! Ceart gu leòir, a mhinisteir.”
“Gasda; gasda! Suas a rithis i! Suas i! Suas i!” ghlaodh a’ chuideachd, gus nach mór nach do sgàin iad.
“A chàirdean,” ars am ministear a rithis, “bha Ghréig agus an Ròimh o shean anns a’ cheart suidheachadh ’sam bheil Impireachd Mhór Bhreatuinn an diugh; agus chuir maithean na Gréige a’ Ghréig do ’n ùir, agus chuir maithean na h-Eadailte an Ròimh do ’n ùir leis a’ cheart inneal a th’ aig maithean Bhreatuinn ’nan dùirn an diugh: uachdaranas an fhearainn; agus air a’ cheart dòigh tha maithean na dùthcha so a’ buntainn ris an t-sluagh an diugh: ’gam fògradh bhàrr an fhearainn.
“Mo thruaighe; mo thruaighe!” chluinnteadh thall ’s a bhos.
Bha ’m ministear gu math seòlta domhain e féin; agus bha fios aige gu ’n tàirneadh e aire an t-sluaigh na b’ fhèarr le bhi toirt daibh stiallan de shean eachdraidh na Gréige ’s na Ròimhe, agus le bhi cleachdadh ainmean nach cual iad riamh, agus a bhiodh cur coltas
doimhneachd agus foghluim air an òraid. Bha fios aige gu ’m biodh buaidh na bu mhotha aige so air a luchd-éisdeachd.
Ars esan a rithis:—
“Nuair a dh’éirich a’ cheart seòrsa truaighe so am mach anns a’ Ghréig, chum Solon agus Lycurgus an dromannan gu fearail, duineil, gleusda ri sruth làidir na h-eucorach; ach air a’ cheann mu dheireadh, fhuair na maithean a’ bhuaidh.
“Sheas Licinius anns an Ròimh, mar an ceudna, an aghaidh na droch ghiollachd a bh’ air a luchd-dùthcha féin; ach fhuair na maithean buaidh ’san Ròimh, mar an ceudna. Agus ciod è thachair? Thachair, air a’ cheann mu dheireadh, gu ’n do chaill a’ Ghréig agus an Ròimh an casan agus gu ’m bheil iad fathast air an glùinean.”
Chòrd so gu h-anabarrach ris an t-sluagh; agus smaoinich am ministear gu’m b’ fhèairrd iad tuillidh dheth.
“A chàirdean,” ars esan, “tha ’n suidheachadh anns am bheil sibhse a’ toirt a ’m chuimhne nam briathran geur, domhain, agus fìor, a labhair Tiberius Gracchus ris na Ròmanaich o shean: ‘A mhuinntir na Ròimhe,’ arsa Gracchus, ‘their iad uachdarain an domhain ruibh; ach cha ’n ’eil còir
dhligheach agaibh air aon troigh de fhonn. Tha garaidhean aig na beathaichean fiadhaich; ach cha ’n ’eil aig flaithean na h-Eadailt ach uisge agus athar.”
“Nach math a fhreagras na ceart bhriathran sin oirbhse! Nach math a fhreagras na briathran sin air flaithean na Gaidhealtachd! Nach math a fhreagras iad air sìol nan sonn a rùisg an claidheamhnan geala agus a dhearbh an cliù aig Ticonderóga, aig San Sebastian, aig Corùna, aig Bhatarlù, ’s aig iomadh blàr fuilteach eile. Seadh! Nach math a fhreagras sin air flaithean na Gaidhealtachd aig nach ’eil de chòir air an dùthaich ach na dh’ fheumas iad de ’n athar a tha os an cionn, agus de ’n uisge a tha ruith ’na glinn. Ma tha neach a làthair is urrainn cur an aghaidh aon dad a thubhairt mi, so an t-àm agus so an t-àite.”
Aig an so, shuidh am ministear air cloich a bha deanamh àite cathrach, a’ suathadh aodainn.
Thog a’ chuideachd an guth. Rinn iad iollach àrd, chruaidh; is fhreagair na cnuic ’s na coilltean mu ’n cuairt an gàir.
title | XIV. Am Ministear Mór a’ Cur Dheth |
internal date | 1912.0 |
display date | 1912 |
publication date | 1912 |
level | |
reference template | Dùn Àluinn %p |
parent text | Dùn-Àluinn, no an t-Oighre ’na Dhiobarach |