CAIBIDEIL II.
AN TRIATH ’S AN OIGHREACHD.
B’ I sean oighreachd a bha ’n Dùn-àluinn. B’e, mar an ceudna, seann teaghlach measail a bha ’n teaghlach Dhùin-àluinn. Chinn iomadh geug mhaiseach air a chraoibh-ghinealaich, agus dh’ fhàg an toradh an lorg ’nan déidh an eachdraidh na rìoghachd. Chinn geugan mosgaineach oirre cuideachd aig iomadh àm bho na fhreumhaich i an talamh sultmhor Dhùin-àluinn. Rinn iad so làrach dhaibh féin, cuideachd, an eachdraidh na h-oighreachd mu ’n do chrìon iad air falbh bho ’n t-seana bhun uasal, iomraiteach, bhunnsaidh.
B’ ann de na geugan so Cailean Mór. Dh’ fhàg e eachdraidh ’na dhéidh, ach cha ’n i an eachdraidh is fèarr. Bha e an inbhe ’san dùthaich. B’ e féin an t-uachdaran, is bha ’n t-ìochdaran a bh’ ann r’ a latha a’ gabhail beachd air a dhol am mach, air a thighinn a steach, is air a chaitheamh-beatha, dìreach mar a rinn gach linn a dh’ fhalbh air na
h-uachdarain a dh’ fhalbh. Bha gach linn a’ gleidheadh a h-eachdraidh féin, is ’ga sìneadh a nuas do chàch. Tha, leis an sin, fear an droch bheus cho iomraiteach ri fear an deagh bheus. Tha e, math dh’fhaoidteadh, na ’s iomraitiche, a chionn nach ’eil a sheòrsa ach annamh.
Cha robh seòrsa Chailein Mhóir ach annamh an Dùn-àluinn. Cha robh iad ach annamh an dòigh no dhà, ’nam buntainn ris an t-sluagh a bha ’nam mèinn, agus ’nan caitheamh-beatha féin.
B’ e freumh de theaghlach Cholgain a bh’ ann; agus theireadh seann daoine gu ’n robh an fhuil gu math reachdmhor ann. “Théid dùthchas an aodann nan creag.” Ma tha e fìor gu ’m faod neach dol ’na chruth, is ’na choltas, is ’na nàdur ri h-aon de shìnnsearachd a tha iomadh linn air ais a’ sgaradh bhuaithe, chaidh Cailean Mór Dhùin-àluinn gu math ri cuid bhig de dhaoine, ’na choltas: cha ’n ann ’na chaitheamh-beatha no ’na bhuntainn r’ a shluagh. Bha e beò an atharrachadh linn. Bha ’n t-àm aghartach; an sluagh soilleir, beachdail, ionnsaichte, agus léirsinneach air buirbe is aineolas is bréine an t-sìlidh o ’n d’ thàinig iad. Ach a dh’ aindeoin a h-uile cìreadh is slìobadh is ionnsach-
adh a fhuair am freumh so de theaghlach ainmeil Dhùin-àluinn, bha rudeiginn de choimeas aige ri h-aon no dhà de shìlidh a bha borb, breun ’nan nàdur, nuair nach robh buirbe is bréine cho faicsinneach ’s a bha iad, nuair bha deagh chalachadh is deagh ionnsachadh am measg an t-sluaigh gu coitchionn. Mhaolaich an togail a fhuair Cailean Mór a bhuadhan. B’ e ’n aona mhac e. Chaidh fhàgail òg ’na dhìlleachdan, is an t-srian a leigeil mu chluasan tràth. Cha robh duine ann a bheireadh achmhasan dà nuair rachadh e a bhàrr na slighe cheirt. Shiubhail e ’n saoghal mu ’n iadh a’ ghrian; is chuir e móran de ùine seachad an tìrean dorcha measg sluaghan aineolach aig nach robh eòlas no iarraidh air riaghailt no stuamachd no grinneas.
Bheir a bhi taghall ’s a’ cur eòlais air sluagh anns an t-suidheachadh so, buaidh mhór air neach ’sam bith, ach gann. Bheir e buaidh, gu sònruichte, air duine òg gun chùram an t-saoghail, a tha gu nàdurra aotrom ’sa cheann, a chuislean làn de fhuil theth, àrdanaich, is gun athair no màthair air a chùl g’ a stiùradh, no a thoirt cridhe ghoirt daibh air amaideachd.
Thug e buaidh air Cailean Mór Dhùin-àluinn. B’ e chompanach an duaircean bu mhotha. B’ e àite tathaich an drùth-lann a
b’ ìsle. Bha cur-am-mach anabarrach ann; agus bha sin, le choltas uasal, flathail, speisealta, ’na aobhar meallaidh do dhaoine òga eile a bha ’n aignidhean laga ’gan aomadh gu slighe na h-amaideachd.
Nuair a struidheadh e a chuid féin, laigheadh e air an cuirp-san mar a laigheas iolair air closaich, is cha ghluaiseadh e sgiath fhad ’s a bhiodh criom air cnàimh.
Chum an t-seòltachd ’s an gliocas so an oighreachd an ceangal r’ a chéile; ged nach ’eil teagamh nach b’ ann le iallan fada, righinn de leathrach dhaoine eile.
Bha e gleusda air a h-uile dòigh an gabhar duine, agus, cleas na neasa ’s an tàrmachain, dh’atharraicheadh e dhath do réir na h-aimsir; agus, math no dona comunn ’sam bitheadh e, dheanadh Cailean Mór e féin ri càch. Am measg nan sgaomairean b’ e ’n ceann-feadhna; agus an comunn na stòldachd ’s na stuamachd, cha b’ e Cailean Mór idir a bu diùididhe am measg nam flath.
Fhuair e rithis, rogha is tagha nam ban mar mhnaoi. Bha i calg-dhìreach ’na aghaidh-san air a h-uile dòigh an gabhar i. Bha i cho suairc ’s a bha esan cho duairc. Bha a nàdur cho uasal ’s a bha nàdur-san ìosal. Bha i cho ceanalta ’s a bha esan cho
breun. Bha i cho caomhnach ’s a bha esan caithteach; agus cho ciùin ’na gluasad air a h-uile dòigh ’s nach robh e coltach iad a thighinn air a chéile na ’s motha na ghabhas uisge ri ùilleadh.
B’ ann le comhairleachadh air gach taobh a chuir ’s gu ’n do phòs iad. Bha iad le chéile de fhuil uasail. Bha iad le chéile de sheann teaghlaichean. Bha ’n sìnnsearachd ’nan coimhearsnaich riamh, is bha pòsaidhean eadar an dà thigh uair no dhà o shean. Na ’m biodh na h-uile rud do réir a chéile cha b’ e idir pòsadh mi-choltach a bh’ ann air taobh seach taobh. Cha robh dachaidh ’sa Ghàidhealtachd a b’ fhèarr na Dùn-àluinn, na ’n robh riaghladh math am muigh ’s a stigh.
B’ ann am beachd gu ’n toireadh pòsadh an teaghlach measail, Cailean gu rathad, a chuir ’s gu ’n do réitich a luchd-comhairle ’s a cheileadairean an t-slighe a chum ’s gu ’n tigeadh a’ chàraid òg dh’ ionnsuidh a chéile. Cha b’ urrainn Cailean dol gu taobh bu choltaiche. Cha b’ urrainn dà dol an lùib mnatha b’ fhèarr na Mór, rìbhinn òg shnasmhor Ghlinn Shìonaba. Bha oighreachd a h-athar air taobh eile Loch Sìonaba, mu choinneamh Dhùin-àluinn; agus cha robh an dà chaisteal mìr a’ tàir air a chéile.
Bha Caisteal Dhùin-àluinn gun teagamh air a shuidheachadh anabarrach brèagha, am measg obair nàduir is obair làmhan dhaoine. Bha cnocan àrda, maola, ag éirigh mu ’n cuairt air, mar ghàradh dìon nàdurra, le ’n còmhdach uaine, a gheamhradh ’s a shamhradh, de ’n ghiuthas mheanglanach, bhadanach, gharbh, is iad a’ fàs ìosal comh-réidh r’ an dìreadh ri uchd nan sliabh ’san robh am freumhan an greim. Mu ’n cuairt a’ chaisteil bha ’m beithe àrd, dìreach, le bharraibh gasanach, dosrach, a’ crathadh gu réidh, socrach mar gu ’m biodh e cumail cluais-chiùil ri fuaim na gaoithe ceòlmhoir a’ sranndaich am measg nan stùc. Bha challtuinn ghlas, gheugach a’ lùbadh, gach foghar, fo h-eallach chnù; agus an darach stocanach, ceigeach, le ghàirdeanan reamhar, lùbach a’ toirt dùbhlain do ’n stoirm fad cheudan bliadhna. Air cùl an tighe bha ’n t-eas mór a’ deanamh car-a’ -mhuiltein le aodann an aonaich, ’s a’ tilgeil frasan geala mar neòil do na speuran. A sìos an réidhlean preasach, feurach, bha ’n abhainn a’ sloisdreadh am measg nan dòirneag; ’s am bradan ’na cheudan anns na puill dhomhain, dhorcha, a’ gabhail fàth air an tuil, a thoirt am mach an aonaich ghairbh, easaich, ’s a
ruigheachd an locha a chladh. Bha sealladh is iasgach is seilg air còrsaichean Dhùin-àluinn. Cha robh oighreachd eile air Gaidhealtachd na h-Albann air an robh sluagh cho lìonmhor, is tuath cho cothromach, no a b’ fhèarr a rachadh ’nam biadh ’s ’nan aodach. Cha robh coitear ann gun bhó, gun chaoraich. Bha sùil an t-sàsaich daonnan air an t-seang; is cha ’n fhaighteadh an dìol-déirce an taobh a stigh d’ a chrìochan, mur tigeadh e ann á cèarnaibh eile.
Ach mo chreach! mar a dh’ éirich do ’n chòrr de ’n Ghaidhealtachd, thàinig caochladh air aimsir Dhùin-àluinn; agus thàinig latha air nach do smaoinich duine roimh an àm. Dh’ éirich na cinn-fheadhna ’s na h-uachdarain uile an aghaidh an t-sluaigh àghmhoir, a chum an cinn air an amhaichean is dìon air am fearainn nuair bha bagradh tighinn orra bho ’n taobh am muigh. Dh’atharraich bonn-chùisean is prìomh-riaghailtean na rìoghachd air fad. Bha bunadas gach atharrachaidh anns na riaghailtean claona a rinneadh ceudan de bhliadhna roimhe sud.
Bha oighreachdan ’sa Ghaidhealtachd air nach d’ thug an teugbhoil móran mùthaidh;
ach cha b’ i Dùn-àluinn té dhiubh. Bha ’n toradh do réir an uachdarain; is bha bhlàth ’s a’ bhuil air Dùn-àluinn is air a thuath.
Ach mu ’n do thòisich an ùpraid a rinn eug-lios de gach gleann ’sa Ghaidhealtachd, thug fear Dhùin-àluinn dhachaidh a’ bhean, ’s a’ mhàthair, ’s a’ bhana-mhaighstir a b’ fhèarr ’san dùthaich. Bha toiseach an làithean mar chàraid phòsda glé shoirbheachail, toilichte. Ach, ri ùine, thòisich na sean ana-miannan air tighinn beò. Cha stamhnadh ’s cha stéidhicheadh Dùn-àluinn e féin aig an tigh. Mar eun siubhail an fhàsaich cha ’n fhuilingeadh e a sgiathan a ghearradh. Bu mhath a stadh; ach cha b’ urrainn dith a staonadh no a theadhradh; agus, mu dheireadh, leig i a shrian mu chluasan, a ghabhail a rogha rathaid. Rinn e sin, agus anns a h-uile dòigh mhi-stuama, ana-ceart, agus bhiastail, gus an do bhris e cridhe anns an aona chom bu sheirceala, bu bhanala, ’s a b’ uaisle bh’ anns an dùthaich uile gu léir.
Thug iad fichead bliadhna pòsda; ach cha robh esan riamh bliadhna còmhla, fo dhruim a thighe féin. De chùignear de theaghlach cha do sheas ach dithis: Cailean òg agus an naoidheag air an do bhàsaich bean Dhùin-àluinn. Mhill mi-bheusachd a fir a slàinte.
Leòn e a cridhe. Thug e acaid ’na creubh, nach d’fhàg i; agus thog a leabaidh-shiùbhla fiabhrus innte a thug do ’n uaigh glé òg i.
Chunnaic i nach robh dìlseachd ’na fear-pòsda. Chunnaic i nach robh aice ach roinn de ghràdh. Mu ’n d’ thubhairt i air a leabaidh-bàis, thuig i gu ’n robh i anns an rathad. Bha buntamas domhain innte a bha dall, bodhar air na bha tighinn dh’ ionnsuidh a sùla ’s a cluasan. Shnaidh i as. Dh’ fhalbh a càil. Thàinig a h-uair, is laigh i, mu dheireadh, air leabaidh bàis.
Bha fear Dhùin-àluinn an Lunnainn aig an àm. Cha robh teagamh aig a mhnaoi uasail ciod è bu chaitheamh-beatha dhà; ach nuair a fhuair e fios gu ’n robh i gun fiughair rithe, biodh e r’ a chreideas gu ’n d’ rinn e a h-uile dìcheall a ruigheachd taobh a leapa mu ’n do dhùineadh a sùil. Biodh e r’ a chreideas, cuideachd, gu ’n do leig e fhaicinn móran iochd dith, ged b’ anns na mionaidean deireannach; gu ’n do laigh trioblaid throm air; agus gu ’n do nochd e blàths is gràdh is coibhneas nach do nochd e leis a’ cheart chaomhalachd bho ’n latha chaidh an t-snaim orra le chéile. Dh’ fhàs e mar leanabh beag na cìche, is bhrùchd a chridhe mach am bròn. Ach cha deanadh sud feum tuillidh. Bha
crìoch a mhnatha aig làimh, agus, mu bhriseadh an latha, dh’ fhàg i an saoghal.
Laigh bròn trom air dà thaobh an loch. Cha robh uchd nach robh air a leòn. Cha robh sùil air nach robh deur. Cha robh cnoc nach robh a bhreo-chual féin air, air sgàth Baintighearn Dhùin-àluinn. Ghleidh na beanntan féin an ceò mu ’n guailnean; agus cha d’ éirich dealt na h-oidhche bhàrr duilleach nan craobh mar b’ àbhaist. Sheinn an t-allt a choronach, is rinn a’ ghaoth co-sheirm ris am measg nam preas.
Dh’ eug bean Dhùin-àluinn. Sheall an t-aosda saobh-chreideach, caomhail air son rionnaig ùir ’san speur. Sheinn an t-òg a cliù air gach tulaich ghuirm nuair chruinnicheadh iad aig àirigh nam bó.
title | II. An Triath ’s an Oighreachd |
internal date | 1912.0 |
display date | 1912 |
publication date | 1912 |
level | |
reference template | Dùn Àluinn %p |
parent text | Dùn-Àluinn, no an t-Oighre ’na Dhiobarach |