CAIBIDEIL XX.
TURUS AN ÀIGH.
THUG Cailean ’s a chompanach féin orra gu sean mhèinnean am measg nam beann an àite iomallach eile de ’n dùthaich. Air an t-slighe, ’s gun leò ach iad féin, bha iomadh còmhradh eatorra a dh’ fhosgail sùilean Chailein air rud no dhà air nach bi ainm an ceartair.
“Tha mi cur sual-aithne air an duine ud,” ars an Sasunnach, d’ am b’ ainm Warnock. “Tha mi cur sual-aithne air; agus is mór mo bharail gu ’n d’aithnich esan mise, cuideachd.”
“An dà, gu dearbh,” arsa Cailean; “smaointich mise rudeiginn, cuideachd. An d’ thug thu ’n aire an stadaich a bh’ air nuair chunnaic e thu. Chuir e ionghnadh mór ormsa; agus a dh’ ìnnseadh dhuit na fìrinn leag mi droch bharail an sin féin air. Bha e mar gu ’n tigeadh glong air nuair thàinig sibh mu choinnimh a chéile.”
Dh’ innis an sin Warnock a naidheachd do Chailean; agus chuala Cailean rudan a dh’ fhàg bodhar dall e. Bha e smaointinn
ged a thachradh toll òir air nach tachradh rud air cho feumail dà na a chompanach a thàinig e ’na lùib am fìor thuiteamas, agus a sheasadh an làthrach cho math dha là-eigin eile, na ’m b’ urrainn daibh idir dlùth leantainn r’ a chéile—agus b’ urrainn; agus rinn iad e.
Aon latha sin, ùine mhath an déidh a’ mheadhon-latha, cuideachd, ràinig iad na mèinnean air an robh sùil aca. Cha robh móran airgid air siubhal a h-aon de ’n dithis. Cha robh móran aodaich air an com, na bu mhò; no idir caisbheart mu ’n casan goirte le sìor-imeachd is coiseachd feadh gharbhlaichean. Am beagan a bha ’n cùl an làimhe, bha e taisgte ann a h-aon de na bailtean móra; is ràinig iad an ceann uidhe glé lom.
Cha b’ i ’n naidheachd a b’ fhèarr a bha rompa. Cha robh na tuill so pàigheadh ro mhath; is cha robh misneach aca dh’ fhuireach. Co-dhiubh, dh’ fheumteadh an oidhche chur seachad. Dh’innis iad an suidheachadh do na mèinneadairean, is fhuair iad, neo-ar-thaing còmhdhail mhath; oir tha iochd is faireachduinn aig mèinneadairean da chéile nach tuig duine nach d’ thàinig anns an eismeil, agus nach creid fear-cois-an-tighe a chionn nach cluinn e, ach annamh, ach aon
taobh na ceiste; agus sin taobh na buirbe a tha mac-meanmna sgrìobhadairean a’ cur am meud a chomh-fhreagairt air na beachdan a th’ aig leughadairean gu nàdurra air sluagh a chomh-chruinnicheas as gach cèarn de ’n t-saoghal a dh’ iarraidh an fhortain am measg bheanntan iomallach, air cùl an domhain, ’s am mach bho lagh is bho riaghailt, is bho chàlachadh.
Nuair chunnaic na gillean dé bha rompa, cha robh ’nam beachd móran ùine chur seachad. Ach bha toll sònruichte ann, a chaidh fheuchainn iomadh uair gun mhóran air a shon. Chomhairlich na mèinneadairean daibh aon deuchainn mhath a thoirt dà fathast, is gu ’m beathaicheadh iad féin iad na ’m bu chall e.
An déidh àm dinneireach an latha sin féin, cha robh air no dheth ach tòiseachadh. B’ e ’n tùrn fortanach daibh e. Mu ’n do sguir iad ’san oidhche b’ fhiach iad tri cheud punnd Sasunnach am fear. Dh’ oibrich iad an toll fad thri mìosan, agus dh’ éirich e mach gu ’m b’ e ’n toll bu bheartaiche ’san àite air fad. Cha robh fear a dh’ fheuch e roimhe sud nach robh a’ tighinn na b’ fhaisge ’s na b’ fhaisge air an òr. An fheadhainn mu dheireadh a dh’ fheuch e, thug iad a suas
deth, ’s iad mu shè òirlich d’ am fortan; agus réitich iad air fad an rathad do Chailean ’s d’ a chompanach.
’S e “Toll-na-h- éiginn” a bh’ aig na mèinneadairean air an toll so, a chionn cha robh allaban a thigeadh an rathad nach cuireadh greis seachad ann air a thurus, seach bhi ’g itheadh aran nam mèinneadairean as a thàmh. Thug Cailean ’s a chompanach sè mìle am fear á Toll-na-h- éiginn; agus cha d’ thug iad a suas deth gus an do thuig iad nach robh an còrr fortain ann. Thug iad tumadh an àite no dhà eile an déidh so, agus bha daonnan fortan ’gan leantainn.
Smaoinich iad an sin, bho na bha iad le chéile air fàs ’nan daoine beartach, gu ’n toireadh iad sgrìob do ’n t-seann-dùthaich. Bha iad le chéile air allaban. Bha iad le chéile an suidheachadh gu ’m b’ fhèarr daibh an cinn a thoirt fodha na leigeadh ris; ach bha cìocras mór orra, le chéile, an cuideachd fhaicinn.
Bha mhiann air Cailean faicinn mu ’n cuairt na h-oighreachd; ach cha robh math dha e féin a dhèanamh follaiseach do charaid no do choimheach; no, na ’n dèanadh, cha b’ ann na b’ fhèarr a thachradh dha. Is gann nach robh Warnock ’sa cheart shuidheachadh,
ged nach b’ ionann seadh; ach bha e caoin-shuarach air a shon sin am mach á gu ’m faiceadh e gun fhios do chàch ciod è mar a bha gnothuichean a’ dol.
Cha robh, leis an sin, ach an aon dòigh air a’ cheist fhuasgladh. B’ e sin falbh am breug-riochd. Thaitinn am beachd so riutha le chéile; agus cha robh teagamh aca, nach gabhadh iad barrachd tlachd anns a h-uile driodart a thigeadh iad troimhe: gu sònruichte an Dùn-àluinn, far an robh Cailean eòlach air a’ bheag ’s air a’ mhór, air aosda ’s air òg—co-dhiùbh de na dh’ fhàg am fuadach ’s am bàs air làraich dhiubh bho na dh’ fhàg e a dhùthaich.
Rinn iad, ma tà, suas an inntinn. Thàinig iad a steach do bhaile-puirt; chuir iad mìos seachad an sin ’gan cìreadh ’s ’gan slìogadh féin, ’s iad mar dhà loth pheallagaich an déidh a bhi cho fada am fiadhain am measg nam beann.
Ghabh iad an t-aiseag air luing mhóir bhrèagha; agus anns an ùine àbhaistich thug iad aon uair eile an cas air tìr an Sasunn. Ràinig iad Lunnainn. Chuir iad a suas anns an tigh-òsda b’ fhèarr ’sa bhaile; agus ’s ann daibh a b’ urrainn, ged a b’ aotrom pòca an
dithis an uair mu dheireadh a bha iad ’sa bhaile mhór so.
Bha Warnock aig an tigh an Lunnainn. Bha e cho eòlach feadh a’ bhaile ’s a tha ’m brìdean ’san tràigh. Bha móran chàirdean is luchd-eòlais aige ann; ach cha dèanadh se e féin aithnichte ach do fhìor charaid a dhèanadh falach-fodha air. Ach c’ àite ’sam bith ’san rachadh e, bha Cailean daonnan cois air chalpa ris.
Bha aon charaid sònruichte aig Warnock anns a’ bhaile; agus chaidh iad le chéile g’ a fhaicinn. Dh’ éirich e mach gu ’m b’ e so tigh-céilidh bu taitniche ’san do thuit do Chailean bochd dol bho na dh’ fhàg e Dùn-àluinn. Cha robh ach aon duine cloinne ’san tigh: caileag bheag mu aois dusan bliadhna; is bhiodh i daonnan a’ toirt cridhealais do ’n chòmhdhail le bhi cluich na teud-chlàir. A chum am barrachd toil-inntinn a thoirt do Chailean, bhiodh i daonnan a’ cluich fhonn a dhùthcha; agus ged a b’ iad fuinn Ghallda féin a bh’ annta, bha cridhe Chailein bhochd a’ teodhadh riutha. Bha iad a’ toirt dealbh na dùthcha gu taisbeanach m’ a choinneamh. Bha e faicinn nan raointean móra, fraochach, ’s nan sealgairean le ’n gunnachan ’s le ’n
coin-sheilg ag imeachd air am feadh gu sunndach, ’s a’ leagail nan eun gu h-obanta bhàrr na h-iteig; nan lochan móra, le ’n eileanan coillteach, ’s am bradan mear a’ dèanamh chearcal nuair thuiteadh e an déidh leum bheothail a thoirt ris a’ chuileig a thigeadh le srann os cionn an uisge; na coille mhaisich a’ comh-dhualadh bilean an loch, ’s an earb fhàiteach a’ dèanamh dìdinn dith féin fo sgàil nam meanglan móra bha lùbadh fo dhuilleach a bha donnadh le gréin abuchaidh an fhoghair; nam beanntan móra, mar bhac-bhalla nàdurra a’ dìreadh gu gorm, binneanach gu fada thall, ’s an ceò geal mar shròl de ’n t-sìoda, ag iadhadh gu socrach m’ an guaillibh, ’s am fiadh cabrach am fasgadh nan stùcan sgorrach, tolgach, a chuinnean ’san adhar, ’s e faotainn fàileadh an t-sealgair.
Bha Cailean mar gu ’n tigeadh clò sàmhach cadail air leis an draoidheachd mhilis shocraich a chuir na fuinn bhòidheach air. Bu tric a dh’ éisd e ri meòir a mhàthar a’ toirt am mach nan ceart fhonn. Bu tric a dh’ éisd e ri Màiri, nuair shuidheadh i aig an inneal-chiùil cheudna, ’s a guth a’ dìreadh ’s a’ tèarnadh, ’s a’ sgaoileadh am mach mar dheatach ghlan á teine chaoran, air an raon air feasgar samhraidh. Dh’ at uchd is lìon
a shùilean, mar gu ’m b’ ann an dé a dhealaich e ris an t-sealladh aoibhneach ud. Ach thàinig an ceòl na bu dlùithe d’ a chridhe.
An ann a’ bruadar a bha e? An robh an sealladh a bha mu choinneamh fìor? An robh e fo gheasaibh nuair a chaidh aiseag cho ealamh air ais gu seallaidhean ris an do dhealaich e bho chionn seachd bliadhna?
Sud Màiri! Sud a guth! Sud a cluich! Cha robh teagamh ann! Bha e fìor. Bu tric a sheinn i ’s a chluich i a cheart òran da féin; is lean e na facail ’na inntinn, is meòir na caileig, aig nach robh a’ chànain, ion ’s a’ bruidhinn na Gàidhlig air an inneal—
Gu ’n tugadh crodh Chailein
Dhomh bainn’ air an raon,
Gun chuman, gun bhuaraich,
Gun luaircean, gun laogh.
A h-uile rud gu ’n cual e riamh, bha leis gu ’m b’ e sud rud bu neònaiche: séis Ghàidhlig an teis-mheadhon Lunnainn! Bha cheann a’ falbh thall ’s a bhos leis na facail. Bha a chas a’ gluasad gu socrach an cois an fhuinn. Lean an t-seinn—
Crodh Chailein mo chridhe,
Crodh Chailein mo ghaoil,
Gu ’n toireadh crodh Chailein
Dhomh bainn’ air an raon.
“A Mhàiri, a Mhàiri! Is tu a th’ ann!” ghlaodh Cailean, ’s e ’g éirigh ’na sheasamh air an ùrlar, ’s a làmhan sgaoilte a ghlacadh mu ’n mheadhon an fhaileis a thug mac-meanmna na h-inntinn cho taisbeanach mu choinneamh a shùl.
Chlisg na bha stigh nuair chunnaic iad a’ bhreisleach ’san deach e. Bha Cailean féin air a leaghadh le athadh: ach nuair dh’ innis e, ’s e suathadh an fhalluis bhàrr aodainn, ciod è ’n reuson a chuir a leithid de bhuaidh a bhi aig an òran air, bha comh-fhaireachduinn aig a’ chuideachd dha. Ged a bha ’m fonn taitneach do ’n chluais, cha robh e dèanamh barrachd mùthaidh orrasan, na bha e deanamh air na clàir as an robh an fhuaim mhilis a’ tighinn. Ach bha e a’ bualadh a h-uile teud bu bhinne an cridhe Chailein, ’s a’ gluasad fhaireachduinnean mar a bhuaidh a th’ aig caochladh na sìde air airgead beò.
title | XX. Turus an Aigh |
internal date | 1912.0 |
display date | 1912 |
publication date | 1912 |
level | |
reference template | Dùn Àluinn %p |
parent text | Dùn-Àluinn, no an t-Oighre ’na Dhiobarach |