[225]

CAIBIDEIL XXIII.

AIR AOIGHEACHDSAN UAIMH.

NUAIR thug Cailean is Warnock greis mhath ag éisdeachd ris na bha dol air aghaidhsan uaimh, ghabh iad a steach do thalla mór nan creag, lom is dìreach. Bha teine mór brèagha den chonnadh a bfhèarr a chinneadh an coille, aboillsgeadh ri taic na stalla, ’s an triùirnan suidhe mun cuairt air. Bham ministear mórna shuidhe air cloich, ’s e ròsadh buntàta is bàirnich; Eachann air an taobh eile ma choinneamh; is Bodach-nan-duilleag an dorus na cathasa mheadhon, ’s a làmhan ma ghlùinean, ’s e turramanaich air a shuidheachan féin, ag éisdeachd ri Eachanns ris amhinistear.

O, mhic nan car ud! ciod è than so?” ars Eachann, nuair chunnaic e tighinn a steach iad, ’s e cromadh a shealltainn orra eadar es leus, ’s acur sgàil le bhois thana air a shùilean. “Nach iad so na h-uaislean luideagach, gu dearbh, lem màileidean buidhe, brèagha. Ur beatha do thalla na mùirn!”


[226]

Ghabh na gillean air an aghaidh, ’s an fheadhainn a bha rompa ag éirigh bhàrr an suidheachan cloiche a shealltainn orra le ionghnadh. Sguir Eachann de fhearas-chuideachd ris amhinistear. Leig Bodach-nan-duilleag mu sgaoil a ghlùinean, agus sguir am ministear mór de chagnadh a ghreime a bhana bheul gus an do shocraich na coigrich iad féin air cloich an t-aon.

Cia as a thug sibh achoiseachd, a bhròineanan, le ur casagan, ’s le ur màileidean grinne. Saoil nach bin tigh so dripeil an nochd, fheara! Cha bhi seòmar falamh fo chromadh an tighe nach bi air a thoirt a suas aig na h-uaislean so. Glaodh ris na searbhantan. Ho-ho-!” Is bhuaileadh Eachann a dhà bhois air a chéile. “Tha mi cinnteach gur h-ann dhionnsuidh na seilge a thàinig sibh. O, nach iomadh slinnean féidh a théid a chrochadh ri mullach na h-àrdraich so mun téid an geamhradh seachad!” ars Eachann, ’s e sealltainn ri mullach dubh, fuaraidh na h-uamha, ’s e cur lùban ann féin agàireachdaich.

Bha rud aig Cailean féin ra dhèanamh gun bhriseadh am mach. Nan robh fios no fàth aig Eachann ris a bha e bruidhinn, ’s air an robh e dèanamh na tàire, nach e


[227]

dhùraiceadh a theangadh bhisan teine còmhla ri buntàta amhinisteir.

Tog de dsgiolam gun fheum, a mheanndrain lapaich,” ars am ministear, ’s e toirt cnap eile as an luathainn le clobha de bhioran lùbte aig a mheadhon. Ciod èn turas a tha thu gabhail ris na daoine bochda? Nacheil an còir an so cho math ri do chòir-sa, no mo thé-sa, a leibidich gun mhodh?”

Gun mhodh!” ars Eachann. “Nach mi tha toirt amhodhs an urraim daibh, nuair tha migan cur dhionnsuidh sealg nam fiadh cutach, cabrach air sléibhtean móra Dhùin-àluinn. Ho-ho-!”

Tha lùidhte gun tachair sean cuideachd mum fàg sinn an saoghal,” arsa Cailean.

O, an è som fear a thagam?” ars am ministear. “Chan fhèarrs chan fhèarr,” agus e sealltainn air Cailean, is air Warnock aig nach robh fios no fàth ciod è bha dol.

Nach dthubhairt mi ribh?” ars Eachann, ’s e dèanamh glag mór gàire. “Tha miseg ìnnseadh dhuibh gum bi fàileadh is fèarr na fàileadh bhàirneachgan ròsadh air teine crìonaich á toit Uaimh-nam-farrabhalach as a dhéidh so. Ciod è do bharail féin, a Bhodaich-nan-duilleag? Theid misen urras nach cluinnear fuaim òrd maoraich air


[228]

bàirnich Phuirt-an-tairbh an latha so. Ciod è tha thug ràdh?” ’s e stobadh a chorraig an achlais Bodach-nan-duilleag, gus an dthug e leum bhàrr a shuidheachain.

Bha uirgheall Eachainn acòrdadh ri Cailean air leth math, agus bfhada bha e gun tighinn do Uaimh-nam-farrabhalach. Bha Eachann cho fileantas cho geursan teangaidhs nach robh e furasda do h-aon eile facal a ràdh. Bha e féin daonnan air shiùdagan le bheul, ’s acumail na cuideachd sunndach.

Mu dheireadh, nuair fhuair na fir socrachadh gu math am measg an comh-fhògrach, dhfhosgail Cailean a mhàileid bhuidhe, agus tharruing e mach botul uisge-bheatha. Thog naFarrabhalaicham malaidhean ris. Cha robh fear diubh nach robh fiamh thoilichtena ghnùisgu seachd sònruichte am ministear mór.

Nach è am ministear mór a rinn an toileachadh ris an sud!” ars Eachann. “O, nach iomadh gloine mór a chuir sibh a mhàs os a chionn riamh, agus a dhòl sibh, a mhinisteir!” ars Eachainn.

Dhòl na bhàthadh thu,” ars am ministear, “agus bu shuarach orm.”

Chaidh am botul a chur mun cuairt uair


[229]

no dhà, is dhfhàs càirdeas mór eadar na fir air fad. Dhfhàs am ministear gu math briathrach, sunndach, is thòisich gnàth-sheanchas eadar an comunn, is naidheachdan mu chor na dùthcha.

Leòra fhéin!” ars Eachann, “nan robh i fo thrì sreathan aig amhinistear, gheibheamaid òraid air ceist an fhearainn a chumadh gu latha sinn. Cuimhnichibh, fheara, nach ann mar fhar-ainm a thaministearair an duine chòir so idir. So agaibh ministear na sgìreachd gus o chionn glé ghoirid,” ’s e nodadh a chinn ris amhinistear.

Bha Cailean agabhail air a bhi an teagamh; ach aig an àm cheudna bhi toileach creideas a thoirt do Eachann, a thaobh coltas na dreuchd a bhi air aodach an duine.

Da-rìreadh a tha mi,” ars Eachann. “Chaill e a dheagh shuidheachadh a chionn tionndadh air an uachdaran air son a bhi cur na dùthcha am fàs. ’S e dhuinealas ris an t-sluagh a chuir an duine bochd an so.”

An eadh?” arsa Cailean.

Seadh,” ars Eachann. “Seall tu, cha do thilg en rùsg fhathast ged a chaidh a chur ri monadh.”

Leis na facail a ràdh, choc Eachann a chorrag ri còta amhinisteir. Bha e uair-


[230]

eiginn dubh; ach bha e nis air fàs liath eadar grian is uisge.

Bham ministear féin ag éisdeachd; ach, mu dheireadh, ars esan: “Shabaidich min aghaidh na h-eucorach, is tha mi nis anns an ionad so, is bithidh mi ann gus am faic mi ceartas aig an t-sluagh. So agaibh, a chàirdean, uamh Adullaim. So far an teich a h-uile fear a bhitheasna éiginn. Ach, math dhfhaodteadh gum faigh sinn -eiginn cuidhtes i.”

Sin e dìreach, a mhinisteir. Dhfhaodteadh gum faigh,” ars Eachann. “Ach air mo shon féin, tha cho math leam bhi mar tha mimi féin is Bodach-nan-duilleag. E, Dhùghaill!” ’s e toirt purraig eile don bhodach anns an taobh. “A thaobh amhinisteir,” ars esan, “tha e cur roimhe nach toir e dheth òirleach den fhalt gus am faic e Dùn-àluinn air a sheice. Tha min dòchas nach téid a chrochadh air fhalt cleiteach ri géig na fearra-dhris a tha cinntinn á peirceall na h-uamha, -eiginn. Ho-ho-!” ars Eachann, ’s e gàireachdaich an aodann amhinisteir.

Mur fan thusa sàmhach,” ars am ministear, “bithidh tu air do chrochadh air chasan an ceann shuas na h-uamha còmhla ris


[231]

na h-ialtagan, gus an téid an geamhradh seachad.”

Tud, tud, tud!” ars Eachann. “Tha fios nach dèan sibh sin, fear a tha dèanamh a leithid de strìth a thogail onnchoin na saorsa. Cha mhór is fhiach dhuibh aona phrìosanach bochd a dhèanamh. Ciod e?”

Feumar daoine a chumail aig rian dhaindeoin sin, agus gu sònruichte thusa, le dbheurrais,” ars am ministear. “ ’S ann a than aon stoirm aig do theangaidh mar gum biodh ann srannan, a leasaire thana, gun chàil gun smior, ach mar gum biodh uan othaisg a bheirteadh anmoch, a shigein!”

Chum Eachanns am ministear abhearradaireachd air a h-aghaidh gus an robh Cailean acall a lùth le gàireachdaich. Am ministear am mullach nam meall, ’s gun Eachann ach atarruing as a chum a chur aireach mór” —mun dthubhairt e féin e.

Rinneadh céilidh mhath an Uaimh-nam-farrabhalach an oidhche ud. Bannamh le Eachann-a’ -phaca bhi cho aoibheil ri luchd-rathaid no luchd-siubhail, ’s a bha e air an uair so. Cha robh duine thàinig riamh air fòighe nach biodh eagal air Eachann gur h-ann an comh-fharpuis malairt ris féin a bha e tighinn. Riamh bho ’n d’ thàinig am


[232] marsanta Gallda tarsuinn air, bliadhnachan roimhe sud, bhiodh e cumail cinn chruaidh ris a’ bhàillidh ùr, ged nach robh aige ’na aghaidh ach gu ’n robh a bhruidhinn coltach ri bruidhinn a’ mharsanta Ghallda. Is minic a theireadh e, ged be duine laghach a bhan companach Chailein, gum biodh fheòil acriothnachadh roimhe, leis mar a bha fuaim a ghuth atoirtna chuimhne amharsanta Ghallda.

Ach, co-dhiùbh, chaidh an uaimh mu thàmh, agus bha e fadasan -arna-mhàireach mun do thogadh smùid innte. Bha biadh gu leòir an cuideachd Chaileins a chompanaich, is chaidh biadh-maidne rìomhach a sgaoileadh air achloich mhóir a bha dèanamh àite bùird do naFarrabhalaich.” Thug Cailean cuireadh fialaidh don triùir bhodach suidhe leò a bhriseadh an traisg; is cha bu ruith leò, ach leum.

titleXXIII. Air Aoigheachd ’san Uaimh
internal date1912.0
display date1912
publication date1912
level
reference template

Dùn Àluinn %p

parent textDùn-Àluinn, no an t-Oighre ’na Dhiobarach
<< please select a word
<< please select a page