[241]

CAIBIDEIL XXV.

BÀS IS TÒRRADH DHÙIN-ÀLUINN.

CHAIDH cuid mhath den oidhche seachad, ach cha dthàinig Eachann. Thuig iad gun robh e tèaruinte taobh teintein air choireiginn, ’s nach leigteadh leas cùram a bhi orra as a leth. Ghabh iad suipeir anmoch, agus chaidh iad mu thàmh.

Bha meadhon-latha ann, an -arna-mhàireach mun do smoislich iad. Cha robh iad ach air an teine fhadadh, ’s iadnan suidhe mun cuairt air, nuair chual iad Eachann atighinn, agus srann shunndach aige air canntaireachd.

Hm!” ars am ministear, “tha naidheachd thaitneach air choireiginn air do shiubhal-sa nuair thàinig thu mach le leithid so de shìd, is tu cho sunndach. Hm!”

Nuas ghabh Eachann le fonn sunndach. Gun facal a sgoltadh, ghabh e seachad do cheann shuas na h-uamha, gun a shùil a thogail diubh; agus an sùilean-san, mar an ceudna, air-san, ’s iad bodhar, dall, balbh. Leis an aon seirm, thilg Eachann dheth am


[242]

paca. Chuir e làmhan an ceannaibh a leis, is channtairich is dhanns e.

Mur a bheil thu air mhisg, tha thu nas miosa, gharraich. Dean suidhe,” ars am ministear.

Ho-ho-! Nach ann agamsa than naidheachd dhuibhse. Nach dfhuaireadh Dùn-àluinn an diùghsa mhaduinn tràth, ’na chorp!”

Ciod è tha thug ràdh! Ciod è tha thug ràdh! Bheil thunad chéill féin, a dhuine? Ciod è tha thu aciallachadh? Marbhphaisg ort! Marbhphaisg ort, a dhuine!” ars am ministear, ’s e tachas a chiabhaig mar bu ghnàth leis nuair bhiodh e bruidhinn an dùrachd.

Tha mi ag ràdh sud,” ars Eachann. “Fhuair iad Dùn-àluinn aig taobh an rathaid aig Bealach achoire, ’s ena bhola.”

Am faod sinn do chreidsinn, a dhuine? Am faod sinn do chreidsinn?” ars am ministear.

Dìreach ur toil mhath féin, a rùin, a mhinisteir,” ars Eachann. “Ach tha mise ag ìnnseadh dhuibh gun drinn dràc fiadhaich coileach dubh dheth an raoir. Bha e aig faidhir an t-Sàilein, is nuair nach do thill e aig àm riaghailteach, thionndaidh am baile


[243]

am machga rùrach; agus sud mar a fhuair iad e. Bha dràc fiadhaichna laighe marbh làmh ris. Tha e coltach gun robh an dràc adèanamh air solus acharbaidsan dorcha, agus bhuail e dìreach Dùn-àluinn an tobar a pheirceil, agus sgnog se e.”

Leis na facail a ràdh leig Eachann a cheann, air a shocair féin, air a lethtaobh, is thug e sgailc le bhois dha féin an taobh a chinn.

Tha e coltach gun do ghabh an t-each sgaoim nuair thuit Dùn-àluinn am mach as acharbad, ’s gun deach an roth thar amhaich. Fhuaireadh an carbadna chriuthal gu h-ìosalsan abhainn, ’s an t-each ag ionaltradh astar beag air falbh. Sin agaibh a nis,” ars Eachann.

Cha robh Warnock atuigsinn ciod e bha Eachann ag ràdh. Ach an uair a leig Cailean a thuigsinn e, leugh iad aodainn a chéile. Bhruidhinn iad thalls a bhos air na thachair, ’s iadnan suidhe aig am biadh, no mun cuairt an teine. Bha Cailean is Warnock acnuasgail an guth beag ra chéile nuair gheibheadh iad cothrom. Bhan gnothuch leotha nis, is gach ni air a shocrachadh. Bha h-uile ceum a ghabhadh iad air an suidheachadh, ’s cha bhiodh fàillinnsa chùis.


[244]

Nuair thug am ministear tarruing air gun robh iad afalbh, dhéirich malaidhean Eachainn.

Afalbh! Afalbh!” ars esan. “Nacheil fhios nacheil iad afalbh gu déidh an tòrraidh. Ho-ho-! Leòra! bidh tòrradh an so nach robh riamh a leithidsan dùthaich bhon latha thìodhlaiceadh Lachann Mór Dhubhairt am Muile an déidh a chorp a thoirt á Ile. Ha-ha-! O, chlann, eudail, ’s ann an sud a bhios an deochs an t-arans an càise!”

O! Ghormailein shuaraich gun toin, gun seadh, bi sàmhach,” ars am ministear. “An è sin doigh a bhruidhneas tu air bàs do chomh-chreutair. Nach beag iochd a thannad, a leasaire gun tuigse; biodh tùr agad. d aig tha fios n uair seach amhionaid, nas na Dùn-àluinn, a dhuine gun tùr, gun nàire. Is beag fios a thagad am bi thu beò an tòrraidh, ged is dlùth e. Bi faicilleach, a dhuine. Bi faicilleach.”

Bithidh mi sin gun teagamh: cho faicilleachs gum bi mi aig an tòrradh mas urrainn mi. Tha fios gun téid sibh féin a dhfhaicinn na h-ùirga cur air sùil ur sean charaid, cuideachd. Ochan; ochan! Nach sibh a chuireas ur lùdag ris. Ho-! Bithidh


[245]

oighre ùr air Dùn-àluinn a nis, cuimhnichibh. ‘Eachann Dhùin-àluinn,’ ars iadsan. Is fhad o nach robh an t-ainm roimhid air.”

An , gu dearbh. Is coma ged nach robh e nis féin ann,” ars am ministear.

An è ainm an duine chòir: Eachann bàn nam blàr?”

Seadh! No ainm an duine gun chòiread idir: Eachann dubh aphaca,” ars am ministear.

Ghàir càch nuair chual iad sud; is cha burrainn am ministear féin gun triotan a dhèanamh, cuideachd.

Nach dual dhan t-ainm?” ars Eachann; “cho dualach ri CloinnIlleathainn féin. Mar choin ag òl eanaraich, tha ainmean ChloinnIlleathainn: Eachann, Lachann; Eachann, Lachann; Eachann, Lachann; Teàrlach.”

Sguab leat e, ma ,” ars am ministear. “Mur a sguab, chan è cion teangaidh a thort. Mureil i leathann, tha i fada gu leòir.”

Bha abhearradaireachd atighinn ri càch anabarrach math. Bhan dithis cho geurs cho geur; is cha robh ach gearradh thalls a bhos gus an deach sgonn den latha seachad.


[246]

Leig Cailean is Warnock dhiubh falbh, gun teagamh; is cha robh an còrr de chuideachd na h-uamha diombach.

Thàinig an tòrraidh. Bha cruinneachadh mór ann. Sgeadaich Cailean is Warnock, gun fhios do chàch, iad féin an aodach réidh. Thilg iad sean chleòcannan turuis orra is chan aithnichteadh iad ach mar bàbhaist.

Sheinn aphìobCumha Mhic CriomainnisCumha Mhic an Tòisich.” Labhair am feadan na facail is dhaithris na fir air fad, ’nan inntinnean iad, atogail nan corrag air abhata. Rinn na duis co-sheirm amhulaid afreagairt an fheadain bhinn, nuair thòisich meòir ealanta aphìobaire air fuasgladh snaimeannan cruaidh achrunn-lùth. Stad an oiteag air guala na beinne gu h-àrd, is sheall i as a déidh ag éisdeachd ri lùth-chleas nam meur atoinneamh achiùil leadarra á tuill an t-seannsair. Thug i leum air falbh le osannna h-uchd, is liubhair i fuaim achiùil don gleann gu h-ìosal, gus an dthàinig reachd am muineal mhic-tallaga thilgeil o chnoc gu cnoc.

Lean Cailean is Warnock le chéile dlùth don ghiùlan. Be dleasanas Chailein e. Ràineas an cladh. Dhfhosgail an uaigh a beul, is shluig i suas Cailean Mór Dhùin-


[247]

àluinn. Le làn a dhùirn den ùir anns an do chnàmh a mhàthair, chuir Cailean duslach ri duslach, is sheall na bha mun cuairt air a chéile. Nuair dhfhalbh an còmhlan, sheas e le ceann crom rùisgte aig ceann na h-uaighe; is dhùisg ionghnadh am measg na cuideachdnan suidhe aig achosgais. Rinn e dhleasanas, is an sin lean e càch.

Bha sùil an t-sluaigh air. Bha rudeigin atoirt buaidh orra. Gun fhios daibh bhan aignean air an gluasad le cumhachd dìomhair air choireigin. Dhfhairich iad e, ach cha do thuig. Am beagan ùine dhfhuasgladh acheist daibh, ged bha i dorch agus soilleir daibh aig an aon àm.

titleXXV. Bàs is Tòrradh Dhùin-Aluinn
internal date1912.0
display date1912
publication date1912
level
reference template

Dùn Àluinn %p

parent textDùn-Àluinn, no an t-Oighre ’na Dhiobarach
<< please select a word
<< please select a page