CAIBIDEIL XXVI.
AN LÀ AIR TOGAIL.
CHRUINNICH an tuath do ’n chaisteal. Bha cuideachd mheasail ’san t-seòmar mhór a’ dèanamh bròin leis a’ bhantraich air sgàth an fhasain. Phlùich Cailean is Warnock iad féin am measg nan uaislean. Thòisich Cailean air bruidhinn. Dh’ éirich Perkins gu dùbhlanach g’ an cur am mach le chéile.
“Leig leotha, na creutairean. Tha ’n deoch orra,” arsa bean Dhùin-àluinn, ’s i ’na suidhe m’ an coinneamh an sgeadach bantraich, ’s a triùir chloinne mu ’n cuairt orra. “Leigeadh leotha.”
Bhlaiseagain Cailean a bheul, ’s e air fàs tioram leis an làraich ’san robh e, le cudthrom an ni a bha dol a thachairt, is leis a’ bhuaidh a bha fhios aige bhiodh aig an t-soilleireachd a bha ri teachd cho grad air an t-sluagh a bha brùchdadh a steach a dhèanamh fearas-chuideachd air bodaich ùra na h-uamha.
Thòisich e. Ars esan: “Có bhiodh cho dàna ’s gu ’n diùltadh e dhòmhsa làrach mo bhonn de ùrlar m’ athraichean?”
Bha piuthail ghàireachdaich am measg na cuideachd.
“Có bhiodh cho dàna ’s gu ’n diùltadh e dhòmhsa mo ghuth a thogail fo sparran mo shìnnsearachd?”
“Cum suas i, bhodaich,” chualas taobh am muigh an doruis.
“Có tha cho ladarna ’s gu ’m bacadh e mise thighinn an so a ghabhail seilbh air oighreachd agus cuid m’ athraichean, mar is i mo chòir gu laghail, dligheach? Có e? Oir is mise, le mór dhùrachd do chuid agus beag dhùrachd do chuid eile, Cailean òg Dhùin-àluinn!”
Leis na facail a ràdh, thilg Cailean dheth a lùirichean. Thionndaidh e mu ’n cuairt uair no dhà air a shàil am measg na cuideachd, ’s a làmhan sgaoilte mach.
Dh’ aithnich an sluagh e. Thog iad beuc aighearach a thug gliong as na soithichean.
“Cailean òg! Cailean òg! Cailean òg!” chluinnteadh gun stad am muigh ’s a stigh.
Thuit Perkins an cathair mar gu ’m fuasgladh a h-uile alt a bha ’na chom. Bha a’ bhantrach ’na suidhe gun deur fala ’na h-aodann ’s a sùilean a’ leum as a ceann. Thionndaidh Cailean ri Perkins. “Agus, thusa!” ’s e cocadh a chorraig ris; “choinn-
“ich sinn roimhid. Fhuair thu as an uair ud, ach a nis tha thu ’n sàs; agus as cha ’n fhaigh thusa. An uair so gheibh thu duais na h-eucorach; an uair so theid ceartas a shàsachadh; agus an uair so theid an t-ionracan ’na chuid.”
“An té ud a rinn uile e, mo chreach! Air a droch cheann tha mo mhallachd uile;” arsa Perkins, an éiginn chruaidh.
“Thusa! thusa! gun duine eile ach thusa a mharbh Seumas Weldon neo-chiontach. A chealgair, a mhortair,” ars a’ bhantrach.
“Am marsanta Gallda! Am marsanta Gallda!” chluinnteadh á ceud amhach.
“A Chailein, eudail, seall cùl a chinn; seall cùl a chinn feuch am faic thu an ainfheoil a chuir mise air. ’S e th’ ann gun teagamh. ’S e th’ ann. ’S e th’ ann!” ars Eachann a’ phaca, ’s e mar gu ’m biodh duine as a riaghailt, ’ga phlùchadh féin a steach troimh ’n t-sluagh.
Dh’ fhàs Cailean e féin bodhar dall nuair chual e a’ bhantrach. Chaidh Perkins a rùsgadh. Bha ’n ainfheoil an sud. Agus b’ e sud am marsanta Gallda a shaoileadh a bha bàthte. Bha chionta follaiseach. Bha chomharra ’na chuideachd. Thug e suas e féin, is thuit e an neul trom.
Rinn a’ bhantrach seòrsa sìolaidh a sìos. Bha daonnan stàilinn mhath oirre a sheasamh na làraich.
“Is tu a th’ ann. Tha fios gur tu. Ach tha mise ’s mo chuid cloinne air do neo-ar-thaing. ’S mise bean laghail t’ athar, agus so a leanabhan. Gheibh mise còir bantraich; agus iadsan còir dhilleachdan, air t’ amhaich; air t’ amhaich!” ars ise, ’s i cocadh a corraig ri Cailean, ’s a’ bualadh a coise air an ùrlar, is fiamh gàire an uilc air a beul olc.
“Ha-ha-há!” arsa Cailean; “tha thu fada, fada air cùl do naidheachd, a bhròineag. Seall sud!”
Leis an so, leig Warnock a sìos a chleòca mór luideagach féin, ’s a ghruag is fheusag, mar a rinn Cailean; is, mu choinneamh na Ban-fhrangaich, ’s na ban-eucoirich, sheas e: a fear-posda laghail a shaoil i bha marbh.
Thug i sgreuch aisde a chaidh troimh gach ceann a bha stigh; is le sùil mu seach air Warnock is air Perkins—no “Lambton,” ’s e b’ ainm da—is sgreang an uilc ’na h-aodann, thug i duibh-leum gu ruigheachd air sean chlaidheamh a bha ’n crochadh ris a’ bhalla. Ach chaidh a cur an sàs. Thàinig crìoch obann air a droch ghnìomharran nuair a shaoil i bhi aig àird a cluich.
Chaidh a’ phaidhir a chur an làmhan an lagha, is dh’ fhuiling iad le chéile air son an droch ghnìomharran. Fhuair iad prìosan fhad ’s bu bheò iad.
Ach, bho ’n uair air an do thòisich an iomairt so, ghabh Cailean seilbh ’na chuid. Bha mùirn feadh na h-oighreachd uile, is thogadh an sluagh as a’ chlàbar anns an robh iad iomadh latha fada brònach—seadh, na bh’ ann diubh. Thòisich Cailean air gach ni a chur air dòigh ’sa mhionaid. Chuir e ’m ministear mór air deagh thigheadas, agus, mar an ceudna, Eachann a’ phaca agus Bodach-nan-duilleag.
Dh’ fhan Warnock còmhla ris ùine mhór. Chaidh a’ bhreug-riochd air chùl, is cha robh duine dh’ionndrainn Cailean nach d’ fhoighnich e air a shon.
Bha dithis a dh’ ionndrainn e thar chàich: Màiri agus Mór Bheag. Cha robh sgeul aig duine orra, ach gu ’n deach Mór Bheag a chur gu togail do Shasunn, agus gu ’n d’ fhàg Màiri ’s a màthair greis ’na déidh. Cha chualas an còrr air Móir Bhig. Ach thàinig sgeul uaireiginn gu ’n do bhàsaich màthair Màiri, is gu ’n robh Màiri féin a’ teagasg cloinne an teaghlach measail an Lunnainn. Cha robh an còrr sgeul oirre.
Rinn Cailean na dh’ fhaodadh e g’ a faotainn am mach troimh na paipearan; ach cha chualas riamh drannadh. Thug e suas dòchas gu ’m faiceadh no gu ’n tachradh e féin is iadsan am feasd. Math dh’ fhaodteadh nach robh iad idir beò.
Ghleidh e triùir chloinne athar mu ’n cuairt air, is rinn e àite ’n deagh bhràthar daibh. Bha e ’na thoileachadh leis iad a bhi aige nis. Cha robh atharrach acasan air mar a thàinig iad. B’ e fhuil is fheòil iad; agus chuir e roimhe a dhleasanas a dhèanamh riutha.
Bha Màiri daonnan ’na inntinn. Bha e ’ga faicinn mu choinneamh a shùl a latha ’s a dh’ oidhche. Bha e cluinntinn a guth a’ gabhail nan òran; is thogadh e féin co-sheirm leatha. Aon latha sin, ’s e smaointinn mar so, bhuail rudeiginn ’na inntinn. Sheas e. Sheall e mach troimh uinneig. Bhuail e dhòrn air a bhois. “Cuiridh mi ’n geall gu ’m bheil e agam! Cuiridh mi ’n geall gu ’m faigh mi i! Cuiridh mi ’n geall gu ’m faigh! Có dh’ ionnsuich ‘Crodh Chailein’ do ’n chaileig bhig ud? Cuiridh mi ’n geall gur h-ise.”
Leig e bheachd ri Warnock. Bho ’n cheud là a thachair iad rinn e sin, is bha Warnock dìleas da. Thog iad orra gu Lunnainn.
Ràinig iad an tigh anns an robh an tòrachd. Dh’ innis iad ceann an turuis, is cha chuala muinntir an tighe rud riamh cho neònach. Bha a’ chaileag bheag féin a’ gàireachdaich i bhi ’na meadhon air Cailean ’s a leannan a chur an rathad a chéile. Chaidh an nighean a thoirt an làthair. Cha robh fios aig Cailean co-dhiùbh bha e ’na sheasamh air a cheann no air a chasan nuair chual e ceum a’ tighinn. Ach mo thruaighe! Bha e air a mhealladh. Cha b’ i Màiri bh’ ann, no a coltas, no a h-aogasg. Thuit cridhe Chailein ’na bhrògan. Rinn e cinnteach gur h-i bhiodh ann.
“Bha dùil a’m, ” ars esan, “gur i mo leannan gu cinnteach a bh’ annad, nuair smaoinich mi gu ’m bu tu a dh’ fhaodadh an t-òran Gàidhlig ud ionnsachadh do ’n chaileig bhig so.”
“An dà,” ars ise, “cha ’n ’eil Gàidhlig idir agam, is cha do rinn mi ach an t-òran ionnsachadh o bhan-chompanaich domh. Is aithne dhomh móran nìghneagan Albannach aig am bheil gu leòir de Ghàidhlig.”
“Seadh,” arsa Cailean. “Ciod è ’s ainm do ’n té a dh’ ionnsaich ‘Crodh Chailein’ duit?”
“Nic Griogair,” ars ise.
“Nic Griogair! Nic Griogair!” arsa
Cailean. “Tha mi aige nis. Sin agad mo Mhàiri-sa. C’ àit ’eil i fuireach? Sin agad i! Sin agad i!” arsa Cailean, ’s e spaidsearachd air an ùrlar.
“An dà, ’s e ‘Màiri’ a th’ oirre, gu dearbh,” ars an nighean.
“Ach c’ àit ’eil i?” arsa Cailean.
“Bheir mi chugad i an cùig mionaidean,” ars an nighean.
“Greas ort, ma ta. ’S i th’ ann; ’s i th’ ann! Tha mi fiosrach gur h-i th’ ann,” arsa Cailean, ’s e sràidimeachd gu h-usaideach air an ùrlar, mar nach biodh duine beò a stigh ach e féin; is càch a’ sealltainn air le ’n sùilean ’s le ’m beòil.
Thuig Màiri an teachdaireachd—oir ’s i bh’ ann. Cha ghabh e ìnnseadh mar ghabh i féin is Cailean an coinneachadh iongantach a rinn iad an làthair an eadar-chàirdean.
“Fhuair mi féin is tu féin, a Mhàiri, greim air a chéile; agus ’s e am bàs a chuireas eadarainn. Ach am bheil sgeul air Móir Bhig, mo phiuthar?”
Sheall Màiri mu ’n cuairt an tighe gun ghuth a ràdh. Bha fiamh gàire oirre. Cha d’ thubhairt duine guth. Bha Cailean a’ feitheamh ri freagairt.
“Sin agad i,” arsa Màiri, ’s i cocadh a
corraig ris a’ chaileig. Dh’ fhaodadh tu bhi cinnteach nach biodhmaid fada bho chéile. Sin agad i; is tha i air a deagh ghabhail aice.”
Bha Cailean, ’s e mar gu ’m biodh a cheann air togail. Cha robh e ach a’ suathadh ’s a’ fàisgeadh a shùilean mar gu ’m biodh e ’ga dhèanamh féin cinnteach nach ann a’ bruadar a bha e. Bha a h-uile rud a bh’ ann cho neònach leis.
Dh’ innis an sin Màiri mar a dh’ fhàg Mór Bheag i, a dhol a thoirt togail mhath uasail an Lunnainn dith, ma b’ fhìor; mar a chuir i fear-lorg air a sàil; mar a fhuair e ’na dìol-déirce i air sràidean Lunnainn còmhla ri mnaoi bhochd a bha reic bhlàithean air an t-sràid; mar a fhuair i a goid ’s a cur an deagh dhachaidh mar a bha e faicinn.
“ ’S a nis,” ars ise, “nach do rinn mi mo dhleasanas gus a’ chuid is fhaide mach?”
“Rinn, a rùin nam ban,” arsa Cailean, “ ’s ni mise riuts’ e.”
Dh’ innis e a shuidheachadh. Dh’ innis e mar thachair aig an tigh is bho ’n tigh; is bha Màiri mar gu ’m biodh sgleò air a sùilean. Cha robh na bha stigh ach ag éisdeachd ris a’ chòmhradh gun fhacal a thuigsinn. B’ e còmhdhail mhór iongantach a bha ’n so.
Rug Cailean is Màiri air làmhan air a chéile an làthair na cuideachd. Leudaich iad am beachd. B’ e sud an réiteach. Ach cha d’ fhuirich e aige sud. Chruinnich bean an tighe beagan chàirdean. Chaidh cuirm bhrèagha dhèanamh, cho faisg ’s a ghabhadh e dol air an t-seann dòigh ghasda Ghàidhealaich. Rug Cailean is Màiri air làmhan a chéile thar a’ bhùird. Chaidh gloine fìon a’ dhòrtadh air an dùirn, agus le cridhealas mór ghlaodhadh iad mar “fhear-bainnse” is mar “bhean-bainnse.”
An ceann glé bheag ùine, bha iad ’nan “daoin’ òga”; agus gun fhios do chreutair a bha rompa, ràinig Cailean is Màiri Dùn-àluinn mar fhear ’s mar bhean phòsda.
Ged a bha e cho goirid an déidh bàis an t-sean uachdarain, chaidh greadhnachas mór a dhèanamh riutha. Fad seachdain, chaidh an làn-aighear ’s an logamail a ghleidheadh air aghaidh an sud ’s an so feadh na h-oighreachd an déidh sàmhchair a thuiteam air Dùn-àluinn féin.
title | XXVI. An Là air Togail |
internal date | 1912.0 |
display date | 1912 |
publication date | 1912 |
level | |
reference template | Dùn Àluinn %p |
parent text | Dùn-Àluinn, no an t-Oighre ’na Dhiobarach |