[258]

CAIBIDEIL XXVII.

SORAIDH DO NA GAISGICH.

RINN Cailean òg uachdaran math; agus cha robh a bhean chaomhna grabadhsam bith air. Dhfhàs an sluagh lìonmhor agus sona aon uair eile, agus bliadhna an déidh bliadhna chìteadh smùidga togail an suds an so, far an robh teinteinean fuara fad bhliadhnachan athaiseach.

Chaidh Mór Bheag fhàgail far an robh i, a dhol a bhina ban-oighre air na mìltean a bhaig na h-uaislean a thog i; ach be Dùn-àluinn a dachaidh, is cha deach samhradh thar a cinn nach robh i tighinn ann fhads bu bheò i.

Thog Cailean is Màiri teaghlach beag bòidheach. Thog iad, cuideachd, angadbeag a dhfhàg seann Dùn-àluinnna dhéidh, agus thugadh ionnsachadh urramach daibh.

Ach, mun tig an sgeul so gu crìch, feumar aon ni iongantach ainmeachadh.

Cha drinn Cailean dearmad air a bhi dol air chéilidh air a shean chompanaich a bha leissan uaimh. Chan iarradh e na bfhèarr


[259]

na Eachann agus am ministear a chur an amhaichean a chéile: am ministear ri fìor dha-rìreadh, is Eachann atarruing as. Cha toireadh iad drannadh á Bodach-nan-duilleag; is nuair a bhiodh an dithis eile trod, bhiodh esan ag éisdeachds agàireachdaich ris féin. ’S e duine ciùin, sàmhach mar so a bhann, agusmar lus-an-dòmhnaich gun mhath gun chron.”

Cha dthàinig e fodham riamh, ged tha mi cho fad ad chuideachd, fhoighneachd dhìot ciod è chuirBodach-nan-duilleagort. Ciod è chuir an t-ainm ort?” ars am ministear mór aon oidhche a thachair Cailean a bhi leotha air chéilidh.

Bha am ministearna shuidhe mu choinneamh an teine, ’s a chasan bac-air-oireig, ’s e ruith a chorraig air a shocair féin troimh chiabhagan fada, cléiteach, liath. Cha robh fios aig duine riamh ciod è chuir an t-ainm air; is cha mhotha dhfhoighnich duine.

An ,” arsa Bodach-nan-duilleag air a shocair féin, “ ’s e chuir an t-ainm orm: gur e bocsa dhuilleag na dhfhàg mathair agam de chuid.”

Dhfhàg e gu leòir agad air son na dhèanadh tu dheth. Ho-ho-!” ars Eachann.

Thòisich thusa do ghorracail,” ars am


[260]

ministear. “Chan fhèarr thu dad na cathag am maduinn reothaidh, a ghobhar ghlas gun eanchainn. Cum, cum am fear a dhfhàilnich ort. Ach cha chum gus an cuir am bàs car cam ad pheirceall, a chreutair shuaraich!”

Thigeadh e cruaidh no bog, cha dèanadh Eachann ach gàire, abradh am ministear a roghainn ris.

Seadh!” ars am ministear ri Bodach-nan-duilleag. “An è sin na dhfhàg e agad?”

“ ’S è; ach rùchan tioram gun dad a fhliuchadh e!” ars Eachann, le lachan gàire.

Thug am ministear sùil gheur air; ach cha dthubhairt e dad, ged a bha furasd fhaicinn gur e glé bheag a bheireadh air a làimhseachadh.

Seadh! An robh an còrr aig tathair a dhfhàgadh e agad?” ars am ministear, ’s e leanmhuinn, is daonnan a chorraganna chiabhaig.

Bha, na mìltean,” ars Eachann, ’s e freagairt an toiseach.

Bha, dìreach na mìltean,” arsa Bodach-nan-duilleag féin air a shocair.

Bocsa dhuilleag,” ars am ministear, mar gum biodh ris féin. “Bocsa dhuilleag! Ciod èn duine bhad athair? Ciod è bu chèird ?”


[261]

Bha duine bhair a dheagh dhòigh,” ars am bodach; “ach duine neònach, cuideachd. Bu sheann saighdear e: sean chòirneal airm.”

O, dìreach,” ars am ministear. “Tha mi agad a nis. Bha e thairis, tha mi cinnteach?”

Bhà.”

Is bhuail aghrian e!”

Bhuail, tha mi creidsinn,” ars am bodach.

O, tha mi tuigsinn,” ars am ministear.

Chaidh am ministear greis an trom smaointinn.

An , tha mi creidsinn gum bheil barrachd anns na duilleagan na tha thu smaointinn. Tha h-uile litirsan aibideil Ghàidhlig air an ainmeachadh air luibhean. ’S e Beith-luis-nuin a bfhìor cheud ainm dith. Gabhaidh na duilleagan cur air dhòigh an déidh a chéiles gun gabh iad leughadh mar litir. Bhan cleachdadh sin acasan àirden Ear o chian nan cian. Sin far an cuala tathair iomradh air, an glabhcaire. An robh e riamh am Persia?”

Bha, is anns na h-Innsean,” ars am bodach.

Seadh! Ach, co-dhiùbh, bhan cleachdadh aig na fìor shean Ghàidheil, cuideachd. ’S e sean chleachdadh a thann. Leig


[262]

fhaicinn domh na duilleagan, a bhothailein. Fair a nìos domh iad.”

Thugas na duilleagan an làthair, ’nan sreathan bòidheach an sean bhocsa air an robh dèanamh fìnealta nan Innsean. Ghabh Caileans na bha stigh beachd air amhinistear, ’s e sealltainn air an déidh de na duilleagan, ’s iad de na h-uile seòrsa.

Dìreach mar a thubhairt mi,” ars am ministear. “Dìreach mar a thubhairt mi. Seall sin. Sin agad duille na ruis. Sin an litir ris an abair sinn R,” ’s ega meamhrachadh, ’s a sealltainn oirre eadar es leus.

Thog en sin duilleag eile, is sheall e oirre gu mionaideach.

Sin agad,” ars esan, “duille na h-uir. Sin agad U an Gàidhlig. Sin agad an t-iubhair a tha seasamh air son na litreach I. Sin agad, a rithis, duille na gort, is tha i sin aseasamh air son G. Nis, nuair a théid na ceithir duilleagan a leughadh anns an òrdughsan dfhàg tathair iad anns abhocsa so, ni iad le chéile am facal RUIG.”

“ ’S e duine neònach a bhanad athair; ach bha gliocas ann. Chaneil teagamh nach e bhann, mar a their iad, ‘amadan glic’; is bha rudeiginn annad féin, cuideachd, mas e so na dhfhàg e agad. Ach air ur


[263]

socair. Than t-òrdughsam bheil na duilleagan so aciallachadh rudeiginn. Tha seòladh air choireiginn an so. Stadaibh gus an leugh mi iad.”

Stadaidh; stadaidh, gu dearbh féin, ged a bhiodh sibh gu meadhon latha màireach ag obair orra,” ars Eachann.

Thòisich am ministear air meamhrachadh nan duilleag, ’s e sgrìobhadh air paipear litir an déidh litir. Than tigh cho sàmhach ris an uaigh fhads a bha e aig an sgrùdadh dhìomhair so. Bha fiughair aig gach duine ri ràdh neònach air choireiginn a chluinntinn.

Mu dheireadh, chrìochnaich am ministear an obair. Dhfhuasgail e acheist.

Sin agaibh, a nis, brìgh nan duilleag, biodh e ciallachadh an rud a thogras e. Sin agaibh e:

RUIG MAC ILLE-MHÌCHEIL;
IS INNIS GUN DO THILL THU NALL.’

Sin agad brìgh nan duilleag, a Dhùghaill. Dean féin an còrr.”

Tha rudeiginn fo na facail,” arsa Cailean. “Tha rudeiginn aig Mac Ille-Mhìcheil ri ràdh, ce be e.”

Aig an àgh tha fios,” ars Eachann.

Am bheil thu féinga thuigsinn, a


[264]

Dhùghaill? Seadh! Am bheil thu féinga thuigsinn? Chaneil thu féin ao-coltach ri fear a bhuaileadh aghrian thu uaireiginn nuair tha thu gabhail aghnothuich cho socrach, a chleòbaire!” ars am ministear. Bha dòigh anabarrach goirid aige air bruidhinn nuair chitheadh e duine tuathalna dhòigh.

An ,” arsa Bodach-nan-duilleag, air a shocair féin, “bha caraid aig mathair an Dùn-éidinn den ainm sin: Mac Ille-Mhìcheil, fear lagha.

Sin e!” arsa Cailean.

Tha thu aige!” ars Eachann.

Nach dthubhairt mi riut!” ars am ministear.

Bhruidhinn an triùir còmhla.

An ,” arsa Cailean, “ ’s e mo bheachd-sa gum bheil teachdaireachd air choireiginn an Dùn-éidinn duit.”

Chaneil teagamh ann. Chaneil teagamh ann,” ars am ministear.

Chaneil ni is fèarr dhuit na Dùn-éidinn a thoirt ort air ball,” arsa Cailean. “Cha chum airgead no comunn thu, ma tha thu toileach. Théid mi féins am ministear leat, agus seasaidh mi achosgais gus an till sinn. Ciod è tha thusag ràdh?”

Tha mi toileach,” arsa Dùghall.


[265]

O, chuideachd!” ars Eachann. “Nach e am ministear a gheibh an latha dheth! Bheir an turus sona chuimhne an uair bhiodh e falbh dhionnsuidh an Ard-sheanaidh o shean. Nach ann air a bhios achuail, a chlann, eudail! mun till ema leanas e da àbhaist. Ho-ho-!” is bhuail Eachann a dhà bhois air a chéile.

Am beagan ùine bhan comunn deas gu falbh air an turus àbhachdach. Ràinig iad Dùn-éidinn. Fhuair iad am mach tigh-sgrìobhaidh Mhic Ille-Mhìcheil, is chaidh iad air beulaibh an fhir-lagha. Be Cailean a bfhear-labhairt. Leudaich e fàth an turuis. Dhinnis e an dòigh thubaisteach air an dfhuair Dùghall, mac dligheach achòirneil, am mach acheud chuid de iarrtas athar.

Dhéirich am fear-lagha, is fhuair e tiomnadh achòirneil. Leugh e sìos i. Mun dfhàg Dùghall làrach nam bonn, bha ena oighre air fichead mìle punnd Sasunnach, maille ri riadh fad cùig bliadhna deug.

Bha air ìnnseadh anns an sgrìobhadh a dhfhàg an còirneal, an reuson a chuir gun dfhàg en t-airgeadsan dòigh neònaich ud. Bha fios aige gun robh Dùghallna dhuine òg, struidheil; ’s nam faigheadh em beartasna làimh gun mhóran fios air cruaidh-chàs,


[266]

no air ana-cothrom an t-saoghail, nach maireadh e fada dha. Dhfhàg e leis an sin a mhaoin aig amhac mar bu chòir da; ach an dòigh a bha cho dorcha nach làimhsicheadh e sgillinn am feasd deth. Co-dhiùbh, cha robh sgeul air Dùghall nuair a bhàsaich athair; is cha drinn e ach am bocsa fhàgail air cùram neach eile. Ach air a shon sin thàinig Dùghall gu chuid, ged a bha e anmoch féin. Thàinig e chuige anns an àmsam bu mhath le athair, nuair bha fios aige ciod e bu chiall do ghainne.

Nuair thill na fir dachaidh bha fearas-chuideachd chiatach aca.

Thog Dùghall aitreabh bhrèagha air oighreachd Chailein. Thug e Eachann agus am ministear mór leis; agus bha tighinn beò ròrumach aca fhads bu bheò iad. Ach ged nach leigeadh Eachann a leas e, cha do leig em paca bhàrr a dhroma fhads a burrainn e coiseachd. Be sud a nàdur; is cha robh feum a bhi bruidhinn ris.

Phòs Warnock an nighean a lorg Màiri do Chailean. Be miann Màiri e; agus be miann Chailein e, cuideachd. Cha robh samhradh fhads bu bheò iad, nach robh iad atighinn do Dhùn-àluinn; is aig an àm sin bhiodh na fir agus bodaich na h-uamha an


[267]

còmhnuidh an cuideachd a chéile. Bhan cùigear dol latha gach bliadhna an rathad Uaimh-nam-farrabhalach, ’s i nis gun duinega tadhal mar a bàbhaist. Bhiodh fleadhachas mór aca an sin, agus Eachann neo-ar-thaing atoirt gàireachdainn gu leòir dhaibh. Bha leanmhuinn nàdurra aca air an uaimh; agus ged a choimeasadh iad an latha ra chéilean latha bhanns an latha a dhfhalbhbha làithean na h-uamha a cheart cho toilichte leis gach fear den chùigear fhear.

S iomadh, ’s iomadh latha bho na dhfhalbh an t-aon mu dheireadh de phrìomh phearsachan na sgeòil so. ’S iomadh latha bho na dhfhàg an glùn mu dheireadh de shìol Chailein òig an dùthaich. Ach an Dùn-àluinn bòidheach nan craobhs nan cnoc fraochach, tha cuimhne fathast orra.

A’ CHRÌOCH.

titleXXVII. Soraidh do na Gaisgich
internal date1912.0
display date1912
publication date1912
level
reference template

Dùn Àluinn %p

parent textDùn-Àluinn, no an t-Oighre ’na Dhiobarach
<< please select a word
<< please select a page