[29]

CAIBIDEIL III.

BUAIREAS IS BRÒN AIR FEAR-AN-DÙIN.

CHA ruigear a leas iomradh a thoirt air na thachair eadar bàs bean Dhùin-àluinns a tòrradh. Bhan dùthaich glaiste fo cheò bròin, is gach duine fo gheasaibh, is glong balbh le tosd amhulaid orra. Bha fear Dhùin-àluinn air a smodadh gu trom leis. Bha oiseann bog, blàthna chridhe nach deach beantuinn riamh da. Bham fonn ùrail, torach, is ghabh e ris an t-sìol. Ghabh; ach bha cunnart am bàrr a laomadh, an grunnd a lagachadh gu grad, ’s an draighean bhasa chòrr a sgaoileadh air fheadh. Sud dìreach mar a bha, agus sud mar a thachair.

Dean do dhìcheall air son do pheathar.” Biad so briathran deireannach a mhàthar ri Cailean òg. Cha do dhìochuimhnich Cailean iad.

Nuair a thuit bean Dhùin-àluinn an galar a bàis, chaidh an leanabh, Mórag bheag, a dhionnsuidh na seana mhnàth-altruim a thog Cailean féin. Cha robh fear Dhùin-


[30]

àluinn aig an tigh nuair a thàinig an naoidheag bheag so dhachaidh, agus mu dhorcha na h-oidhche, latha an tòrraidh, bhuail miann mór e a dhol da faicinn. Bhan tigh mu leth-mhìle bhon Chaisteal; ach ghabh e am frith-rathad uaigneach troimhn choille. Thàinig am bothan beag am follais. Chunnaic e dreòsadh na coinnle troimh sgàile dheirg na h-uinneig. Ràinig e ceann an tighe. Sheas e. Dhéisd e. Smaoinich e. Bha aimhreit achadail air an leanabh. Bha i pràinneach, agus ciubharan caoinidh aice. Bhan t-seana bheanga tulgan, ’s a beul ra cluais acrònans ag òran dith.

Ciod è thug air fear Dhùin-àluinn seasamh cho grad? Ciod è thug air sealltainnsan adhar, agus sealltainnsan talamh? Ciod è thug air a bhi ag ochanaich gu goirt, afàsgadh a dhòrn, ’sga shnìomh féinesan a bha cho cruaidh-chridheach, ceannlaidir, rag-mhuinealach, agus borbna nàdur riamh? Eisd!

Cha tig Mór, mo bhean, dachaidh;
Cha tig Mór, mo bhean ghaoil;
Cha tig màthair mo leanaibh
Nochd a chadal ri mthaobh.”

Tharruing abhean-altruim na facail mu dheireadh a mach an dòigh a bha deanamh


[31]

co-sheirm ri crònan cadalach an leanaibh, ’s i air toirt thairis le caoineadh is meacanaich. Rinn so an sathadh na bu ghoirte do Dhùn-àluinn. Sheall e air na neòil dhubha bha snàmh gu socrach thar nan cnoc. Theannaich e cromag abhatana dhòrn, is ghuil e.

O, mo ghualadh, mo ghualadh! A Mhór, a Mhór! Nam ben diugh an , a Mhór! Mo ghualadh, mo ghualadh!”

Ach lean an cumha bhair a churna bheul:—

Uist, a leanaibh, ’s dean cadal;
Thoir fainear mar a thà:
Gum bheil do mhàthair fon leacaig,
S mise creachte gu bràth.”

Chaidh an t-saighead dhachaidh gus abheò. Dhfhairich Dùn-àluinn an gathna thaobh, is bhrùchd na deòir troimh shùilean an duine làidir, fhearail. “Mo leanaban, mo leanaban! nach tuig gu bràth gaol màthar. Mo leanaban, mo leanaban beag, neoichiontach!”

Shnàgain e gu taobh na h-uinneig, is sheall e stigh. Bha sean Chatrìona, ’s an leanabh aice gu cùbhraidh ra h-uchd, a beul ra cluais, ’s i gabhails adeanamh an òrain mhuladaich so aig an aon àm.


[32]

Bha ina boireannach geur, deas-bhriathrach. Dhùisg am bròns am mulad a laigh air a h-uile duinesan dùthaich mar aon duine, na bha de spiorad na bàrdachd innte; agus cha robh ena chàs leatha facail a chur ri chéile. Is beag a bha dhùil aice gun robh Dùn-àluinn ag éisdeachd fhads a bhan cumhaga dhealbh. Is beag a bha fhios aice gun robh a h-uile facal adeanamh tuillna chridhe.

“ ’S gum bheil a cìochan, mìne, geala
Sileadh bainne ra taobh,
S ina sìneadh air déile,
S a leanabhg eubhach ri mthaobh.”

Cha burrainn Dùn-àluinn a làrach a sheasamh na bfhaide. Ghabh e stigh, is aodann air at le caoidh. Dhfhalbh a h-uile mòralachd a bhann le aon oiteig, mar dhfhalbhas moll bhon fhasgnaig. Cha robh dìol-déirce cho simplidh, iriseal ris nuair ghlac e Catrìonas a leanabh féinna dhà làimh fhoghaintich. Thug e greis mun do bhruidhinn e. Ach, mu dheireadh, ars esan, is reachd garbhna mhuineal: “A Chatrìona, a Chatrìona, nach ann orm a thàinig e! Tha fios nacheil ann ach mo thoilltinneas. ’S a chreutair bhig, bhrònaich, an dthug thu thairis mu dheireadh! ’S òg a chaidh


[33]

do thearbadh, a rùin, a rùin bhig!” agus ega cnìodachadh.

Chaneil duine air nach tig latha,” arsa sean Chatrìona. “Biodh agaibhse foighidinn mhath. Cha deach eallach a chur air duine riamh nach dfhuair druim ga ghiùlan. Tham beags am mór feumail air achmhasans air garbh chrathadh. Than t-ìochdarans an t-uachdaran air an aona ghad. Gheibh sinn uile tilleadhsan t-saoghal so, ged nach fhaigh sinn idir ar toilltinneas; is ma ni sinn feum deth, ’s gun till sinn air ar sligheannan ana-ceart, truaillidh, reasgach, nach ann againn nacheil an t-aobhar gearain.”

Beòlach Catrìona air Dùn-àluinn. Beòlach i air a dhroch ghnàthan. ’S iomadh uair a leig abhaintighearn chaomh nach bu mhaireann, a h-inntinn rithe; is iomadh uair a fhuair i briathran a thug misneach dith. Ach ged a leig Dùn-àluinn mórail, uaibhreach e féin rithe air an àm chudthromach so, agus ged a theirinn e nuas an irisleachd a bha comh-shìnte ra suidheachadh féin, cha do dhi-chuimhnich i nach be Dùn-àluinn a bhann. Cha do dhì-chuimhnich in cuan mór a bha eatorra, mar uachdaran mórail làn de fhuil uasail, agus ìochdaran bochd a bha


[34]

i féins a sliochd riamh atighinn beò am mèinn teaghlach Dhùin-àluinn. Cha do dhì-chuimhnich: ach bha i geur, gleusda, agabhail cothruim air an àm thaitneach, a chum a deagh chomhairle a thoirt da seana mhaighstir, nan deanadh i feumis cha bu lugha na fheum, gu dearbh.

Mór, Mór!” theireadh esan, ’s e sealltainnsan ùrlar. “Saoil an robh mi math gu leòir dhith, Chatrìona?”

Chrom Catrìona a ceann, ’s i turaman an leanaibh. ’S gann nach dthàinig fiamh gàire oirre leis acheist neònaich. Bha Dùn-àluinn gu dùr-fheitheamh, ’s a shùileans a bhilean air chrith afeitheamh ra freagairt. Bu mhath a bha dhfhios aige ciod e freagairt a choisinn e, ’s a bu chòir da fhaotainn. Air an àm so bha e air a leòn; agus bha Catrìona tuigseach gu leòir gum be olla chur air an lot a bfhèarr air an àm. Cha robh an Dùn-àluinn ach fuil is feòil mar dhuineile; agus mar dhuineile bha e feumail agus ro-fheumail air iochd is truas a leigeadh fhaicinn da nuair bha e air uilinn le trioblaid.

A Dhùin-àluinn, ler cead, chaneil aonta aig neach fon ghréin air a bheatha. Thig àm gach aoin againn. Cha chum cumhachd air an t-saoghal so air ais e. Ma


[35]

gheibh sinn rabhadh, dèanamaid feum deth. Dèanamaid buil mhath den latha thagainn. Cha bhuin na chaidh seachad duinn. Na bheil romhainn cha leinn. Agus, mar thubhairt mi cheana, dèanamaid buil mhath den àm a thair a bhuileachadh oirnn. Sin mo chomhairle-sa. Sin mo bheachd-sa, Dhùin-àluinn.”

“ ’S math a thubhairt thu, Chatrìona. Tha sin fìor;” ’s e leagadh a làimh air a guala, ’s e beothachadh beagan ris. Rug e air na facail mar bheireas fearga bhàthadh air badan feamainn, ged a be thoirt leis don ghrunnd a dhèanadh e.

Chualas tartar. Thàinig gnog don dorus; agus thàinig a steach ach Cailean Og agus Màiri. Ghabh iad athadh le chéile nuair chunnaic iad bha rompa. ’S gann nach do sheas cridhe Màirina com nuair chunnaic i Dùn-àluinnna shuidhe an ceann an teinidh. Ach ghleidh i oirre féin. Bha fios aice, cuideachd, nach robh an còrdadh a bfhèarr eadar e féins a mhac air a tàilleamh, cho math ris nach robh iad atarruing gu ro-cheart còmhla a thaobh iomadh rud eile. Ach air an àm so bha seòrsa bogachaidh air Dùn-àluinn, is dhéirich ena sheasamh is chuir e fàilte chàirdeil orra.


[36]

Tha mi tuigsinn fàth bhur turuis; ach cha robh dùil agam gun tigeadh sibh cho anmoch,” arsa Catrìona.

Cha drinn sinn ach taghalsan dol seachad,” arsa Cailean; “ach thig Màiri am màireach a dhiarraidh na caileig.”

Bha Dùn-àluinn is sùil thalls a bhos aige eadar an fheadhainn a bha bruidhinn.

Ciod è than so?” ars esan.

Tha: iarrtas deireannach mo mhàthar,” arsa Cailean.

Ciod è sin?” arsa Dùn-àluinn.

Mór bheag a thoirt do Mhàiri ga tògail gus an tig an t-àmsam bi iad le chéile an Caisteal Dhùin-àluinn,” arsa Cailean.

Cha do fhreagair Dùn-àluinn; ach cha do chuir e droch ghnùissam bith air. Bha e mar gum biodh ann ceithir-bhliadhnach de each beò, bras, a biodh an déidh a strìochdadh am bogalaich. Bha e anabarrach leagte ri rudsam bith; ach cha robh math móran earbsa chur ann. Lùghdaicheadh an t-eallach ri ùine, is bha air a chùl an euchdag a bha en comas fùdar is luaidhe a chalcadh an àite abhròin. Fhads a bha an gàd bog, ’s ann a bfhasa shnìomh. Nuair dhfhuaraicheadh e, bhiodh e cho righinns a bha e


[37]

riamh. Ben dràsd an t-àm. Cha robh fios ciod è bheireadh ùine glé bheag mun cuairt. Dhfheumteadh leis an sin Mór bheag a chur air imrich gun dàil.

Chaneil eagal ormsa nach toir Màiri an aire don leanabh; achs e bham bheachd a toirt dachaidh,” arsa Dùn-àluinn.

Bithidh isan deagh dhachaidh an dràsd,” arsa Cailean; “is tha gu leòir dhìth air uachdar Dhùin-àluinn.”

Chaneil cùram don leanabh,” arsa Catrìona. “Bu mhór am beud droch fhaire fhaicinn aice; is ged nach iarrainn-sa dealachadh am feasda rithe, tha ceart ceart daonnan, is tha e ceart iarrtas a màthar a dhèanamh.”

Sathadh fada thall eile do Dhùn-àluinn. Sgaoil iad, is air an rathad dachaidh thubhairt Màiri: “Nis, a Chailein, chòrd tathair na bfhèarr an nochd rium; ach, tha mi far an robh mi. Ni mi mar dhearb do mhàthair chaomh rium; ach an còrr— —”

An còrr? n rud?” arsa Cailean.

Dìreach mar thubhairt mi daonnan, a ghaoil: fhads a bhios tathair beònam be bhan àite do mhàthar! Nach olc mi?” —agus sheall i air gu blàth, neoichiontach, gaolach, mìogshuileach.


[38]

Dhialaidh a ghàirdean mun cuairt air a muineal is phòg e i.

Chaneil feumsam bith anns na smaointean faoine sin. Chan fhèarr feòil na feòil; is chan fhèarr fuil na fuil. Than uaisle mar ghleidhear i; is than neach a tha ionraic, ionnsuichte, stuama, measail mu chliù, beusachna ghiùlan, onoireachna chleachdadh, cho uasal ris na h-uaislean mar theirteadh. Sin an uaisle cheart, a Mhàiri; is chan i an tha fo chomaraich comunn nam flath, is nach fhiach mur a bi i air a spuaiceadh le stùr is sal is lìon an damhain-alluidh, mar gum biodh seana bhuideal fìona. Seann teaghlach: seann teaghlach! Mo chreach!”

Nach coma,” arsa Màiri; “ ’s ann riutha thatar asealltainn. Sean fhreumh; sean fhuil; tighinn mhath.”

Seadh. Tighinn mhath,” arsa Cailean, “math, an caitheamh-beatha, ’s an gnìomh, ’s an creideamh, ’s an creideas.”

titleIII. Buaireas is Bròn air Fear-an-Dùin
internal date1912.0
display date1912
publication date1912
level
reference template

Dùn Àluinn %p

parent textDùn-Àluinn, no an t-Oighre ’na Dhiobarach
<< please select a word
<< please select a page