CAIBIDEIL IV.
CAILEAN ÒG IS MÀIRI.
BHA Màiri Nic Griogair ’na h-inghin cho loinneil, shuairce, ’s a bha eadar dà cheann Siorramachd Earra-Ghaidheal. ’S e bana-mhaighstir sgoil a bh’ innte; agus bha i mu dhà bhliadhna an Dùn-àluinn aig an àm so. B’ ann a mhuinntir Shiorramachd Pheairt i. Bha a màthair ’na banntraich; is bho nach robh duine teaghlach ann ach Màiri féin, thug i a màthair leatha gu Dùn-àluinn. Bha iad le chéile cho toilichte ’s a bha ’n latha cho fada; is ged a bha tlachd mór aig Màiri de Chailean òg Dhùin-àluinn, cha robh miann ’sam bith oirre pòsadh an cabhaig. Bha i glic, suidhichte, ciallach. Bha i beachdail, léirsinneach, geur-inntinneach, faicilleach; is bha i faicinn cnap-starraidh no dhà an aghaidh pòsaidh aig an àm.
Bha Cailean air bhior. Agus bha Màiri, le bhi ’ga ghabhail cho foighidneach, shocrach, ’ga fhàgail na bu fhrionasaiche. Bha e mar gu ’m biodh buaidh shònruichte aig
nàdur na dithis air a chéile; no, math dh’ fhaoidteadh, buaidh shònruichte aig giùlan an dara h-aoin air nàdur an aoin eile; is cha ’n ’eil e eu-coltach nach fhaodadh Màiri tighinn an coinneamh Chailein ceum na b’ fhaide mur a biodh i ’ga fhaotainn cho fìor fhrionasach. Tha sin uile nàdurra. Ach, air an làimh eile, thug a deagh nàdur stéidheil, agus eadhon a’ bhuaidh a bh’ aig a gaol air Cailean, cothrom dhìth air sealladh na b’ fhèarr fhaotainn air an t-slighe air an robh i dol, agus a h-uile car cam is cnap-starraidh a bh’ air an rathad fhaicinn le sùil shocraich, chiallaich. Chunnaic i nach robh an t-àm ann. Bha fhios aice gu ’n robh oighre Dhùin-àluinn an airidh air bana-chompanach a b’ fhèarr na i féin; agus gu ’n robh ’athair a’ cur dubh-chùil rithe mar bhana-chliamhainn; is leis an sin, gu ’m fhèarr an fhoighidinn thràth a ghabhail, agus gheibheadh i furtachd anmoch.
Cha robh Cailean òg a’ faicinn troimhe so cho math; is bha e air udal gu ’n tigeadh rudeiginn ’san rathad a chuireadh Màiri a dhìth air, air fad. Cha robh e ach air fiar bliadhna thar fhichead. Cha robh riamh aige r’ a lòn a chosnadh no smaointinn air. Mar a dh’ éirich do gach aon de sheòrsa a
rugadh le spàin airgid ’na bheul, cha robh sgil aige air an t-saoghal no air a dhoilgheasan. Cha robh de chùram air ach a mhiannan féin a shàsachadh; agus is minic a tha sin féin ’na chùram is ’na thrioblaid do ’n cheann aotrom gun stàth. Bha móran de ghliocas a mhàthar an Cailean òg; agus ged a bha sin a’ toirt a’ chudtruim as na bh’ ann de Chailean Mór, air uairean ’s e Cailean Mór a bhiodh gu h-àrd. Bha aon rud ann: gu ’n robh e blàth-chridheach, seirceil, faireachail, ceart ’na dhòigh ’s ’na bheachd.
An déidh dha dol a laighe an oidhche ud, bha móran a’ tighinn fodha. Os cionn gach nì bha bàs a mhàthar, a thìodhlaiceadh an latha ud féin. Cha robh Màiri ’s e féin a’ tighinn air a chéile thaobh a’ phòsaidh; agus ged a bha e faicinn gur h-ì bha ceart, ’s gu ’n robh i air a stiùradh le a gliocas ceanalta féin, cha robh e buidheach dhith nach robh i, mar gu ’m biodh, toileach tighinn ’na choinneamh, ged a b’ ann gu deuchainnean is cruadal féin. Dhearbhadh so dhà, gun teagamh, a gaol air-san; ach cha dearbhadh e ’n gliocas a bu chòir a bhi am mnaoi a ghabhadh os làimh ceum a thoirt gun fhios c’ àite ’n robh i cur a coise.
Sin an suidheachadh ’san robh iad le chéile.
Bhiodh iad iomadh latha am mèinn athar-san; is na ’m bu duine e ’sam faoidteadh earbsa a chur as, bu rud eile e. Ach cha b’ e. Cha robh fios ciod è a dhèanadh e an tionndadh na boise; is b’ e an gliocas do ’n chàraid òig sealltainn rompa, agus foighidinn a ghabhail. Is iomadh nighean òg nach leigeadh fhaicinn gliocas is roimh-fhaicinn mar so anns a’ cheart suidheachadh, agus, an gòraiche na h-òige, leis nach bu ruith ach leum an tairgse a ghabhail air sgàth dìreach ainmeachas aon uair an uaireadair de bhanas-tighe an caisteal mór far-thollach, far-uinneagach, brèagha Dhùin-àluinn. ’S iomadh; ach cha b’ ann diubh Màiri Nic Griogair.
Cha robh Cailean ach ’ga aoirneagan féin ’san leabaidh mar gu ’m biodh bodachan-sàmhaich. Dh’ éirich e ’sa mhaduinn gun mhóran de fhois na h-oidhche; ach nuair chunnaic e Màiri feadh an latha, chuir a briathran craicionn a b’ fhèarr air.
Bha e nis a’ tighinn dh’ ionnsuidh an àma de ’n bhliadhna ’sam feumadh Cailean tilleadh do ’n oil-thigh. Bha ràidhe an fhoghair air dol seachad, is dh’ fhàg e aig Cailean cuimhneachan glé ghoirt. Thug e leis do Ghlascho e; ach nuair fhuair e am measg a shean chompanach as gach cèarn de ’n rìoghachd,
thòisich an t-eallach air togail deth. Cha b’ e dreuchd a bha Cailean ag ionnsachadh. Bha móran eile coltach ris nach b’ e cnuasachd a bha ’nam beachd, ach a mhàin ainmeachas a bhi ’nan oileanaich mar chloinn dhaoin-uaisle. Bha móran diubh so ’san àm ud, a’ rànaich ’s ag ùpraid a sìos ’s a suas Sràid Aird Ghlascho, far an robh an sean oil-thigh ainmeil.
Ged bha Cailean òg Dhùin-àluinn glé aotrom, bha nàdur cnuasachd is sgrùdaidh ann, agus bha e gabhail tlachd ro mhóir am bhi sgrùdadh bàrdachd na Gréige ’s na Roimhe, ’s gan coimeas ri bàrdachd nan Gaidheal, air nach robh ach cuideachd bhrònach fìor eòlach, ’s a bha gu faiteach, ach gu fonnmhor, fo bhlàth an lios nam bàrd, ged nach robh i a’ tarruing aire mórain oirre. Aonaranach ’s mar a bhà i, lag ’s mar a bhà i, gun luchd-leanmhuinn ’s mar a bhà i, a freumhan mar a bhà iad, sgaoilteach, daingeann, anns an aon oiseann is truaighe, is bochduinne, ’s is leathoiriche air an t-saoghal uile gu léir, sheasadh i ’n làrach, aghaidh ri aghaidh, ri bàrdachd air bith d’ a gnè.
’S minic a sgrùdadh Cailean an Iliad ’s an Æneid, ’s a chuireadh e taobh ri taobh iad féin is Oisean. ’S minic a smaoinich e ma
bha ’n Roimhe ’s a’ Ghréig air thoiseach air a’ Ghaidhealtachd bhig, bhochd, an ealaidhean, is anns gach seòrsa càlachaidh, gu ’n robh na Gaidheil, anns a’ chuibhrinn thìm a bha comh-shìnte ri cuibhrinn tìm Homer is Virgil, na b’ uaisle ’nan nàdur, na bu bhàigheala r’ a chéile, na bu thruacanta ri ’n nàimhdean, na bu sheirceala ris an anfhann na na Greugaich no na Romanaich. ’Nan giùlan ri mnathan bha iad fad air thoiseach. Cha robh na Romanaich a’ toirt urram bhan do ’m ban-déathan; ach bha na Gaidheil a’ toirt urram bhan-déathan d’ an cuid bhan, ged a bha e duilich a smaointinn gu ’n robh cuid a rinn air an cuid bhan mar a rinn Æneas air Dido.
Bha inntinn dhomhain, bhreathnachail aig Cailean, ged a bhiodh e, air uairean, air a bhuaireadh gu aotromas is streup nuair ghluaiseadh ni-eiginn sònruichte na h-oileanaich gu aramach, a mhilleadh ’s a stialladh air feadh prìomh-shràidean a’ bhaile.
Cha robh uair seach a chéile a gheibheadh inntinn aotromachadh nach b’ ann nuair a thigeadh litir thoilichte bho Mhàiri le naidheachdan na dùthcha, agus gu sònruichte m’ a phiuthair bhig, anns an robh tlachd mór aige. ’S iomadh uair a gheibheadh e sgeul
a chuireadh dorran air, cuideachd, nuair chluinneadh e buidheann an déidh buidhne de shluagh ceutach na dùthcha a bhi ’gam fògar thar a’ chuain a dheanamh àite do chaoraich an toiseach ’s a rithis do fhéidh. Cha b’ e h-uile mac uachdaran fearainn a bha cho fosgailteach, tùrail, neo-fhéineil ri oighre Dhùin-àluinn an àm an fhògraidh ’s an fhuadaich. ’S ann gu mhath féin, là éiginn, a bhiodh “an t-ath-leasachadh”; ach cha robh a chridhe ’na sgròib; is thionndaidh e gu dùbhlanach air athair is air a’ bhàillidh a thaobh na h-obair dhéistinnich a bha dol air a h-aghaidh air an oighreachd.
Latha b’ fhaide mach na ’n là ud, chrean Cailean òg air a chomh-fhaireachdainnean ris an t-sluagh; ach tha ’n còrr de sin ri tighinn. Is minic a thachradh e air cuid de thuath athar air faontradh air sràidean cruaidh Ghlascho. Fhad ’s a ruigeadh a phòca air, dheanadh e fuasgladh orra. Cha do chaomhain e riamh a dhragh no ùine a shealltainn air son àitean cosnaidh dhaibh aig càirdean ’sa bhaile mhór, ris an rachadh a dheagh fhacal gu math fada. Dhaibh-san a roghnaicheadh falbh le ’n teaghlaichean do thìrean céin, bheireadh e a bheannachd is leigeadh e ris fhaireachdainnean am blàths ’s an coibhneas.
An còrr cha b’ urrainn da a dhèanamh aig an àm. Ach bha e ’n dòchas gu ’m biodh de chumhachd aige là éiginn na chuireadh stad air an obair ghràineil a bha ’g itheadh na Gaidhealtachd mar an luibhre bhàsail.
Cha robh uair a rachadh e dhachaidh nach robh atharrachadh r’ a fhaicinn: an sluagh air an sguabadh á baile an sud is á baile an so; is far an robh, eadhon an dé, sluagh lìonmhor a’ toirt am beathachaidh as an fhonn a leasaich iad féin le saothair an làmh, ’s a thug iad gu rian ’s gu feum, bho riasg is bho roinnich, gus an robh blàth a’ bhuntàta is diasan a’ choirce a’ gliostradh ’sa ghréin an àite an fhraoich bhadanaich ’s na luachrach fheusagaich, cha ’n ’eil an diugh ach tobhtaichean falamh is achaidhean lom.
Cha do sheas an dìcheall dad daibh. Bha ’n eucoir a’ riaghladh le làimh làidir, is ceartas a’ sgreuchail ’s a’ tuireadh air mullach gach cnuic. Dh’ fhàg na h-àrmuinn an dùthaich, is thuinich an lag is an t-anfhann aig a’ chladach a thoirt an teachd-an-tìr as a’ chuan mhór. An sin rinn iad tigheadas mar nach b’ olc, agus le fàbhar Chailein, a bha daonnan air an cùl, fhuair iad cleiteagan anns an robh iad a’ togail beagan buntàta is arbhair.
title | IV. Cailean Og is Màiri |
internal date | 1912.0 |
display date | 1912 |
publication date | 1912 |
level | |
reference template | Dùn Àluinn %p |
parent text | Dùn-Àluinn, no an t-Oighre ’na Dhiobarach |