CAIBIDEIL V.
EACHANN A’ PHACA.
MAR a dhìricheas an t-iubhar nuair thig an t-sreang dheth, dhìrich Dùn-àluinn nuair shruth an trioblaid bhàrr a ghuaillean. Dh’ fhalbh am bròn deth cho deas ’s a thilgeas neach eallach dheth. Eadhon an seachdain no dhà, bha e mar an gobhlan-gaoithe air foirinn a’ chaisteil ag altachadh a sgiathan ’s ’ga chriathradh féin mu ’n toireadh e ’n iteag.
’S iomadh breunag air an do thachair e, a h-uile ceum gu ’n d’ thug e; ach thachair e air té an Lunnainn a chuir an dubh-chapuill air fad air. Agus thachair Dùn-àluinn rithe ann a h-aon de thighean-cluich a’ bhaile. ’S iomadh fear a chuir i sgleò air a shùilean. Cha deach an aodach boireannaich té bu speisealta ’s a b’ inniche. Bha a cneas mar an sneachdadh geal, ’s a gruaidhean dearg mar chaorann. Bha i cho dìreach ri luachair, ’s cho deas sgiobalta chuimir ri earba na beinne. Mhiannaicheadh an snaidheadair a
cumadh mar shamhladh da ghilb; is bha dà shùil dhuinn ’na ceann cleiteach a mhealladh fear treun. Mheall i iomadh fear. Phòs duin-uasal i; ach cha ’n fhanadh i air, is theich é. Thàrlaidh i mac òg iarla oirre a rithis, agus phòs iad. An déidh sin leag i a sùil air Dùn-àluinn. Chuir i tuaineal ’na cheann, mar a chuireas an neas an ceann an eòin, agus laigh e aig a casan, pòsda ’s mar a bha iad le chéile.
Bhiodh i féin ’s an duine aice gu tric air bhòrdaibh móra an Caisteal Dhùin-àluinn, agus b’ e na mhothaich a’ bhaintighearn cheanalta air na turusan sin a dh’ fhoghainn dith air fad. Chunnaic i nach robh anns a’ Bhan-fhrangaich ach ubhal dhearg na gaoid ’s a’ bhuairidh; drùiseag, bhlàth-chridheach ma b’ fhìor, bheulach, mheallach, chunnartach a bha sgaoileadh a lìn bhradaich anns gach lios a b’ fhèarr, ’s i féin mar an damhan-alluidh ’na suidhe ’na mheadhon, ’na cùis-bhuairidh do gach fear a leigeadh ruith dha féin.
Shuidhich i a lìon an Dùn-àluinn nuair fhuair i an caisteal falamh. Nuair nach biodh fear Dhùin-àluinn an Lunnainn, bhiodh a’ bhan-chleasaiche ’s a fear an Dùn-àluinn. Bu chùis-bhruidhne iad do ’n dùthaich.
Bha Cailean òg air a ghreadadh, ged nach robh math dha bheul fhosgladh. ’S iomadh uair a leigeadh e inntinn ri Màiri nuair bhiodh iad còmhla.
“Cha ’n ’eil dòigh air faotainn cuidhte ’s i ach mise phòsadh agus thusa ghabhail stiùradh an tighe, Mhàiri.”
“Cha dean e feum; cha dean e feum, a Chailein,” arsa Màiri. “Is còir gu ’m bheil deagh bharail agad air an sin cheana. Na biodh smaointinn agad gu ’m faighinn-sa no thusa greimeachas de ’n t-seòrsa sin, ged tha cùisean mar tha iad.”
“Cha ’n ’eil fhios agam c’ ar son,” arsa Cailean. “Nach beag tha m’ athair aig an tigh uair air bith.”
“Is beag; is beag; ach cha ghéill gach uair d’a chéile. Na creid thusa gu ’m bi Dùn-àluinn gun bhean-tighe, ma ghabhas e dèanamh de ’n té ud. Tha sùil an uilc ’na ceann. Tha ’n fhras a’ dèanamh, a Chailein. Tha mise cheana a’ cluinntinn a fuaraidh agus ’ga faicinn a’ dèanamh ’san iarmailt.”
“Chan ’n ’eil mi ’gad thuigsinn, a Mhàiri. ’S ann a tha i ag iarraidh ormsa daonnan pòsadh. Cha ’n urrainn mi sin a chur oirre, co-dhiùbh,” arsa Cailean. “Ach, thallamaid sgrìob a sìos do ’n chlachan.”
Bha ’n clachan dìreach mu mhìle air falbh. B’ e aon bhaile na dùthcha e. Bha gach tàillear, ’s gach greusaiche, ’s gach marsanta a’ fuireach ann. B’ e bùth Mhic Iain Bhig aon bhùth a’ bhaile. B’ e, cuideachd, aon àite céilidh a’ bhaile a latha ’s a dh’oidhche. Bha e làn nuair a chaidh Cailean is Màiri a steach, ’s iad a’ tarruing as Eachann a’ phaca.
“Tha sinn a’ gearan do Eachann an so, a thaobh mar a tha ’m fear Gallda an déidh a’ ghaoth a thoirt as na siùil aige,” arsa Mac Iain Bhig.
“An spliadhaire spàgach,” ars Eachann. “Gheibh mise mo latha féin fathast air. Cha phàigh an obair ud dà. Stadadh sibhse.”
“An d’ fhalbh thu dachaidh fathast, Eachainn,” arsa Màiri.
“Cha d’ fhalbh,” ars Eachann. “Ach tha mi falbh a nis,” ’s e deasachadh air a’ phaca. “Tha ’m fear so cho trom a’ falbh ’s a bha e tighinn. Ma thachras am fear Gallda orm air an rathad, bheir mi ’n ceann as an amhaich aige. Cha d’ fhuair mi sìon bhuam ’san tigh mhór, a Mhaighstir Cailean, bho na thàinig an t-eun-sìth ud an rathad.”
“An è am marsanta Gallda, no a’ bhean-uasal?” arsa Mac Iain Bhig, agus na bha stigh a’ triotan ghàireachdaich.
“A’ bhean-uasal!” ars Eachann air a shocair féin. “ ’S i dìreach a’ bhean-uasal, ma ’s i bean-uasal a th’ agad oirre, a Mhic Iain Bhig.”
Ghàir na bha stigh leis an eud a bh’ aig Eachann ris an fhear Ghallda.
“Reic thusa air prìs riaghailtich, is gheibh thu margadh cho math ri daoine eile,” arsa Mac Iain Bhig.
“An è prìs riaghailteach a th’ ann a bhi reic air challdachd, a Mhic Iain Bhig?” Am bheil thu féin a’ reic air challdachd, a Bhig Iain Mhic? Cia mar thigeadh tu beò, Iain Mhic Bhig?” arsa Eachann, ’s e cur nam facal cas-mu-seach leis a’ chabhaig, gus an robh na bha stigh gu bhi marbh leis a’ ghàireachdaich.
“U!” arsa Mac Iain Bhig; “cha ’n ’eil duine ’sam bith a’ reic air challdachd ma ’s urrainn da a sheachnadh; ach a dh’ aindeoin sin, cha ruig sinn a leas ar bàthar a shailleadh tuillidh ’s a’ chòir.”
“Có tha ’ga shailleadh, a ghliug?” ars Eachann, ’s e gabhail froinidh, ’s gun sin duilich a chur air. “Cha b’ ann de na h-èoin thu féin, a ghaisgich, mur a togadh tu sop; is cha ’n fhaca mi riamh gu ’m bu tu a’ cheud
fhear ’san dùthaich a reiceadh cearc anns an latha fhliuch. Seadh!”
Ghàir Màiri is Cailean cho math ris a’ chòrr nuair chuala iad an urchair a thug Eachann do Mhac Iain Bhig.
“Nach fhaod thu breith air làimh orm?” arsa Mac Iain Bhig, ’s e sìneadh a làimhe do Eachann. “Cha bhiodh do phaca-sa cho trom an déidh do shiubhail mur a biodh tu gleidheadh deagh chùram do na cearcan a fhliuch am marsanta Gallda ort. Ho-ho-hó!” arsa Mac Iain Bhig, ’s e bualadh a dhà bhois air a chéile.
“ ’S dona leam g-g- gu ’n toirinn mo chuid seachad a nasgaidh. Ch-ch-cha chuireadh tusa uchd is m-m- maothan ort, mar a ni thu air cùl eadar-chlàir, na ’m biodh tu reic na bu shaoire na bha thu c-c- ceannach, o chionn fichead bliadhna.”
“Tha mise a’ reic mar tha mo choimhearsnaich agus mo sheòrsa; ach cha ’n ’eil thusa. Cha ’n ’eil tigh ’san dùthaich a gheibh thu do shròn a shéideadh ann o na thainig am marsanta Gallda. Ciod a their thu ris an sin?”
Cha robh Mac Iain Bhig ach a sàr-tharruing as Eachann, ’s e ’na dhuine a bhiodh daoine tarruing as, co-dhiùbh. Nuair a bhiodh càch ri feala-dhà, bhiodh esan ri fìor dha-
rìreadh; agus fhad ’s a bhiodh an deò ann, cha sguireadh e gus am biodh am facal mu dheireadh aige.
Co-dhiùbh, thilg e am paca ’n cùl a chinn, sgrog e a bhoineid air, ’s am mach ghabh e, ’s a dhosan a’ crathadh mu bhathais mar gu ’m biodh tarbh. Thionndaidh e ’san dorus, agus ars esan: “Oidhche mhath leibh uile, ma tà; na bheil agamsa, phàigh mi air a shon; ach cha ’n fhaod e bhi nach ann a mharbh am marsanta Gallda fear-pac eile mu ’n urrainn da leithid de chùnnradh a thoirt seachad: agus ’s ann air a tha fìor choltas an t-slaightire. Cha mhór ri cliù na Ban-fhrangaich gu ’m biodh uiread malairt eatorra. An tràill!”
Ghàir a’ chuideachd a rithis leis cho dùrachdach ’s a bha Eachann.
“ ’S ann a tha choltas a’ toirt am chuimhne fear a bheireadh seachdain anns an uaigh. An spàgaire crùbach, crotach.”
Am mach ghabh Eachann ’na throtan, nuair thubhairt e sud, seach gu ’m faigheadh Mac Iain Bhig an còrr a ràdh.
“Bi falbh, bi falbh; beiridh Seònaid ort an nochd, co-dhiùbh,” ghlaodh e as a dhéidh.
Bha sglèat a dhìth Eachainn, agus bha e creidsinn gu mór am buidsichean. Bha e
cur roimhe gu ’n robh buidheann diubh as a dhéidh féin; agus b’ i Seònaid a bu bhan-cheannard orra. B’ annamh uair a rachadh Eachann a steach do thigh ’san oidhche, nach seasadh e greis ri cùl cathrach a’ gabhail rann, ’ga sheunadh féin bho na buidsichean. Air uairean, thilgeadh na balaich làn an dùirn de chlachan beaga air mullach an tighe—na ’m bu thigh sglèat e. Leumadh Eachann air a dhà bhonn, agus ghlaodhadh e, ’s e sealltainn am mullach an tighe: “So! Tha iad so air tilleadh a rithis. Gaoth gun dìreadh orra!” Rachadh e ’n sin troimh ’n uirgheall a rithis, agus na balaich a’ sgiamhail air an taobh am muigh.
title | V. Eachann a’ Phaca |
internal date | 1912.0 |
display date | 1912 |
publication date | 1912 |
level | |
reference template | Dùn Àluinn %p |
parent text | Dùn-Àluinn, no an t-Oighre ’na Dhiobarach |