CAIBIDEIL VI.
THACHAIR AN DÀ BHONN ODHAR AIR A CHÉILE.
AIR an rathad dachaidh, agus oidhche bhòidheach, chiùin ann, ’s iad air achlaisean a chéile, bha Cailean is Màiri a’ bruidhinn thall ’s a bhos; agus arsa Màiri: “Cha ’n ’eil ionghnadh orm, cuideachd, mar a tha Eachann bochd a’ bruidhinn mu phrìsean an fhir Ghallda. Cha ’n ’eil sìon ’na phaca nach ’eil e a’ toirt seachad air a leth-luach. Am fac thu ’n currac a cheannaich mi do Mhóir bhig? Cha robh e ach leth-chrun; agus cha cheannaicheadh deich tasdain am baile Ghlascho e.”
“Dh’ fhaoidteadh gu ’n do spùinn e bùth, no gu ’n do mharbh e fear-siubhail eile, mar tha Eachann ag ràdh. Có ’d aig tha fios? Ha-ha-hà!” arsa Cailean, ’s gun e gabhail umhail do phrìsean no do bhàthar nam marsantan-siubhail.
“Tha mi ’g ràdh riut gu ’m bheil e neònach,” arsa Màiri, ’s i toirt crathaidh air gàirdean Chailein. “Ciod è ’n sgil a th’ aig
fir? Tha trògain mhór eadar e féin ’s an té rìomhach ’sa chaisteal.”
“Cha ’n e na bheil i ceannach bhuaidh, ma tà,” arsa Cailean. “An dà, tha Peigi shearbhanta ’g ràdh, nuair thig e ’n rathad, gu ’n toir i steach d’a seòmar e, agus nach ’eil sìon ’sa phaca nach tionndaidh e mach dith. Nach b’ e ’n dà latha e do Chaisteal Dhùin-àluinn, a ghràidh, a ghràidh!”
“Tha oidhche mhath ann!” arsa guth.
“Tha, oidhche ghasda. An tu tha ’n sud, Eóghain?” arsa Cailean.
“ ’S mi. Am bheil sibh brath tighinn air chéilidh?”
“Nach ann bu chòir duit ar cur dachaidh, ged a bhitheamaid air chéilidh!” arsa Màiri, ’s i féin is Cailean a’ tionndadh a dhol a steach.
B’ e Eóghan a’ chìobair fear de thuath Dhùin-àluinn. Bha ’n tigh dìreach taobh an rathaid; agus bhiodh tathaich mhór air. Cha robh teaghlach ’san dùthaich air fad cho còir ri teaghlach Eóghain. Bha bean an tighe fialaidh, suilbhearra; agus cha robh i riamh gun “trìnnsear ìme” agus “leab-fhalamh” aice.
“Thigibh a nìos! Thigibh a nìos!” ars ise, nuair chunnaic i Cailean is Màiri.
Bha iad a’ bruidhinn thall ’s a bhos mu ’n
cuairt an teine nuair chual iad tartaraich a’ tighinn dh’ ionnsuidh an doruis; agus có nochd a stigh ach Eachann, ’s e draghadh a’ phaca eadar na h-ursannan.
“Air do shocair! Air do shocair, Eachainn, mu ’n toir thu ’n tigh mu ’r cinn!” arsa fear an tighe. “Ciod è air thalamh tha ’n so? Feumaidh gu ’n do thachair Seònaid an nochd ort, co-dhiùbh, Eachainn!”
“An dà, gu dearbh; feumaidh gu ’n do thachair rudeiginn air!” arsa bean an tighe.
“Cha ’n ’eil fhios a’m nach do thachair am fear Gallda air,” arsa Cailean.
Chuir Eachann a dhà shùil bhioraich troimh Chailean, agus, mur a b’ e Cailean féin a bh’ ann, bha fhreagairt aige dhà.
“C’ àite ’n robh thu bho na chaidh thu seachad an so? Bu chòir duit a bhi thar na beinne an dràsd,” arsa bean an tighe. “Am fac thu dad, Eachainn? Innis a nis, bho nach ’eil a stigh ach sinn féin.”
Ciod è ’sam bith am faireagan a ghabh Eachann, bha aogasg an uamhais air, agus a h-uile ròin a bh’ air a cheann ’nan seasamh dìreach.
“Cha ’n fhaca mi dad; ach smaoinich mi, bho na bha i cho anmoch, gu ’m b’ fhèarr dhomh tilleadh,” ars Eachann.
“Nis,” arsa bean an tighe, “cha dean e feum, Eachainn. Innis ciod è chunnaic thu.”
“Cha ’n fhaca dad; sìon;” ars Eachann, ’s e sealltainn am mullach an tighe, ’s a’ clapail a ghlùinean le làmhan.
“Chunnaic thu rudeiginn, a nis. Cha do thill thu riamh gun reusan air choireiginn. Ciod è chunnaic thu, nis? Innis e.”
“Ho-ho! Nach éibhinn bean an tighe!” ars Eachann.
“Ciod è chunnaic thu, nis, Eachainn?” arsa bean an tighe gu socrach, agus cho làn da-rìreadh ’s gu ’m b’ éiginn do Eachann, mu dheireadh, tighinn am mach leis.
“An dà, bhan-ghoistidh chòir, dìreach bho na sginnisg sibh asam e, chunnaic mi Eóghan so an so! an duin’ agaibh féin.”
“Seadh!” arsa bean an tighe, ’s i sealltainn mu ’n cuairt air càch, ’s a’ cromadh a nunn ri Eachann.
“So agaibh dìreach fhad ’s a ghiorrad mar bha. Nuair bha mi dol seachad an loch, agus dìreach mu choinneamh an Ruadh-phuirt, ciod è chunnaic mi eadar mi ’s leus a’ tighinn tarsuinn an loch ach bàta ràmh. Ciod è, ma tà, smaoinich mi, ach gu ’m b’ e prosnan de bhalaich a’ bhaile bh’ ann a’ deanamh aramach air na féidh ’san dorcha; agus
’s e rinn mi crùban an tom seilich làmh ris an àite ’n tigeadh am bàta steach. Thàinig i dìreach fo m’ shròin; agus có b’ ionghnadh leam fhaicinn a sgath an ràimh thoisich, agus a’ leum am mach gu ghlùinean ’san uisge, ach fear an tighe so— —”
“O Mhoire, Mhoire! ciod è tha thu ’g ràdh?” arsa bean an tighe, ’s i ’ga dìreadh féin ’s a’ bualadh a làmhan air a glùinean, ’s a dà shùil ’nan seasamh ’na ceann.
“Bha fear Dhùin-àluinn ’na shuidhe an deireadh a’ bhàta, agus na gillean air fad ’sa chuideachd.”
“Tha rudeigin ann,” arsa fear an tighe.
“Cha ’n ’eil mi gealtach,” ars Eachann; “ach chaidh mi air chrith, agus thàinig fallus fuar tromham, nuair chunnnaic mi iad a’ togail cuirp am mach as a’ bhàta.”
“O! O!” arsa na bha stigh, agus iad a’ sealltainn an aodainn a chéile.
“Ciod è air thalamh tha so a’ ciallachadh?” arsa Màiri, ’s i sealltainn air Cailean.
“Tha dreag cuideiginn ann,” arsa fear an tighe.
“A chiall, a chiall!” arsa bean an tighe.
Chaidh na guthan am measg a chéile; is bha Eachann a’ sealltainn bho h-aon gu h-aon gus an stadadh iad.
“Chaidh an corp a chur ’na shìneadh air fàradh, agus lean mi ’n giùlan gus an d’ fhàg e mo shealladh cùl a’ bhruthaich. Bha Dùn-àluinn a’ coiseachd dlùth ’na dhéidh, ’s a cheum gu math trom.”
Ged a rachadh corc ann a h-aon ’sam bith de na bha stigh, cha tigeadh deur fala as. Chuir iad an sealladh daithte a dh’ aon taobh.
Dh’ atharraich Màiri daithean is dh’ fhàs bilean a beòil gorm; ach cha do chuir e Cailean féin a nunn no nall. ’S ann a thòisich e air feala-dhà, a dh’ aotromachadh air càch, agus air a ràdh gu ’n do shaoil e gu ’m b’ e ’m marsanta Gallda a thachair air Eachann ’s a chuir eagal air.
“An cuaran sgrèataidh, na ’n tachradh e ormsa mu sud am meadhon monaidh, ’san oidhche, dheanainn cleas na circe air,” ars Eachann am fìor dha-rìreadh.
Cha robh e duilich do Eachann colg a thogail air nuair mhaoidhteadh am marsanta Gallda air.
An teis-meadhon an t-seanachais có a nochd a stigh ach am marsanta Gallda féin; is cha robh duine stigh nach do ghàir nuair a thachair an dà bhonn odhar cho tubaisteach.
Bha barrachd càirdeis eadar biast-dubh agus abhag na bha eadar Eachann ’s a
choimhirp. Bha bhlàth ’sa bhuil. Mu ’n gann a thàinig iad an gaoith a chéile thòisich Eachann air gnùsdail.
“Thig an t-olc ri iomradh; agus ’s ann ort a tha a dheagh aogasg, ’ille,” ars Eachann.
Bha sin air an fhear Ghallda: dreach a bha oillteil, mar gu ’m biodh e air a lathadh le fuachd.
“Leigibh an duine bochd dh’ ionnsuidh an teinidh,” arsa fear an tighe.
“An dìol-déirce truagh!” arsa Màiri, le fìor thruacantas.
Bha Eachann ’na shuidhe taobh an teinidh ’s e dol a lasadh na pìoba, is sùil nuagach aige air an fhear Ghallda.
“Dìol-déirce!” ars esan, air a shocair. “Cha ’n ’eil air an dearg mhèirleach ach na leisgeulan. Chunnaic mise e tighinn troimh’n mhonadh an latha roimhe, is cha ’n ’eil fear ’san dùthaich a bheireadh fiaradh as, a’ leum nan dìg ’s nam boglaichean. Ach a choma-luath ’s a mhothaich e dhòmhsa, chuir e cuag ’na chois agus druinnean air a dhruim coltach ris an each chrùbach aig Seumas Mór; agus cha robh ceum aig an t-slaightire an trian-na-braise.”
Am fad ’s a bha Eachann a’ bruidhinn, bha e cumail éibhleig anns a’ phìob leis
a’ chlobha, ’s e bleodhadh ’s a’ séideadh na h-éibhleig ’s a’ cur dheth aig an aon àm. Bha e mar gu ’m biodh farmad air ris an fhear Ghallda, a chionn càch a bhi cho coibhneil ris, ’s e cho uireasbhach.
Chuidich bean an tighe dh’ ionnsuidh an teinidh e; ach thàinig tuisleadh air mu chloich-an-teintein, agus thuit e nunn air muin Eachainn.
“Bheil thu faicinn ciod è tha thu an déidh a dheanamh nis?” ars Eachann, ’s e putadh an fhir Ghallda bhuaith le chasan gus an do thuit e ’na chuail air an ùrlar.
“Eirich, a leirist; eirich!” ars Eachann, ’s am fear Gallda a’ rànaich.
Chaidh an éibhleag a bh’ aig Eachann a sìos cùl ’amhaich, is na mnathan a’ feuchainn ri fuasgladh thoirt dà.
Chaidh a losgadh gu h-olc mu ’n d’ fhuair iad an teine a thoirt air falbh; agus cha robh ach tòiseachadh air an truaghan a leigheas mar a b’ fhèarr a b’ urrainn daibh.
“An dearbha,” arsa bean an tighe; “théid mis’ an urras gu ’n d’ fhuair an duine bochd na dh’ fhoghnas da an dà latha so.”
“Cha ’n ’eil cùram do ’n chealgair,” ars Eachann, ’s e ’na shuidhe mu ’choinneamh, a’ cumail paipeir laiste ris a’ phìob. “Is math
leam aige aon dad a fhuair e. Cumaidh sud am paca dubh bhàrr a dhroma an dà latha so. Ha-ha-hà!” ars Eachann, ’s e togail a chasan ’s a làmhan còmhla ’s a’ sealltainn rathad an fhir Ghallda.
“Tut, tut! Mo nàire ort féin, Eachainn, a bhi cho beag faireachduinn do d’ chomh-chreutair. ’S e cleachdadh nan Gaidheal daonnan a bhi coibhneil ri coigrich.”
“ ’S è; agus ged is è féin,” ars Eachann, “nach e sin a rinn tràillean diubh, agus a dh’ fhàg gu h-ìosal iad: a bhi toirt meas air coigrich thar an cuideachd féin.”
Rinneas deas deoch de bhainne teth do ’n fhear Ghallda; is, nuair bha e ’ga h-òl, cha bu lugha rinn Eachann de chàineadh.
“Cumaibh ris i. Cumaibh ris i. Cumaibh deoch bhlàth ris. Seallaibh; seallaibh! ’S ann a tha e mar gu ’m biodh ann laogh anns am biodh a’ chrith.”
Cha robh duine stigh nach robh call a lùths a’ gàireachdaich leis cho dùbhlanach ’s a bha Eachann a’ dol ri càineadh an truaghain dhuine.
“So, so! Saoil nach bi greis mu ’n téid am paca bradach a suas,” theireadh esan. “An cuagaire spàgach! Na ’n robh fhios a’m ciod è Bheurla th’ air ‘peircle briste’,
dh’ abrainn ris e. ‘Trupens, trupens.’ B’ e sin a’ chànain. ‘Trupens’ air trì sgillinn.”
Cha robh duine fo chromadh an tighe nach gabhadh ceangal le snàthainn, ’s iad ag éisdeachd ri Eachann a’ càineadh an fhir Ghallda.
Cha robh fhios ciod è dheanteadh riutha an oidhche ud an tigh Eóghain. Bha Eachann mar bu trice a’ dèanamh a dhachaidh ’san uaimh mhóir taobh a’ chladaich air taobh-cùil a’ bhaile. ’S e “Uaimh-nam-farbhallach” a theirteadh rithe, a chionn gu ’m biodh a h-uile coigreach a thigeadh do ’n cheann dùthcha a’ fuireach innte. Cha robh Eachann ach gann uair air bith gun chompanach; agus glé thric bhiodh aon leth-dusan a’ cur suas innte aig àm. Cha robh àite-còmhnaidh cumanta ’san dùthaich ’san àm ud cho comhfhurtachail, bhlàth, sheasgair ri Uaimh-nam-farbhallach; agus anns na seann linntean, is iomadh càraid a thog an teaghlaichean innte gus am faigheadh iad tigheadas a b’ fhèarr a chur suas dhaibh féin. Cha robh a dorus a bheag na bu mhotha na dorus tighe; agus bha i fada farsuinn ’na broinn. Bha deagh ùrlar dòrnag innte, agus luidhear nàdurra bha dol am mach am bearradh ’na gheòdha mór, domhain. Bha ’n dorus ach gann an oir na
tuinne, ’s air a dhìon bho chathadh na fairge le stac de ’n chreig. Am mach o gu ’n robh Uaimh-nam-farbhallach duilich a thoirt am mach ’san dorcha, cha robh àite-còmhnaidh ’san dùthaich bu sheasgaire na i. Agus air cho fiadhaich ’s gu ’m biodh an stoirm, cha robh i ’n cunnart a rùsgaidh fhad ’s a sheasadh na cnuic.
B’ e so dachaidh Eachann a’ phaca.
Air an oidhche so, chaidh leabaidh an t-aon a dhèanamh dha féin ’s do ’n fhear Ghallda an ceann an t-aon de ’n t-sabhul; agus an uair a thàinig àm dol mu thàmh, thòisich an iorghuill aig Eachann a rithis.
“An è mise!” ars esan. “An è gu ’n caidlinn-sa fo dhruim an aon taighe ris a’ mheanndran chealgach sin! ’S mise nach earbadh m’ amhach ri onoir an t-slaightire!”
“Ud, Eachainn, an duine bochd, uireasbhach. Ciod è tha thu a’ smaointinn a dhèanadh e?” arsa bean an tighe, ’s i plùchadh a stigh na gàireachdaich, ’s am fear Gallda gu crom, truagh ’na shuidhe taobh an teinidh, uilinn air a ghlùinean, ’s a cheann eadar a dhà bhois.
“An e sin!” ars Eachann. “Na h-earbaibh leam e. Leòra! Dheanainn cleas Shamsoin air na Filiostaich air: an sabhul
a leagadh mu chlaigeann,” is e maoidheadh a dhùirn ris an fhear Ghallda.
“Eirich thusa mach còmhla ris, Eachainn. ’S ann a chumas e na buidsichean uait. Thig mu ’n so, ’ille,” arsa bean an tighe ris an fhear Ghallda.
“Faodaidh mi sin; ach bidh mo leabaidh an cùl a’ ghàraidh an nochd. Tha fios aig Eachann ciod è tha e dèanamh,” ars esan, ’s e togail a phaca ’na achlais.
Dh’ éirich am fear Gallda, cuideachd; is nuair a bha Eachann am mach an dorus, sheas e is thug e sùil ’na dhéidh air.
“So, so! Seallaibh a nis e. Nach ann aige tha ’n tighinn éiginneach! Cha chuir esan seachad an oidhche nochd an sabhul fuar, frògach.”
Mu ’n do leig Eachann na facail as a bheul, bu sud a thuit am fear Gallda ’s am paca ’nan aon ghlag air an ùrlar. Thòisich e air ròcail ’s air casdaich ’s air crathadh a chasan ’s a làmhan, is a dhà shùil air tionndadh ’na cheann.
“So!” ars Eachann. “So! Nach math a ni e danns a’ chlaidheimh air a dhruim dìreach! Hui-hùi! Hi-hì! Suas i, ’ille.
“Gille Calum, dà pheighinn,
Gille Calum, bonn-a- sè, ’”
ars Eachann, ’s e gàireachdaich, ’s a’ canntaireachd, ’s a’ gearradh ghailleag, ’s a’ dannsadh ’san dorus.
“Marbhphaisg ort fhéin, Eachainn! A’ dol air t’ aghaidh air an dòigh sin, ’s tu faicinn suidheachadh an duine bhochd,” arsa bean an tighe, ’s i féin ’s na bha stigh mu ’n cuairt air an fhear Ghallda.
An ceann tacain, thàinig e mu ’n cuairt; agus cha robh ach seid a dhèanamh dhà taobh an teinidh anns a’ bhlàths.
“So,” ars Eachann, “bithidh agamsa an sabhul domh féin, ged nach ’eil e cho seasgair ri taobh an teinidh. Oidhche mhath leibh, a chuideachd; tha fios gu ’m bheil giamhannan annamsa, mi féin, ged nach e ’n seòrs’ ud. Cha ’n ’eil dad air an t-slaightire.”
Dh’ fhalbh Eachann, ’s e bronagail roimhe gus an deach e stigh dorus an t-sabhuil.
Air dol am mach a dhol dachaidh do Mhàiri is do Chailean, bha gàireachdaich chridheil aca riutha féin air Eachann ’s air an fhear Ghallda.
“Cha ’n ’eil mi creidsinn idir ’san fhear Ghallda,” arsa Màiri.
“Ma ’s da-rìreadh e,” arsa Cailean, “ ’s e culaidh-thruais a th’ anns an dìol-déirce; ach
ma ’s ann a’ gabhail air a tha e, ’s e cleasaiche barraichte th’ ann.”
“Cha do phàigh a thratan ro mhath dha an nochd,” arsa Màiri.
“Cha do phàigh,” arsa Cailean. “Dh’fhàg Eachann comharra ’na chuideachd a bheir e leis do ’n uaigh. Cinnidh ainfheòil cùl ’amhaich an déidh sud, a bhios cho mór ri m’ bhois. Ho-ho-hó! Ach cha chòir domh bhi gàireachdaich.”
Ach cha b’ urrainn do h-aon de ’n dithis cumail o ghàireachdaich, a’ cuimhneachadh air cho dùbhlanach ’s a bhreab Eachann am fear Gallda bhuaith, ’s e cumail na h-éibhleig ris a’ phìob, ’s gu ’n mhìr truais aige dhà.
“Cha mhór nach do thuit mi.” Agus ghàir Màiri.
“Cha robh fhios a’m féin ciod è theirinn. E cur an fhir Ghallda bhuaithe mar gu ’m biodh an cù.” Agus ghàir an dithis còmhla air na cleasaichean a thachair riutha cho tubaisteach.
Nuair ràinig iad an tigh-sgoil, chaidh a h-uile car aithris is ailis do mhàthair Màiri; agus ghàir an comunn gus an do dhùisg iad Mór Bheag anns an t-seòmar.
title | VI. Thachair an dà Bhonn Odhar air a Chéile |
internal date | 1912.0 |
display date | 1912 |
publication date | 1912 |
level | |
reference template | Dùn Àluinn %p |
parent text | Dùn-Àluinn, no an t-Oighre ’na Dhiobarach |