[DA 1]
THE CEILIDH BOOKS.
LEABHRAICHEAN NAN CEILIDH
AIREAMH 4
A’ BHRAISD LATHURNACH
LE
EACHANN MAC DHUGHAILL
A’ PHRIS, SE SGILLINNEAN. 6d.
ALASDAIR MAC LABHRUINN AGUS A MHIC,
360-2 SRAID EARRAGHAIDHEAL,
GLASCHO.
A’ BHRAISD LATHURNACH.
THA dà bhliadhna bho’n a bhuail e am’ inntinn an toiseach gu’n gabhainn uair-eigin mar chuspair beachdachaidh na nithean a tha co cheangailte ris. “A’ Bhràisd Lathurnach” agus na nithean a ghabh àite, is a threoraich cùisean air aghaidh gus an do éirich a’ chaonnag so a bha cho iomraideach an eachdraidh na dùthcha eadar an Righ Raibeart Brus is Cloinn Dùghaill. Innsidh mi a nis mar a bhuail so am inntinn an toiseach.
Bha mi feasgar àraidh anns a’ Chlachan a bha air a thogail am Pairc na Caol-Aibhne am Baile Ghlascho, co-cheangailte ris an fhoills-shealladh a bha air a ghleidheadh ’sa bhaile sin air a’ bhliadhna 1911. Bha mi am’ sheasamh a’ còmhradh ri caraid àraidh nuair a thàinig dà no trì de ghillean is de nigheanan an taobh a bha sinn. Bha mo charaid eolach orra uile, ach ged a b’ aithne-dhomhsa cuid dhuibh ri am faicinn, cha robh eolas pearsanta agam orra. Co-dhiubh bha aon nighean ris nach do bhruidhinn mi riamh gu sin, agus mar a bha ceart gu leor thug mo charaid dhuinn lamh-eolas air a chéile: “So Mghr Mac Dhùghaill, is so a’ mhaighdean uasal Nic—— .” Cha’n abair mi a h-ainm air a cheann, air is aithne do mhóran de m’ leughadairean i.
O! ars’ ise mar gu’m buailte ’san t-sròin i, agus sin am Beurla chruaidh Shasunnach: —“I would
have nothing to do with any of the Clan MacDougall. They were traitors, and fought against our great King Robert the Bruce when he was striving to free his country. ”
Cha d’thubhairt mi a’ bheag aig an àm. Dh’ fheuch mi gu h-athaiseach ri solus a thoirt do na bha an làthair aig an àm air gach aobhar a thug air Cloinn Dùghaill dol an taobh a chaidh iad, is cha do leig mi ris gu’n do chuir an dòigh aineolach anns an do labhair a’ mhaighdean àlainn so air mo shloinneadh a sìos no a suas mi. Ach bheachd-smuainich mi air a chùis barrachd is aon uair ’na dhéidh sin, is thàinig mi gus a’ cho-dhùnadh gu’m bheil breith nach eil uile gu léir ceart no cothromach air a toirt air Cloinn Dùghaill anns a’ chùis so, is gu’m bheil sùil ghuineach air a tilgeadh orra mar is bitheanta nuair a thogar an ainm ri taobh ainm a’ Bhrusaich; eadhon gu’m bheil iad am beachd iomad aoin anns an ath cheam do Mhenteith (an Tèadhach) féin a bhrath ar curaidh dùthchail Uilleam Uallas. Mar sin tha e feumail achmasan a thoirt do’n mhuinntir a thilgeas smal oirnn mar fhine le bhi a’ toirt breith luath lochdach a chionn gu’n do chog Cloinn Dùghaill, mar a rinn iad gun teagamh, ris na Brusaich, agus mar sin ’g an comharrachadh am mach mar luchd-brath is mar thraoidhtearan. Cha ghabh so deanamh tha mi an dùil, an dòigh ni ’s fhearr na ann a bhi a’ cur soluis air na h-aobharaibh a thug air Cloinn Dùghaill a bhi air am faotainn am measg naimhdean a’ Bhrusaich, is cho diorrasach air a thòir na allaban air feadh na dùthcha, is eadhon a’ dol an co-bhonn ri Sasunn gu a shall a dheanamh. Agus faodar a
ràdh gur i ceist fharsaing a tha an so, is gun tumadh domhain a thoirt an eachdraidh choitcheann na dùthcha cha’n fhaigh sinn am fiosrachadh a tha feumail dhuinn gu a breithneachadh.
Tha mi a’ creidsinn, am mach bho chogadh a’ Phrionnsa, nach eil àm no linn eile ’n ar n-eachdraidh uile gu léir, mar rìoghachd no mar chinneach air am beachd-smuainich Albannaich, mu dheas no mu thuath, air Galldachd no air Gàidhealtachd, ni’s mo no ni ’s trice na air an oidhirp anabarraich a thug ar luchd-dùthcha fo Uallas an toiseach is an sin fo Bhrus air ceanglaichean a’ choigrich a chrathadh dhiubh. Agus tha an oidhirp sin mi’s anabarraiche uile gu leir nuair a chuimhnicheas sinn gu’n robh na ceanglaichean so air am figheadh is air an deilbh le ceannard cho guineach, cho gleusta is cho déidheil air ìmpearachd fharsaing is a shuidh air righ-chathair Shasuinn riamh.
Tha sinn uile mar Albannaich uasal is mór as an spàirn chruaidh is as a’ chogadh bhuadhach a rinn ar luchd-dùthcha gu an saorsa a chosnadh. Ach is e mo bheachd, le a bhi a’ cur làn ùidh, is a’ torradh ar n-uile mheas air na gaisgich a thug air a’ cheann mu dheireadh thall làn bhuaidh air an cuid naimhdean, gu’m bheil sinn an cunnart cùl buileach a chur riu-san a bha a’ cheart cho déidheil, mur an robh ni bu déidheile air saorsa an dùthcha, ach a ghabh orra féin còir no dlighe nan ceannardan sin a cheasnachadh, air dhoibh-san éirigh a staid neo-aithnichte, is ard-riaghladh na dùthcha a ghlacadh chuca féin. Anns an dòigh so mar is àirde a dh’ éirich ainmean nam Brusach is an luchd-leanmh-
ainn an aignidhean an luchd-dùthcha, a chionn gu’n deach leotha an cogadh a thainig mu dheireadh gu bhi na chogadh dùthchail, is ann a b’ìsle a thilgeadh ainmean theaghlaichean eile nach robh co-aontachail riu-san ’nam beachdan, is a bha a’ tagar chòraichean iad féin nach gabhadh le ceartas tilgeadh an leth taobh.
B’e bàs an Treasa Alasdair a dh’ fhàg Albainn anns an staid san d’ fhuair ceo-mhadainn na ceithre linn deug i. Bha i air a riasladh is air a cagnadh le nàmhaid ghuinich allamhara a’ nuallanaich mu a cuid ursannaibh air an dara laimh, is eadar a h-àrd-inbhich eudmhor, fhuilteach, riaghl-mhiannach féin air an laimh eile. Bha an dara aon an rùn a slugadh suas mar a rinn i cheana air a’ chòrr d’a coimhearsnaich, is an fheadhainn eile, an cunnart a bu mhealltaiche a chionn gu’n robh an còmhnuidh taobh a’ stigh a crìochan féin, coma na’m biodh ard-ùghdaras is oighreachdan leathann fada aca féin ged a bhiodh saorsa na dùthcha air a liubhairt a null do ghlacaibh Eideird Shasuinn, gun aomadh a thoirt air meur no teanga.
Gu ruige deireadh na h-aona linn deug, le Albainn a ghabhail thar a chéile, bu rìoghachd Cheilteach i an cleachduinnean, an cànain is am fuil. Cha bu rìoghachd làn aonaichte i an seadh sam bith ged a bha i fo riaghladh aon rìgh; ach bha i a nis, bho’n a thug an dara Calum fo cheannsal Loudai is a cheangail e rìoghachd bheag Shrath Chluaidh gu diongmhalta ris a’ chòrr de’n dùthaich, a’ tighinn gu lan aonachas gu luath is móran ni bu chabhagaiche na rìoghachdan eile an taobh siar na h-Eorpa. Ach
anns na bliadhnachan mu dheireadh de an aona linn-deug is ré na ceud leth de an linn na déidh, thainig atharraichean móra is ghabh nithean àite a chuir stad obann air an rian fo an robh Albainn ’ga daingneachadh féin. Chaidh cuilbh-steidh na rìoghachd ath-leagail, is ghabhadh a stigh atharrachadh réin, a sgoilt ri ùine Albainn na dà leth air chor is gu’m faodte a ràdh le firinn gu’n robh dà rìoghachd is dà shluagh, daimheil gu leor am fuil, ach tur eadar-dhealaichte an aignidhean is an cleachduinnean, taobh a stigh ar crìochan.
B’e so Ath-stéidheachadh na h-Albann air nach d’thug Ath-stéidheachadh na Frainge fein anns an ochdamh-linn-deug barr. Bha seann Albainn a nis air a cur a leth-taobh, is Albainn ùr air a dearg-sgeadachadh an trusgan nan Normanach ri bhi air a suideachadh na h-àite.
B’iad Mairghread, ban-righ Mhaol-Chaluim a Chinn-mhoir (ach na h-eanchainne bige), agus a cuid mhac a thug na h-atharraichean a bha an so an tomhas mór mu’n cuairt; co dhiubh a cuid mac, oir theagamh ged a b’ i Mairghread an iuchair a dh’ fhosgail an dorus le a mic a thogail is oileanachadh am foghlum nan Normanach nach robh gu pearsanta a’ bheag de làimh aice féin, ni b’ fhaide na an gnothaichean a bhuineadh do’n Eaglais an ard-stiuradh na dùthcha. Ach thug Daibhidh, am fear mu dheireadh a rìghich de a cuid mac, barr orra uile am farsuingeachd a nuadh-steidheachaidh is a chuid ur chleasan a thaobh nithean a bhuineadh do riaghladh na dùthcha. Dh’ fhàgadh rioghachd a bha gun bheum gun mhasladh aige leis na ficheadan righ ainmeil a bha
roimhe, ach dhi-chuimhnich esan a dhleasdana da shluagh, is a chòir a ghleidheadh ris a chinneach a thug bith dha féin is ainm d’a rìoghachd. Is ann aig dorus Dhaibhidh mar an ceudna a dh’ fheumas sinn cionnt na deuchainn a thàinig air Albainn an àm Bhaliol, Uallais is Bhruis fhàgail, agus feuchaidh mi ri sin a dheanamh am mach a nis cho soilleir is a dh’ fhoadas mi.
Cha’n eil mi an dùil gu’n d’thug aon de ar luchd-eachdraidh an aire do ni sònraichte a tha ri fhaicinn san linn so seach linn eile air an urrainn domh iomradh a thoirt an eachdraidh na dùthcha. Tha mi a’ ciallachadh mar a dh’ fhàilnich oighreachan dligheach an da chuid anns an teaghlach rìoghail féin is an teaghlaichean mhorairean is riaghlairean inbheach eile anns gach cearn de an dùthaich, is mar a thuit gach oighreachd a bu mhotha na chéile air cloinn nighean anns an àm so. Agus cho cinnteach is a thuiteadh oighreachd air nighinn, bha e a cheart cho cinnteach gu’m biodh ise air a pòsadh ri fògarach de Normanach a thigeadh a nall thar na criche Sasunnaich, lom falamh ach an deadh chlaidheamh a bhiodh ’na dhòrn. B’ ann mar sin a thainig na Cuimeanaich, na Baliolaich, na Brusaich is iomad teaghlach eile nach ruig mi a leas ainmeachadh an so, is cha’n e mhàin gu’n d’ fhuair iad còir air stiallan farsuing de an dùthaich Ghallda le bhi a’ pòsadh nam ban-oighreachan ach thainig an sìol gu bhi anns a’ cheum thoisich ann an còir air a’ chrùn féin le còir pòsaidh fhaotainn air nigheanan nan rìgh a bha aca san àm so móran ni bu phailte na mic. B’ann mar so a fhuair na trì
teaghlaichean Baliol, Brus is Cuimein, gun iomradh a thoirt air teaghlaichean eile, còir air a’ chrùn, ni a bha ’na aobhar ach gann air Albainn a bhi air a slugadh suas buileach nuair a thainig àm a deuchainn is a cruaidh chàis anns an linn a bha fhathast air thoiseach oirre.
Mar a thubhairt mi chaidh eadar-sgaradh a chur an da leth Albann ri linn teachd nan Normanach. Bha an teaghlach rìoghail is na maithean Normanach mar cheann air an dara leth, is ceannardan dùthchail mar a bha Somhairle Mór, Teaghlaichean Mhoraidh is Ghallaibh a Deas, no oighreachan Dhomhnaill Bhàin a’ dol bho àm gu àm air ceann na leth a dhlùth-lean ris an rian Cheilteach a bha ’san dùthaich bho thùs; is an da leth so a bu chòir a bhi ’nan aon sluagh, a’ sìor aomadh ni b’ fhaide is ni b’ fhaide air an rathad a bha a’ treorachadh gu dubh naimhdeas is fuath neo-chrìochnach. Bha an naimhdeas so an tomhas mór air a thilgeil air chùl an linn is fo riaghladh glic nan Alasdair, an dara is an treasa, ach an déidh bàis thubaistich an fhir mu dheireadh bha e an dàn dha dùsgadh suas ni b’ fhuiltiche is ni bu neo-iochdmhora na bha e riamh.
An linn an dara Alasdair, mu’n do rugadh a mhac an Treasa Alasdair idir, bha Raibeart Brus, Morair Dhail Annainn cheana air ainmeachadh mar oighre a’ Chrùin na’n tigeadh am bàs air an rìgh gun oighre dligheach e féin. Bu mhac Raibeart Brus so do Normanach de’n ainm cheudna aig an robh oighreachd an ceann a tuath Shasuinn is a chog ri Albainn fo laimh an Righ Steaphan aig Blàr na
Brataich. Phòs an Normanach so Iseabal dara nighean Dhaibhidh Iarla Huntingdon, brathair Uilleam an Leoghan rìgh Albann, agus mar sin thainig fuil rìoghal Albann a stigh do theaghlach Bhruis. Bha mac mar an ceudna cho maith ri tri nigheanan aig Daibhidh Huntingdon, ach chaochail a mhac gun sliochd fhàgail na dhéidh. B’ iad mar sin Iseabal is an Dara Alasdair Clann an da bhràthar is bha an Treasa Alasdair is Raibeart Brus Dhail Annainn anns na h-oghachan. Mu’n téid mi ni’s fhaide air aghaidh, a chum is nach teid sinn mearachd an ainnean san Brusach, oir bha ceithir ginealaich dhiubh de’n aon ainm aon an déidh aoin, comharraichidh mi am mach iad uair air bith is fheudar an ainmeachadh anns a’ bheachdachadh so mar, (1) Brus Bhlair na Brataich; (2) Brus Dhail Annainn; (3) Brus Charraig; (4) Raibeart Brus an Rìgh; mar an ceudna na Cuimeanaich a bha a’ leantainn ris an aon ainm—Iain—bho ghinealach gu ginealach, anns an aon dòigh, mar so: (1) An Cuimeanach Ruadh; (2) An Cuimeanach Dubh; (3) An Cuimeanach (Ruadh) Og.
Ach ged a bha e ri fhaicinn gu ’n robh còir Bhruis Dhail Annainn a nis air a tilgeadh a leth-taobh le mac (an Treasa Alasdair) a bhi air a bhreith do’n Dara Alasdair, thog e cònspaid nach bu bheag nuair a chochail an rìgh is a ghairmeadh a mhac, mar Alasdair III., na rìgh ’na àite. Agus eadhon ged a dh’ ainmicheadh e mar an t-oighre nam fàilingeadh sliochd an Dara Alasdair, cha robh sin a’ ciallachadh gu’m b’e an t-oighre dligheach, mar a leigeadh ris an déidh bàis Mhairghread Lochluinn Thuathaich, is
nuair a chruinnich maithean na dùthcha uile, mar na h-iolairean os ceann na cairbhe, is ròla fada aig gach fear dhiubh, a’ leigeil ris a theachd is a thighinn féin is a làn chòir air a’ chrùn. Chaidh a dhearbhadh an uair sin gun an teagamh a bu lugha, bho’n a thainig sliochd Uilleim an Leoghann gu crìch is bho’n a chaochail mar an ceudna aon mhac Dhaibhidh Huntingdon, gur e Iain Baliol an t-oighre dligheach; cha’n e gu’m bu mhór airidh air crùn measail, rìoghail Albann seach na laoich a ghiulain e is a thog an rìoghachd gu a’ leithid de inbhe àird.
B’e còir Bhaliol air a’ chrùn gu’n do chinn e bho Mhairghread, an tè a bu shine de thrì nigheanan Dhaibhidh Huntingdon a dh’ ainmich mi mar tha, is ged a dh’ fheudas gu’n do thagh Eideard e, is gu’n do rinn e am mach a chòir-san os ceann a’ chorra de na bha a’ còmhstri air aodann, ni bu mhò gu barrachd cothruim a thoirt dha féin ’na innleachddan air Albainn na a thaobh a’ cheuma anns an do sheas e do’n teaghlach rìoghail, b’ i breith cheart a thug e nuair a rinn e mach còir Bhaliol air a’ chrùn.
B’e an t-srathair an àite na diallaid Iain Baliol a bhi ’na thrusgan rìoghail. Dh’ fhilleadh Eideard mu chorragan e, ach b’e na bha air fhàgail gu Albainn a threorachadh as an t-sloc anns an do thilgeadh i, is tha eachdraidh a’ leigeil ris gur ann a chuir e an tonn buileach oirre an àite a teasargainn.
Mar a thubhairt mi bu Normanaich na Baliolaich a thaobh an aithrichean, ach bha deadh fhuil dhùthchail annta a thaobh am màthraichean. Phòs Mairghread a’ bhan-phrionnsa, Ailein MacDhùghaill, Morair Ghallaibh mu Dheas. Thachair do’n teagh-
lach so mar a thachair gu tubaisteach do iomad teaghlach dùthchail eile, cha do rugadh oighre mic dhoibh a thainig gu ìre, agus thuit an oighreachd air an nighinn, Diorbhail, agus air dhi-se Iain Baliol a phòsadh liubhradh moraireachd na mór-roinne fharsaing sin thairis do theaghlach Normanach. B’e an teaghalch a rugadh do Dhiorbhail mac is nighean, Iain Baliol (an rìgh) agus Mór, a phòs Iain Dubh Cuimein. Thugadh mar so a’ stigh do’n teaghlach ainmeil sin mar an ceudna fuil an Rìgh Daibhidh is còir nach robh ach anns an ath cheum do na Baliolaich féin air Crùn Albann. B’e mac Iain Duibh Chuimein is Móire Baliol Iain Ruadh Og Cuimein, agus is ann air san is eolaiche sinn an eachdraidh a thaobh na còmhstri mhi-fhortanaich a dh’ éirich eadar e féin is Raibeart Rrus (an Rìgh).
Faodaidh mi an so sìnnsearachd nan Cuimeanach mar an ceudna a rannsachadh am mach, a chum is gu’n tuig sinn ni’s fhearr ciamar a tha an Cuimeanach Og a nis a’ tighinn a’ stigh air clar-iomairt na rìoghachd, agus gu’n tuig sinn, ni nach fheum sinn a dhearmad anns a’ bheachdachadh so, an t-aobhar a chuir gu’n do sheas Cloinn Dùghaill Lathurna ri thaobh is ri taobh a theaghaich cho dìleas, nuair a mhort Raibeart Brus e an eaglais Dhun-fhris anns a’ bhliadhna 1306.
Is ann ’sa bhliadhna 1133 a chluinnear iomradh air an teaghlach so an Albainn an toiseach. Bha anns a’ bhliadhna sin fear de’n ainm ’na Cheann-urradh (Chancellor) fo Rìgh Daibhidh. Phòs e Hecsilda ban tighearna Athaill nighean Dhomhnaill Bhàin an Rìgh, bho’n robh mac, Uilleam aige, agus
mar sin thainig a’ cheud bheum de fhuil rioghail Albann a stigh do’n teaghlach. Bha eadhon Iain Dubh, air aon de’n da fhear-dheug a thagair an crùn ’nuair a liubhradh do Bhaliol e, is b’ ann troimh an bhan-phrionnsa Hecsilda a thagair se e.
Bha Uilleam pòsda dà uair. Phòs e ban-tighearna Bhuchain mar dhara bean is thuit an oighreachd fharsaing sin orra mar theaghlach mar a thuit Gallaibh mu Dheas air na Baliolaich. Bho’n cheud bhean bha mac aige—Ruiseart—bho’n do chinn na Bàideanaich a bha cho ainmeil a thaobh an cruaidh riaghladh ’san dùthaich sin, agus an t-Iarla Teaghach. B’e Iain Cuimein (an Cuimeanach Ruadh) mac Ruiseirt, is cho maith ri dà mhac, Iain (an Cuimeanach Dubh) is Raibeart, bha moran nighean aige. Phòs Alasdair Mac Dhùghaill, Morair Earraghàidheal, an treasa te dhiubh, is b’e am mac Iain MacDhùghaill Lathurna, a bha cho iomraideach a thaobh gach ionnsaidh a thug e air Raibeart Brus ’na shàrachadh is na allaban feadh nan garbh-chrioch mu’n d’ fhuair e lamh an uachdar air a naimhdean.
Chi sinn mar sin gu’n robh fuil rìoghal Albann an Iain Mac Dhùghaill Lathurna, oir bha e mar an seachdamh glùn do Dhomhnull Bàn an rìgh, is bu chlann na peathar ’s a’ bhràthar e féin is an Cuimeanach Ruadh Og. Ach ged a bha e anns a’ cheum sin do’n teaghlach rìoghail, cha’n fhiosrach mi gu’m b’ann air chor air bith air a’ bhonn sin a rinn e strì ris a’ Bhrusach, is e sin ann a bhi a’ cur coicheid air a thaobh a chòir air a’ chrùn, ach a mhàin mar fhear-dàimh is mar charaid a’ Chuimeanaich a mhort-
adh fo bhiodaig a’ Bhrusaich an Eaglais Dhun-fhris. Faodaidh sinn mar an ceudna a thoirt fanear nach robh dlùth chàirdeas aig Cloinn Dùghaill Lathurna ris na Baliolaich, ged is ann bho Chloinn Dùghaill Ghallaibh a chinn an teaghlach sin a thaobh am màthar, is a fhuair iad an cuid fearainn an Albainn.
Bho’n a chomharraich sinn a’ nis am mach còir gach aon de na trì teaghlaichean so, Baliol, Cuimein is Brus air crùn Albann is mar an ceudna an ceum-càirdeis anns an do sheas Clann Dùghaill Earraghàidheal do na Cuimeanaich, theid sinn air ais fhathast gu sùil ealamh a thoirt air na ceuman anns an do shiubhail na Cuimeanaich is na Brusaich an cùisean a bhuineadh do’n rìoghachd ré nam bliadhnachan a bha a fortan mar rìoghachd shaoir air na sligean. Cha’n eil gnothach againn an so an dràsda ri Baliol ni’s fhaide na a chomharrachadh am mach gur ann ri linn pòsadh a’ stigh do’n teaghlach sin a thainig còir cho àrd air a’ chrùn air teaghlach Chuimein, is a réir gach uile riaghailt gu’m b’e Iain Ruadh (Og) Cuimein, an déidh Iain Bhaliol is a theaghlaich oighre dligheach a’ chrùin.
Cha robh na Brusaich ’nan ceud thoiseach fìor chomharraichte air son an dìlseachd do Albainn mar rìoghachd shaoir is air leth bho Shasuinn. Bha fearann is oighreachdan farsaing aca anns an dà dhùthaich. Thugadh Dail Annainn do’n cheud fhear dhiubh a thainig mu thuath air dha, mar a chunna sinn, Iseabal nighean bràthar an Rìgh Uilleam a phòsadh, agus sin eadhon ged a fhuaras e bliadhnachan roimhe sin a’ cogadh ri Albainn.
Ach ged a bha am facal ard an comhairle na dùthcha, gus an d’ thug bàs na ban-phrionnsa Mairghread gu clar-uachdair iad cha chluinnear a’ bheag de iomradh orra. Cho luath is a chualas gu’n do chaochail a’ bhan-phrionnsa, ged tha, thog Raibeart Dhail Annainn a cheann am Baile Pheirt le cuideachd ghreadhnach air a shàil gu a chùis a sheasamh, ach aon uair is gu’n d’thugadh an crùn do Bhaliol cha chluinnear a’ bheag tuille mu dheighinn, ni’s fhaide na gu’n do dhiùlt e sleuchdadh do riaghladh Bhaliol is gu’n do thagh e a chrannchar fo Rìgh Shasuinn. Ri linn sin, air do Bhaliol mu dheireadh thall diultainn a bhi air chorragan Eideird Shasuinn ni b’ fhaide, is air do’n mhór chuid de mhaithean na dùthcha seasamh suas gu duineil as leth an còrach féin is còir Albann mar rìoghachd, thugadh moraireachd Dhail-Annainn bho Bhrus, is liubhradh i do fhear, am beachd a luchd dùthcha a b’ fhearr airidh oirre—Iain Og Cuimein. Chaochail Brus Dhail Annainn ’sa bhliadhna 1295.
Bha a mhac (Brus Charraig) a rèir coltais ’na dhuine thar tomhais ciuin, socharach is gun ghò, seach aon de’n teaghlach is gu sònraichte a theaghlach féin nuair a dh’ fhàs iad suas. Phòs e ban-tighearna Charraig air dha tilleadh as a’ Chrois-fheachd, is dh’ aisigeadh chuige an oighreachd sin mar thochar leatha. Chaochail esan ’sa bhliadhna 1304, a’ bhliadhna mu’n do rugadh air Uallas is dà bhliadhna mu’n do chrùnadh a mhac féin Raibeart ’na rìgh air Albainn. Bha e féin is athair le feachd Eideird Shasuinn aig Dun-bàrr, is b’ esan, is cha b’e athair, a thubhairt ris air do fheachd Bhaliol a bhi
air a thilgeadh bun os ceann, “gu ’m b’ esan an nis a bu chòir faotainn ’na rìgh air Albainn.”
B’ann de atharrachadh deilbh a bha a mhac Raibeart (an rìgh). Bu cheatharnach cogaidh is fear-riaghlaidh esan nuair a thainig e gu ìre air nach d’ thugadh barr an eachdraidh Albann, no theagamh anns na ceithir rìoghachdan. Bha na fàthan féin ag oibreachadh fo laimh, is chuir e coran òrbhuidh air a chuid oidhirpean as leth a dhùthcha air acha dearg Uillt a’ Bhàn-chnuic, nuair a choisinn e crùn rìoghail d’a theaghlach is saorsa d’a shluagh.
Is mór ar meas air Righ Raibeart Brus is air an obair mhóir a rinn e. Bhiodh-maid a’ dol a leth taobh an ceart uair ann a bhi a’ feoraich na ceiste, an robh fear eile, bho’n a leag Uallas a bheatha sìos, taobh a stigh chrìochan Albann a bha comasach air an obair cheudna a thoirt gu crìch cho coimhlionta. Cha b’e mhàin gu’n do shaor e Albainn ach thilg, stéidhich is dhaingnich e an cruth ùr i mar nach robh i riamh roimh àm-san, eadhon am bliadhnachan mu dheireadh an Dàra Alasdair féin. Ach an déidh sin uile chi sinn nach b’e idir an gaisgeach gun smal a bh’ ann, mar a tha ainm air a dheargadh air cridheachan a’ mhor-chuid de a luchd dùthcha; ach laimh ris na Cuimeanaich a bha air an tilgeadh a thaobh cho suarach, is air an slàdadh leis gach uile dhìmeas, nach e mhàin nach b’urrainn dhuinn a ràdh gu’n robh a dhol am mach is a theachd a’ stigh saor is beum, ach roimh an là anns an do chrùnadh mar rìgh e nach léir dhuinn aon ghnìomh ’na ghiulan a choisneadh dha deadh rùn a luchd-dùthcha. A chum a leigeil ris cho iosal is a bha e a’ seasamh an
sùilean na mór chuid ’san dùthaich, tha e air innseadh gu’n robh e eadhon cho fad air aghaidh ri Blàr Loudoin, a’ gabhail aiseig thar uisge àraidh is air iomradh a bhi air a thoirt air ’ainm, thubhairt cuid de na daoine a bha an làthair, na ’m faigheadh iad gréim air gu’m marbhadh iad e. Dh’ fheoraich e féin dhiubh car son, agus fhreagair na daoine e gur ann a chionn e mharbhadh a’ Chuimeanaich.
Nuair a thug Eideard Shasuinn buaidh air Albainn is a ghoid e leis an liath àil á Luchairt Sgàin, bha an dà Bhrus, Raibeart an Rìgh is Brus Charraig air a’ cheud fheadhainn a thug am mionnan dha. Mar so fhuair iad air ais Dail Annainn, a chaidh a thoirt bhuapa is a liubhairt thairis do na Cuimeanaich nuair a chrath Baliol dheth ard-uachdranachd Shasuinn.
Tha e air a radh, is a réir coltais tha dearbhadh air, gu’n do chog Brus an Rìgh air taobh Shasuinn air Blàr na h-Eaglaise-Brice is gu’n robh e féin is Uallas a’ còmhradh ri chéile an déidh a’ bhlàir, aon air gach taobh de Uisge Charrainn, is gur ann ri linn a’ chòmhraidh sin a dhùisgeadh suas Brus gu fhaicinn gu soilleir cho leibideach is a bha e ’ga ghiulan féin as leth a dhùthcha. Bu mhaith leam a chreidsinn gur ann mar sin a bha, is gur ann do Uallas uasal a dh’ fhaodas sinn ar taing a thoirt, cha’n e mhàin air son spiorad na saorsa a dhùsgadh am broillichean a luchd-dùthcha an toiseach, ach mar an ceudna a chionn gu’n robh e ’na mheadhon air an rìgh-ghaisgeach treum a bhrosnachadh is a chur air cheann an rathaid anns an obair ghlormhor anns an do chuir e féin làmh an toiseach.
’Na dhéidh sin thainig Mort a’ Chuimeanaich is ged a chuir e leth Albann ’na aghaidh, aon ni a rinn e thug e air Brus dol aon taobh as is as. Is iad so na briathran anns am bheil Hume Brown a’ leigeil ris an t-suidheachaidh anns an d’ fhuair e a’ nis e féin:—
“Only one course was thus open to him, to strike out for himself a career which he had long maturely considered. The deliverance of the country could hardly have begun under less promising circumstances. The antecedents of the future deliverer himself were not such as to inspire a nation with confidence or enthusiasm. He had changed sides so often that it is difficult to follow his devious career.”
Thainig na Cuimeanaich, mar a chunna sinn, a’ stigh do Albainn car mu’n aon àm is air an aon dòigh anns an d’ thainig na Brusaich is na Baliolaich, ach glé thràth ’nan eachdraidh fhuaras iad a’ dlùth-leantainn ris a’ bhuidhinn a bha air son saorsa is spiorad dùthchais na h-Alba a chumail beo. Nuair a thainig Alasdair III. air a’ chrùn is e fhathast ’na phàisde bha an dùthaich air a roinn ’na da earrainn, is nì nach eil furasda aobhar fhaotainn air, bha Ceiltich is Normanaich air gach taobh. B’ iad na Cuimeanaich is na Dorsairean an da theaghlach a b’àirde inbhe ’san dùthaich ’san àm sin, is mar a bha ro thric ri fhaicinn ’nar n-eachdraidh bha aon air an dara taobh is aon air an taobh eile is iad le chéile mar chinn iul air an luchd leanmhainn fa leth. Bha taobh nan Dorsairean leis gu’n robh fearann aca an da chuid an Sasunn is an Albainn coma ged a bhiodh Alba air a comharrachadh am
mach mar mhór-roinn fo riaghladh Shasuinn, is rìgh Shasuinn mar ard-rìgh os-ceann rìgh Albann, oir bhiodh anns an dòigh sin an oighreachdan féin, mu thuath is mu dheas, cinnteach dhoibh seach mar a bhiodh iad na’m biodh Albainn ’na rìoghachd shaoir air leth, is an cunnart daonnan beo gu’n éireadh cogadh bho àm gu àm eadar i féin is a ban-choimhearsnach deas oirre. Ach bha na Cuimeanaich is an luchd-leanmhainn féin air son gun nì idir de bhuintealas a bhi aca ri Sasuinn, co dhiubh ann a bhi ag aideachadh a h-ard riaghlaidh os ceann ni sam bith a bhuineadh do Albainn no d’a rìgh.
B’e taobh nan Cuimeanach a thug buaidh oir fhuair iad Alasdair air a chrùnadh gun dàil, ni a bha na Dorsairean an dùil dàil a chur ann. Mar sin chaidh an stéidh a shuidheachadh air an do chìnn ri ùine an comunn dùthchail a choisinn saorsa dhuinn mar rìoghachd nuair a thainig Sasunn na h-uile neart ’nar n-aghaidh.
Rinneadh a nis Bhaltar Cuimein, Morair na Teaghach, ’na riochd-rìgh air Albainn re na h-ùine bha Alasdair fo aois riaghlaidh, is fo a stiùradh glic neartaicheadh Albainn air gach taobh. Cha b’e mhain gu’n do chuir e cùl buileach ri steornadh a’ chomuinn Shasunnaich ach chaidh e an co-bhonn is rinn e co-cheangal ri Llewllyn Prionnsa nan Cuimreach gu chéile a chuideachadh an àm am feuma; is leis gur ann bho Shasuinn a bha an cunnart le chéile ag éirigh bha an co-bhonn so air son an tuille tearainnteachd bho sheolt-innleachdan Shasuinn is a cuid rìghrean.
Cha dean e feum dhuinn leudachadh air a’ cheann
so ach bu bhochd an gnothach do’n chinneach Cheilteach anns na h-Eileanan Breatannach nach do lean an spiorad dùthchail so is nach robh, cha’n i mhain a’ Chuimreach, ach Eirinn air a gabhail a steach is air a ceangail le cruaidh-shnaim a’ chairdeis ri a dìlsean an ceann a tuath Eilein Mór Bhreatann.
Mar a chunna sinn, an déidh bàs na ban-phrionnsa Mairghread bha Iain Dubh Cuimein air aon de’n da fhear dheug a bha a’ tagar còir air crùn Albann, ach air do Iain Baliol, a bhrathair-céile a bhi air a thaghadh ’na rìgh is a chòir air as eugmhais teagaimh, cha’n fhiosrach mi nach robh e féin is a theaghlach ach làn leagte ris, is ag oibreachadh as leth saorsa is soirbheachadh na dùthcha. Cha chluinnear a’ bheag tuille de iomradh orra an nithean a bhuineadh do riaghladh na dùthcha gus an do thog Iain Ruadh (Og) ceann an àm Uallais. Bha esan a’ stri fo stiuradh a’ ghaisgich dhùthchail co dhiubh anns na ceud oidhirpean a thug e, ach tha e air a ràdh ged nach eil mór chinnt air, gu’n do thréig e Uallas is na dùthchasaich an àm dhoibh a bhi a’ dol sìos gu Blàr na h-Eaglaise Brice.
Tha m’ fhear dùthcha féin Lachunn Mac Ghilleathain ag radh ’na iomradh air Uilleam Uallas mar so.
“An uair a thainig an t-arm Sasunnach am fradharc, an àite dol an guaillean a chéile, is ann a bha an triuir so (Iain Cuimein, Iain Stiubhart is Uallas) an impis dol am broillichean a chéile. An uair a chunnaic an Cuimeanach nach d’fhuair e an làmh dheas a dhol sìos do’n bhlàr thionndaidh e a chùl, chuir e a chlaidheamh ’na thruaill, sheinn e
fhìdeag airgid agus dh’ fhàg e féin is a dhaoine an làrach gun bhuille bhualadh.”
Dìreach mar a rinn na Dòmhnullaich air achadh Chuil-fhodair! *
Is e Eanraig Dall am Fillidh a tha Lachunn a’ leantainn mar so, agus theagamh nach robh Eanraig cearr. Agus ma’s ann mar sin a bha cha ghabh an Cuimeanach càineadh mar a thoill e. Ach biodh sin mar a tha e, nach anabarrach an nì e, an dithis a bha taobh a’ stigh ochd bliadhna a’ strì ri rìgh chathair Albann, Brus is Cuimein, a’ cheud fhear a’ cogadh ri dhùthaich fo bhratach Eideird agus am fear eile a’ séideadh fhìdeig is a’ toirt a chùil ris an àirich gun bhuille bhualadh!
Ach bha aobhar air son Iain Cuimein a dheanadh mar a rinn e, ged nach eil e ach a’ leigeil ris ni’s cothromaiche cho ìosal is a thuit maithean Albann,
* Bha riamh an eachdraidh cogaidh a bhi air làmh dheas gach feachd an àm dol sìos gu blàr air a chunntas na urram, gu sonraichte leis na Ceiltich. Bha am meas sin daonnan air a chur orra féin mar chinneach an àm dhoibh pàirt a ghabhail an cogaidhean chinneach eile. B’ ann aig Ceiltich Ghallaibh mu Dheas a bha deas-lamh an fheachd a thug Daibhidh gu Blàr na Brataich, is an déidh mar a ghiulain na Domhnullaich iad féin air achadh Uillt a’ Bhàn-Chnuic chaidh am meas ceudna a chur orra.
Eadhon an rìoghachdan na h-àirde ’n ear bha an t-aon bheachd so a’ faotainn àite am measg luchd cogaidh. Tha e air a ràdh mu shluagh Abisinnianach ris an abrar na h-Agobhaich (Agows) gur ann ri linn iad a bhi air an cur air an làimh chlì am feachd na h-Eiphit an linn Psammetichuis a dhìobair iad an còrr de’n fheachd, is a theich iad do’n dùthaich ud anns am bheil an gineil a’ còmhnuidh gu ruig an latha diugh.
nuair a bha an dùthaich a’ sealltainn ri nithean ni bu chliutaiche bhuapa, is cho suarach sa bhiodh an ni a rachadh eadar iad is saorsa an dùthcha. Chaidh an t-ainm am mach mu’n àm so gu’n robh Uilleam Uallas a’ streap ris a’ chrùn e féin, agus cho luath is a gheabhadh e a làmh làidir gu leor, gu’n deanadh e gréim air. Bha a nis an Cuimeanach làn léirsinneach air a chòir féin, is an déidh Bhaliol, a thug a’ nis suas a chòir buileach, is a liubhair thairis do Eideard a shlat rìoghail, gu’m b’e e féin an t-oighre dligheach. Leig e leis an smuain so a réir coltais mata na nithean a bhuineadh do shaorsa a dhùthcha a thacadh suas.
Goirid an déidh a’ bhlàir so chaidh Iain Ruadh Cuimein is Iain de Soulis a dheanamh ’nam fir-aire air an dùthaich. Ri ùine chuireadh ris an àireamh mar an ceudna Raibeart Brus (an Rìgh) is Easbuig Chill-rìmhinn, ach b’e an Cuimeanach a bha ’na cheann air comhairle na rìoghachd, no ’na fhear-dìon mar a theirte ris, is mar gu’m biodh e a’ deanamh suas air son a chùl-shleamhnachaidh, chathaich e ri Sasunn gu duineil is air Acha Rois-linne ’sa bhliadhna 1303, an ceud mhìos an earraich thug e call nach bu bheag air feachd Shasuinn. Ach mu mhiosa meadhonach an fhoghair dh’ inntirich Eideard Shasuinn a’ stigh air Albainn ’na làn neart is cha b’e mhàin gu’n do chuir e deas air Cluaidh is an Abhainn Dubh fo chasan buileach ach mar an ceudna leth shear na dùthcha eadhon gu ruig Inbhirnis. Ach fathast ghleidh Iain Ruadh Cuimein Caisteal Shruighlea, is bha feachd beag aige fo armaibh ri oir na Friutha Breinnich, ach nuair a
thainig Eideard ’na dhàil le feachd a thaobh àireimh a bha fada ni bu treise na feachd nan Albannach, cha robh ann dha ach strìochdadh. Air chùmhnant a bheatha, a shaorsa is a chuid fearainn féin is nan ceann-feachd a bha leis a bhi saor is meachranachd Shasuinn liubhair e thairis do laimh Eideird gach daingneach a bha fo laimh is riamh tuille bha e leagte ri ard-uachdranachd Shasuinn.
Thig sinn a nis gu bun a’ ghnothaich is ceann-fàth a’ bheachdachaidh so. Is e sin Mort a’ Chuimeanaich agus an làmh a ghabh Cloinn Dùghaill anns an iorghaill a chaidh air bonn ri linn.
Bha a nis Iain Ruadh Cuimein (Iain Og) is Raibeart Brus (an Rìgh) a’ seasamh anns an aon cheum a thaobh an còrach air crùn rìoghail na h-Albann, anns an do sheas Iain Baliol, brathair màthar a cheud fhir, is Raibeart Brus, seanair an dara fir nuair a dh’ éirich ceist còir-sheilbhe a’ chrùin an toiseach an déidh bàis na ban phrionnsa Mairghread.
Tha e air a ràdh gu’n do rinn an da mhorair so, Brus is Cuimein, co-chùmhnant ri chéile a’ nis, is eadhon gu’n do sheulaicheadh e. Is e sin, an dara aon a thagar a’ chrùin, is am fear eile a thabhairt gach cuideachadh dha a bha ’na chomas, is air son a’ chuideachaidh so, gu’n liubharte thairis dha air dhoibh a bhi buadhach, oighreachdan an aoin a choisneadh an crùn. Tha e mar an ceudna air a ràdh gu’n do bhrath an Cuimeanach beachdan a’ Bhrusaich do Eideard, is gu’n robh Eideard air bheul a chur an gréim, nuair a fhuair Brus is e san àm aig Cùirt Rìgh Shasuinn, rabhadh bho charaid
dha a fhuair farbhais air suideachadh nithean is gu’n robh e an cunnart a bheatha.
Thug Brus aghaidh air Albainn, is tha sinn eolach gu leor air gach ni a dh’ ìnnsear co-cheangailte ri a thriall mu thuath, mar a fhuair e a steud air a chruidheadh beul-ri-cùl a chum is nach leante air a luirg anns an t-sneachd e, mar a spad e an gobha a chuir na cruidhean mar a dh’iarr e, is mar a thachair teachdaire a’ Chuimeanaich air is e a’ siubhal mu dheas le litrichean brathaidh gu Eideard, is mu dheireadh mar a choinnich e féin is an Cuimeanach an Eaglais Dhun-fhris, is mar a spadadh an Cuimeanach ri taobh na h-altrach air dha a’ bhreug a thoirt do Bhrus is Brus a’ cur air gu’n do bhrath e gach cùmhnant a bha eatorra do Eideard Shasuinn.
Is e taobh a’ Bhrusaich a tha againn an Albainn de’n chùis so ach tha sealladh eile air a thoirt air an eachdraidh Shasuinn, ged nach dean e feum aig an àm so dol ni’s doimhne anns a’ chùis no maille a dheanamh.
Bha mu’n d’thubhairt na Goill e “a gheir ’san lasair” a’ nis, bha an ceol air feadh na fìdhle. Chaidh Raibeart Brus thar na Rubicon is cha robh tilleadh ri bhi ann eadhon ged a bha leth Albann a nis cho maith ri Sasunn roinnte ’na aghaidh. Ach cha do chuir aon seach aon diubh maille ’na laimh; is ann a neartaich e a ghàirdean is a rùisg e rithe eadhon ged a chuir a ghnìomh amaideach air chùl na h-Eaglaise Criosdaidh e.
Taobh a stigh de shè seachduinean bha e air a chrùnadh ’na rìgh air Albainn an Lùchairt Sgàin
ged nach robh air am faotainn am measg a luchd leanmhainn do ard-mhaithean na dùthcha ach dà iarla, tri easbuigean is aon aba!
Taobh a stigh thrì mìosa eile bha am feachd beag a bha aige air a thilgeil bun os ceann ’sa Mheithinnidh dlùth air Baile Pheairt, is bha e féin ’na fhògarach feadh gharbh-chrìochan na Gàidhealtachd. Cha bu lugha na Brus féin a dh’ éireadh os ceann a chruaidh chàis.
Cha bhuileach a tharruing e féin is na daoine bha leis dlùth air crìochan Earra-ghaidheal na thainig a nis Cloinn Dùghaill ’nan aghaidh le an uile fheachd—1000 fear cogaidh tha e ràdh, is thainig an da bhuidheann am fagus da chéile dlùth air Tigh an Droma. Nach b’ anabarrach an nì e. Raibeart Brus Rìgh-ghaisgeach mor na h-Alba, rìgh nach do shuidh air rìgh-chathair Albann riamh a thug barr air, agus sliochd Shomhairle Mhoir seach feadhainn sam bith ag éirigh ’na aghaidh, ach an neach a shireas fòghlum tuigeadh e. B’e Iain Lathurna is Iain Ruadh Og Cuimein clann na peathar ’s a’ bhràthar. Mhort Raibeart Brus an Cuimeanach, Raibeart Brus nach do rinn chuige so aon ghnìomh a bha gu math a dhùthcha is a chog ’na h-aghaidh uair no dha. An ioghnadh leinn a nis ged a chaidh Clann Dùghaill ’nan éideadh ’na aghaidh, no an ceadaich cùisean dhuinn an cur sìos mar luchd-brathaidh no mar thraoitearan airson an gnìomhan? Cha’n eil mi an dùil gu’n ceadaich, oir ciod an taobh a rachadh iad mur a seasadh iad am fear daimh a spadadh ’na leithid de dhòigh allamhara, is sin cha’n e mhàin mar charaid is mar fhear-daimh ach mar fhear
cogaidh a rinn strì threun gu a saorsa a chosnadh do Albainn fad is a bha a réir a bheachd-san aon strad de dhòchas beo ’ga taobh. Tha mise an dùil gur ann a bhiodh iad ’nan traoitearan na’n deanadh iad atharrachadh ach mar a rinn iad.
B’e Iain Cuimein mar an ceudna mar shìlidh Dhòmhnuill Bhàin a réir beachd nan Gàidheal oighre dligheach a’ chrùin, oir b’e teaghlach Dhomhnuill Bhàin riamh a sheas iad, is cha mho bha Somhairle Mor bho’n do chinn Cloinn Dùghaill idir athaiseach an àm cur an céil a bheachdan air a chùis.
Cha’n eil mi an dùil gu’m bheil a’ bheag de aobhar air dol a’ stigh ro mhean air na thachair na dheidh so ach bho’n is e “A’ Bhràisd Lathurnach” a dh’ fhàg a’ chaonnag so cho ainmeil, is leis gu’m bheil an sgeul a tha co-cheangailte ri a tuiteam an lamhan chloinn Dùghaill air a h-innseadh air caochladh dhòighean, is na h-aobharan air am mùchadh buileach, is eiginn domh a h-aithris an so, agus sin anns an dòigh a réir mo bheachd-sa is dealbhaiche agus is dlùithe air an fhìrinn.
Bha a réir coltais luchd-leanmhuin a’ Bhrusaich a thaobh aireimh móran ni bu luige na Clann Dùghaill, ach bha iad a thaobh armachd fada air thoiseach orra. Bha mar an ceudna an Rìgh féin is a’ chuid mhór de na bha leis le eich fodhpa, is na h-eich mar a bha iad ’san àm sin, cho maith ri an cuid mharcaichean, armaichte le sligean cruadhach. A réir coltais bha Cloinn Dùghaill uile gu léir air an cois agus b’e sin féin dòigh cogaidh a bu fhreagarraiche dhoibh an da chuid a thaobh na h-armachd a bha iad a’ cleachdadh agus na dùthcha anns an robh an còmhnuidh.
Thàinig an dà shluagh gu chéile anns an ionad ris an abrar an diugh fhathast Dail-rìgh, an Gleann Dochairt dlùth air Tigh an Droma, is faodaidh sinn srian a leigeil le ar mac-meanmna is beachdachadh air an da fheachd an àm tighinn gu bualadh bhuillean. Am Brus féin, Seumas Dùbhghlas is gaisgich eile air an dara taobh, gaisgich a bha am beagan bhliadhnachan ri amharc suas riutha feadh taobh siar na h-Eorpa mar churaidhean cho ainmeil is a ghiulainn airm. Theagamh gu’n robh iad ag amharc le dìmeas air an fheachd fheusagach, fhéitheach, ghlun-rùisgteach, fhèileach, bhreacanach a bha a nis a’ tighinn ’nan còmhdhail, ach ma bha dh’ atharraich iad am beachdan orra roimh dhol fodha gréine an fheasgair earraich sin.
Bhris iad a stigh air a chéile is cha ghabh e tuigsinn leis na bha aig gach taobh san amharc nach b’e cath fuilteach a bha ann. Bha cuideachd an Rìgh mar gu’m b’eadh na’n cailleadh iad, air an tilgeadh air an ais a’ rithist air armaibh Shasuinn, is mar sin, ach gann am beatha an geall air dol na còmhraige so. Ach bha Cloinn Dùghaill air an dùnan féin is cha b’e mhàin gu’m feumadh stad a chur an siubhal a’ Bhrusaich ach gu’n robh fuil a’ Chuimeanaich a nis ri bhi air a dìoladh agus air a h-iarraidh air a laimh.
Fada no goirid gan do sheas am blàr cha’n eil iomradh air, ach mu dheireadh ghabh na Deasaich an ruaig. Tha beul-aithris Chloinn Dùghaill is Lathurna ag innseadh gu’n do rinn Iain Og, oighre Lathurna còmhrag ghaisgeil e féin ri Raibeart Brus ach gu’n robh a choltas air an Rìgh gu’n robh e a’
dol a dh’ fhaotainn na codach a b’ fhearr dheth, is gur ann an uair sin a leum Mac Fhitheachain is a dha mhac ’san eadraiginn. Ach dìreach an sin féin bha an còrr de fheachd an Rìgh air an ruaig a ghabhail is thug esan e féin srian d’a steud, gu an da chuid dian a chur air a’ chuid a bu deireannaiche is mar an ceudna e féin fhaotainn as air a luchd-tòrachd. Ach cha b’ann mar sin a bha e dol a chrathadh dheth nan tri Gàidheal a bha air a shàil, is eadhon ged a bha each foidhe is iadsan air an cois b’e leud na ròineige a thug bho’n bhàs e is a chaomhainn e gu euchdan a b’ ainmeile a chur an gnìomh.
Fhuair na tri ceatharnaich so, an t-athair is a dha mhac suas ris nuair a bha e a’ gearradh seach Loch an Ur an ionad cumhann eadar a’ chreag is an loch, is leum iad air aig an aon àm is iad mionnaichte an dara cuid priosanach a dheanamh dheth no am beatha féin a bhi ris. Ghlac an seann fhear an dara te de na stiorapan, ghlac fear de na mic srian an eich is leum am fear eile air a’ mharcaiche féin gu a tharraing bhàrr a steud. Ach anns a’ ghrad-ionnsaidh so tharraing an rìgh a chlaidheamh is cha robh ach làmh gun ghàirdean a nis an crochadh ris an stiorap: chuir e spuir ris an each is thilgeadh an leth taobh am fear a bha ’na cheann, is mar sin nuair a leum an steud air aghaidh an àite an Rìgh fhaotainn ’na ghlacaibh cha d’ fhuair am fear a leum air bho leth-taobh ach an fhalluinn a bha mu ghuaillibh. Ach an greim a fhuair e ghleidh se e is a’ nis ged a bha sgiathan a’ bhàis ag iathadh uime cha do thréig a dhìlseachd e.
Tharraing an sin an Rìgh an tuagh a bha ’na
chrios, is le uile neart, oir bha a bheatha an earbsa ri cuimse a laimhe, thug e a nuas i air ceann an fhir a bha air a dhruim. Bha bàs na cois, ach fhathast cha do chaill an Lathurnach a ghréim, is gu faotainn cuidhte is e b’ éiginn dha an da chuid an fhalluinn féin is a’ bhàisde a bha ’ga ceangal m’a mhuineal a leigeil air falbh an glacaibh a’ mhairbh, is gun an còrr maille togail ri aonach an déidh a’ bheagain a fhuair as d’a dhaoine.
Tha cuid de luchd-eachdraidh a mheudaicheas euchdan Raibeairt Bhruis anns gach caonnag anns an do ghabh e làmh, agus a tha a’ cumail am mach gu’n do mharbh e na triuir dhaoine so an làrach nam bonn, ach cha’n eil mi an dùil gu’m bheil dearbhadh air gu’n do mharbh e aon de’n triuir ach a mhàin am fear a ghleidh an fhalluinn is a’ bhàisde ’na ghlac bàis.
Tha ainmean nan triuir fhear a thug an ionnsaidh fhuilteach ud air a’ Bhrusach air an toirt dhuinn an da chuid am beul-aithris is an eachdraidh air caochladh dhòighean. Am beul-aithris Chloinn Dùghaill, mar a thubhairt mi mar tha is e Clann Fhitheachainn a theirear riu; ach is e Clann an Dorsair (Mackyn drosser) a bha Barbour ag radh a bha annta. Theirear Durward, Porter, no Porterson ris an ainm sin ’sa Bheurla, is theirte Clann an Osdair, is Clann a’ Phortair riu ’sa Ghàidhlig. Dh’ innseadh mar an ceudna dhomh, agus ’se mo bheachd gu’m bheil e gle dhlùth air a bhi ceart, gur e Mac Fhitheachainn a bu shloinneadh dhoibh ach gu’n abairte na “Portairean” riu mar nàdur fhar-ainm, agus gur ann mar a fhuair iad an t-ainm so, gur ann
riu mar theaghlach a bha Aiseag Chearrara an earbsa, is gu’n robh an dreuchd sin a’ ruith bho’n athair gus am mac.
Cha lean mi a bheag ni’s meana air na thachair ’na dhéidh so an caonnag a thàinig gu bhi cho tubaisteach is cho mi-fhortanach do Chloinn Dùghaill. Mar a tha fios againn uile, air a’ cheann mu dheireadh thall bhris reul nan rath air Raibeart Brus is air oidhirpean, agus ’na bhuaidh-san is buaidh a luchd-leanmhainn fhuair Saorsa a làmh a thogail an Albainn aon uair eile. Ach chrean luchd-leanmhainn nan Cuimeanach anns gach cearn ’san robh iad air an dìlseachd do’n teaghlach inbheach sin.
Ma bha iad a’ cogadh an aghaidh Bhruis bha sin a’ leigeil ris, biodh e ’na cho-dhùnadh ceart no cearr, gu’n robh an luinn tarraingte an aghaidh an dùthcha is le grian nam Brusach aig airde a’ mheadhon-là, nuair a chaidh iad sìos b’e tuiteam gun éirigh dhoibh a bha ann. Thugadh lom-sgrios air Moraireachd Bhuchain is air Gallaibh mu dheas is cha mho a dhi-chuimhnicheadh Cloinn Dùghaill is Lathurna. Thugadh sgrios orra an Caol a’ Bhrannraidh, is chaidh Dun Stafhinnis is a’ chuid mhór d’am fearann a thoirt bhuapa is an liubhairt thairis do choigrich. Dhiult Alasdair Earraghàidheal a ghlùn a lùbadh do rìgh a ghlac, a réir a bheachd-san, crùn Albann le foill is lamh-làidir, is le cridhe fial mar bu dù do rìgh treun, cheadaich Brus dha a rathad a dheanamh am mach as an dùthaich, ach an déidh Blar Uillt a Bhàn-chnuic ghlacadh Iain a mhac (Iain Lathurna) air na luingeis Shasunnach a bha mu na h-Eileanan an Iar ’san àm is ghleidheadh ’na phrìosanach e ré
a chòrra de bheatha an Righ Raibeart, an toiseach an Caisteal Dhun-Breatann is ’na dhéidh sin an Caisteal Loch Leamhainn. Ach an déidh bais Raibeairt is air d’a mhac Daibhidh tighinn air a’ chrùn, thionndadh na glasan an taobh eile is leigeadh ma réir e. Agus cha’n e mhàin gu’n d’ thugadh a shaorsa dha ach chàrnadh meas air a cheann aig Cùirt an Rìgh. Thugadh dha mar mhnaoi ogha d’a sheann namhaid an Rìgh Raibeart is cha b’e mhàin gu’n d’ aisigeadh dha a rithist a chuid fearainn is oighreachd an Earraghàidheal ach mar thochar le a mhnaoi rìoghail òig thugadh dha mar an ceudna Gleann Liobhunn an Siorramachd Pheairt.
Bha eachdraidh a’ ruith an claisean neonach anns na h-amannan ud. Na teaghlaichean a bhiodh an inbhe aird an diugh bhiodh iad ’nam fògaraich no an cinn air na h-ealagan am màireach, is am fear a bha fo ghlasan an dubh-tholl caisteil an dé, tha e an diugh ’na shuidhe air deas laimh an rìgh.
Bha Cloinn Dùghaill ’nan dubh naimhdean do Rìgh Raibeart an latha fheuma san, ach b’iad na Dòmhnullaich dòchas cùl a laimhe air achadh Uillt a’ Bhàn Chnuic. Chaidh na Dòmhnullaich an taobh eile an laithean Dhaibhidh ach chi sinn gu’n robh anns an àm cheudna Iain Mac Dhùghaill an àrd fhabhor aig Cùirt is e posda ri nighean peathar an Rìgh. Ach a rithist bha iad le chéile air am faotainn fo bhratach nan Stiubhartach is a’ cogadh gu duineil as an leth nuair a thilgeadh iadsan mar an ceudna a leth taobh cho foilleil is a thilgeadh na Cuimeanaich ’nan latha féin.
Ach na nithean sin fhàgail mar a dh’ fhàgadh
iad, ged a chuir caonnag a’ Bhrusaich gu mór ri sàr ghniomhan Chloinn Dùghaill, gu ruige an la-diugh cha d’ thàinig is tha mi a’ creidsinn nach tig an latha anns an aiseigear dhoibh a’ rithist an àrd-inbhe is an t-ùghdaras a bha aca nuair a bha iad an dlùth dhaimh ri morairean is tòisichean na tìre agus fuil rìghrean a’ ruith ’nan cuislean.
EACHANN MAC DHUGHAILL.
title | A’ Bhraisd Lathurnach |
writers | Hector MacDougall |
internal date | 1914.0 |
display date | 1914 |
publication date | 1914 |
level | |
reference template | Mac Dhughaill A’ Bhràisd Lathurnach %p |
notes | See entry in Faclair text manual. |