TEAGASG NAN COSAMHLACHDAN
LEIS
AN URRAMACH DOMHNULL IAIN MAIRTINN, M.A.
(nach maireann)
A BHA ’N A MHINISTEIR ANNS AN EAGLAIS SHAOIR AONAICHTE ANN AN STIORNABHAGH AGUS ANNS AN OBAN
AIR A DHEASACHADH
LEIS
AN URRAMACH CALUM MACILLINNEIN, B.D.
MINISTEIR EAGLAIS SHAOR AONAICHTE CHALUM-CHILLE, AN DUN-ÉIDEANN
[DA 9]
ROIMH-RÀDH
THA sinn cinnteach gu ’n toir luchd-leughaidh na Fianuis Ghàidhealaich di-bheatha chridheil do ’n leabhar so. Fhuair iad blas air a theachdaireachd ann an duilleagan na Fianuis, agus ’s maith leò a nis fhaotainn air a sgeadachadh ann an dreach a tha rud-eigin airidh air a luach.
Air do Mhr Màirtinn fhéin a bhi air chuairt anns a’ Ghàidhealtachd thachair mòran ris a fhuair maith o bhi a’ leughadh a sgriobhaidhean ’s an Fhianuis agus an sin rinn e suas inntinn cuid dhiubh a chur a mach ann an leabhar. Tha dhà no trì bhliadhnachan o ’n uair sin, agus ’s e nach robh dòigh air ruighinn air an Fhianuis far an robh i a b’aobhar nach robh an leabhar air a chur a mach, le deasachadh a làimhe fhéin air, o chionn fhada.
Bha mòran deasachaidh r’ a dheanamh air seach mar a bha e ’s an Fhianuis ’s cha robh làmh bu ghrinne a thigeadh ris ’n a làmh fhéin, ach tha e coltach nach robh sin an dàn. Cha ’n ann le smuain aotrom bu chòir do neach sam bith obair neach eile a thogail, ’s gun e fhéin a làthair. Ghabh sinne oirnn fhìn an leabhar so a dheasachadh mar shaoithir agus mar chomain gràidh do neach ris an robh ceangal diomhair aig ar n-anam
[DA 10]
mar neach a b’ e ar n-athair anns an Tighearna, agus a chuir sinn fo iomadh comain spioradail fad corr is deich bliadhna fichead. Bha fhios againn gu ’m b’e a rùn agus a mhiann an leabhar so a chur ann an làmhan a luchd-dùthcha—bha e fhéin is sinne a’ bruidhinn air seachduin no dhà mu ’n deach e gu shonas—agus bha am miann ud dhuinn mar àithne.
Faodaidh nach ’eil a’ h-uile lide mar a chuireadh e fhéin e, gidheadh faodaidh sinn a ràdh nach robh dithis eile a b’urrainn a bhi na bu réidhe timchioll air cumadh facal Gàidhlig na bha an dithis againn, agus ’s iomadh greis co-labhairt a bha againn oirre. Bha sinn mar sin ro eòlach air inntinn agus air a làmh-sgriobhaidh; agus rinn sinn gach dìchioll air a bhi dìleas dh’a bhriathran agus dh’a theagasg mar a fhuair sinn iad.
Na ’m biodh aobhar air bha rùn oirnn taobh no dhà duilleig a lionadh le iomradh air an eòlas mhaith agus an daimh dhiamhair a bha eadaruinn, ach tha an t-iomradh a tha againn bho pheann ar caraid urramach, Mr Mac an Rothaich, cho breagha ’s cho coimhlionta ’s nach ruigear a leas aon fhacal a chur ris.
C. M.
[DA 11]
CUNNTAS MU ’N URR. DOMHNULL IAIN MAIRTINN
LE CALUM MACNEACAIL MAC AN ROTHAICH, M.A.Tigh an Uillt.
AN uair a chaochail am ministeir ainmeil so ’s an Oban ann am mios Februar 1913 bha mòr ionndrain is caoidh air feadh Gàidhealtachd na h-Alba, is Eileanan a’ chuain siar, air son ar caraid a chaidh dhachaidh gu shonas. ’S iomadh neach ’s an dùthaich so agus an tìrean céin a chuala naidheachd a bhàis le duilichinn is iomaguin do-labhairt, is a bha fo thùrsa mar air son caraid is athair ann an Criosd, ris an robh an cridhe dlùth-cheangailte. Mar a thuirt Isaiah: “Thug an Tighearna, Tighearna nan sluagh, air falbh o Iudah, an treun-fhear agus am fear-cogaidh, am breithimh agus am fàidh, an duine glic agus an seanair … an duine urramach agus an comhairliche, agus an cainnt-fhear deas-bhriathrach.”
[DA 12]
Rinn a bhàs beàrn agus briseadh air ar n-Eaglais a bha mòr, agus cha’n urrainn làmh am briseadh so a chàradh ach an làmh a rinn i. Bu mhinisteir foghainnteach an Tiomnaidh Nuaidh e—duine mòr agus duine maith, agus cha bhi e furasd duine fhaotainn a lionas àite. Bha a bheatha agus a shaothair dhuinne mar iasad luachmhor o ’n Tighearna, a bha ’n a mhòr bhuannachd do mhòran, agus ged a tha a chlann spioradail an diugh fo throm smuairean as a dheigh, gidheadh tha iad ag iarraidh a bhi moladh Dhé air son an tiodhlac luachmhor a fhuair iad ann am beatha an fhìrean so, agus a bhi réidh ri toil neo-mhearachdach an Tì a ghairm a sheirbhiseach dhachaidh. Chriochnaich e obair agus chaidh e steach gu aoibhneas a Thighearna.
“Bidh cliù is iomradh an comhnuidh
Air na fireanaibh còire,
Dh’ullaich Criosda ’n a thròcair
Chum na glòire tha shuas.”
Tha e ro iomchuidh gu ’n deanamaid iomradh air cliù is beus an deagh òglaich so a shaothraich gu dian fad a bheatha anns an dreuchd as urramaiche a chaidh a riamh a shuidheachadh am measg dhaoine—ministrealachd Chriosd. Ach ’s e ar mothachadh mar a thuirt Gobha na h-Earadh:—
[DA 13]
“Gun mo chomas ach suarach
Gus do theist thogail suas leam;
Gun mo chliù-sa ort ach luaithre
’G a cur air snuadh do ghlan-sgéimh.”
Rugadh Mr Màirtinn faisg air Ros-bheann anns a’ bhliadhna 1850. Bha athair, an Dr Domhnull Màirtinn ’n a lighiche ainmeil. Bha oighreachd aig bràithrean athar, Màirtinn agus Neacal, anns an Eilean Sgitheanach, ann an Dun-tuilm agus ann an Gleann-Dail. Bha bràthair-athar eile, an t-Urramach Aonghas Màirtinn, ’n a mhinisteir ’s an Eaglais Stéidhichte ’s an Eilean roimh àm an Dealachaidh, agus as a dheigh, an toiseach ann an Diùirinnis agus a rìs ann an Snitheasort. Bu mhinisteir e air an robh mòr mheas aig an t-sluagh.
Bha càirdeas aig an teaghlach so ri clann Mhic Neacail a bha ann an Scorra-breac, agus mar an ceudna ri teaghlach Hùsaboist. Mar so bha càirdeas eadar am fior Ghàidheal sin, an Siorraidh MacNeacail, nach maireann, agus ùghdar an leabhair so, Domhnull Iain Màirtinn.
Bhuineadh màthair Mhr Màirtinn do ’n teaghlach ainmeil sin, Clann Mhic Leòid, Ra’arsaidh, sliochd uasal Mhic Gille Chaluim. ’S ann á Leòdhus a thainig teaghlach Ra’arsaidh air tùs. Bhuineadh iad do shiol Thorcuil, mar a bhuineadh teaghlach Dhun-bheagain do shiol Thormaid. B’iad Torcul agus Tormad mic Leòid,
[DA 14]
a’ cheud Ceann-chinnidh a bha air Clann MhicLeòid, ann an Leòdhus [1249 - 1285] . Fhuair Calum Garbh Mac Gille Chaluim eilean Ra’arsaidh bho athair, Calum MacLeòid (Tighearna Leòdhuis, an naoidheamh) mu chuairt air 1500.
B’i màthair Mhr Màirtinn Màiri NicLeòid, nighean Ollaghair MhicLeòid, a bha ann a’ Bhacarsaig. Bha esan pòsda ri Sìleas NicLeòid, nighean uachdarain Ra’arsaidh, Iain MacLeòid ix. Dh’éirich athair an viii MacLeòid Ra’arsaidh air taobh a’ Phrionnsa Tearlach, agus bha e a’ cogadh aig blàr Chuil-odair, agus ceud fear de mhuinntir Ra’arsaidh còmhla ris. Bha a mhac Iain le Tearlach òg cuideachd, ach an uaigneas. Thug e beag no mòr de chuideachadh dha gu dol as bho ’n arm dhearg an uair a theich e á Uidhist do ’n Eilean Sgitheanach. Anns a’ bhliadhna 1773 bha an duine mòr sin, Dr Johnson, a’ fuireach còmhla ri Tighearna Ra’arsaidh, agus bha iad ro mheasail aig a chéile. B’e an duine uasal àrd-fhoghluimichte so, Mr Iain MacLeòid, seann-seanair an Urramaich D. I. Màirtinn. Bha teaghlach mòr agus eireachdail aige. Phòs a nighean, Màiri, an Dr D. Caimbeul, ministeir Chill-an-Inbhir, an Earra-Ghàidheal, agus b’e an Dr Iain MacLeòid Caimbeul, a bha anns an Rudha, mac dhi. Bha piuthar eile air an robh Iseabail, agus b’i so màthair ban-tighearna D’oyly, an té a sgriobh
[DA 15]
an t-òran “Thainig an gille dubh” —Phòs Fionnaghal, an té bu shine, Iarla Loudon, ann an 1777. Phòs Mairearad Màirtinn Màirtinn a’ Bhealaich. Bha iar-ogha ’n a àrd-uachdaran air an arm Innseanach, Sir Domhnull Màirtinn Stiubhard.
Bha ceangal càirdeis mar an ceudna aig an Urramach Ruairidh MacLeòid a bha an Snitheasort ri teaghlach Ra’arsaidh, air a mhodh so. Bha athair, an t-Urramach Calum MacLeòid, ministeir Shnitheasort, ’n a bhràthair do thighearna Ra’arsaidh, an t-ochdamh, athair Mhr Iain. Phòs Calum MacLeòid Màiri NicLeòid—nighean fir Shuardail—aon de shinnsirean chlann Mhic Leòid a bha ’n am ministeirean urramach anns a’ Mhorairne ’s an Eaglais Stéidhichte, agus o ’n d’thainig an t-Urramach Tormad MacLeòid, “Caraid nan Gàidheal.” Bha Mr Ruairidh MacLeòid, Snitheasort, ’n a Mhoderàtor air Ard-Sheanadh na h-Eaglaise Saoire ann an 1863. Chaochail e ann an 1867. Bha a nighean, Iseabail, pòsda air an Urramach Iain Fiunnlastan a bha am Bràcadal. De ’n treubh cheudna bha an t-Urr. Tormad MacLeòid ministeir na h-Eaglaise Saoire an Uibhist agus Mrs MacLeòid, a bhean, nighean an “Dotair Bhàin.”
Chì sinn bho ’n chunntas so gu ’n robh fuil uasal Ceann-chinnidh Chlann MhicLeòid a’ ruith ann an cuislibh ar caraid, Mr D. I. Màirtinn,
[DA 16]
agus gu ’n robh mòran de dhaoine ainmeil urramach am measg nan daoine bho ’n d’thainig e. Ach bha e ’n a nì mòran na ’s prìseile leis-san na sloinnteireachd uasal gu ’n d’fhuair e thogail an uair a bha e òg ann an dachaidh far an robh mòr bhuaidh aig an fhìor dhiadhachd neo-thruaillte air a chridhe is air inntinn. Tha e fhéin ag innse dhuinn gu ’n robh lathaichean aige ann am Mungastad làn sith is sonais; thogadh e le gràdh gun ghruaim ann an oideachadh ’s an oilean na diadhachd. Is iòmadh uair a thug e taing do Dhia air son eisimpleir a phàrantan. Bha h-uile là sona dha gun là idir dona an uair a bha e ’n a bhalachan, ach ’s e là na sàbaid an là a b’fhearr ’s an t-seachduin. Dh’ionnsuich e mòran de theagasgan na diadhachd aig glùinibh a mhàthar air an là naomh sin, agus b’e sin an t-eòlas a thaitinn ris. ’S tric a rachadh an teaghlach a mach a dh’éisdeachd searmonachadh an Urramaich Ruairidh MacLeoid, agus is iomadh là a bhiodh an duine naomh sin a stigh a’ conaltradh ri athair ’s ri mhàthair. Mar a dh’ainmich sinn bha e fhéin is Mrs Màirtinn ann an dlùth chàirdeas dh’a chéile. Bha an Dr MacAoidh, ministeir na h-Earadh, agus sgoileir Gàidhlig ainmeil, ro eòlach air an teaghlach agus tric a’ tadhal air. Chuala Domhnull Iain searmonan agus teagasgan air stuamachd o Mhr Ruairidh nach do leig e air di-chuimhn cho fad ’s a bha e
[DA 17]
beò. Bhiodh e ag aithris uairean air là a chuala e Mr Ruairidh a’ searmonachadh ri taobh tràigh Uige, air Sàbaid comanachaidh, is na miltean sluaigh ag éisdeachd ri bhriathran—sealladh breagha nach ’eil tric ri fhaicinn an diugh. Bha Mr Ruairidh ro eireachdail ’n a phearsa, agus blàth, brìoghmhor, cothromach, ’n a theagasgan. Aig àm eile chuala e searmon drùidhteach uaithe air a lìbhrigeadh do eilthirich a bha air bord luinge mòire, is iad a’ falbh gu America. “Sheas mi” ars’ esan, “is mo shùil air an t-soithich gus an deachaidh i a mach a fradharc anns a’ chuan Siar, is bho ’n latha sin gus an diugh bidhidh mi a’ cur na ceisde rium fhéin is ri muinntir eile, “C’ar son?”
Chaidh e a dh’ionnsuidh na sgoile “Blair Lodge” an uair a bha e ’n a ghiullan, agus choisinn e an sin na duaisean a b’àirde anns gach cuspair foghluim. As deigh sin chaidh a chur a dh’ionnsuidh collaist Ghlaschu. Bha e aithnichte mar fhoghlumach os cionn mòran ’n a latha air son neart a bhuadhan inntinn. Choisinn e a’ cheud duais air son Logic ann an Oilthigh Ghlaschu, agus bha e sonruichte maith air cànanan. As deigh dha criochnachadh an Glaschu chaidh e mach greis dha na h-Innseachan gu bhi air ceann plantation guirmein, ach cha do chòrd an obair so ris ged a bha airgiod mòr r’ a dheanamh ’n a cheann. Thill e dhachaidh
[DA 18]
agus chaidh e a thoirt a mach collaist na diadhaireachd an Dun-éideann. Bha rùn a chridhe suidhichte air dreuchd na ministrealachd. Cha robh e fada anns a’ chollaist sin gus an do nochd e cho barraichte ’s a bha comasan inntinn. Fhuair e am bursary a b’àirde a bha r’ a fhaotainn ach a h-aon thar na foghluimich eile—Cunningham Fellowship.B’ e Profesor Stalker an aon neach a bha ceum beag os a chionn. Bha Profesor Drummond agus an Dr Watson( “Ian MacLaren”) ’s an aon bhliadhna comhla ris ach sheas Mr Màirtinn na b’àirde ann am foghlum na duine dhe ’n dithis.
Dh’fhaodadh e bhi air leabhraichean a sgriobhadh a dheanadh ainm ainmeil air feadh an t-saoghail, no eadhon a bhi ’n a Phrofesor anns an Oil-thigh, na ’m b’ e sud a mhiann. Ach rùnaich e thar na h-uile nithean mar obair a bheatha Criosd a shearmonachadh do na peacaich, agus thug e e fhéin seachad gu h-iomlan gu obair na ministrealachd air dhòigh ’s nach robh ùine air fhàgail air son obair litreachais.
Agus fhuair e duais na ’s fearr na glòir na litreachais ann an ceangal pobull Dhé a bheathaich e le theagasg, agus ann an gràdh nan caorach caillte a threòraich e gu Iosa, an t-àrd-bhuachaill, air mhodh nach ’eil cumanta r’ a fhaicinn.
As deigh dha cead searmonachaidh fhaotainn
[DA 19]
bha e greis ’n a fhear-cuideachaidh ann an coimhthional Forfar agus a rìs greis eile ann an coimhthional Eilginn. Chuala muinntir Stiòrnabhaigh e a’ searmonachadh agus chuir iad gairm d’ a ionnsuidh. Ghabh e ris a’ ghairm agus mar sin thòisich e a shaothair mar mhinisteir ann an coimhthional Beurla Stiòrnabhaigh anns a’ bhliadhna 1876. Bheannaich Dia a shearmonachadh ’s a’ bhaile sin gu mòr fad fichead bliadhna. Bha e cho deas anns a’ Ghàidhlig ’s a bha e anns a’ Bheurla agus bha e tric air a ghairm gu bhi searmonachadh ann an coimhthionalan eile ’s an eilean, gu h-àraidh aig àm comanachaidh. Bu tric a bha anamaibh air an dùsgadh agus air an toirt gu Iosa troimh a theachdaireachd anns gach àite do ’n deidheadh e. Bu mhaith leis falbh air turus bho sgìre gu sgìre, no bho eilean gu eilean, no cho fada ri Inbhirnis no Glaschu, a’ cumail choinnimhean. B’ e a bhiadh agus a dheoch obair Chriosd a chur air chois, is cha do ghearan e riamh gu ’n robh e air a chur an sàs anns a’ chùbaid tuilleadh is tric.
Bha an spiorad ceudna ann ’s a bha ann an Calum-cille agus ’n a dheisciobuil an toiseach bristidh an là air Gàidhealtachd is eileanan na h-Alba. Cha robh cearnaidh iomallach, aonaranach, creagach, am measg nan eileanan air nach ruigeadh e, na faigheadh e an cothrom, agus ’s e an leithid so de àitean, far an robh sluagh bochd
[DA 20]
ann an saoibhreas an t-saoghail so agus fada o mheadhonan nan gràs, as mo a rinn gréim air a chridhe. Ma bha airgiod a dhìth orra air son eaglais a thogail ’s e a chuireadh a làmh gu domhain ’n a sporan air son cuideachadh a thoirt doibh. Gu h-àraidh ri àm teanntachd na h-Eaglais rinn e obair mhòr thall ’s a bhos ann a bhi misneachadh ’s a’ neartachadh muinntir a bha air an sàruchadh agus air an tionndadh a mach as na h-eaglaisean agus as na mansaichean—air am fògairt gun choire—gun fhios aig an àm c’àite am faigheadh iad tàmh no fasgadh.
Ann an Stiòrnabhagh rinn e obair a bha ainmeil air taobh na stuamachd. Chaidh e fhéin agus an t-Urramach Iain Macilleathain a bha an Tairbeart na h-Earadh troimh gach sgìre ’s an Eilean Fhada a’ cumail choinnimhean air taobh na stuamachd, agus a’ cur air chois Comuinn Stuamachd anns gach coimhthional. Bhuadhaich a theagaisg air a’ phuinc so cho mòr air muinntir an Eilein ’s gu ’n robh iad deònach nach biodh deur tuilleadh de dheoch làidir air a reic ann an Leòdhus. Bhiodh sin air a dheanamh mur a biodh gu ’n do chuir “Quarter Sessions” Inbhir-pheofharain ’n an aghaidh bliadhna as deigh bliadhna.
Ann am mios October 1880 thòisich ath-leasachadh spioradail ’n a choimhthional fhéin ann an Stiòrnabhagh a bha ’n a aobhar iongantais
[DA 21]
agus gàirdeachais do shluagh an Tighearna. Mios an deigh mios chruinnich sean is òg a steach do ’n eaglais a h-uile oidhche de ’n t-seachduin. Fad na h-ùine shearmonaich Mr Màirtinn trì uairean air là na Sàbaid agus a h-uile oidhche sheachduineach, ach oidhche Shathurn, a’ saoithreachadh mar threun-fhear gu buadhach air son rioghachd a Mhaighistir agus air son slàinte anamaibh.
Bu ghaisgeach ro chalma e a’ seirm mar troimh thrompaid òr-bhuailte le eud is le dùrachd, soisgeul aithreachais a thaobh peacaidh agus creidimh anns an Tighearna Iosa Criosd. Bha mòran air an iompachadh is air an cur ri àireamh na h-Eaglais a tha gus an là an diugh ’n an luchd-aideachaidh soilleir. Tha cuid diubh ’n am ministeirean urramach an Alba is an America, agus ’n an teachdairean ann an dùthchannan céin. A rìs ann an 1886, agus air uairean eile, bha dùsgaidhean is gluasadan spioradail am measg a choimhthionail, agus gu h-àraidh am measg na h-òigridh. Chuireadh ri àireamh na h-Eaglais mu ’n cuairt air dà fhichead ’s a deich de iompachanan òga aig an àm so. Bha buaidh tarruing agus cosnaidh aig a theagasg air òigridh a bha sonruichte.
“Cha b’ e ’n reubadh ’s am pronnadh
Bu bheus duit, ach tairisneachd truais;
Le t’ ìmpidh ’s le t’earal,
[DA 22]
An creuchdan a ghlanadh gu nuadh;
Ann an ioc-shlaint na fala,
Dheanadh sgiomhach is glan iad ’n an snuadh.”
“Bha èifeachd ’n a ùrnuigh
Tre dheatach na tùis a’ dol suas;
Do chridhe ’n dian dhùrachd
A’ tagradh gu dlùth trid an Uain;
Toirt silidh air sùilibh,
Toirt leaghaidh le srùileadh air cruas,
’S air inntinnibh brùideil
Toirt taiseachd gu drúidhteach fo bhuaidh.”
Bha e a ghnàth beò ann an spiorad na h-ùrnuigh, agus b’e sin an t-aobhar diomhair a rinn a bheatha agus a theagasg cho buadhach is cho cumhachdach. Bidh cuimhne aig a luchd-éisdeachd mar a thigeadh, “Ar n-Athair Neamhuidh” bho bhilibh le blàths is drùidhteachd naomh. Tha e air a radh le neach a bha ro eòlach air gu ’n do thòisich an dùsgadh ’n a choimhthional ’n a sheòmar uaigneach fhéin is e air a ghlùinean a’ tagradh ri Dia air son òigridh a’ bhaile, ag ainmeachadh gach fear is té air an ainm. Is tric a bha e gleac ri Aingeal a’ chùmhnant, eadhon gu briseadh na faire, ann an spiorad an tì a thubhairt, “Cha leig mi air falbh thu mur a beannaich thu mi.” Cha robh e iongantach mar sin gu ’n robh mòran air an iompachadh tre a mhinistrealachd. Coltach ri Enoch, “Ghluais e maille ri Dia.”
[DA 23]
Bha e aon là còmhla ris an fhear-sgriobhaidh so air feasgar grinn air machair Mhucairn a’ gabhail anail ùrachaidh a’ cluich air golf. Stad e mionaid is sheall e mu ’n cuairt air na beanntan mòra, agus air na tighean thall ’s a bhos air a’ bhlar. Dhùin e shùilean agus thòisich e air ùrnuigh anns an t-seasamh anns an robh e le mòr dhùrachd, “A Dhé, beannaich an sgire bhoidheach so— —”
Bha so coltach ris an duine, ag éiridh no luidhe, ag obair no aig fois, bha smuaintean a chridhe a stigh an comhnuidh a’ ruith air nithe mora na siorruidheachd. Bu mhòr an t-ùrachadh a bha ’n a chomhluadair ’s ’n a chonaltradh d’ a luchd-eòlais ’s d’ a bhràithrean ’s a’ mhinistrealachd. Aig uairean bhiodh e ro spòrsail agus làn subhachais. Is comharraichte maith a dh’ innseadh e sgeula abhachdach mu sheann ghnothuichean Gàidhealach a chunnaic no a chuala e, is bha gàire cho cridheil aige ’s a chualas aig duine beò a riamh. Air an t-seòl so bha e coltach ris an Urramach Mr Stiùbhart a bha an Crombaigh, duine cho spioradail ’n a inntinn ’s a bha air Gàidhealtachd idir, ach duine a bha làn feala-dhà is géiread cainnt, an uair a bhiodh e ann am fonn. Thuigeadh daoine glic e ach theireadh an t-amadan nach robh sud a’ co-chumaidh ri gràs. Bha géiread is faobhar air inntinn Mhr Màirtinn a bha sonruichte, is
[DA 24]
comhla ri sin bha irioslachd an leanaibh bhig, uaisleachd an fhior dhuin uasail, is blàths is cathrunnas deisciobuil Chriosd.
Gidheadh ged a bha aghaidh a ghnàth subhach, fearail, duineil, o ’n leith a muigh, cha robh e aineolach air a bhi ’s an doimhne air uairean ’s fo dhiobhail misnich. Aig aon àm bhiodh e a’ glaodhaich coltach ris an t-Salmaidh, “Gabh truas diom a thighearna oir tha mi lag” (Salm, vi. 2), no a’ caoidh comhla ri Isaiah, “Cò a chreid ar teachdaireachd?” Cho fad ’s a mhaireadh an teannachadh agus an cuimrigeadh spioraid bhiodh ar caraid ann an cruaidh chàs. Cha robh e furasd dha bleith mur a biodh an t-uisge air a’ mhuilionn. Ach an uair a thigeadh fuasgladh chuireadh luchd-éisdeachd umhail air anns a’ chùbaid agus bhiodh là mòr agus smior na cruithneachd aca ann an tigh an Tighearna. ’S e an criosduidh as àirde a dhìreas air slighe na naomhachd is géire a dh’ fhairicheas tréigsinnean is dorchadas spioradail. A’ bheinn as àirde a thogas a ceann ’s i as ìsle a chìtear sios ann an sgàthan an loch aig a bun.
Cha ’n ’eil rùm againn gu bhi a’ labhairt air obair am measg nan iasgairean no air iomadh nì eile a dh’fhaodadh a bhi air a radh. Bha mòr thlachd aige an comhnuidh a bhi ’n am measg, agus a bhi searmonachadh dhoibh.
Bha e ’n a bhuille ghoirt dh’a choimhthional
[DA 25]
ann an Stiòrnabhagh an uair a ghabh e ris a’ ghairm a thainig dh’ a ionnsuidh as an Oban ann an 1897. Cha b’ urrainn coimhthional a bhi na bu cheangailte ri ministeir na bha iadsan ri Mr Màirtinn, is cha b’ ann gun aobhar. ’S ann ainneamh a riamh a chunnacas ann an eachdraidh ar n-Eaglais a leithid de bhròn is de dhoilghios aig dealachadh ministeir ri coimhthional.
Air iarrtus Comunn Teachdaireachd chéin ar n-Eaglais chaidh e air chuairt do na h-Innseachan, a ghabhail eòlais air obair theachdairean na h-Eaglais anns na tìrean céin, agus bha buaidh mhòr aig a’ chunntas a thug e seachad air an obair sin do choimhthionalan na Gàidhealtachd ann a bhi dùsgadh suas tuilleadh eud is spéis am measg sluaigh air son a bhi cumail taic ris an obair bheannaichte so.
Beagan bhliadhnachan as deigh dha a bhi anns na h-Innseachan chaidh e mach gu ruig Astràlia agus New Zealand is fhuair e fàillt is furan bho Ghàidheal is Ghall air an turus. Shearmonaich e ann an Gàidhlig agus ann am Beurla ann am Melbourne, an Dun-éideann, ’s an àitean eile.
Shaoithrich e gu dìleas anns an Oban is choisinn e mòr mheas is ghràdh bho mhòran, cha ’n e mhàin anns a’ bhaile sin ach air feadh Earra-Ghàidheal air fad. Chuir muinntir Stiòrnabhaigh onoir shonruichte air le bhi cur gairm dh’ a
[DA 26]
ionnsuidh ag iarraidh air tilleadh thuca a rìs an uair a ghabh Mr Iain S. Domhnullach ri gairm o choimhthional Inbhir-Naruinn. Ach dhiult e an t-Oban fhàgail. Bhiodh mòran de luchd turuis is cuairt ’g a éisdeachd ’s an t-samhradh ’s an Oban. Chuala Mr Lloyd George e aon là Sàbaid ’n a eaglais fhéin agus thubhairt e ’s an dol a mach ri fear dhe na h-éildeirean, “ ’S ann agaibh a tha an duine maith mar ’ur ministeir.”
Bha cridhe Mhr Màirtinn làn caoimhneis, is cha robh bochd no beartach, iosal no uasal, ’s a’ bhaile nach robh fo bhròn an uair a thainig naidheachd gu ’n do shiubhail e. An uair a chaidh a ghiùlan a mach as an eaglais a dh’ionnsuidh na h-uaghach ’s iomadh sùil am measg a’ choimhthionail mhòir a bha làthair a bha frasach silteach le deòir. Is bha cuid a thuirt ’n an cridhe, “M’athair, M’athair, carbad Israel agus a mharc-shluagh!” Bha e da-rìreadh coltach ri Daniel, “Duine air a ghràdhachadh gu mòr.”
Thainig a’ chrioch air gu h-obann aig a’ cheann mu dheireadh. Bha e air turus gus a’ Ghearasdan gu bhi toirt cunntas le deilbh ’s an lòchran soluis air teachdaireachd chéin aig deireadh mios Ianuaraidh 1913. Fhuair e fuachd an uair sin a bha ’n a mheadhon air a bheatha a ghearradh goirid. Chaidh e do Dhun-éideann an ath là gu bhi cuideachadh aig an Ordugh ann an
[DA 27]
eaglais a charaid, an t-Urramach Calum Mac’illinnein, a bha aig aon uair ’n a bhall dhe choimhthional ann an Stiòrnabhagh. Shearmonaich e air Di-sathurn agus air maduinn agus feasgar na sàbaid, agus ged a bha e soilleir gu ’n robh e ann am pian mòr cuirp ’s ainneamh a shearmonaich e le barrachd de chumhachd. Shearmonaich e air feasgar na sàbaid air a’ cheann, “Na ’m b’aithne dhuit tiodhlac Dhé” (Eoin, iv. 10), agus b’ e fhaireachdan fhéin an uair a sguir e gu ’m b’ e sud a shearmon mu dheireadh air an talamh, agus b’ ann mar sin a thionndaidh an gnothuich a mach. Chuir e chomhairle ri lighichean an Dun-éideann agus thill e dhachaidh air maduinn Di-màirt agus a dh’aindeon gach dìchill fo làmhan an lighiche agus luchd a ghràidh chaidh e gu fhois shiorruidh air an 11 de Februar 1913.
Aig a’ cheart àm sin bha caoidh is ionndrain am measg sluagh na h-Eaglaise Stéidhichte air son bàis an Urramaich Eachann Macfhionghain, Shettleston, a bha aon uair ann an Stiòrnabhagh mar mhinisteir—searmonaiche dìleas soisgeulach. Gu cinnteach ’s ann air na ministeirean soisgeulach is mò bhios an ionndrain an comhnuidh. An uair a bha Mr Màirtinn agus e fhéin ann an Stiòrnabhagh chum iad coinnimhean le chéile air son dùsgadh agus beothachadh spioradail anns a’ bhaile.
[DA 28]
Bha Mr Màirtinn ’n a Iar-cheann-suidhe air Comunn Gàidhealach na h-Eaglais is bha mòr bhuaidh is ughdarras le ghuth ’s an Ard-Sheanadh an uair a dh’éireadh e gu labhairt. Bha e mar an ceudna ’n a bhall de ’n Chomunn a tha réiteachadh na slighe air son Aonadh eadar na h-Eaglaisean is bha deagh mhisneach aige gu’n tigeadh an t-Aonadh so gu buil. Is buille mhuladach do ’n Eaglais Shaor Aonaichte, gu h-àraidh anns a’ Ghàidhealtachd, esan a bhi air a thoirt air falbh.
Rinn e mòran air son a bhi cuideachadh gillean òga anns a’ Ghàidhealtachd gu foghlum fhaotainn ’s an Oil-thigh. B’ e an ceann-suidhe a bha air a’ chomunn a tha riaghladh airgiod-còmhnaidh a tha air a thoirt le Comunn Gàidhealach na h-Eaglais do ghillean òga a tha ’g iarraidh a dhol air adhart gu àrd-fhoghlum.
Bha mòr thlachd aige ann a bhi ceasnachadh clainne anns na sgoilean air an eòlas anns na Sgriobturan, agus bha e air a chur a mach a dheanamh na h-oibreach so bho bhliadhna gu bliadhna le Comunn àraidh a tha gabhail os làimh a bhi cuideachadh Bordan-sgoile anns an obair ro chudthromach a tha so. Bha gibht air leith aige ann a bhi labhairt ris na pàisdean òga mu ghnothuichean an anam agus na siorruidheachd.
Bha e ’n a bhall de Bhord na sgoile araon ann
[DA 29]
an Stiòrnabhagh agus anns an Oban. Bha e ’n a rùn-chléireach aig Cléir Leòdhuis an uair a bha e an Stiòrnabhagh, agus b’ e rùn-chléireach Cléir Lathurna aig àm a bhàis, agus is iomadh uair a bha a ghliocas agus eòlas feumail do bhràithrean anns a’ mhinistrealachd. Bha e taghta maith ann a bhi sgriobhadh agus a’ searmonachadh na Gàidhlig. Bha e uair is uair ’n a bhreitheamh air Litreachais na Gàidhlig aig Mòd a’ Chomuinn Ghàidhealaich. Tha na searmoinean so air an cur a mach mar chuimhneachan air sgoilear gleusda agus ministeir soisgeulach, agus thatar an dòchas gu ’m bi iad air an leughadh le mòran, cha ’n e mhàin ’s an dùthaich so, ach ann an Canada agus an Astràlia am measg Ghàidheil a tha measail air soisgeul glan ann an cainnt bhinn bhlasda ar n-athraichean.
Tha mòr cho-fhaireachdan a’ dol a mach gu a chéile chaomh is a theaghlach eireachdail a tha an diugh gu brònach éislinneach ’g a ionndrain. Dh’fhàg e ceathrar mhac agus dithis nighean. Tha Mr Iain ’n a leighiche ’s an arm anns na h-Innseachan. Tha Mr Ollaghair ullamh gu dhol a mach ann an seirbhis a’ Chrùin ’s an dùthaich cheudna. Tha an dithis nighean a’ cosnadh cliù anabarrach mar sgoileirean an Oil-thigh Dhun-éideann. Agus a réir coltais bheir an dithis is òige cunntas maith orra fhéin mar a thug am bràithrean ’s am peathraichean rompa.
[DA 30]
Gu bhi tighinn gu co-dhùnadh, is rabhadh sonruichte eachdraidh beatha Mhr Màirtinn do luchd-teagasg, is éisimpleir do luchd-eisdeachd air cò iad na h-innealan a dh’aidicheas Dia ’n a Eaglais fhéin. Bha eud agus buaidh agus beathachadh ’n a theagaisg, oir shearmonaich e Criosd agus esan air a cheusadh. Is iomadh là a bhios cuimhne a chliù ’s a dhilseachd cùbhraidh aig pobull an Tighearna. Thubhairt Profesor Màirtinn aig an Ard-Sheanadh an Dun-éideann, ’s e deanamh iomradh air a’ chall a thainig air an Eaglais tre bhàs Mhr Màirtinn, “Is mòr m’ionndrain air mo charaid. Tharruing e ceangal agus gràdh mo chridhe ann an doigh eugsamhla. … Da-rìreadh b’ e so neach a thionndaidh moran gu fireantachd is a dhealraicheas mar na reul gu saoghal nan saoghal.”
Faodaidh na briathran a sgriobh Gobha na h-Earadh air an Ollamh Domhnullach a bhi air an càradh gu freagarrach ri Mr Màirtinn:
“Leis na h-ainglibh bu phrìseil
Bhi ’g ad fheitheamh ’Nuair a libhrig thu ’n deò;
Air an sgiathaibh ’g a d’ dhìreadh,
Chum an aoibhneis gun sgios thar na neòil;
Chum a’ chomuinn nach criochnaich,
Air an tric a Bha do mhiann ’s tu fo bhron;
Anns an dealraich mar ghrian thu
Ann am fìreantachd fhior-ghlan gun sgleò.”
title | Roimh-ràdh / Cunntas-beatha |
internal date | 1914.0 |
display date | 1914 |
publication date | 1914 |
level | |
reference template | in Màrtinn Teagasg nan Cosamhlachdan %p |
parent text | Teagasg nan Cosamhlachdan |