[1]

NA COSAMHLACHDAN

AN SIOLADAIR.
(MATA, xiii. 1-9, 18-23.)

CIOD e cosamhlachd? ’S e am mìneachadh as fhearr as urrainear a thoirt air mìneachadh na caileige bige anns an sgoil Shàbaid— “Sgeulachd thalmhaidh le brìgh neamhaidh.” Carson a ghnàthaich an Tighearna a leithid so de sheòrsa teagaisg aig an àm so? Air son caochladh de aobharan. Bha eg iarraidh aire an t-sluaigh a ghlacadh. Bha an sluagh, mar a tha sinn uile, toigheach air sgeulachdan, gu h-àraidh an uair a bha iad air an tarruing bho nithean air an robh iad eòlachcur agus buain, bainnsean, cuirmean, fion-liosan, iasgach, fuineadh, agus mar sin air adhairt. Ach a thuilleadh air an aire a ghlacadh bha eg iarraidh an dùrachd a dhùsgadh chum nach biodh iad riaraichte leis achosamhlachd a mhàin, ach gum biodh iad ag iarraidh a bhi faotainn a mach a brìgh agus a teagasg.

Tha sinn, mar a thuirt mi, uile toigheach air sgeulachdan, ach dhfhaodta gum bheil cuid


[2]

againn riaraichte leis an sgeulachd a mhàin, gun a bhig iarraidh tuillidh, cleas aghille bhig a thuirt ris an Urramach Uilleam Arnot, nach maireann, a bha an Dun-éideann, air dha sgeulachd innse dha agus a radh, “Nis air son càraidh na sgeulachd,” “Coma leibh an càradh, thoir dhuinn sgeulachd eile.”

Tha achosamhlachd cosmhuil ri cnòfeumaidh tu am plaosg a bhriseadh mun ruig thu air abhiadh.

Bha an Tighearna, mar sin, ag iarraidh dearbhadh a chur air an luchd éisdeachd, aca bha da-rìreadh acur meas air teagasg nan cosamhlachdan, agus nach robh. Bha iad, mar sin, chum breitheanais agus ditidh dhan mhuinntir a bha coma co dhiùbh, dìreach mar a tha an Soisgeul fhathastn abhoìtrach beatha chum beathaairneon abholtrach bàis a chum bàis.” ’S e so is brìgh dhan fhreagairt a thug an Tighearna dhan cheisd a chuir na deisciobuil air, “Carson a tha thu alabhairt riu ann an cosamhlachdan?” (Mata, xiii. 11-15).

Tha acheud chosamhlachd so aseasamh anns an aon dàimh ris na cosamhlachdan eiles a tha acheud mhiorbhuil aseasamh ris na miorbhuilean eile. Tha in a h-aon de na trì cosamhlachdan mòra a tha coitchionn dha na trì Soisgeulaich, Mata, Marcus, agus Lucas. ’S


[3]

iad na dhà eile, cosamhlachd an t-sìl mhustaird, agus cosamhlachd nan droch thuathanach.

S ann mu éisdeachd a tha achosamhlachd atoirt teagaisg dhuinncionnus is còir éisdeachd a thoirt dhan Fhacal (Lucas, viii. 18); agus sin fo shamhladh ceithir seòrsachan fearainn. Faodar, mar sin, ainm eile a thoirt oirre seachCosamhlachd an t-Sioladair” ’s e sinCosamhlachd nan ceithir seòrsachan fearainn.” Chi sibh nacheil atharrachadh sìl aig an t-sioladair; ’s ionnan an siol agus an sioladair troimhn churachd gu léir— ’s anns an fhearann a mhàin a than t-atharrachadh. Tha so ateagasg gu soilleir gur e a than amharc an t-Slànuighir caochladh sheòrsa de luchd-éisdeachd, agus caochladh dhòighean anns am bheil daoine déiligeadh ris an fhacal a tha air a shearmonachadh dhaibh. Beachdaicheamaid air na caochlaidh seòrsa fearainn a tha anns achosamhlachd a chum gum faigh sinn a mach gu soilleir an seòrsa luchd-éisdeachd, no an seòrsa éisdeachd, a tha air a chiallachadh a chum ar n-earail no ar n-eisimpleir.


Am Fearann Cruaidh.

Thuit cuid dheth ri taobh an rathaid, agus thainig an eunlaith agus dhith iad e.” Chan e rathad mòr a tha air a chiallachadh an so, ach


[4]

rathad coise suas eadar na h-iomairean, mar a chì sibh fhathast gu tric, far am bheil fearann chroiteirean gun ghàradh eadar na lotachan. Bha an talamh maith gu leòr ann fhéin, reamhar agus domhain, ach bha e air a shaltairt cruaidh fo chasan dhaoine agus ainmhidhean. Cha dfhuair an siol idir a steach ann. Tha son a shamhladh air bhuidheann de luchd-éisdeachd: An fheadhainn aig am bheil an inntinn làn de smuaintean faoin, saoghalta, agus iad fad an t-siubhail a tha am fear-teagasg alabhairt agus an aire air nithean eile; agus an fheadhainn aig am bheil an inntinn agus an cridhe làn de roimh-bhreith, no de chlaon-bhaigh, no de dhroch smuaintean an aghaidh an fhir-labhairt. Dhen cheud chuid tha an tuathanach a tha ameasn a inntinn na gheibh e air na caoraich, no air achrodh, aig an fhéill air Di-luain so atighinn; no abhan-tighearna a thag amharc fad na seirbhis air bonaid, no earrasaid, a bana-choimhearsnaich, neònachas oirre càit an dfhuair i a leithid, agus thug i oirre; no achaileag a tha asmuaineachadh air achuirm a dhionnsuidh an dfhuair i cuireadh, ciod e an deise a chuireas i oirre, agus bhios aicesaoil am bi am fear ud ann. Chuala mi mu thé dhen t-seòrsa so a chuir a bana-mhaighstir dhan t-searmon. Thainig i dhachaidh agus moladh mòr aice air an t-searmoin


[5]

agus air an t-searmonaiche. “Ciod e an ceann-teagaisg a bhaige?” arsa bana-mhaighstir. “Ma chaneil fhios agam,” arsise, “ach thoisich e agus chaidh e air adhairt, agus sud far an robh an searmonaiche breagha.” “Ciod e na cinn a bhaige?” “Ma , chaneil cuimhne agam, ach thoisich e agus chaidh e air adhairt agus chuir e dheth agus nan cluinneadh sibhse e.” “Ach am bheil dad idir agad dhen t-searmon?” “Ma , ler cead, chaneil, ach thoisich e agus chaidh e air adhairt, agus chuir e dheth, agus chuir e dheth, agus nan cluinneadh sibhse esud far an robh an searmonaiche breaghacha chuala sibh a riamh a leithid.”

Dhen fheadhainn cheudna bha fear a thachair uair ri Ceisdeir nan Loch, nach maireann, aig Port an t-Sroim. “An aithne dhuit,” arsan Ceisdeir, “an t-Urramach— ?” ag ainmeachadh ministeir urramach anns aGhàidhealtachd. “ ’S aithnearsam fear eile. “Nach foghainteach an searmonaiche earsan Ceisdeir. “Coma leam dheth,” arsam fear eile, “chaill mi mo bhlas dheth aig àm an Aonaidh.” “Tut,” arsan Ceisdeir, agus e tionndadh a chùlaobh ris, “tha thu cho cumhang ri faochaig.” Sin agaibh fear dhen cheud sheòrsa luchd-éisdeachd, fear làn roimh-bhreith.


[6]

Am Fearann Creagach.

Thuit cuid air ionadan creagach, far nach robh mòran talmhainn aige.” So agaibh talamh a bha maith fhads a chaidh e. ’S e bha dhìth air doimhneachd. Tha chomhara air amhuinntir sotha an aignidhean furasd an gluasad, agus tha an toil neo-sheasmhach, tha iad luath gu maith no olc a dheanamh. Cha teid an crann troimh chreig— ’nuair a bhuaileas e achreag leumaidh e an àird. Cha deachaidh inntinn no coguis na muinntir so a threabhadh a riamh. So amhuinntir a lionas na tighean-coinneimh an diugh agus na tighean-òsda am màireach. Tha iad cosmhuil ri Socharach ann an Turus aChriosduidh, aig an robh inntinn gu h-anabarrach air a ghluasad le bhi cluinntinn mu na nithe glòrmhor a bha ram mealtuinn aig crioch an turuis anns abhaile neamhaidh, agus a dhfhalbh car tacan comhla ri Criosduidh ach a thill dhachaidh air ball an deigh dha tachairt ri làthaich an eu-dochais. Chaneil doimhneachd nàduir sam bith aca so, doimhneachd inntinn, no coguise, no cridhe, no toile.


Am Fearann Salach.

Thuit cuid am measg droighinn.” Bha an talamh so maith agus domhain ach bha e salachcha deachaidh a ghlanadh ceart. An uair a


[7]

bhatarg a ghlanadh chaidh freumhaichean nan luibhean agus an droighinn fhàgail fon talamh, agus mar sin dhfhàs iad suas comhla ris abharr. Cha deachaidh am barr so a dhothadh, mar a chaidh am fochann a dhfhàs air uachdair na creige, ach chaidh a thachdadh leis na dhfhàs suasn a mheasg. Agus cha do thachair so air ball, ach aig tarruing ùine am feadhs a bha am barr afàs. Bha corr agus fochann an sobha barr annach, mar a tha Lucasg a chur, cha dthainig e gu foirfeachd. ’S ann anns ah-uile talamh as roimhre a dhfhàsas mar is tric, droighionn agus luibhean salach. ’S ann anns na h-àitean as fhearr a gheibh sibh foghannain agus luachair afàs. Nis tha so acòrdadh ri staid cuid de luchd-éisdeachd an t-soisgeil. Bha iad aon uair, aig toiseach an turuis, glé ghealltanach, dùrachdach, eudmhor, gniomhach, ann an obair an Tighearna. Lean iad mar sin car ùine gu maith fada, ach mu dheireadh thainig atharrachadh orra, ach chan ann air ball, ach a lion cuid is cuid, mar a tha Lucasg a chur, “air dhaibh dol a mach” ’s e sin ri radh, an caithe-beatha. ’S ann an deigh greise a thoisich na nithean dhan dthug iad àiten an cridheachan, còmhla ris an fhacal, a bhi nochdadh an toraidheann an caithe-beatha, agusn an giùlan. Beagan air bheagan dhfhàs iad meagh-bhlàth, agus an sin fuar, ann an seirbhis an Tighearna, aguss


[8]

maith a dhfhaodta gun do sguir iad mu dheireadh dhen t-seirbhis gu buileach. Ciod e baobhar? Trì no ceithir do nitheanro-chùram an t-saoghail so, mealltaireachd beartais, ana-miann nithean eile, sàimh na beatha so. Bochdainn, beartas, ana-miannan, sàimh!

Nach lionmhor iad a thoisich gu maith, ach nach do bhuanaich chum na criche? Nach lionmhor iad a thuit ann am bochdainn agus le cùram na bochdainn sin a tha air an giùlan air falbh bho mheadhonan agus eadhon bho chleachdadh na diadhachd. Bhruidhinn mi gu tric riu-san a bha aon uairn am buill-chomanachaidh, agusn an luchd-teagaisg anns an sgoil-shàbaid, ach a tha nisn an truaghain bhochd gun diadhachd, gun mhodhalachd, gun chliù. Bha mi aon uair aig cruinneachadh an Glaschu air maduinn sàbaid, aig an Raon, far an robh cruinn air son breacaisd corr air mile dhe na truaghain bu mhò a chuir truas orm dhe na chunnaic mi riamh. Bha an eachdraidh sgriobhta air clàr an aodainn, far am faiceadh tu comharan na h-uaisleachd a dhfhalbh, agus na bochdainn a bha làthair, acosamhlachadh a chéile anns an aon aghaidh. Cha mhòr nach do chuir an sealladh a ghul mi, agus gu dearbh bha cnapn a mo mhuineal an uair a dhéirich mi a bhruidhinn riu. Be sud cruinneachadh de luchd-éisdeachd an fhearainn shalaich anns an


[9]

deachaidh an siol maith, agus a thoradh, a mhùchadh, le ro-chùram na beatha so. Oir bha mòran, tha mi cinnteach achuid mhòr, an sin an lorg an cuid gòraich fhéin, troimh mhisg agus ruidhteireachd dhe gach seòrsa. Sud agaibh na mic struidheil.

Ach tha cuid eile ann nach do thuit a riamh anns an dòigh sin, ach chaidh an siol maith agus a thoraidhean a thachdadh annta a dhaindeon sin. Thachd mealltaireachd beartais e. Chuir gràdh an airgid a mach gràdh Dhé agus dhaoine. Sin agaibh am bràthair as sine; sin agaibh Demas a thréig seirbhiseach an Tighearna, “air dhà an saoghal so a tha làthair a ghràdhachadh.” Tha cuid ann agus bu leòr leò an uair a bha iad bochd an crannchur eaglais an athraichean anns an deachaidh an àrach, ach a nis air dhaibh fàs beartach, chan fhoghainn leò, mas fhior, ach eaglais Shasunnach, far am faigh iad a bhi suathadh gualainn ri uaislean na sgìre. Mar a thuirt neach aig àm an Dealachaidh, an uair a chuir cuid-eigin acheisd air, an robh esan atighinn a mach. “An e,” arsesan, “gun tréiginnse eaglais na Bàn-righinn, agus nan daoine uaisle?” Mar a thuirt sinn, ’s ann anns ah-uile talamh as fhearr a dhfhàsas na luibhean. ’S iad an fheadhainn as beartaiche agus as roimhre nàdur a tha buailteach dha bhi tuiteam fo bhuaidh nan nithean so. Cha bhi ro-chùram


[10]

ni sam bith air muinntir an fhearainn ao-domhain. Tha iad sin gun smuain dhomhain air ni sam bith. Tha iad cosmhuil ris na dealanan- a bhios ag itealaich bho bhlàth gu blàth air samhraidh. Aguss ann mar is treise nàdur neach is buailtich e do bhuairidhean nan ana-miannan agus sàimhe na beatha. Mar sin, mar is beartaiche an nàdur a bhuilich an Cruithear orts ann is faiceallaiche is còir dhuit a bhi an aghaidh cumhachd nan ceart nithean sin. Tha feum againn uile air a bhi cur suas urnuigh an t-Salmadair, “Ransaich mi a Dhé, agus aithnich mo chridhe; dearbh mi agus tuig mo smuaintean. Agus amhairc am bheil slighe olc air bith annam, agus treòraich mi anns an t-slighe shiorruidh” (Salm, cxxxix. 24).


Am Fearann Maith.

Ach thuit cuid eile ann am fearann maith.” So talamh fosgailte reamhar, domhain agus glan. Chaidh a threabhadh agus a ghlanadh. Mar sin thug e barr gu foirfeachd. Tha ceithir cliùthan air an toirt air an luchd-éisdeachd, aco-chòrdadh ris an talamh mhaith so. Chual iad am facal, thug iad fainear e, ghabh iad e, agus choimhead iad e. So agaibh a nis amhuinntir a tha acleachdadh am buadhan uile air facal an Tighearna. So agaibh obair na cluaise


[11]

éisdeachd”; obair na h-inntinn— “toirt fainear”; obair achridhe— “gabhail”; obair na toile— “coimhead.” Chan ioghnadh ged a bheireadh iad so uapa deagh thoradh! Tha uile bhuadhan an inntinn agus an anam air an cleachdadh air an fhacal. Cha dean nas lugha an gnothuich ma tha sinn adol a dhfhaotainn buannachd bho éisdeachd an fhacail.

Chì sinn, mar sin, bhon chosamhlachd gu léir, nach anns an fhacal, no ann am fear-labhairt an fhacail, a tha an dealachadh a thaobh buaidh an fhacail air caochladh sheòrsa dhaoine, ach anns na daoine fhéin, agus anns an rathad anns am bheil iadg an cleachdadh fhéin a thaobh an fhacail. Mur a toir éisdeachd an fhacail a mach deagh thoradh ann ar cridheachan, agusn ar caithe-beatha, chaneil achoire air an fhacal, ach a mhàin oirnn fhéin. Cia cho cudthromach, ma tha, a tha earail an Tighearna a thag radh,

THUGAIBH FAINEAR CIONNUS A DHEISDEAS SIBH” (Lucas, viii. 15).

Sin brìgh teagasg na cosamhlachd so.

Aon ni eile. Am bheil e comasach, their neach, do mhuinntir nan ceud thrì sheòrsa fearainn a bhi air an atharrachadh gu bhin am fior luchd-éisdeachd? Tha e comasach, cliù do Dhia, oir dhà-san chaneil sam bith do-


[12]

dheanta. Is urrainn dhà-san an cridhe cruaidh a bhriseadh sios. Buinidh esan air falbh ma dhiarras sinn air, an cridhe cloiche as ar feòil agus bheir e dhuinn cridhe feòla, cridhe nuadh, agusour n-uile shalchar agus our n-uile iodholaibh glanaidh mi sibh.” Nach glòrmhor anaidheachd agus nach luachmhor na geallaidhean a than so! Nach dean sinn ar cuid fhéin diubh? Tha cruas agus salchar gu leòr an cridhe gach aon againn, tha fhios aig Dia. Nach cuir sinn suas ma tha ah-uile urnuigh an t-Salmadair,

Dhia cruthaich annam cridhe glan,
Ath-nuadhaich spiorad ceart;
Na tilg o dshealladh mi, ’s na buin
Do Spiorad Naomha leat.
SALM, li. 10-11.

titleAn Sioladair
internal date1914.0
display date1914
publication date1914
level
reference template

Màrtinn Teagasg nan Cosamhlachdan %p

parent textTeagasg nan Cosamhlachdan
<< please select a word
<< please select a page