AM BONN AIRGID.
(LUCAS, xv. 8-10).
So an ath dhealbh coitchionn air nithe caillte. Bha mnathan anns an éisdeachd cho math ri daoine, agus bha cuid dhe na daoine fhéin ann agus ged nach robh caoraich aca bha tighean agus mnathan-tighe aca aig an robh cùram mu airgiod an tighe. Bha déigh aig an Tighearna bruidhinn ri gach seòrsa. Ach bha aobhar eile ann na bu doimhne na ’m fear sin, eadhon so, solus a chur air taobh eile dhe ’n fhìrinn mhòir air an robh e a’ labhairt. Ann an cosamhlachd na caorach a chailleadh leig e cudthrom air truaighe na staid chaillte; anns a chosamhlachd so tha e ’cur f’ ar comhair luach a’ nì a chailleadh.
1. ’S e a’ cheud smuain a th’ againn, ma tha, anns a’ chosamhlachd so, luach a’ nì a chailleadh—bonn airgid. Tha cuid ann agus tha iad ealamh a ràdh mu ’n timchioll féin, “Ciod e is fhiach mi? Tha mi caillte agus cha’n eil mi gu feum sam bi do Dhia na do dhaoine.” Their cuid eile so mu thimchioll dhaoine eile. “Cha’n ’eil an duine ud, no mhuinntir ud, gu feum air
bith; ciod e maith feuchainn ri ’n tearnadh? Cho maith leigeil leò.” Their cuid so mu na fineachan an tìrean céin agus cuid eile mu na fineachan, na daoine agus na mnathan fuasgailte mi-churamach, aig a’ bhaile. Och! cho fad agus a tha an inntinn so bho inntinn an-t- Slànuighir! Labhair e a’ chosamhlachd so a dh’ aon ghnothach gu bhi a’ coinneachadh a leithid so de dh’inntinn agus de smuaintean. B’àbhaist dha na seann diadhairean a bhi ’g a chur mar so, ged bha an duine caillte gidheadh gu ’m b’ fhiach e a theàrnadh. (Man though lost was redeemable.) So fìor theagasg na cosamhlachd so; ged tha am peacach caillte, buinidh luach do-thuigsinn dha fhathast. Agus beachdaichibh air an so, gur e luach an duine ann an sealladh Dhé a tha gu h-àraidh air a thoirt dhuinn. Cha’n e luach a’ bhuinn ann féin a th’ againn anns a’ chosamhlachd, ach luach a bhuinn am beachd na mnàtha; ’s math dh’ fhàoidte nach robh ann ach bonn beag, suarach, gu leòr ann fhéin agus leis fhéin, ach bha e luachmhor am beachd na mnàtha. Bu luachmhoire dhìse e na do neach sam bith eile. Bha e do-sheachanta feumail dhi, tha cuid a’ smuaineachadh, gus a seud-muineil a dheanamh coimhlionta, an seud-muineil a thugadh dhi air là a posaidh. ’S e teagasg mhòr na cosamhlachd so, luach gach duine fa leth an sealladh
agus am meas Dhé. Faodaidh sinn luach an duine an sealladh Dhé a thogail bho chaochladh de nithe. (1) An toiseach, a luach ann fhéin mar chreutar a rinneadh air tùs ann an iomhaigh Dhé. (2) Anns an dara àite, a luach mar a tha sin air fhaicinn ann an crann-ceusaidh ar Tighearna Iosa Criosda. “Air dhuibh fios a bhi agaibh nach do shaoradh sibh le nithibh truaillidh, mar tha airgiod agus òr … ach le fuil luachmhoir Chriosd, mar fhuil Uain gun chron, gun smal (Phead., i. 18, 19). (3) Anns an treas àite, a luach a thaobh na h-àirde sin dh’ionnsuidh an urrainn gràs agus cumhachd Dhé a ghiùlan air dha a bhi ’n a chreutair nuadh ann an Iosa Criosd. (4) Anns a’ cheathramh àite, a luach a thaobh àite ann an rùintean Dhé ann an Iosa Criosd. Tha teàrnadh an duine feumail air son coimhlionadh nan rùn sin; as eugmhais daoine caillte a bhi air am faotainn, agus air an teàrnadh, cha deanar suas iomlan agus dealrach le seudan an crùn sin leis am bi an Slànuighear air a chrùnadh ann an là a phòsaidh, ann an là gàirdeachais a chridhe. Feumaidh sinn, ma tha, an ceart mheas a chur air daoine a tha Dia a’ cur orra; feumaidh sinn am faicinn an solus a chruthachaidh, an rùn-gràidh shiorruidh, crainn-ceusaidh Chriosda agus na glòire a dh’fhoillsichear annta fhathast. Agus, thusa, mo cho-pheacaich, caillte mar a tha thu, feumaidh tusa
inntinn agus rùintean Dhé mu d’ thimchioll a ghlacadh dha d’ ionnsuidh fhéin. Cho caillte ’s gu ’m bheil thu, tha thu do-thuigsinn luachmhor ’n a shealladh-san, oir thug E a mhac air do shon; agus cha b’ urrainn dha meas na ’s mò na sin a thaisbeanadh, na luach na ’s mò a chur ort.
2. ’S e an dara nì a tha air a theagasg dhuinn anns a’ chosamhlachd gu ’m bheil peacaich chaillte air an ionndrain le Dia. Dh’ ionndrain a’ bhean am bonn a bha air chall; bha àite falamh anns an sporan, bonn a dhìth anns an-t- seud-mhuineil. Mo cho-pheacaich, ’n a smuainich thu riamh air cridhe agus ionndrain Dhé dha do thaobh? Am fac thu riamh caithir falamh ann an teaghlach; àite cuid-éiginn a bha a dhìth agus air ionndrain? Sin mar a tha do d’ thaobh-sa. Tha àite falamh ann air do shon ann an cridhe agus ann an tigh d’ Athar neamhaidh shuas. “THA AITE FALAMH ANN FATHAST.” An lion thu an-t- àite sin, mo cho-pheacaich?
3. ’S e an treas leasan anns a’ chosamhlachd gu ’m bheil Dia ag iarraidh pheacach. Tha mion-iarraidh anns a’ chosamhlachd. Las a’ bhean coinneal agus sguab i an tigh, agus dh’ iarr i am bonn gu dìchiollach. Bithidh mis ’nuair a bhitheas mi a’ ceasnachadh na cloinne a’ faighneachd c’ arson a las i an coinneal agus e meadhon-là, ’s maith dh’ fhaoidte? Cha tric a tha mi a’
faotainn an fhreagraidh cheairt, gur th’ann gu a bhi a’ rùdhrach a steach anns na cùiltean dorcha a rinn i sin. Tha dòighean seachranach buinn airgid air chall ainmeil. Ma tha cùil dhorch no sgàineach no carn duslaich ri ruigheachd bheir am bonn iad sin air. Nach iomadh cùil dhubh, agus toll dorch, agus duslach gràineil, anns am bheil buinn luachmhor an Tighearna air am folach agus anns am bheil E ’g an iarraidh agus ’g am faotainn? An cual sibh riamh mu Dhotair Barnardo ann an Lunnain, agus mu ’n obair mhòir a rinn e an sin am measg ghillean, agus nighnean a bhaile mhòir sin? Rachadh e a mach air feadh na h-oidhche, air uairean le lòchran, cleas na mnà anns a chosamhlachd, a rùdhrach nan sràidean agus nan caol-shràidean, eadhon suas air mullach nan tighean, agus a steach fo na drochaidean, agus am broinn chairtean-margaidh, agus bharaillean, ag iarraidh ghillean agus nighean bochda gun dachaidhean, gun neach a shealladh as an déigh, ach am polios, ’nuair a rachadh iad aimhreidh, nì bu tric a thachair. Chruinnich e steach iad gu tighean fasgaidh agus foghluim far an d’fhuair iad eiridneachadh agus ionnsachadh, agus mar sin cha ’n e a mhàin gun do shaor e iad o chunnartan agus o chleachdaidhean an òige ach chuir e mach iad gu Canada agus gu àitean eile ’n an daoine agus ’n am mnathan feumail agus eireachdail.
Bu chriosdail diadhaidh an obair teàrnaidh sin. Cò shaoileadh gu ’m b’ urrainnear a leithid de ghillean agus de nigheanan a dheanamh de chuspairean cho aineolach, bochd, truagh air gach dòigh, agus a bha iad sid, ’nuair a fhuaireadh an toiseach iad? Ach ciod e nach dean caoimhneas agus cùram! Agus ciod e nach urrainn gràs agus gràdh Dhé a dheanamh air ar son-ne agus leinn? “Mar so bha cuid dibhse; ach tha sibh air bhur n-ionnlad, ach tha sibh air bhur naomhachadh; ach tha sibh air bhur fìreanachadh ann an ainm an Tighearna Iosa, agus tre Spìorad ar Dé-ne” (1 Cor., vi. 11).
4. ’S e an ceathramh leasan a tha anns a’ chosamhlachd, gu ’m bheil tearnadh nam peacach a’ cur aoibhneis air Dia. Tha againn an so gàirdeachas na Trianaid, gàirdeachas an Athar, a’ Mhic agus an Spioraid naoimh, gàirdeachas an Athar gu ’m bheil a rùintean-gràidh a’ nis air an coimhlionadh, gàirdeachas a’ Mhic ann a bhi a’ faicinn de shaothair anama, gàirdeachas an Spioraid gu ’m bheil obair ghlòirmhor fhéin air nach tig crìoch air tòiseachadh. O anam! nach cuir thu gàirdeachas air Dia an diugh ann a bhi ’g a do thoirt fhéin dha. Is mòr luach d’ anam’ neò-bhàsmhoir; ’s mòr do luach an sealladh Dhé a thug a Mhac air do shon; tha àite aige dhuit ’n a rùn, ’n a ghràdh, ’n a thròcair agus ’n a dhachaidh. Nach tig thu dh’a ionnsuidh? Na
smuainich gu ’m faod thu thu fhéin fhalach uaith. “C’àit an téid mi o d’ Spiorad? agus c’àit an teich mi o d’ ghnùis? Ma their mi, Gu deimhin folaichidh an dorchadas mi, bithidh an oidhche féin mar sholus mu’n cuairt orm” (Salm, cxxxix. 8, 11). Thaobh nàduir agus cleachdaidh tha thu buailteach d’ a fhéirg; nach fheàrr dhuit gu mòr thu fhéin a thilgeadh air a’ ghràdh a tha feitheamh ort ann an Criosd? Ma ni thu sin cha bhlais thu a chaoidh dhe fhéirg, ach mur a dean gabhaidh fhearg còmhnuidh ort gu bràth. Ciod thuige a rachadh tu a dhìth?
“Théid iad gu cùirt an Righ a steach
Ait, aoibhneach, bheirear iad.
Air son do shinnsir bidh do chlann,
Mar phrionnsaibh anns gach àit.”
SALM, xlv. 15, 16.
title | Am Bonn Airgid |
internal date | 1914.0 |
display date | 1914 |
publication date | 1914 |
level | |
reference template | Màrtinn Teagasg nan Cosamhlachdan %p |
parent text | Teagasg nan Cosamhlachdan |